2011-11-30

Slam Nikuman air féill ann an Family Mart

Tha Slam Nikuman air féill ann an gach Family Mart, bùth goireasach aig 170 yen bhon 29. 'S e biadh Sìonach a tha ann an Nikuman agus the e a' còrdadh ri mòran daoine ann an Iapan. Agus s' e caractar geaim coimpiutair a tha ann an Slime. Tha dealbh gorm agus cruinn aige. Tha seo a' còrdadh ri mòran daoine cuideachd. Tha Family Mart air ga dhèanamh mar Nikuman.


Slam Nikuman


Tha seo a' coimhead èibhinn ach fìor phoibleach. Tha mòran daoine ag ràdh gum bheil e blasda. Tha e ro phoibleach agus doirbh fhaighinn gu tric.


Family mart: http://www.family.co.jp/
Slime Nikuman: http://www.family.co.jp/goods/ff/slime/
Nikuman: http://en.wikipedia.org/wiki/Nikuman (Beurla)
Slime: http://en.wikipedia.org/wiki/Slime_(Dragon_Quest) (Beurla)


Glacadh Lacha Ìmpireil

Air an 29, tha an Glacadh Lacha Ìmpireil tradiseanta air a chumail anns an Fearann Lacha Ìmpeirel Niihama ann an Ichikawa, Chiba. Bha na lachan air a chur air falbh ann an slighe-uisge agus an teaghlach Ìmpireil agus a dh'aoighean air gan glacadh le tàbh. Tha a h-uile lach air a chur air falbh don nàdar.


'S e Shogun agus Daimyo a bha a' cumail an tachartais seo uair ach tha Ìompaire agus a theaghlach ga chumail an diugh. Tha e cumannta a chur cuireadh air tosgairean mar aoigh don tachartas seo. Bha Prionnsa Akishinomiya, a theaghlach agus 12 tosgairean à 9 dùthchannan mar Kenya agus Ghana a' frithealadh dha am bliadhna.


47News: http://www.47news.jp/CN/201111/CN2011112901001649.html
Fearann Lacha Ìmpeirel: http://www.kunaicho.go.jp/culture/kamoba/kamoba2.html
Shogun: http://en.wikipedia.org/wiki/Shogun
Daimyo: http://en.wikipedia.org/wiki/Daimyo

2011-11-29

Am manaidsear an ionaid-niucleasach do dh'ospadal

Air an 24, tha Masao Yoshida, am manaidsear an ionaid-niucleasach ann an Fukushima air ga fhalbh. Chan eil slàinte mhath aige agus tha e a' gabhail làimhseachaidh ann an ospadal.


Masao Yoshida


Bha e air a bhidh am manaidsear bho roimhe na crith-thalmhainn agus an tsunami. Bha e a' stiùradh obrachadh airson smachd an ionaid a thoirt air ais. Mhill an tsunami an ionad, chaill e dealan, theasaich na readhactair ro theth agus ruith na criachan sius.

Tha iad ciùin a-nis agus dùil ris gum bi air gan stad a làthair gu crìoch na bliadhna.

Thuirt e, "Smaoinich mi gu tric gun robh sinn a' dol a bhasachadh."

ANN News


Wall Street Journal Japan: http://jp.wsj.com/Japan/Companies/node_351795
Masao Yoshida: http://ja.wikipedia.org/wiki/%E5%90%89%E7%94%B0%E6%98%8C%E9%83%8E

2011-11-28

Talla-cluich dh'Ainu Deiseil

Tha "Ikoro", talla-cluich dh'Ainu deiseil ann an Kushiro, Hokkaido, an sgìre thuath Iapanach. Tha am baile Kushiro air ga togail aisron taic a chur air Ainu, a' mhion-shluagh cinnidheach de Hokkaido. Tha 332 àitean-suidhe anns an talla agus tha dùil ris gum bithear a' cumail sealladh pupaid den sgeulan dh'Ainu agus an dannsa traidiseanta.

Tha cànan Ainu airson "tasgaidh" a tha ann an"Ikoro".

Ikoro

Ainu (1904)

'S e a' mhion-shluagh cinnidheach de Hokkaido a tha ann an Ainu. Tha dualchas agus cànan sònraichte aca.

Doshin Web: http://www.hokkaido-np.co.jp/news/topic/334461.html
Ainu: http://en.wikipedia.org/wiki/Ainu_people
Cànan Ainu: http://en.wikipedia.org/wiki/Ainu_language

2011-11-27

Nach eil Sliseag gu lèor ann?

Tha sliseag glè phoibleach ann an McDonaldo ann an Iapan. Ach tha mòran daoine a' smaoinntinn gu bheil sliseag anns a' mheud "L" nas lugha na 170 gr a tha McDonald a' toirt gealladh.


Tha Rocket News 24 air sgrùdadh a dèanamh air dè cho trom a tha anns an "French Fries L". Cheannaich iad 10 "French Fries L" agus sheall iad gach cudtrom. Agus?


Sliseag


A rèir na thuirt iad: Tha aon as troime aig 169 gr agus aon as aotroime aig 149 gr. Tha e iongantach gun robh a h-uile "French Fries L" nas lugha na 170 gr!


Eadar dhà sgeul, tha Rocket News 24 ainmeil mar làrach-lìn a tha a' toirt cunntas mu dheidhinn rudan èibhinn. Gu mì-fhortanach tha an làrach-lìn direach ann an Iapanach.


Nach eil Sliseag gu lèor ann?: http://rocketnews24.com/2011/11/25/155962/
Rocket News 24: http://rocketnews24.com/

An Lùchairt Ìmpireil

Tha an Lùchairt Ìmpireil sa ghàradh mòr sa mheadhan Tòcèo. 'S e àite breagha agus eachdraidheil a tha ann agus tha mi a' moladh dhuibh a thadhal air.


An Drochaid Dhùbailte


Bha an Caisteal Edo anns an làrach seo agus an Shogun a' fuireach ann. Ach thug an Shogun mu dheoreadh dhan iompaire an tighearnachd Iapanach ann an 1868 agus thoisich e fhuireach an seo bho 1869. Tha 8 geatachan anns an làrach agus chaidh iad a thogail ann an 17mh linn mar na geatachan a' chaisteal.


Tha am Buidheann-gnìomha Taigheadais Ìmpireil, an talla ciùil agus an tuachanas sìoda anns an làrach cuideachd.


Tha an tàille leigeaidh a-stigh an asgaidh. Tuilleadh fiosrachadh mar leanas.


An Lùchairt Ìmpireil: http://sankan.kunaicho.go.jp/english/index.html (Beurla)
An Lùchairt Ìmpireil: http://sankan.kunaicho.go.jp/guide/koukyo.html (Le Bhideo)

2011-11-26

Lus Cunnartach

Thathar ag ràdh gu bheil seòrsa droga, ris a canadh "herb", poibleach eadar cuid den sluadh. Chan eil "herb" mì-laghail fhathast ach tha i glè cunnartach.  Tha an riaghalatas air a bhith a' dèanamh lagh airson na drogaichean mar sin a' toirmeasg agus a' bacadh.

Tha Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair a' nochdadh gum bheil "herb" rim faighinn ann an Tokyo, Osaka agus Nagoya.

Thuit còrr is 30 daoine, a ghabh i, sius do suidheachadh cunnartach agus chuir na carbadan-eiridinn iad do na ospadail ann an Nagoya am bliadhna. Cha robh aon dhiubh a' sèideadh.

'S e lus tioram, air a bheil air droga a chrathdh, a tha ann an "herb". Thathar a' cleachdadh eugsamhail droga ach s' e Cannabinoid à marijuana a tha anns a' chuid as motha.

Chunichi Web: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2011112690090153.html
Cannabinoid: http://en.wikipedia.org/wiki/Cannabinoid (Beurla)
Marijuana: http://en.wikipedia.org/wiki/Cannabis_(drug) (Beurla)

2011-11-25

Teine ann an Stéisean-cumhachd Teasaidh ann an Yokohama

Aig 10:05 feasgar air an 24, thachair teine ann an stèisean-cumhachd teasaidh ann an Isokoku, Yokohama. Tha an t-ionad le J Power agus thachair an teine seo faisg air a' chrios-ghiùlain a bha a' cur gual.




bhrùchd 40 carbadan-smàlaidh, bàta-smàlaidh agus heileacoptair dhan stèisean. Thachair spreadh anns an stòr ghuail ach tha an teine air a chur às sa mhadainn.


teine ann an stèisean-cumhachd teasaidh


Nikkei Web: http://www.nikkei.com/news/headline/article/g=96958A9C93819695E0E7E2E28A8DE0E7E3E3E0E2E3E39191E2E2E2E2

2011-11-24

Iompaire a' dol air ais dhan Lùchairt Ìmpireil

Tha Iompaire air a dhol air ais dhan Lùchairt Ìmpireil. Bha an cnatan air agus bha e air a bhith a' fuireach ann an Ospadal an Oilthighe Tòcèo bhon 6 air a' mhios seo. Chan eil e teth no casad aige tuilleadh.


Mu dhà uair feasgar air an 11, nochd Iompaie ann an geansaidh ghlas le flùraichean sa làmhan comhla ri Bàn-iompaire aig a' gheata. Rinn iad gàire, luaisg iad nan làmhan agus dh'fhalbh iad air càr dhan Lùchairt Ìmpireil.


TV Saahi


TV Asahi: http://www.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/211124026.html

2011-11-23

An Speuradair Iapanach air ais dhan Talamh

Sa mhadainn air an 22, rainig Satoshi Furukawa, speuradair Iapanach air Soyuz air an achadh ann an Kazakhs. Bha e a' fuireach anns an Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta fada 167 làithean is sia uairean agus tha an clàr seo as fhaide mar Iapanach.


Furukawa ann an Kazakhs

Thàinig e a-mach à Soyuz an fhànas-chapsal le cuideachadh an sgioba taiceadh. Rinn e gàire agus thuirt e "Tha mi a' fairachdainn truimead na talamhainn. Tha mi airson amar a ghabhail!"


2011-11-22

An Dearbhadh mu Dheireadh mu dheidhinn Aum Shinrikyo

Air 21 Samhain, thug A' Chùirt Phrìomhach breitheamh bàis do Seiichi Endou, dotair de Aum Shinrikyo a bha air Sarin, gas puinnseanach a chraiteachan air sluagh ann an rathad-iarainn fon talamh ann an Tòcèo. Fhuraing 6,300 doine an gas sin agus tha 13 daoine diubh air a mharbhadh. Tha mòran daoine a' furaing ath-bhuil cràiteach agus nan teaghlach fo bhròn dhomhainn fhathast. .


Rinn Endou Sarin agus mharbh e a' bhean-chèile agus an nighean an neach-lagha a bha a' cur an aghaidh Aum Shinrikyo.


Mu dheidhinn na cùise seo agus nan cùisean eile ,bha casaid air a thogail an aghaidh 189 daoine agus breitheamh bàis air a thoirt do 13 daoine à Aum Shinrikyo. 'S e aon mu dheireadh dhiubh a tha anns an dearbhadh seo. Ach tha triùir a' dol às agus adhbharan nan eucoirean neo-aithnichte fhathast.


 ANN News

TBS News

The Japan Times: http://www.japantimes.co.jp/text/nn20111122i1.html (Beurla)
Aum Shinrikyo: http://en.wikipedia.org/wiki/Aum_Shinrikyo (Beurla)
Sarin: http://en.wikipedia.org/wiki/Sarin (Beurla)
Sarin gas attack on the Tokyo subway: http://en.wikipedia.org/wiki/Sarin_gas_attack_on_the_Tokyo_subway (Beurla)

2011-11-21

Toyota air an obair a thòisich às ùr ann an Tàidh.

Air an 21 Samhain, bha Toyota air an obair a thòisich às ùr anns na trì factaraidhean ann an Tàidh. Chan eil solar na pàirtean dearbh gu lèor agus tha meud a' dhèanaimh fhathast fo beachdachadh.


Tha iad air a bhith saor bhon dìle bhàite ach cha b' urrain dhaibh pàirtean fhaighinn agus cha robh a' dèanamh càir fada còrr is mios.



Tha sgoil dh'Iapanach air a fhosgladh às ùr cuideachd. Tha cuid de na sgoileair Iapanach a' fuireach ann an Iapan agus chan eil i air ais chun na h-àbhaist fhathast.


Fulaing iomadh factaraidh an dìle bhàite agus chan urrain do mòran buidhnean Iapanach obair a thoiseachadh fhathast ann an Tàidh.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111121/t10014097181000.html

Fèis Uisge-Beatha air a chumail ann an Tòcèo

Air an 20, bha an 5mh Fèis Uisge-Beatha air a chumail ann an Tòcèo. Thòisich i aig 11 sa mhadainn agus bhathar a' cur crìoch oirre aig 6 feasgar. Bha mi a' frithealadh fada an latha mar pìobair, a' cluich na pioba agus ghabh mi mòran dealbhan. Obh, seadh! bha iomadh duine air iomagh uisge-beatha a dh'òl.


Bha còrr is 30 buidhnean a' nochdadh grunn uisge-beatha, spioraid, lionntan no biadhan math airson a dh'òl. Agus còrr is 1,500 duine a' frithealadh na fèis seo agus a' blas uisge-beatha agus rudan eile. Tha dùil agam a' mhion-fhiosrachadh a sgriobhadh a-rithst.


Mu trì uair feasgar, cò aig a tha fios cia mheud duine a tha ann!


An 5mh Fèis Uisge-Beath: http://www.scotchclub.org/fes/2011/participants.html

2011-11-19

Deiseil a chluich na Pìoba

Tha mi air a bhith a' cleachdadh piobaireachd gu cruaidh a h-uile latha o chionn ghoirid agus tha mi deiseil a chluich na pìoba sa thachartas uisge-beatha a-màireach. 'S e Fèis Uisge-Beatha a bithear a' cumail ann an Odaiba, Tokyo a-màireach. (Seall seo)Tha dùil agam ga cluich ceitheir a thuras. Bidh mi a' cluich mòran ceòl beag ach tha dùil agam ceòl mòr a chluich cuideachd. 'S toigh leam "Lasan Phadruig Chaogaich" agus bidh mi toilichte a chluich an fhuinn seo.


Tha dùil agam dealbhan a ghabhail agus cunntas a thoirt air an tachartas seo ged a tha mi a' smaoinntinn gum bi e cunntas mar a bha iomadh duine ag òl iomadh uisge-beatha.


Fèis Uisge-Beatha 2010


Fèis Uisge-Beatha: http://www.scotchclub.org/fes/2011/index.html

Rìgh is Ban-rìgh de Bhùtan a' tadhal air Fukushima

Air an 18, bha Rìgh Wangchuck is Ban-rìgh Jetsun Pema de Bhùtan a' tadhal air Somashi, Fukushima, a' bhàile taobh na mara a fhurang a' chrith-thalmhainn agus an tsunami. Chuir sluaigh a' bhaile fàilte dhaibh gu blàth. Bha iad a' coimhead ris na sgoileair sam bunsgoile ionadair. Nochd na sgoileair dhaibh dannsa agus òran Iapanach agus bha an rìgh a' bruidhinn dhaibh.


An dèidh sin bha iad a' cumail deas-ghnàth chuimhne air a' chladach far a bha an tsunami air a h-uile rud a mhilleadh.


Rìgh is Ban-rìgh de Bhùtan

Bidh iad a' fuireach ann an Iapan gu'm 20 mar aoigh nàiseanta agus a' tadhal air Kyoto air an 19.

Kol Net: 
http://www.kahoku.co.jp/news/2011/11/20111119t63012.htm

Tha am Foghar an Seo

Thathar a' cur sneachd anns na sgìrean ear-thuath Iapanach ach chan eil Tòcèo cho fuar riutha an seo. Bha an teodhachd a b' àrde 14 puingean C. agus an teodhachd na b' ìsle 10 puingean C. an-diugh.

Na craobhan air an t-sràit

Tha na craobhan a' faighinn dathan an Fhoghair agus tha iad gu math breagha ann an buidhe, dearg no ruadh.

Na cnothan Ginkgo

Tha na craobhan Ginkgo air an t-sràit, bidh na duillean a' fàs buidhe agus tuitidh na measan sius san Fhoghar. Dheibh sinn cnothan asda. Ròistidh sinn iad agus ithidh sinn na eitein. Tha iad uaine agus blasda.


2011-11-18

Blàth Comhla ri Cù

Àrd an fheasgar air an 15mh latha an sneachda ann an Hokkaido, bha fear (81) a' draibhadheadh comhla ri a bhan-ogha (3) agus a chù ach bha a chàr air a thuiteam 5-6 meatair sius às an rathd chrom do àite ri taobh na h-aibhne. Cha 'b  urrain dhaibh a dhol a-mach às a' càr, bhathar a' cur sneachd agus bha i -3.8 puingean Celcius fuar.




Sa mhàdainn air an 16, bhathar air gam faighinn a-mach agus tha poileasmain air gam sabhaladh. Tha a' mheille-chartan orra ach tha iad gu math.


Tha a' bhan-ogha ag ràdh gun robh i a' gramachadh a' choin agus i blàth comhla ris.


Mainichi jp: http://mainichi.jp/select/jiken/news/20111117mog00m040021000c.html
NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111116/t10014003311000.html (Le Bhideo)

.

2011-11-17

Guiness a' clàradh Tokyo Sky Tree mar an Tùr as Àrde

Air an 17 Samhain, tha Guiness air Tokyo Sky Tree a chlàradh mar an tùr as àrde san t-saoghal. Tha e air a bhith deiseil air a' chiad Màrt agus 634 meatair a dh'àirde. Seall seo airson tuilleadh fiosrachadh.


.Tokyo Sky Tree


Alistair Richards à Guinness World Records agus Sorakawa (caractair oifigeil de Tokyo Sky Tree)




Walker Plus: http://news.walkerplus.com/2011/1117/15/
Tokyo Sky Tree: http://www.tokyo-skytree.jp/english/ (Beurla)

A bheil K coimpiutair math?

Tha K coimpiutair ainmeil mar an coimpiutair as luaithe san t-saoghal. Ach a bheil sibh eòlach air gun robh airgead neo-fheumail air a phàigheadh airson an coimpiutair seo a thogadh?

Coimpiutair Barraichte K (京)

'S e coimpiutair barraichte a rinn Fujitsu, buidheann choimpiutair agus le Riken, buidheann shaidheansail poblach a tha ann an K.

Bhathar a' cumail coinneachadh far an robh an luchd an t-seanaidh a' dearbhadh gun tug an riaghalatas maoin do gach oibrichean poblach gu buadhach. Agus tha an luchd an t-seanaidh san dà chuid de a' phàrtaidh riaghatais agus a' phàrtaidhean eile air a fheòrachadh mu dheidhinn K mar "Tha 34 daoine, a bha uair nan oifigearan rangaichte àrd, ag obair anns an roinn K agus aon dhiubh a' faighinn 17.1 millean yen (130 mìle notaichean) tuarasdal bliadhnail. A bheil iad deatamach a thogadh K?" Chuir iad ceistean eile ach cha tug an riaghaltas freagairt riantanach idir.

Tha Riken air 112 billean yen (0.86 billean notaichean) a chosg a thogadh K agus iad a' cosg 12 billean yen (90 millean notaichean) a chumail K gach bliadhna. Thathar a' cosg mu 7 millean yen (54 mìle notaichean) eadhon direach airson na cosgais dhealain gach latha. Tha K as luaithe agus as daoire cuideachd!

Tha 9 às na 14 neach an t-seanaidh air a nochdadh gum feum an riaghaltas ath-bheachdachadh mu dheidhinn maoineachaidh do roinn choimpiutair barraichte ann an Riken.

Air ceistean a chur gu cruaidh

Luchd an t-seanaidh a' cur ceistean don riaghalatas

K: http://en.wikipedia.org/wiki/K_computer
Riken: http://www.riken.go.jp/engn/index.html
NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111116/t10013997381000.html (Le Bhideo)

2011-11-16

Rìgh is Ban-rìgh de Bhùtan a' tadhal air Iapan

Sa mhàdain air an 15, ràinig Rìgh Jigme Khesar Namgyel Wangchuck is Ban-rìgh Jetsun Pema de Bhùtan air Iapan. Chuir Pìomhair Noda fàilte orra san Taigh-aoigheachd na Stàite agus e tàing airson an taic ris na sgìrean a fhurang a' chrith-thalmhainn. Chum Rìgh Wangchuck deas-ghnàth  chuimhne san atha latha de a' chrith-thalmhainn agus thug e tabhartas de mhillean dolaran do dh'Iapan.


Bidh iad a' fuireach ann an Iapan gu'm 20 mar aoigh nàiseanta agus a' tadhal air bunsgoil ann an Fukushima.


Air an 16, bidh iad a' frithealachadh dìnnear san Lùchairt Ìmpireil. Tha Iompaire san ospadal fhathast leis an cnadan agus bidh Prionnsa Naruhito a' cur fàilte orra mar cuirmear an àite.




jijicom: http://www.jiji.com/jc/c?g=pol_30&k=2011111501006
FNN: http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00211574.html (Le Bhideo)
Bhutantoday: http://bhutantodays.blogspot.com/2011/11/bhutan-their-majesties-to-visit-japan.html (Beurla)
Wiki: http://en.wikipedia.org/wiki/Jigme_Khesar_Namgyel_Wangchuck (Beurla)

2011-11-15

A' Chiad Sneachda air Sgìrean Tuath

Air an 15, thathar a' cur a' chiad sneachda air Hokkaido agus Tohoku, sgìre tuath Iapanach. Bha an teodhachd a' fàs nas fhuire gu h-obann agus bha i -4 puingean Celsius ann an Asahikawa, Hokkaido. 'S e coltach gum bi i a' fàs nas fhuire agus snachda a' maireann anns an sgìre air an 16.

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gum bi i 2 phuing C. ann an Asahikawa, 6 puingean C. ann an Sapporo agus Aomori agus 9 puingean C. ann an Morioka agus Akita feadh an latha air an 16.

Tha a' chiad sneacda am bliadhna 17 làithean nas fadalaiche na a' chlàr chuibheasachd.


NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111115/t10013968691000.html (Le Bhideo)

2011-11-14

B1 Grand Prix, Fèis Bhìdh Blasda agus Saor

Air an 12 agus 13 Samhain, bha B1 Grand Prix, Fèis Bhìdh Blasda agus Saor air a chumail ann an Himeji, Hyougo. Bha 63 buidheanan a' dèanamh strì. Bha 510 mìle duine a' mealtainn am bìdh agus iad air a thaghadh. Bhuannaich "Hiruzen Yakisoba (noodle frighigte)" a' chiad duais.


Canaidh Iapanaich Gourmet Ìre B ri biadh saor ri fhaighinn ann an bùth agus tha iad glè phoibleach mar biadh meadhan-latha no tì.

A' chiad duais: Hiruzen Yakisoba


HBCC: http://www.hyogobcc.org/?p=1156 (Beurla)
B-1 Grand Prix in Himeji: http://www.b1-himeji.jp/
Clàr-Bìdh: http://blog.goo.ne.jp/fujiifudousan-tamago/e/3b9e1571f9be3624c2f9ceee06ce4bc9

2011-11-13

Sealladh bho a' Bharraid

Seo sealladh bho a' bharraid. Tha mi a' fuireach ann an Tokyo ach san àite siar fada bho mheadhann a' bhaile.


2011-11-12

A' nochdadh na Bunait a tha a' clanadh Beò-rèididheachd

Do na meadhanan, bhathar a' nochdadh na bunait a tha a' clanadh beò-rèididheachd san ionad niuclasach ann an Fukushima. Tha air ga cur air cois ann an J Villege, ionad trèanaidh buil-coise agus tha trì mìle luchd-cosnaidh a' fuireach agus thathar a' clechdadh na làrlach mar ionad clanadh beò-rèididheachd, pàirc-charbad agus stòr-stuith.






Bithear a' dèanamh sgrùdadh air a bheò-rèididheachd nuair a bhiodh gach neach-cosnaidh air ais às an ionad niuceasach. Bithear ga chlanadh ma bhios cus beò-rèididheachd air a dh'aodach. Bithear a' dèanamh sgrùdadh air bheò-rèididheachd ann an gach bodhaig uair gach mios.

Bhideo 1: http://www.youtube.com/watch?v=lnZBhsesBxw
Bhideo 2: http://www.youtube.com/watch?v=xIdfut1CSDQ

2011-11-11

Cogadh Bobhlichean Mairtfheola

Bidh Gyudon, bobhlach mairtfheola agis rìs ri fhaighinn aig gach prìs shònraichte, 270 yen aig Yoshinoya bhon 16, 250 yen aig Sukiya eadar an 11 agus an 24, 240 yen aig Matsuya eadar an 17 agus an 24 agus 250 yean aig Nakau erdar an 11 agus an 23 Samhainn.

Tha Yoshinoya, Sukiya, Matsuya agus Nakau as motha mar buidhenean a' reic Gyudon agus tha iomadh bùth aig gach buidheann. Tha iad a' feuchainn a chéile airson cuid nas motha.


Tha Gyudon blasda, saor agus ri fhaighinn gu lutha agus a' còrdadh ri mòran dhaoine. Bidh sibh ga dh'ithe sa bhùth no ga thoirt air falbh.


Gyudon Yoshinoya

Yoshinoya: http://www.yoshinoya.com/
Sukiya: http://www.sukiya.jp/
Matsuya: http://www.matsuyafoods.co.jp/2011/11/10/1543/
Nakau: http://www.nakau.co.jp/news/cgi-bin/news.cgi?news=0000000160

Iompaire air ais dhan Lùchairt a Maireach

Tha am Buidheann-gnìomha Taigheadais ìmpireil air a nochdadh gu bheil Iompaire a' dèanamh casad uaireanan fhathast ach nach eil e teth. Tha e a' fàs nas fhèarr agus bidh e eir ais dhan Lùchairt a maireach.

Dheibh Iompaire làimhseachadh car greis san Lùchart agus bidh air ais do dh'obair phoblach air an 18 Samhain airson fàilte a chur do Rìgh is Ban-rìgh de Bhùtan.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111110/t10013879131000.html (Le bhideo)

2011-11-10

A bheil taic teachd-a-steach deatamach?

Bha taic teachd-a-steach air a thoirt do chòrr is 2.05 millean duine san Iuchair. (Seall seo.) Ach a bheil i fìor deatamach? Chan eil mi cinnteah.


Tha èiginn do dhaoine, a fhurang a' chrith-thalmhainn anns na sgìrean ear-tuatha, taic teachd-a-steach gu fìor a chionn 's gun robh iad air a h-uile rud a chall. Ach tha fios agam gu bheil daoine, aig nach eil còraichean, taic teachd-a-steach fhaighinn. Tha iad ag obair gu dìomhair, a' faighinn taic om pàranten no eadhon nam buill-Mafia Iapanach. Tha dà fhón-làimhe no trì aca, aodach math orra no eadhon càr aca ged a tha e air a thoirmeasg càr a dhràibhadh!


Carson a tha rudan mar sin a' tachairt? Chan eil an siostam sgrùdaidh gu math, nach eil?


Bha taic teachd-a-steach air a thoirt do chòrr is 2.05 millean duine san Iuchair ach tha cuid dhiubh neo-fheumail.

A' Beireadh air Peas-ghadaiche Mòr

Air an 9 Samhainn, bhathar air a bheireadh air Peas-ghadaiche ainmeil, ris a chanadh "Sato an Cailleach sa Bhùth (79 bliadhna a dh'aois)",  sa bhùth mòr ann an Kichijoji, Tòcèo. Tha dreuchd fada 60 bliadhna aice agus bhathar air a bheirsinn rithe 23 a thuras. 


Rug poileas oirre nuair a fheuch rithe sporran a ghoid air baga a' boireannaich.


Thathar ag' ràdh gur e aon dhiubh dha an robh maighstir nan peas-ghadaichean ag ionnsachadh. Tha Sato ag ràdh gu bheil airgead ullamh aig cailleaich ann an bùthan mòr agus gum bheil iad mì-fhurachail a chionn 's nach eil iad a' faicinn ach bahair.



Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/e-japan/tokyo23/news/20111110-OYT8T00050.htm

2011-11-09

Taic Teachd-a-steach do 2 Millean Duine

Thathar a' nochdadh gum bheil taic teachd-a-steach air a thoirt do chòrr is 2.05 millean duine san Iuchair. Tha an àireamh as motha air a' chlàr agus i nas motha na 2.04 millean duine ann an 1951 nuair a bha a' bhuaidh a' chogaidh as motha. Tha an àireamh seo 1.6 sa cheud de a' mhuinntir Iapanach.


Thathar ag ràdh gu bheil an àireamh seo a' fas nas motha fhathast fo bhuaidh na h-eaconomaidh ràsanach.


Tha a' chuid as motha dhiubh, 294 mìle duine a' fuireach ann an Osaka agus dara cuid as motha, 272 mìle duine ann an Tòcèo.


msn.: http://sankei.jp.msn.com/life/news/111109/trd11110910260005-n1.htm

A bheil beireadh air natharach obair mhath?

Thathar a' toirt cunntas gu bheil a' Mhinistrealachd Àrainneachd a' ceannach na natharach (Taiwan Beauty Rat Snake) ann an Okinawa. (Seall seo!) Tha mi a' smaointinn gu bheil ùidh aig cuideigin anns an obair seo. Ach tha mi an dòchas gu bheil sibh a' tuigsinn gu bheil beireadh air natharach fìor chunnartach ann an Okinawa, oir a tha iomadh nathair nimheil, ris a chumadh Habu (Trimeresurus flavoviridis), nan còmhnaidh an sin. Ma bhios sibh a' lorg nathair sam bith, chi sibh an nathair nimheil sin. Tha Habu fìor fhiadhaich.


Habu (Trimeresurus flavoviridis)


Ach na bi dragh agaibh. Tha uidheaman airson beireadh air natharach rim faighinn ann an buth mòr. Tha bata Habu agus bogsa Habu gu math feumail. Ma dh'fhàsas ur beireadh air natharach math gu lèor, thigeamaid do dh'Eilean Amami Oshima no Eilean Tokunoshima. Tha oifis a' bhaile a' ceannach gach Habu aig 4,000 yen!


Habu: http://snakehabu.web.fc2.com/essmi.html (Beurla)
Amami Oshima: http://www.city.amami.lg.jp/
Tokunoshima: http://www.tokunoshima-town.org/

2011-11-08

A' Mhinistrealachd Àrainneachd a' ceannach Nathair bho Thaidh-Bhàn

Air an 8 Samhain, nochd a' Mhinistrealachd Àrainneachd gum bi an Oifis Okinawa a' ceannach gach Taiwan Beauty Rat Snake (Elaphe taeniura friesei) bèo aig 10,000 yen air an robhar air a bheireadh ann an Okinawa. 


Taiwan Beauty Rat Snake (Elaphe taeniura friesei)


'S e aon de na beathaichean coigreach sònraichte a tha innte. Bha iad air a thoirt a-steach do dh'Okinawa mu 1970. Tha iad ag ithe luchan agus eóin agus iad air a bhith a' briseadh na h-àrainneachd nàdair ionadail.

47News: http://www.47news.jp/CN/201111/CN2011110801000872.html
Ministry of Emvironment: http://www.env.go.jp/en/
Beauty Rat Snake: http://en.wikipedia.org/wiki/Beauty_rat_snake

Asimo Ùr

Air an 8 Samhain, nochd Honda Asimo ùr, robotair ann an cumadh na daonna. Tha e comasach dha meuran agus òrdag a ghluais gu h-uile-choitcheann agus cànan balbhachd a chleachdadh. Tha a mhothaichear ùr a' cùmail sùil air gnìomhannan daoine agus e a' coiseachd gun gam bualadh. Beiridh a làmh cupa paipeir bog agus dòirtidh e lionn sius dha.

Asimo a' nochdadh OK

Asimo a' dòrtadh lionn sius do chupa paipeir



ANN NEWS


5mh Fèis Uisge-beatha

Bithear a' cumail 5mh Fèis Uisge-beatha ann an Taigh-Òsda Nikko Tòcèo eadar 11M-18F air an 20 Samhain le Ionad Rannsachaidh Cultair Albanach. 'S e club uisge-beatha dha a bheil còrr is dà mhìle duine a' buntainn a tha ann an IRCA.




Bidh còrr is 30 buidhnean mar Diageo, Bacardi agus Suntory a' nochdadh grunn uisge-beatha agus bidh blasad an asgaidh. Bithear a' cumail co-labhairtean cuideachd agus bidh frithealaidh ag ionnsachadh mu dheidhinn uisge-beatha.


mion-chunntas aig http://www.scotchclub.org/fes/2011/participants.html

Taigh-Òsda Nikko Tòcèo: http://www.hnt.co.jp/en/index.html
Nonjatta: http://nonjatta.blogspot.com/2011/10/whisky-festival.html

2011-11-07

Cunntas air Modh-sgrùdadh

Air an 7 Samhain, thug Bòrd Modh-sgrùdaidh Iapanach (Board of Audit of Japan) cunntas air an modh-sgrùdadh 2010. Tha an cunntas a' nochdadh gun robh 428.08 billean yen (3.3 billean notaichen) air a chosg airson 555 gnothaich poblach neo-fheumail. Tha an t-suim nas lugha na 2009 ach 's e an dara clàr as motha a tha innte.

Bòrd Modh-sgrùdaidh Iapanach ann an Chiyodaku, Tòcèo

Board of Audit of Japan: http://www.jbaudit.go.jp/english/index.html (Beurla)

Caractairean poblach ann an Iapan

Tha iomadh caractairean poblach ann an Iapan mar Kumamon ann an Kumamoto. Tha gach aon aig sgire, baile no eagrachas poblach. Chan eil uile ach tha cuid dhiubh a' còrdadh ri mòran dhoine. Mar eisimpleir tha Sentokun (Sgìre Nara), Hikonyan (Baile Hikone), Pipokun (Poileas Tòcèo), Noppon (Tùr Tòcèo) glè ainmeil. Thathar gan cleachdadh mar postair, dealb bèo no grunn bathair airson taic a chur ri miseanan no gnothaichean ionadail. Tha eadhon bloga aig Noppon aig http://noppon.laff.jp/.


Sentokun
Hikonyan
Pipokun
Noppon

Billean Yen de Bathar Kumamon air a reic

Thathar a' nochdadh gu bheil billean yen de bathar Kumamon air a reic. Rinn Sgìre Kumamoto Kumamon mar caractair na sgìre agus tha an sgìre air a bhith a' leigeil leis na 408 buidheanean na sgìre an-asgaidh.


Tha 861 bathair rim faighinn agus tha Ikuo Kabashima, uachdaran na sgìre ag ràdh gu bheil Kumamon glè bhuannachdail don eaconomaidh na sgìre.


An cnatan air Impire

Air an 6 Samhain, bha an cnatan air Impire Akihito air fhag nas miosa agus chaidh e a-steach do Ospadal Oilthigh Tòcèo. Thathar ag ràdh gun robh an galar-cléibh air agus e teth. Nuair a tha dheth aige anns an ospadal, bidh Prionnsa Naruhito ag obair ann an gach obair phoblach an àite.

BBC: http://www.bbc.co.uk/news/world-asia-15612662
TV Asahi: http://www.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/211106025.html (Bhideo)

Fèis Jiaozi ann an Omiya

Air 6 Samhain, bha an Fhèis Jiaozi bhliadhnail air a chumail ann an Omiya. 'S e biadh Sìonach a tha ann an Jiaozi agus thathar ga ghoil gu tradiseanta ann an Sìona ach bidh iad air an grìosachadh agus tha iad a' còrdadh ri mòran daoine ann an Iapan. Tha Omiya ainmeil a chionn 's gu bheil mòran bhùthan ann.


San fhèis bha 26 teantaichean air an togail agus ceithir Jiaozi a chosg dìreach 100 yen. Bha iomadh Jiaozi a' còrdadh ri mòran daoine.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111106/t10013763981000.html (le bhideo)
Jiaozi: http://en.wikipedia.org/wiki/Jiaozi

2011-11-06

Dalai Lama a' dèanamh seirbheis ann an Fukushima

Air an 3 Samhain, bha an Dalai Lama a' tadhal air Fukushima agus lìbhrig e seirbheis. Luaidh e air Hiroshima agus Nagasaki air an deach boma atamach a leagail. Agus thuirt e "Tha mi an dòchas gum bi sibh a' seasamh suas gu làidir le ur dìcheall agus a' co-obrachadh mar a rinn sibh nuair a thog sibh baile ùr air làrach loisgte."




Dà dheas-ghnàth shònraichte san Lùchairt Ìmpireil

Air 3 Samhain, bha dà dheas-ghnàth shònraichte air an dèanamh airson Prionnsa Hisahito san Lùchairt Ìmpireil. 'S e "Chakko no  gi" agus "Fukasogi no gi" a tha annta. Bha iad air an dèanamh an dèidh don phrionnsa mu chòig bliadhna a dh'aois a ruigsinn airson 's gum fàsadh  dòchas a chur ann a dh'fhasadhe gu math agus gu soirbheachail.

"Prionnsa ann an Chakko no gi"

"Prionnsa agus a theaghlach"

Buidheann phoball a' dìobhalach 23 millean notaichean?

Air an 21 Damhair ann an TBh program, thuirt Monta Mino, neach-naidheachd ainmeil gun robh Dèanadachd Cumhachd Atamach Iapanach (JAEA ann an Beurla), buidheann phoblach air 23 millean notaichean a dhìobhalach. Tha JAEA a' oibreachadh Monju, ionnad niuclasach ann an Fukui agus obair airson a chur às do reìdheachd ann an Fukushima. Tha Mino ag ràdh gun robh JAEA a' dìobhalach 23 millean bho 150 millean airson a chur às do reìdheachd.



An deidh seo, bha JAEA air a nochdadh air an làrach-lìn gun robh iad ag obair gu cothromach gun mì-cheartas agus an cunntas aig Mino cèarr.

Ach tha an aon bheachd aig Yoshimi Watanabe, Ball Taigh nan Cumantan agus an ceannard a' Phàrtaidh Minnnano. Tha e ag ràdh gum bi e a' dèanamh tòrachd air ann an gach taigh.

Gendai Net: http://gendai.net/articles/view/syakai/133462
JAEA: http://www.jaea.go.jp/english/index.shtml
Monju: http://www.jaea.go.jp/04/turuga/monju_site/index.html
Phàrtaidh Minnnano: http://www.your-party.jp/
Monta Mino: http://en.wikipedia.org/wiki/Monta_Mino

2011-11-04

Leasachadh fànais buannachdail do mhuinntir Shìona

Air an 4 Samhain, thug gach pàipear-naidheachd Sìonach cunntas gun robh 430 billean not air a chur ann an seilbh leasachadh fànais fada bho 1992. Thuirt an t-ùghdarras gun robh leasachadh fànais buannachdail don t-sluagh. A bheil?


Dè a tha buannachdail do mhuinntir Shìona? Nach ann a tha e na rud armailteach no airson clìu nàiseanta a thogadh?


JPN: http://www.47news.jp/CN/201111/CN2011110401000585.html

Mo phìob

Tha mi air a bhith a' cluich na pìob bho 1995. Bha i a' coimhead furasda agus cheannaich mi seata le òrdugh tron phost. Agus ...?

Cha robh i furasda idir! Cha b' urrain dhomh fuaim sam bith a dhèanamh airson trì mìosan. Ach fhuair mi air an fhuaim a dhèanamh agus thoisich mi a cluich.

A-nis tha mi a' cluich an dà chuid de Cheòl Beag agus Ceòl Mòr.


Seo mo phìob. Bha iad air a dhèanamh anns an aon bhùth-obrach. 'S e David Naill a tha ann. Tha iad a' còrdadh rium gu math ged as' e Sasanach a tha ann. Cha robh fhios agam idir a nuair sin.

Tha mi a' cluich ann an tachartas uaireanan.

2011-11-02

A' Bheilg a' cur às don ionadan niùclasach

Chuir a' Bheilg roimhpe a chur às don ionadan niùclasach na leantainn na h-Eilbheise agus na Gearmailte. Tha mi a' tuigsinn gum bheil ionad niùclasach cunnartach. The am beachd glice agus tha mi a' dol leatha. Ach cait a bheil Iapan a' dol?


Ann an Tokyo air 19 Sultain, chruinnich os cionn 60 mìltean daoine airson a dhol an aghaidh an riaghaltais Iapanach aig a bheil dùil ionadan niuclasach a h-oibreachadh fhathast. Tha iad ag iarridh air gan stad, a chur às dhaibh agus a bhith gun fear ùr a thogail. Ach tha an riaghaltas a’ leigeadh seachad an t-iarraidh seo.








Thoisich oibreachadh an ionaid niùclasach ann an Kyushu an diugh. Tha sluagh na sgire a' cur an aghaidh seo.


Reuters: http://www.reuters.com/article/2011/10/31/us-belgium-nuclear-idUSTRE79U1YY20111031
Mainichi: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20111101p2a00m0na012000c.html


2011-11-01

Oifigear Iapanach ag òl uisge bho Fhukushima

Sa choinneamh-naidheachd bha Yoshiro Sonoda, oifigear riaghaltais a' freagairt gun robh uisge às an ionnad niuclasach a làthair sàbhailte an deidh a' seòil a' cur rèididheachd a-mach. A nuair sin chuir sgrìobhaiche ceist mar "Òlaidh sibh sin?" Dh'freagairt Sonoda "Seadh ma bhios a' dhòigh sin as shèarr."




Air 31 Damhair, sa choinneamh-naidheachd eile, thuirt Sonoda "Tha e air a dhearbhadh gu bheil seo sàbhailte" agus dh'òl e glainne an uisge às an ionnad niuclasach. Chan eil mi cinnteach gum bi muinntir ga chreidsinn ach tha an gnìomh seo mòr!




BBC: http://www.bbc.co.uk/news/world-asia-pacific-15533018
msn.: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/111031/dst11103117570012-n1.htm