2013-07-31

Crannchur gun Thicead Bhuidhne

Air 28mh latha den Iuchar, tha Poileas Òsaca air an greim a chur air an fhear a bha a' cumail crannchur gun thicead bhuidhne agus fhuair 14,000 JPY. Fhuair am poileas seo am fios bhon fhear a pàigh 10,000 JPY airson na ticeadean.

Crannchur ann an sgrìn eile

Bha am fear a' cumail a' chranchuir san fhèis ann an Sgrìn Abeou agus a' foillseachadh PlayStation 3 agus Wii U mar duaisean nan buadhaichean ach cha robh ach duisean saora sna ticeadan.

Tha am fear ag aideachadh na cionta agus ag ràdh gu bheil e air 100,000 JPY de na tideadan a reic air an latha eile.

http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20130729-00000001-asahi-soci

2013-07-26

An Gearradair-feòir as Lutha san t-Saoghar

Tha Honda UK air gearradair-feòir ùr a nochdadh. Tha Honda VTR Firestorm 1000cc einnsean aig Honda HF2620 Lawn Tractor agus bidh e a' ruith aig 130 mìltean/uair ged am feumar ga dhràibheadh aig 15 mìltean/uair a ghearradh na cluaine. Ach tha an astar a dhà uiread ri HF2620, gearradair-feòir cumanta a' bhuidhinn.

Honda HF2620 Lawn Tractor

News.amoeba: http://news.ameba.jp/20130723-158/

Tractor Ùr le Dealbhaiche Ainmeil

Tha Yanmar air YM01, tractor ùr a nochdadh. Tha e air a dhearbhadh le Kiyoyuki Okuyama, dealbhaiche ainmeil a dheailbh Enzo Ferrari agus mòran bathair gnìomhachail eile mar motar-baidhsagalan, bàtaichean, togalaichean agus robotairean.

YM01

Tha am buidheann ag ràdh gu bheil tha an tractar fasanta, èasgaidh, cobhaireach agus sealladh farsaing air. Tha plana aig a' bhuidheann siostam ùr a chur air an tractor. 'S e "Robot Tractor" a th' ann agus thathar ag ràdh gum bi aon dhràibhear ag obrachadh dà thractor leis siostam aig an aon àm.


YM01

http://news.mynavi.jp/news/2013/07/26/113/index.html

2013-07-25

Ìre Àrd nan Rèididheachd san Treas Readhactar

Air do Buidheann Dealain Tòceo a dherbhadh gu bheil smùid a' dol suas bhon treas readhactar ann an Ionad Niuclasach Fukushima, tha am buidheann air a dherbhadh gu bheil an rèididheach 562 milli-sirvert  a dh'àrde air an àite faisg air an smùid. Tha an àireamh a 562 uiread ris rèididheachd nas àirde am faodaidh duine fhaighinn ann an aon bliadhna.

An treas readhactar

Air do Comataidh an Smachd Niuclasach an cunntas fhaighinn, chuir a' chomataidh an òrdugh air a' bhuidheann a dhèanamh tuilleadh sgrùtadh.

Asaahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0723/TKY201307230466.html

2013-07-24

Rèididheachd na Ìre Àrd don Mhuir

Air an 22mh lath den Iuchar, tha Buidheann Dealain Tòceo air a nochdadh gu bheil uisge le rèididheachd na ìre àrd a' ruith bhon ionad niuclasach don mhuir. Air don bhidheann 2,300 becquerel rèididheachd a dherbhadh ann an toll an sgrùtaidh faisg air a' mhuir bhon Mhàidh, tha i air a bhith a' dèanamh sgrùtadh air uisge na mara.

Masayuki Ono de Bhuidheann Dealain Tòceo a' toirt cunntas.

Tha am buidheann ag ràdh nach eilear a' dearbhadh an rèididheachd ach eadar an cladach agus balla na mara a tha air a thogail a chur stad air ruith an rèididheachd don mhuir.

Tha an docair air na daoine ionadair agus tha gnìomhachas an iasgaich a' dèanamh casaid air a' bhuidheann gun chomas a chur stad air ruith an rèididheachd.

http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/130722/dst13072222390008-n1.htm

2013-07-23

Boireannach air a Shaoradh le Luchd-siubhail

Mu 9:15 sa mhadainn air an 22mh latha den Iuchar, thuid boireannach eadar trèan agus àrd-ùrlar an stèisean trèanaichean ann an Rèile Iapan Minami-Urawa nuair a bha i a' dol a-mach as an trèin. Stad i aig a meadhan ach cha b' urrain dhi a dhol a-mach. An dèidh an nochdaidh a bha am boireanach eadar an trèan agus an t-àrd-ùrlar, chaidh a h-uile neach-siubhail a-mach as a' chàr agus phut mu 40 daoine agus buill an stèisean an càr agus chaidh am boireannach a shaoradh. Chuireadh i dhan ospadal agus rinneadh sgrutadh oirre. Ach chan eil leòn sam bith oirre.

Bha mu 40 daoine a' putadh a' chàr

Tha Rèil Iapan ag ràdh gu bheil tha am beàrn 20 cm a dh'fhaid eadar an trèan agus an t-àrd-ùrlar agus tha an càr 32 tunnaichean air cudrom.

Dh'fhalbh an trèin 8 mionaidean fadalach.

Yomiuri.com: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20130722-OYT1T00931.htm?from=main8

2013-07-19

Smùid bho Ionad Niuclasach Fukushima

Air 18mh latha an Iuchar, tha Buidheann Dealain Tòceo air a dhearbhadh gun robh smùid a' tighinn bhon 5mh làr den 3mh readhactar ann an Ionad Niuclasach Fukushima.

Tha am buidheann a' nochdadh nach deach ìre na rèididheachd suas, gu bheil an readhactar sàmhach agus gur e coltach gu bheil an smùid a' tighinn bhon uisge a bha deàrrsadh na grèine air a theasachadh air an làr.


Smùid bho Ionad Niuclasach Fukushima

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/feature/20110311/news/20130719k0000m040034000c.html

2013-07-18

Thug Mathan Ionnsaigh air Triùir

Air an 18mh lath ann an Fukushima, thug mathan ionnsaigh air triùir.

Mu sia uairean feasgar air an rathad, thug am mathan ionnsaigh air post. Air do dà bhoireannach a sgreadail a chluinntinn, chaidh iad a-mach bhon taigh agus thug am mathan orra cuideachd.

Tha iad uile air an teumadh sna cinn is casan leis a' mhathan agus air a chur dhan ospadal. Tha a h-uile leòn beag.

Chaidh am mathan às agus tha am poileas agus na sealgairean ionadail ga shealg.

Tha an rathad fada bho a h-uile coille agus tha an t-eagal air na daoine ionadail.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/select/news/m20130718k0000e040191000c.html

Chaidh mi do Mhatsumotos 1

Chaidh mi do Mhatsumoto air saorlàithean.

'S e baile mòr ann an meadhan an tìre mhòr a th' ann. Tha Caisteal ann an meadhan a' bhaile agus tha e air a thogail eadar 1504 is 1520. Mhill arm nan Stàitean Aonaichte mòran de na bailtean Iapanach mòra san Dara Cogadh Mòr. Ach cha do leig iad na bomaihean air a' bhaile agus thathar a' cumail iomadh seann thoglach, a tha air a thogail san 19mh linn, ann fhathast.

Matsumoto

Caisdeal Matsumoto

Seo Caisteal Matsumoto. Chanadh Caisteal Fukashi ris nuair a thog Clann Ogasawara e. Bhuannaich Clann Takeda an cogadh an aghaidh Clann Ogasawara agus bha Ceann-cinnidh Shingen Takeda a' riaghladh sa chaisdeal. Ach mhill Clann Oda Clann Takeda agus fhuair Clann Ogasawara an caisdeal air ais a chionn 's gun robh iad a' cogadh còmhla ri Clann Oda. Dh'ath-ainmich Sadayoshi, Ceann-cinnidh Clann Ogasawara an caisdeal mar Caisdeal Matsumoto.

Togalach an tùis leis na fiodhraich

Tha caisdeal air a dhèanamh à fiodhrach is mortar. Thathar a' cumail togalaich an tùis sa chaisdeal ged a chaidh a chàireadh beagan uairean ròimhe.

Bha i glè theth nuair a bha mi a' tadhal air a' chaisdeal ach bha gaoth fhionnar a' tighinn bho na uinneagan agus bha i cofhurtail ann. Ach tha mi cinnteach bidh i glè fhuar sa gheamhradh san caisdeal.

Caisdeal Matsumoto

2013-07-17

Aonadh de na Dà Mhargadh-Earrann

Air an 16mh latha den Iuchar tha gach margadh-earrann Tòceo agus Osaka air aonadh agus ghabh e na treas margadh-earrann as motha san t-saoghal. Bithear a' sìor-chantainn Margadh-earrann Tòceo ris.

Margadh-Earrann Tòceo

Bhathar a' gabhail barantasan de mu 2,300 buidheann ann an Tòceo agus 1,100 buidheann ann an Osaka uair ach a-nis 3,400 buidheann anns an aon margadh.

Tha Margadh-earrann Tòceo ag ràdh gum bi iad a' dèanamh lughdachaidh de 7,000 millean yen air a' chosgais a chumail a' margaidh agus a' togail an t-siostam nas fheàrr suas.

Thathar an dòchas gum bi am margadh a' fas nas gnìomhaiche.

NHK News web: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20130716/t10013059801000.html

2013-07-12

Uachdar Rèoite ann an Iapan

Tha uachdar rèoite a' còrdadh ri mòran daoine ann an Iapan. Tha tìde an t-samhraidh uamhasach teth agus tha a dhìth oirnn uachdar rèoite còmhla ri deochannan fuara agus biadhan fuara.

Uachdaran Rèoite

Tha càraichen an uachdair rèoite car tearc agus tha sinn gan ceanich sa bùthan gu cumanta. Tha e ri fhaighinn sna bùthan mòra ach is e na ballain agus na pasgain as motha a th' annta. Mar sin bidh sinn a' dol do bhùth nas lugha gus an cuid uachdair rèoite fhaighinn. Chì sibh mòran seòrsachan uachdaran rèoite ann. Chì sibh feadhinn na blasan a tha cumannta san Alba mar an fhaoineag agus na measan. Ach dheibh sibh lorg air a tha na blasan Iapanach air a chleachdadh mar thì uaine, fhùdar an t-sòighea agus phònairean milsichte.

Uachdar rèoite nan pònairean milsichte
'S toigh leam seo!

Uachdar rèoite na tì uaine
Tha blas math na tì uaine ann!

Uachdar rèoite le brat de fhùdar an t-sòighea
Tha tràbhag-shiùcair sa mheadhan.

Tha na reòiteagan-uisge a' còrdadh ri mòran daoine cuideachd.


Na reòiteagan-uisge


2013-07-10

Masao Yoshio, Seann-Mhanaidsear an Ionaid Niuclasach Fukushima a' Bàsachadh

Air an 9mh latha den Iuchar ann an Ospadal ann an Tòceo, bhàsaich Masao Yoshida, seann-mhanaidsear an Ionaid Niuclasach Fukushima. Bha aillse an t-slugain air agus bha e a' gabhail an leigheais san ospadal sin.

Masao Yoshida

'S e am manaidsear a bh' ann nuar a fhuraing Roinn Tohoku a' crith-thalbhainn agus an tsunami air an 11mh latha an Mhàrt. Thathar ag ràdh gun robh e a' toirt nan òrduighean cearta a chur stad air na readhactaran a bha às an smachd.

Tha mòran daoine a' toirt na aire air ach thathar ag ràdh gun robh e a' faireachdainn gun robh uallach air airson milleadh an ionaid agus aodionachd na rèididheachd.

Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/feature/20110311/news/20130709k0000e040207000c.html

2013-07-09

1,183 Daoine air a Chur do na Ospatail leis Bheum-Grèine

Air an 7mh latha an Iuchar an dèidh a chaidh tìde an uisge air falbh, bha an tìde ghrianach ann an mòran sgìrean, chaidh i suas thairis air 35 puingean Celcius. Rinneadh gach clàr ùr na bliadhna de 37.0 ann an Mie Sgire, 35.4 ann an Tòceo, 36.2 ann an Ibaragi Sgire, 36.1 ann an Gifu Sgire.

An carbad-eiridinn a' cur duine air a bheil am beum-grèine

San tìde theth, 1,183 daoine air a chur do na ospadail leis bheum-grèine air an latha.

Ach chaidh an tìde a dh'atharrachadh feasgar gu h-obann san roinn mu chuairt Tòceo, thàinig am bàrc-uisge agus bhuail an dealanach trì daoine a bha fon chlaobh. Chuireadh iad dhan ospadal ach bhàsaich fear dhiubh gu mì-fhortanach.

Na poileasmain a' dèanamh an sgrùdaidh
san àite far a bhuail an dealanach na daoine

NHK:http://www3.nhk.or.jp/news/html/20130708/k10015897021000.html
Nikkei: http://www.nikkei.com/article/DGXNSSXKA0212_X00C13A7000000/

2013-07-08

Chan e inneal-cogaidh a th' anns an Soitheach Dà-bhitheach na Ionnsaigh

Air an 2mh latha den Iuchar ann an Singapore, bha Itsunori Onodera, Ministear Iapanach na Dionachd a' coinneachadh ri Jean-Yves Le Drian, Ministear Frangach na Dionachd.

Itsunori Onodera

Sa choinneachadh dh'iarr Onodera air Le Drian stad air a chur air am plana a bithear a' reic nan inealan ris Shìona gus a tha na heileacoptairan a' laighe air na soithichean agus an soitheach dà-bhitheach na ionnsaigh ris Ruis.

Jean-Yves Le Drian

Thuirt Onodera, "Bidh an teannachadh sa Mhuir Sìneach an Ear nam faigheadh na soithichean Sìonach nan iinealan. Tha mi a' cluinntinn gum bithear a' cur soitheach dà-bhitheach na ionnsaigh air an Ear Chèin agus bidh iad a' bagairt mòran dùthchannan."

Ach fhreagairt Le Drian nach e inneal-cogaidh a th' annta san Fhraing..

Mistral, an Soitheach Dà-bhitheach na Ionnsaigh

The Wall Street Journal: http://jp.wsj.com/article/JJ12620356741815434650719804260670948419989.html

2013-07-07

Tanabata

'S e fèis traidiseanta den 7mh latha den Iuchar a tha ann an Tanabata. Chan latha saor nàiseanta a th' ann ach tha an latha a' còrdadh ri mòran daoine, sònraichte ris chloinn. Air an latha bithear a' deasachdh nan biadhan traidiseanta agus a' bhambù leis na buil-maise. Canaidh sinn Tanabata-Kazari ris. Nithear gach fear beag a-staigh ach feadhainn fada nas mòtha sna àitean poblach gu tric. Bidh mòran daoine a' sgriobhadh gach guidhe air a' chairt agus ga cur air Tanabata-Kazari.

Tanabata-Kazari a-staigh

Tanabata-Kazari ann an Hiratsuka

Tha Somen, seòrsa nùdail cumanta ach bithear ag ithe nan biadhan eile còmhla.


Somen

Thathar ag ràdh gur e fèis an fhoghair san tùs a bh' ann. Bha fèis an tùis sin agus an tradisean eile à Sìona air a cho-mheasgachadh air a chèile.

Tanabata: https://en.wikipedia.org/wiki/Tanabata

2013-07-06

Riaghladair na Sgire Niigata a' Cur an Aghaidh Ath-obrachaidh an ionaid Niuclasach

Air an 5mh latha an t-Iuchar ann an oifis a' bhaile, choinnich Naomi Hirose, an stiùiriche riaghlaidh den Buidheann Dealain Tòceo ri Yoshihiko Izumida, righaladair na sgire Niigata a bhruidhinn mu dheinn ath-obrachaidh an ionaid niuclasach, Kashiwazaki-Kariwa san sgire.

Yoshihiro Izumida (clì) agus Naomi Hirose (deas)

Bha dùil aig a' bhuidheann a nochdadh an iarrtais dhan riaghaltas gu ath-obrachadh an ionaid niuclasach sin ach chuir Izumida an aghaidh. Agus nochd Hirose nach bhi iad a' nochdadh an iarrtais sin an dràsta.

An dèidh a' choinneachaidh, thuirt Hirose, "Bu toigh leam a choinneachadh ris a-rithst (gus fhuasglan)."

Chan eil ach Ionad Niuclasach Òi fon obrachadh a-nis ach tha mòran de na buidhnean dealain airson nan ionaid niuclasach ath-obrachadh ged a tha iomadh duine a' cur an aghaidh.

pàipear-naidheachd Asahi: http://www.asahi.com/business/update/0705/TKY201307050434.html

2013-07-05

Toyota air Corr is 3 Millean Prius, a' Chàr Thar-chinealach a Reic

Tha Toyota air a nochdadh gun deach corr is 3 millean Prius, a' chàr thar-chinealach a reic fada an t-saoghail. Tha e 15 bliadhna gu leth bhon a thòisich am buidheann air a reic.

'S e càr thar-chinealach a th' innte agus bidh i a' siubhal fada 38km/litre. Tha am buidheann a' cumail 1,261 peutantan a dhèanamh na càr.

Prius

Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/atmoney/news/20130703-OYT1T01028.htm?from=ylist
Prius: http://en.wikipedia.org/wiki/Toyota_Prius

2013-07-04

Tha a' Ghaoth air Èirigh: Film Ùr le Hayao Miyazaki

Bhon 20mh latha den Iuchar, bidh "Tha a' Ghaoth air Èirigh", film ùr deisei le Hayao Miyazaki agus Ghibli agus air sna taighean-deilbh ann an Iapan.

'S e neach-cruthachaidh a' dhealbha-bèo a th' ann an Miyazaki. Fhuair "Spirited Away", am film leis Best Animated Feature ann an 75mh Academy Awards agus tha e anabarrach ainmeil fad an t-saoghail.

Am postair

Seo sgeulachg a' ghaoil eadar Jiro Horikoshi a bha air Zero Plèan-chogaidh a eagrachadh agus am boireannach èitigeach. 'S e an t-sgeulachd le Tatsuo Hori a bh' anns an tùs. An toiseach rinn Miyazaki fhèin freagarrach bhon sgeulachd sin a dhèanamh a' phàipear-éibhinn. Nochd e am pàipear-éibhinn air an irisleabhar. Cha robh dùil aige am film a dhèanamh a nuair sin. Ach dh'iarr Toshio Suzuki, an neach-dèanaidh de Dhibli air Miyazaki sin agus thòisich iad air am film a dhèanamh.

Am pàipear-éibhinn

Thathar ag ràdh gu bheil am film a' nochdadh inntinn a' chomhachaidh air Miyazaki le is toigh na plèanaichean-cogaidh agus na longan-chogaidh ach air is beag an cogadh.


Tha a' Ghaoth air Èirigh: http://kazetachinu.jp/
Tha a' Ghaoth air Èirigh ann an Wiki: http://en.wikipedia.org/wiki/Kaze_Tachinu
Hayao Miyazaki: http://en.wikipedia.org/wiki/Hayao_Miyazaki
Jiro Horikoshi: http://en.wikipedia.org/wiki/Jiro_Horikoshi
Toshio Suzuki: http://en.wikipedia.org/wiki/Toshio_Suzuki_(producer)
Tatsuo Hori: http://en.wikipedia.org/wiki/Tatsuo_Hori

Zero Plèan-chogaidh

2013-07-03

Quarter Pounder Jewelry bho MhcDonald Iapan

Reicidh McDonald Iapan trì seòrsa ceapairean sònraichte air an sreath ris a thathar a' cantainn Quarter Pounder Jewelry. 'S e Gold Ring; anann is hama, Black Diamond; sùgh truffle is balgan-buachaill, Ruby Spark; Chorizo is abhocado a th' annta. Agus chan eil gach fear ri fhaighinn ach air an latha sònraichte.

Bidh Gold Ring air an 6mh, Black Diamond air 13mh, Ruby Spark air an 20mh latha den Iuchar agus gach fear aig 1,000 yen!


Eiko Harada, Stiùiriche riaghlaidh de MhcDonald Iapan agus
trì ceapairean sònraichte

Gold Ring agus a bhogsa sònraichte

Quarter Pounder Jewelry: http://www.mcdonalds.co.jp/campaign/qlb/jewelry/index.html
Barrachd dealbhan: http://rocketnews24.com/2013/07/03/346453/

2013-07-02

Taisbeanadh "Fìr Dàicheil anns an Linn Edo" ann an Taigh-tasgaidh Ohta Kinen

Bhon 8mh latha den Iuchar don 25mh den Lùnasdal thathar a' cumail Taisbeanaidh "Fìr Dàicheil anns an Linn Edo" ann an Taigh-tasgaidh Ohta Kinen.

Tha Ukiyoe ainmeil fad an t-saoghail mar chlòidhean-fiodha nan boireannaich bhrèagha a bha traidiseanta ann an Iapan anns an Linn Edo. Ach bha fìr dàicheil air a chlò-bhualadh air Ukiyoe gu tric. Bha Kabuki-actairean, fìr dàicheil gasda, gillean brèagha air Ukiyoe a' còrdadh ris na boireannaich san linn. Rinn an luchd-ealain ainmeil mar Hokusai, Utamaro dealbhan an tùis.

Ichikawa YaozōⅢ,  Kabuki actair mar Umeōmaru

San taisbeanach bidhear a' nochdadh atharrachaidh nan fìr a bha a' còrdadh ris na boireanaich ann an gach àm seachad air an linn.

Cìs: 700 yen (Inbheach), 500 yen (Oileanach), an asgaidh do òganach aig 15 no nas òige.

Taigh-tasgaidh Ohta Kinen: Shibuyaku Jungu-mae 1-10-10, Tokyo
Làrach-lìn: http://www.ukiyoe-ota-muse.jp/index-E.html

Ukiyoe: http://en.wikipedia.org/wiki/Ukiyo-e
Linn Edo: http://en.wikipedia.org/wiki/Edo_period

2013-07-01

Mako, bana-phrionnsa Iapanach air ais bho Dhùn Eideann

Air an 1mh lath den Iuchar, ràinig Mako, bana-phrionnsa Iapanach Port-adhair Narita. Bha i a' rannsachadh  eachdraidh na ealain ann an Oilthigh Dùn Eideann bhon Sultain an-uiridh. Bha a rannsachadh air a bhith deiseil sa Mhàigh am bliadhna agus tha i air a bhith a' tadhal air an Fhraing, an Eadailt, a' Bhatacan agus an Òlaind còmhla ri a chairdean den Oilthigh. San Òlaint choinnich i ris rìgh is a' bhan-rìgh.

Mako, bana-phrionnsa  ann an Port-adhair Narita

Pàipear-naidheachd Asahi: http://www.asahi.com/national/update/0701/TKY201307010078.html