2012-05-30

Riaghladair Tòcèo: Cha chuir mi fàilte don Mhuinntir Tòcèo

Air an 29mh lath den Mhàigh ann an "Club an Luchd-naidheachd Coigreach ann an Iapan", thug Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo òraid agus thuirt e, "Cha chuir mi fàilte don mhuinntir Tòcèo chun na Geamannan Oilimpeach." Fhreagair e mar dhan cheist, carson nach eil ach beagan uìdh aig a' mhuinntir Tòcèo.

Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo

Thuirt e cuideachd, "'S e daoine ana-caitheamh a tha na mhuinntir Tòcèo. Tha iad glè fhéineil. 'S iad daoine eadar-dhealaichte bho Iapanich eile."

Fhuair e ceist eile mar "A bheil ur pearsantachd na adhbhar?" agus fhreagar e ,"Thagh iad mi."

Chaidh Madrid agus İstanbul seachd air an sgrùdadh cuideachd ach tha an àireamh de "air a shon" fada nas àirde anns na bailtean (Madrid: 78% agus İstanbul: 73%) na Tòcèo.

Wall Street Journal: http://blogs.wsj.com/japanrealtime/2012/05/29/ishihara-unplugged-china-a-thief-america-unreliable/
Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201205300059.html

Chan eil na Geamannan Oilimpeach a dhìth oirnn!

Tha Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo deònach air na Geamannan Oilimpeach a chumail ann an Tòcèo ach tha mi a' cur an aghaidh air fad. Tha mo bheachd mar a leanas.
  • Tha Riaghaltas Iapan a' cumail easbhaidh mòr sa bhuidsead. 'S e còrr is JPY 1,200 trillean agus tha e a' fàs nas motha gu luath.
  • Fhuraing Roinn Tohoku crith-thalbhain agus tsunami ann an 2011. Tha mòran bailtean air fad millte agus chan eil an t-ath-bhuannachadh a' dol gu math. Tha iomadh airgead a dhìth air an roinn.
  • Chan eil sàbhailteachd nan ionadan niuclasach gu lèor idir. Tha Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach agus an roinn timcheall air glè rèidio-bèo agus cunnartach. Chan eil na ionadan eile dìonte gu lèor bho dhuanaich an nàdair.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bhon rèididheachd. Tha làn de rèididheachd sa cheann sìar de Thòcèo agus an rèididheachd a' fàs nas treasa air am bonn de Òb Tòcèo.
  • Chan eil dealan gu lèor ann an Iapan. Chan eil ionad niuclasach sam bith ag obair agus bidhear a' cumail gearraidh a' chumhachd ann an Òsaca. Agus iomadh Iapanach a' cur an aghaidh dealan a dhèanamh leis na ionadan niuclasach.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bho chrith-thalbhain agus tsunami. Nochd Obairlann Crith-thalmhain an  Oilthigh Tòcèo gu bheil a' choltachd sa 70% am bi crith-thalbhain nas motha na M7 ro cheann ceithir bliadhna. Cuideachd Nochd Bòrd na Speisealaich san Oifis a' Chaibineait gur eagal gum bi tsunami thar 20 meatair ann an sgìre eadar Kanto. Agus chan eil siostam an dìona an aghaidh crith-thalbhain no tsunami gu lèor.
Chan eil Iapan comas air na Geamannan Oilimpeach a chumail an dràsta. Chan eil sàbhailte gu lèor gus na geamannan a chumail. Biodh mi air a shon nam biodh Iapan sàbhailte, saor bhon rèididheachd, na bailtean millte air a thogail a-rithst, gun easbhadh sa bhuidsead agus a' cumail eaconomaidh fallain.


Tòcèo

2012-05-29

Fón-làimhe le Cunntair-rèididheachad

Air an 28mh den Mhàgh, nochd Soft Bank Mobile Pantone 5, am fón-làimhe aig a bheil cunntair-rèididheachd. Nam putte am putan, dhèanadh e àireamh na rèididheachd san adhar ann an dà mhionad agus nochdadh e i air a' mhapa air an fhoillseachadh.

'S e a' chiad fhón-làimhe  aig a bheil cunntair-rèididheachd. An dèigh sgiorraidh an ionaid niuclasach tha iomadh duine air a bhith airson fios na rèididheachd. Thuid Masayoshi Son, stiùiriche riaghlaidh, "Tha mi an dòcas gum faigh an luchd-cleachdaidh beatha foisneach is sàbhailte leis."

Pantone 5


Uidheaman na Eiginn sna Stèiseanan fon Talamh

Air an 28mh lath den Mhàigh, nochd Biùro nan Comhdhailean Tòcèo gu bheil uidheaman na eiginn deiseil ann an gach stèiseanan trèanaichean fon talamh do na daoine dha nach b' urrain a dhol dhachaigh fo sgiorradh mhòr.

Tokyo Metro

'S iad botail uisge, plaideachan plastaig agus leabachan ìochdrach do 50,000 duine sna 101 stèiseanan.

An dèigh na crith-thalmhainn mhòr ann an 2011, cha robh dòigh sam bith aig iomadh duine gus a dhol dachaigh agus bha iad a' fuireach ri linn oidhche sna stèiseanan trèanaichean fon talamh.

2012-05-28

Luchd-siubhail Ainneartach air na Trèanaichean

Thug Comann an Rathaid-iarainn Prìbheideach cunntas agus an are gun do thachair 229 spàirnean sna trèanaichean agus stèiseanan ann an 2011. Tha an cunntas a' nochdadh mar a leanas.
  • Bha 70% de na luchd-ionnsaigh air an daorach.
  • Thachair mu 50% de na spàirnean an dèigh dèich uairean feasgair.
  • Bha 20%  de na luchd-ionnsaigh 40an a dh'aois, 19% 60an agus 17% 50an.
  • Mar na adhbharan, bha 28% sa "Gun adjbhar soilleir" agus 14% sa "Thugadh comhairle an aghaidh gnìomha trioblaideach".

San stèisean treanaichean

2012-05-26

Riaghladair Tòcèo: 'S e a' Mhuinntir de Thòcèo gun Truas

Chaidh Tòcèo seachad air a' chiad sgrùdadh aisron nan Geamannan Oilimpeach 2020 leis IOC (Comataidh Oilimpeach Eadar-Nàiseanta) ach tha Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo mì-thoilichte a chionn 's nach eil ach 47% den mhuinntir Tòcèo air a shon Geamannan Oilimpeach a chumail. Agus thuirt e "'S e a' mhuinntir de Thòcèo gun truas" air an 15mh lath den Mhàigh.

Thuirt e cuideachd, "Tha Iapanaich ann an geall do chridhe air a bhith a' faighinn sonas beag pearsanta. Tha iad nan aiteam neo-shusbainteach."

Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo

Chaidh Madrid agus İstanbul seachd air an sgrùdadh cuideachd ach tha an àireamh de "air a shon" fada nas àirde anns na bailtean (Madrid: 78% agus İstanbul: 73%) na Tòcèo.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/politics/news/20120526-OYT1T00064.htm

2012-05-24

A Bheil Iapanaich Sona?

Air an 23as lath den Mhàigh, thug OECD (Buidheann airson Co-oibreachadh is Leasachadh Eaconomach) "Clàraich na Beatha nas Motha", cunntas mu dheidhinn sonas aig muinntir ann an 36 dùthchannan a tha a' buntainn don bhuidheann. Tha Iapan aig an 21mh ìre anns an 36  dùthchannan.


Tha "Sàbhailteachd" (1mh) agus "Foghlam" (2ra) san ìre mhath ann an Iapan ach, air an taobh eile, tha "Co-chothrom de Obair is Beatha" (34mh) agus "Sonas na Beatha" (27mh) sa ìre dhona. Tha an cunntas a' nochdadh gu bheil iomadh duine ag obair fada còrr is 50 uair gach seachdainn agus nach eil ach tìte goirid ann airson spors, cadal ach ithe ann an Iapan.

Gu lèir, tha Astràilia san 1mh ìre, Nirribhidh san 2ra ìre agus SUA san 3as ìre.

OECD: http://www.oecdbetterlifeindex.org/
Sankei News: http://sankei.jp.msn.com/life/news/120523/trd12052312150012-n1.htm

2012-05-22

An Tùr as Àirde air a Fhosgladh gu Buileach

Air an 22na lath den Mhàigh, tha Tòcèo Sky Tree, an tùr as àirde san t-saoghal air a fhosgladh gu buileach. Thug Ayumu Nakazawa an t-ainm air agus dh'fhiathaicheadh ise agus Kenta Nakazawa, a mac mar aoighean sònraichte an lath seo. Thàinig iad dhan làr-seallaidh a bha 350 meatair a dh'àirde agus bha an sealladh a' còrtadh riutha ged a bha an t-uisge aca.

Ayumu agus Kenta Nakazawa

Chuir Michiaki Suzuki, Stiùiriche Riaghlaidh fàilte orra. Ghluaiseadh i agus thuirt i "Mìorbhaileach!"


Sorakara, Kenta agus Ayumi Nakazawa, Michiaki Suzuki, Stiùiriche Riaghlaidh agus Sdaharu Ou, aoigh sònraichte (Bho chli do dheas)

Riaghaltas Iapan a' cur air falbh 12 longan-tòireachd do Philippines?

Air an 18mh lath den Mhàigh, tha Yazuhou Zhoukan, pàipeair-naidheachd ann an Hong Kong air a nochdadh gun tuirt neach-rèite an tosgaire Iapanach gum bhitheadh Riaghaltas Iapan a' cur air falbh 12 longan-tòireachd do Philippines gu ceann na bliadhna agus gun robh plana aig an riaghaltas long-tòireachd do Bhiet-nam agus Malàisia cuideachd.

longan-tòireachd Iapanach

Tha am pàipear ag ràdh gun do thòisich Riaghaltas Iapan air taic a chur ri dìon na mara aig Philippines a chionn 's gu bheil e airson an adhartachadh Sìonach a bhacadh timcheall air roinn na mara air a tha Eilean Senkaku.

Tha am pàipear ag ràdh cuideachd gu bheil càirdeas math eadar Iapan agus Philippines agus Iapan sa chustamair as motha do Philippines. Air a' thaobh eile, tha càirdeas eadar Sìona agus Philippines cho dona o chionn goirid 's a tha eagar a tachairidh sabaid armailteach eatrra.

Toa Nippou: http://japanese.donga.com/srv/service.php3?biid=2012051905588

2012-05-21

Dubhadh Iomlan na Gréine

Chunnacas dubhadh Iomlan na Grèine ann an Iapan. Ghabh mi mòran dealbhan ach bha i ro shoilleir. B' urrain dhomh dealbhan a ghabail dìreach nuar a bha i neulach gu lèor. Tha aon dhiubh mar a leanas.

Dubhadh na Gréine aig 7u:24m:55d air 22na lath den Mhàigh ann an Tòcèo

2012-05-19

H2A Rocaid air a Chuir A-mach

Aig 01:39 air an 18mh den Mhàigh, tha Buigheann Taisgealadh Fànas-adhair Iapan (JAXA) air H2A Rocaid a chur a-mach à Steisean Sealltainn Fànais Uchinoura.

Steisean Sealltainn Fànais Uchinoura

Bha Arirang 3 (COMPSAT-3), Sizuku (GCOM-W1), SDS-4 agus Horyu air agus tha na ceitheir dreagairean air a chur a-mach air gach cuairt phlanaichte.

Tha camara-fradhairc mion air Ariran 3 le KARI (Institiùd Rannsachaidh Fànas-adhair Coirèa) agus bidhthear ga chleachdadh airson dealbhan a' ghrunnd a ghabhail.

Bidh Sizuku le JAXA a' rannsachadh meud an uisge agus teodhachd na mara. Bidh SDS-4 le JAXA a' dèanamh sgrùdadh air grunn inneil agus Horyu a' dèanamh sgrùdadh air a' ghineadair de 300V.

'S e an 21mh H2A rogaid, chaill JAXA an 6mh tè a chur a-mach ach tha iad air a bhith a' sior bhuannachadh 15 rocgaidean a chur a-mach. Bidh H2A a' cur mu 3.5 tunna dhan fhànas.

2012-05-18

Pentagon: Faodaidh SUA Mecca agus Medina a mhilleadh leis an dòigh ann an Hiroshima no Dresden

Air an 10mh lath den Mhàigh ann an Pentagon, tha Ceann-armailt Martin E. Dempsey air a nochdadh gu bheil na oifigich air a bhith a' teagasg ann an cùrsa an sgoil-shaighdearachd air còrr is deich bliadhna gu bheil nàmhaid Aimeireaganach na dh'Ioslam ann am bitheantas, chan eil dìreach dha na ceannaircich. Agus tha iad air a bhith a' moladh gum faod an dùthaich gu deireannach bailtean Ioslamach naomh mar Mecca agus Medina a mhilleadh gun mheas do bhàs a' mhuinntir mar a leanas eisimpleir an Dàra Chogadh Mòr den ionnsaigh niuclasach ann an Hiroshima no den bhomeadh-teine co-cheangailte ann an Dresden.

Tha Pentagon air a dhearbhadh nach eil am beachd math, air stàd a chur air a' chùrsa agus a' atharrachadh a' churraicealaim.

Ceann-armailt Martin E. Dempsey ann an Pentagon

Iompaire is Ban-Iompaire a' ruigsinn Lunnain

Feasgar air an 16mh lath den Mhàigh ràining Iompaire is Ban-Iompaire Pòrt-adhail London Heathrow. Chuir oifigich an riaghltais dhaibh fàilte. Dh'fhalbh iad dhan taigh-òsta as dèigh.

Tha e còig bliadhna o chionn an tadhail mu dheireadh air Breatann ann an 2007.

Ghabh Iompaire an t-opairèisean air a chridhe san Ghearran ach tha e gu math agus bha e a' dèanamh fiughair ris an ruigsinn air an ìtelan air an rathad.

2012-05-16

Iompaire is Ban-iompaire a' falbh do Bhreatann

Air an 16mh lath den Mhàigh, dh'fhalbh Iompaire is Ban-iompaire do Bhreatann. Bidh iad a' cur faire air an deas-ghnàth airson an 60mh cuirm bhliadhnail de a meudachadh air na rìgh-chathairichean.


Bidh iad a' cur faire air dìnner na Ban-rìgh ann an Caisteal Windsor sa mheadhan-là agus dìnner a' phrionnsa Teàrlach ann an àrd an fheasgair air an 18mh lath.

Bidh iad a' coinnicheadh ri sgioba an t-saoraidh a bha ag obair ann an Sgìre Tohoku a fhuraing a' chrith-thalbhain agus an tsunami agus na daoine eile a thug taic don sgìre.


Iompaire is Ban-iompaire ann Pòrt-adhair Haneda


Chugoku News: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201205160151.html

Lady Gaga ann an Tòcèo Sky Tree

Ann an àrd an fheasgar air an 15mh lath den Mhàigh, thadhial Lady Gaga air Tòcèo Sky Tree san aodach bhoillsgeach agus bha sealladh breagha a' phrìomh-bhaile a' còrtadh rithe. Chan eil an tùr fòsgailte ach do na meadhanan agus chuireadh air dòigh comhrom a tadhail gu sònraichte. Bidh an tùr fòsgailte bhon 22na lath den Mhàrt.

Lady Gaga air làr an t-sheallaidh aig 350 meatair a dh'àirde.

Thàinig i do dh'Iapan air 8mh lath den Mhàrt. Bha cuirmeannan-ciùil aice air 10mh, 12na is 13as agus bha iad a' còrdadh ri 105 mìle duine. Thadhail i air Tòcèo Disneyland is Roppongi, chòrt biadh Iapanach agus bha i a' ceannach ann an Harajuku air làithean saora.

Falbhaidh i Taiwan air 16mh.

Lady Gaga air làr an t-sheallaidh aig 350 meatair a dh'àirde.

2012-05-15

Ibhich Ùra gun Obair a' Fèin-Mharbhadh

Falbhaidh mòran ibhich oilthigh no colaisdean ach chan fhaigheadh cuid dhiubh obair. Tha Roinn Poileais Prìomh-bhailteach a' nochdadh gun do mharbh 150 bhich ùra gun obair iadsan ann an 2011 agus tha an àireamh 2.5 uair nas mòtha na nì ann an 2007. Thathar ag ràdh gu bheil gainne obrach 'na aon de na adhbharan mòra.

Ionad-cosnaidh

Tha Roinn Poileais Prìomh-bhailteac air a bhith a' rannsachadh adhbharan mionaideach an fhèin-mharbhadh bho 2006 nuair a nochd an riaghaltas Achd Bhunaiteach air Grabadh Fèin-Mharbhadh.


2012-05-14

Paul Watson air a chur an greim

Air an 14mh lath den Màigh, nochd Spiegel, naidheachd Gearmailteach gun do chuireadh Paul Watson an greim ann an Pòrt-adhair Frankfurt. 'S e ceann-suidhe de Sea Shepherd a tha a' cur an aghaidh seilge na muice-mara.

Bha Maor Cladaich Tòcèo air a bhith ga lorg gu eadar-nàiseanta bhon Ghiblean 2010 a chionn 's gun robh e air gnothach cunnartach a ghabhal ri seilge Iapanach na muice-mara.

Paul Watson, ceann-suidhe de Sea Shepherd

Sea Shapherd: http://www.seashepherd.org/

2012-05-08

Tinneas na Dighe Bras ann an Oilthigh

Mu 7:45 san fheasgar air an 8mh lath den Mhàigh, chaidh fios a chur do dh'ionad a' charbaid-eiridinn gun robh oileanach cho tinn nach b' urrain dha a choiseachd ann an Oilthigh Otaru na Malairt, Hokkaido. Nochd am poileas ionadail agus ionad a' charabaid-eiridinn gun robh e fon daorach agus bha e a' gabhail leigheais anns an ICU (Aonad Dlùth-Aire).

An dèidh sin bhathar a' sìor chur fios do dh'ionad a' charbaid-eiridinn anns an oilthigh agus chuireadh ochd oileanaich dhan ospadal.

Oilthigh Otaru na Malairt

Nochd ionad a' charbaid-eiridinn agus an t-oilthigh gun robh mu 60 oileanaich de chlub a' bhuill-coise Aimeireaganach a' cumail pàrtaidh fon na craobhanan fo bhlàth san oilthigh, gun do dh'òl beagan dhiubh cus agus gum b' e ceitheir fìr agus còig boireannaich dhiubh a chuireadh dhan ospadal.

2012-05-07

Buidsidh a' bruidhinn a Sheòlaidh


Air an 2na lath den Mhàigh, thàinig buidsidh air ais dhan sealbhadair an dèidh trì làithean. Chaidh e às sa mhadainn air an 29mh lath den Ghiblean. Rug neach-obrach den taigh-òsda e agus bha poileas ga chumail san eunadan. Ach thòisich e air a sheòladh a bhruidhinn gu h-obann agus chuir am poileas fios dhan sealbhadair.

'S e Pico agus bha an sealbhadair ag ionnsachadh dha a sheòladh agus àireamh fòn daonnan.

Tha an sealbhadair ag ràdh gun deach e às nuair a chuir i an t-eunadan dhan bharraid a chionn 's gun robh doras a' bharaid fosgailte.

Pico agus a shealbhadair. Tha i ag ràdh gun robh i ga dh'ionndrainn.



Tornado ann an Ibaragi agus Tochigi

Mu 0:45 san fheasgar air an 6mh den Mhàigh, thachair tornade ann an Cathair Tsukuba, Siorramachd Ibaraki agus Cathair Moka, Siorramachd Tochigi. Chaidh mu 300 togalach a mhilleadh, tha còrr is 40 duine leònta, chaidh dìthis dhiubh a chur do dh'ospaaal agus bhàsich aon dhiubh fon taigh mhillte.

0:45 san fheasgar air an 6mh ann an Tsukuba

2:58 san fheasgar air an 6mh ann an Houjou, Cathair Tsukuba

Stèidhich Cathair Tsukuba an oifis èiginn agus dh'iarraidh i air Feachd Fèin-Dhìonachd taic èiginn.

Rinn an tornade gearradh dealain agus bha mu 19,000 taigh gun dealan ann an  Ibaragi agus Tochigi.