2012-07-13

Uisge-beatha bho Suntory don 50mh Bliadhna de Stones

Nochd Suntory, buidheann Iapanach dhibhe gum bi iad a' reic 150 botail uisge-beatha sònraichte don 50 mh bliadhna de Rolling Stones aig JPY 500,000 bhon 30mh lath den Damhair. Tha an t-uisge-beatha air a dèanamh á uisge-beatha de na bliadhna a tha a' buntainn do Rolling Stones mar a leanas.

Yamazaki 1962 nuair a tha Rolling Stones air a stéidheachash.
Yamazaki 1971 nuair a thòisich Rolling Stones seula na teangaidh a chleachdadh.
Hakushu 1990 nuair a thàinig Rolling Stones sa chiad àm do Iapan.

Stones Bar

Rolling Stones: http://www.rollingstones.com/
Suntory: http://www.suntory.co.jp/stonesbar/limited/index.html
Asahi News: http://www.asahi.com/showbiz/music/OSK201207120213.html

Tuir Mhòr agus Maoime-slèibhe ann an Sgìre Kumamoto agus Oita

Sa mhadainn air an 12a latha den Iuchar, bha an t-uisge mòr ann an Sgìre Kumamoto agus Oita. Fhuraing na sgìrean tuir mhòr agus maoime-slèibhne agus bhàsich 16 daoine agus tha 10 daoine air chall. Ràinig meud an uisge na chòrr is 100mm a dh'àird agua nochd Buidheann-ghnìomha na Sìde gur e an clàr nas miosa sba sgìrean a th' ann. Thathar ag ràdh gum bi i glè fhrasach air an 13mh latha cuideachd agus tha Buidheann-ghnìomha na Sìde a' sìor toirt rabhadh do na còmhnaichean.

Baile fo thuil ann an Sgìre Kumamoto


Bhideo

2012-07-12

Poileas Shiga a' rannsachadh bùird an fhoghlaim agus an sgoile

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, àrd an fheasgair air an 11mh latha den Iuchar, chuir Poileas Shiga gach mu deichnear luchd-sgrùdaidh air falbh do bhòrd an fhoghlaim agus an sgoil airson a' chùis a rannsachadh. Tha seo glè neo-àbhaisteach.

San sgoil

Sa bhòrd an fhoghlaim

Bha iad a' cruinnicheadh nan fianais agus a' cumail agallaimh leis na tidsearan agus bùil de bhòrd an fhoghlaim. Tha dùil aca agallaimh a chumail leis na sgoilearan as dèidh. Bidh iad a' dearbhadh gun tug no nach tug na sgoilearan dhan sgoilear na maoidheaidh.

Thuirt Akio Mitsushige, Stiùireadair na Sàbhailteachd de Phoileas Shiga, "Carson nach do chuireadh bacadh air an fhèin-mharbhadh? Bu chòir dhuinn na adhbharan fhaighinn a-mach gu dearbh. Bidh sin a' cur bacaidh air sgiorraidh ionnan.."

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/poileas-shiga-rannsachadh-fhein.html
Bàs de aon Shgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/as-de-aon-shgoilear.html
Ojiyama Chugakkou: http://www.otsu.ed.jp/ouji/

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012071190232157.html

Bhideo

2012-07-11

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, nochd Poileas na Cathair Shiga gu bheil iad a' toiseachadh air an cùis a rannsachadh. Tha iad ag ràdh gu bheil comasachd dheth ann gu bheil cuid de na maoidheaidh cionntach. Tha am poileas ag eagrachadh sgioba de fhichead luchd-sgrùdaidh dhan chùis.

Air do na parantan aig an sgoilear a chluinntinn, chuir romhpa casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan sa phoileas a-rithst.

Air an 10mh latha, nochd bòrd an fhoghlaim na meadhanan gu bheil iad air a dhearbhadh gun do fhulaing sn sgoilear maoidheaidh. Ach nuair a chur aon den luchd-naidheachd ceist, "An do mharbh na maoidheaidh e?", fhureagairt bòrd an fhoghlaim, "Chan eil fhios againn."

Àrd an fheasgar air an 10mh latha, nochd Namomi Koshi, Bana-àrd-bhàillidh de Otsu do na meadhanan chan eil an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil urrasach idir agus gu bheil i cinnteach gun do mharbh na maoidheaidh e. Tha i ag ràdh gum bi i ag eagrachadh sgioba de buill gun oifigeach agus gum bi i a' leigeil leis na maoidheaidh a rannsachadh.

2012-07-10

Bàs de aon Shgoilear

San Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, leum sgoilear (13 a dh'aois) a-mach à togalach àrd dhan ùrlar agus bhàsaich e. B' e fèin-mharbhadh. Chagaireadh maoidheadh bho na sgoilearan eile agus rannsaich an sgoil leis a h-uile sgoilearan. Nochd bòrd an fhoghlaim nach robh maoidheadh dhan sgoilear ach...

An togalach àrd

Chunnacas iomadh maoidheadh air an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil. Bha mòran sgoilearan a' faicinn nan maoidhidh agus eòlach air gun robhar a' leigeil leis rùisgte agus a' togail a dhealbhain, ga bhuaileadh agus ga bhreabhadh, a' gabhail a airgead, a' mùnadh air a aodach agus a' droch-dhìoladh dha, a' moladh dha fèin-mharbhadh, gun robh na tidsearan eòlach air na maoidheaidh, gun robh an sgoilear ag iarraidh air na tidsearan ga chuideachadh agus nach do chuidich na tidsearan e. Ach tha an sgoil ag ràdh nach eil fianais gu lèor a nochdadh gun do thachair na maoidhidh gu dearbh.

Cha d' chum na tidsearan agallamh ris na sgoilearan a rinn na maoidhidh. Thuirt na tidsearan gu bheil na còirean a' chinne-daonna aig na sgoilearan agus nach faod iad agallamh a chumail gun fhianais gu lèor.

Chaidh a phàrantan dhan phoileas gus casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan ach dhiùlt am poileas ga gabhail trì uairean. Thuirt am poileas don luchd-naidheachd nach eil adhbhar aca a nochdadh dhaibh.

Thug a phàrantan casaid shìobhalta air na sgoilearan agus a' chathar aig a bheil an sgoil. Sa chùirt thuirt bòrd an fhoghlaim do a phàrantan, "Can dhuinn cunntas air an tìm agus an àite aig an do thachair gach maoidheadh! Can dhuinn dòigh mhath gus bacadh a chur air maoidhidh!."

Chuir na stèiseanan TV agus na pàipearan cunntas air a' chùis agus thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh a-rithst ach tha am maighstir-sgoile ag ràdh gu bheil na stèiseanan TV agus na pàipearan ag inniseadh breuge.

Thathar ag ràdh gur àbhaist do na sgoilean maoidheadh fhalach air do shgoilear fèin-mharbhadh a dhèanamh. Nam biodh an dà chuid de an sgoil agus bòrd an fhoghlaim mì-cheart, bhiodh an sgoil na ifrinn.

Mainichi News: http://mainichi.jp/english/english/newsselect/news/20120706p2a00m0na003000c.html
ABC: http://abcnews.go.com/blogs/headlines/2012/07/kids-and-laughing-teachers-bullied-suicide-teen/
Japan Times: http://www.japantimes.co.jp/text/nn20120707b8.html


Thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh ach...

2012-07-07

Cuir Stad air Ionad Niuclasach Òi!

Feasgar air an 6mh latha san Iuchar,fiu 's ged a bha an t-uisge ann, bha mu 150 mìle duine a' coinnicheadh air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair a-rithst agus a' cur an aghaidh an opairèisean ann an Ionad Niuclasach Òi a thòisich an opairèisean air an 4mh latha den Iuchar a-rithst.

Bha an riaghaltas airson bacadh a chur air an soilleireachadh agus dhuin e Stèisean na Treanaichean Beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair. Tha an riaghaltas a' sìor leigeil seachad an soilleireachadh ach is dòcha gu bheil an t-eagal mòr aige gu fìor air a' mhuinntir a tha a' cur an aghaidh air na Ionad Niuclasach.

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (1)

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (2)

Aig 8 uairean, nochd an luchd-eagrachaidh ceann an soilleireachaidh ach nach do dh'fhalbh na daoine a dh'aithghearr idir.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120706-OYT1T01167.htm


Bha na poileasmain a' cur bacadh air na daoine a bha a' dol dhan shoilleireachadh.


Bhideo

Bhideo

2012-07-04

Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi

Air an 3s latha den Iuchar chum NISA (Buidheann-gnìomha na Sàbhailteachd Niuclasach agus Gnìomhachais) coinnicheadh agus bha dùil aca lèirmheas a dhèanamh air an sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi. Ach cha do chuir Buidheann Dealain Kansai, aig a bheil an t-ionad, an cunntas agus thuirt iad nach d' fhuair iad a-mach e. Thuirt na buill de NISA gu bheil am buidheann mì-cho-chomann.


Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi (1)

Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi (2)


Tha sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi agus tha na eòlaichean air a bhith ag iarraidh air am buidheann lèirmheas a dhèanamh air. Thathar ag ràdh gum biodh an ionad air suidheachadh uamhasach cunnartach nam biodh an sgàineadh gnìomhach.


Tha na eòlichean ag ràdh gu bheil iad airson a dhol dhan ionad gus an sgàineadh a rannsachadh a dh'aithghearr an àite an lèirmheais.


OurPlanet TV: http://www.ourplanet-tv.org/?q=node/1390
NISA: http://www.nisa.meti.go.jp/english/index.html

Bhideo

2012-07-03

Geamannan aig Suntory

Bha mi a' sealltainn na làraich-lìn aig Suntory, buidheann Iapanach na dibhe. Cha dùil agam geamannan a chluich ach tha iad glè shunndach. Agus tha mi gan toirt a-steach.

Good Start Flight: Leig leis itealan a dhol seachad air na fàinneachan. Doirbh!
Hunt: Tilg ball agus cruinnich rudan na targaid. Gu math sunndach.
 Relax: Geama clasaigeach. Feuch!
Tha Geamannan matha eil san làraich-lìn.

Geamannan Suntory: http://www.suntory.co.jp/enjoy/omake/game.html

M5.4 Chrith-thalbhainn ann an Bàgh Tòcèo

Mu 11:31 air an 3s latha den Iuchar, thachair crith-thalmhainn aig M5.4 ann an Bàgh Tòcèo. Chuir JR Tokai stad air opairèisean de thrèanaichen a' pheileair eadar Tòcèo agus Shinfuji.

Bha Chiba, Kanagawa agus Shizuoka aig an 4mh ìre agus Tòcèo, Yamanashi, Saitama agus Ibaraki aig an 3s ìre.

Cha robh tsunami ann.

Japan Meterological Office: http://www.jma.go.jp/en/quake/

Leughadair Leabhar-dealain Ùr aig JPY 7,980

Air an 2a latha den Iuchar nochd Rakuten, aon de na bùthan Iapanach as motha gum bi Kobo Touch, leughadair leabhar-dealain ri fhaighinn aig JPY 7,980 air Rakuten bhon 19th lath den Iuchar. Tha mu 2 GB cuimhe air Kobo Touch agus bidh e a' cumail mu 1,000 leabhar. Tha e dìreach 185 g air cudrom. Bidh ceangail aige ri Kobo Bùth Leabhair le WiFi agus tha còrr is 2,400 mìle leabhar dealain rim faighinn agus tha 30,000 dhiubh san Iapanais.

Tha e comasach air faidhle PDF a fhosgladh agus bidh sinn a' leughadh iomadh leabhar air eadar-lìon an asgaidh.
Kodo Touch

Tha Kodo na bhidheann ann an Canada. Tha mu 9 mìle duine a' cleachdadh Kodo Touch ann an 190 dùthchannan.

Rakuten: http://kobo.rakuten.co.jp/
It Media: http://www.itmedia.co.jp/news/articles/1207/02/news136.html

2012-07-02

Ionad Niuclasach Òi ag obair a-rithst

Ard an fheasgair air an 1mh latha den Iuchar, nuair a tha iomadh duine a' cur an aghaiadh, tha Buidheann Dealain Kanasai air an obrachadh den 3s readhactar a thòiseachadh ann an Ionad Niuclasach Òi a-rithst. Tha dùil aig an buidheann a' chiad dhealan a chur a-mach air a' chliath air an 4mh latha. Bidh an readhactar ag obair aig a' chumhachd as àirde air an 8mh latha.

Ann an Ionad Niuclasach Òi