2014-09-20

Bana-phrionnsa Mako do Shasainn

Air 17mh latha den t-Sultainn, tha Bana-phrionnsa Mako air falbh do Shasainn gus museology a rannsachadh sa chùrsa iar-cheumnach ann an Oilthigh Leicester. Tha dùil aice ire a' mhaighstir fhaighnn.

Bana-phrionnsa Mako

Tha Buidheann-ghnìomha Taigheadais ìmpireil a' nochdadh gum bi i a' rannsachadh fad bliadhna ach bidh i a' dol air ais dhachaigh ann an ceann na bliadhna frithealadh na tachartais rìoghail.

Sankei Online: http://sankei.jp.msn.com/life/news/140920/imp14092007000001-n1.htm
Bana-phrionnsa Mako: http://en.wikipedia.org/wiki/Princess_Mako_of_Akishino

2014-09-19

Naidheachd mu dheidhinn neo-eisimeileachd na h-Alba ann an iapan

Tha latha a' chunntas-bheachd mu dheidhinn neo-eisimeileachd na h-Alba an diudh agus tha iomadh naidheachd mu a dheidhinn air adhar mar leanas. Seall.

News BS Fuji 

FNN

FNN

KTV

JNN

ANN NEWS

KTV

2014-09-17

Okinawa a' tadhal air Alba gus ionnsachadh mar a thathar a' faighinn a Saorsa

Tha buidheann bho Okinawa a' tadhal air Alba an dràsta. Tha iad an dòchas gum bi Okinawa a' faighinn saorsa. Is aon de na sgìrean Iapanach a tha ann an Okinawa a-nis ach tha cànan eile agus dualchas eile aig muinntir an àite agus 's e rìoghachd eile a bha ann an Okinawa gu 1609. Tha mòran dhiubh ag iarridh saorsa bho Iapan an diugh ged a tha an t-saorsa a' coimhead doirb. Tha mòran campaichean Ameireacanach armailteach air Okinawa agus tha mòran trioblaidean air a bhith a' sìor thachairt. Agus tha muinntir an àite a' smaoinntinn gu bheil an riaghaltas Iapannach a' toirt cudthroim mì-reusanta do Okinawa.

Thuirt Masaki Tomochi, àrd-ollamh de Oilthigh Eadar-nàiseanta Okinawa agus ceannard na gluasachd-saorsa, "Tha còirean aig Alba gus saorsa fhaighinn. Tha còirean aig muinntir an àite gus cur dhaibh an teachdail acasan. Tha a h-uile duine ga iarraidh san t-saoghal. Tha agus ann an Okinawa."

Tha e ag ràdh gu bheil ùidh aige dè an t-ath-bhualadh an saoghal agus na roinnean eile san RA a' nochdadh.

Guardian: http://www.theguardian.com/world/2014/sep/15/okinawa-independence-scotland-japan-us-military-base
xinhua.jp: http://www.xinhua.jp/socioeconomy/photonews/395417/

2014-09-13

Tha 93% de Iapanaich a' faighinn barail chearr de Sìona

Tha the Genron NPO (NPO Iapanach) agus People's Daily (pàipear Sìonach) air beachd rannsachadih a dhèanamh agus air an cunntas a dhèanamh. Tha 93% de Iapanach ag ràdh gu bheil iad a' faighinn barail chearr de Sìona Tha an àireamh seo 2.9% nas mioa na àireamh na bliadhna an-uiridh.



Is 86.8% de Shìonich a tha a' faighinn barail chearr de Iapanaich. Tha an àireamh seo 6% nas fhearr na àireamh na bliadhna an-uiridh.

Mar adhbhar a thathar a' faighinn barail chearr de Sìona, tha 55.1% dhiubh ag ràdh gu bhei Sìona a' dèanamh gnìomhan an aghaidh nan riaghailtean eadar-nàiseanta. Mar an ath adhbhar, tha iad ag ràdh gu bheil Sìona fèin-chùiseach gus stòrais fhaighinn.

The Genron NPO: http://www.genron-npo.net/en/

2014-09-11

541 Dràibheaidh mu Chomhair air Mòr-rathad an ann 3 Bliadhna

Tha sia companaidhean a tha a' cumail nan mòr-rathaid air a nochdadh gun do thachail 541 dràibheaidh mu chomhair air na mòr-rathid ann an trì bliadhna mu dheireadh. Bha 370 dhiubh (68%) 65 bliadhna a dh'aois no nas sine, 200 dhiubh (38%) fo amharas de Alzheimer orra agus 7 dhiubh (1%) fo amharas de raoitrich orra.


http://www.yomiuri.co.jp/national/20140910-OYT1T50164.html?from=hochi

2014-09-10

Chan eil 400 Billean Yen gu leòr

Thuirt Riaghladair Tokyo Masuzoe o chionn ghoirid:

Atharrichidh sinn plana nan Geamannan Oilimpeach. Nì sinn plana ùr gu cheann na Samhna agus bidh sinn ga nochdadh do IOC sa Ghearran san ath bhliadhna. Tha 400 Billean Yen acainn gus na Geamannan Oilimpeach a chumail ach chan eil sin gu leòr idir a dhol leis chiad phlana. Tha IOC taiceil. Ach tha na caidreachais spòrsa dachaigheil fada sa cheann. Tha iad ag iarraidh nan stèideim ùr. Nuair a chuir Tokyo cuireadh air na Geamannan Oilimpeach, bha an smaoin ro neo-ghlic. Is ceart gu bheil smaoin eile againn. Nam biodh sibh ag iarraidh, tha mi an dòcas gum bi sibh a' gearan don duine a chuir an cuireadh.


Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/politics/20140909-OYT1T50064.html

2014-09-09

Iapan a' cur thairis Bàtichean-aigeinn do Astràilia?

Tha dùil aig Cabhlach Astràilia 10 bàtichean-aigeinn Iapanach a cheannaich. Thathar ag ràdh gum bi a' chosgais iomlan mu 10 billean dolair Astràiliach. Nam biodh an dèiligeadh air aontachadh, bidh a' mharsantachd na chead as-mhalairt o Iapan an dèidh an Dàrna Cogadh Mór.

Tha oifigear àrd a' Chabhlaich ag ràdh gur sùilichte gum bi an dèiligeadh air aontachadh gu ceann na bliadhna. Ach thathar ag ràdh cuideachd gum bi na bàtichean-aigeinn a' toirt oilbheum do Shìona agus gu bheil gnìomhachas na long-thogail mì-thoilichte leis an ceannach.

Thuirt Prìomhair Abbott, "Is cudthromach na bàtichean-aigeinn as fhearr le comasach àrd a cheannach aig prìs reusanta."

Clas Soryu a tha Astràailia a' ceannachadh.
Wall Street Journal: http://jp.wsj.com/news/articles/SB10001424052970204707704580141643283765392