2014-08-29

Duais Urramach Acadaimh do Hayao Miyazaki

Air an 28th latha den Lùnasdal, tha AMPAS (Academy of Motion Picture Arts and Sciences) air nochdadh gun toir an t-acadamh do Hayao Miyazaki an duais urramach comhla ri Jean-Claude Carrière is Maureen O'Hara. Bithear a' cumail na deas-ghnàith air 8mh den t-Samhain ann an Hollywood.

Hayao Miyazaki

'S e dara bhuadhaiche Iapanach na duaise a' leantail Akira Kurosawa a tha ann.

Bithear a' cur na duaise do na daoine a chuireadh rud luachmhor ri film fad beatha.

Asahi Online: http://www.asahi.com/articles/ASG8Y2FFTG8YUHBI006.html

2014-08-28

Ministreachd na Slàinte a' cur Stad air na Luis Cunnart

Air 27mh den Lùnasdal ann an Tokyo, chuir Ministreachd na Slàinte an luchd-sgrùdaidh do na bùthan a tha coltach drogaichean mi-laghail a reig mar luis. Tha an luchd-sgrùdaidh a' cur nan sampallan, a fhuair iad sna bùthan, do ionad an sgrùdadh agus bidh na bùthan dùinte gus am bi air a dhearbhadh gu bheil na luis sàbhailte is laghail.

Rim faighinn mar luis ach 'se drogaichean

Thachail mòran sgiorraidh leis na drogaichean mi-laghail o chionn ghoirid. Agus bha iomadh duine ag iarridh smachd na bu làidire.

Tha Ministreachd na Slàinte ag ràdh gum bithear a' cur an luchd-sgrùdaidh do 200 bùthan a tha coltach drogaichean mi-laghail a reig mar luis.

Sankei: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/140827/crm14082714260007-n1.htm

2014-08-27

5.36 Millean Iapanach an Inneadh Galarach air Cearrachas

Tha Ministreachd na Slàinte, a’ Chosnaidh agus na Sochair air a nochdadh gu bheil 5.36 millean Iapanach coltach an inneadh galarach air cearrachas. 'S e 4.8% de na ibhich agus 8.7% de na fir a tha san àireamh seo.

Leigeadh each a' còrdadh ri mòran Iapanaich

Tha an cunntas air a dhèante le rannsachadh 7,000 inbheach. Thug 4,153 duine freagairt do na ceistean agus fhuairadh na toraidh gu h-àrd.

Tha dùil aig Prìomhair Abe am plana a chur air adhart a dhèanamh baile-turasachd le casino ach is dòcha gum bi an cunntas seo a' buaileadh air am plana.

Asahi Online: http://www.asahi.com/articles/ASG8N4T14G8NULBJ007.html?ref=yahoo

2014-08-26

Vladimir Putin a' tighinn do Iapan mar a' Chiad Chlàr

Air an 25mh latha den Lùnasdail, mu dheidhinn a' phlana gum bi Vladimir Putin a' tadhal air Iapan as t-fhoghar, thuirt Lavrov, Rùnaire Dhùthchannan Cèin Ruiseanach, ' Tha Ceann-suidhe air an cuireadh à Iapan a ghabhail agus tha Iapan air ùine an tadhail aontachadh' agus nochd e nach eil dùil aig an Ruis am plana a dh'atharachadh. Thuirt e cuideachd, 'Chan eil sinn a' ceangail ar cairdeais ri Iapan ris na cuisean ann an Ukraine.'

Lavrov, Rùnaire Dhùthchannan Cèin Ruiseanach

Mainich Online: http://mainichi.jp/select/news/20140826k0000m030135000c.html

2014-08-25

Boma ann an Baga Pàipeir

Mu 7:20 Feasgar air an 23mh latha san Lùnasdal, thug boireannach do bhogsa a' pholais ann an Shimoyamate rud a bha a' coimhead mar bhoma cruinn-fhada ann an baga pàipeir. Tha an rud meatailteach, a' nochdadh 'Clò-sgrìobh 88' san Iapanaise, fada 35 cm, tha a thrasd-thomhas fada 7cm. Dh'iarr am poileas air Feachd an Dìona rannsachadh a dhèanamh air a' bhoma agus a gnothach a dhèanamh.


Mu 8:30 Feasgar air an latha, dh'iarr am poileas air mhuinntir an àite, a bha a' fuireach ann 100 m bho bhogsa a' pholais, am fasgadh a ghabhail agus tha an trafaig air dunadh.

Tha am boireannach air lorg fhaighinn air am bom sa bhothan.

MSN: http://sankei.jp.msn.com/west/west_affairs/news/140823/waf14082323050043-n1.htm