2012-01-31

Seabhan air Chall

Tha Roinn Poileais Prìomh-bhailteach air cunntas a thoirt air na seabhan air chall. Agus thathar a' nochdadh gun d'fhuair Ionad nan Seabhan air Chall den roinn mu 2,906 mìle seabh ann an Tòcèo ann an 2011. Tha an àireamh seo 3.4% nas motha na an uiridh agus 's e an clàr as motha a tha innte cuideachd.

Ionad nan Seabhan air Chall

Tha na seabhan a' toirt a-staigh mu 2.8 billean de airgead ullamh. Tha dà bhillean dhiubh air a thoirt air ais dha na sealbhadairean, leth bhillean air a thoirt dha na daoine a tha air a lorg fhaighinn agus 0.3 billean air a thoirt do Phrìomh-bhaill Tòcèo.

Tha na seabhan a' toirt a-staigh searbhadairean agus stocan (460 mìle), sgàilean-uisge (330 mìle), fuinne-làimhe (130 mìle) cuideachd.


2012-01-30

8.03% de Thuarasdal nan Oifigearan Nàiseanta air a thoir a-nuas

Air an 25, bha Pàrtaidh Deamocratach (Pàrtidh an Riaghaltais), Pàrtaidh Liberalach Democratach agus New Komeitou a' cumail coinneachadh agus tha iad air aontachadh gum bi 8.03% de thuarasdal nan oifigearan nàiseanta air a thoir a-nuas san Earrach seo.

Pàrtaidh Deamocratach

Tha Pàrtaidh Deamocratach airson VAT a thogadh ach tha beatha aig a' chuid as motha na muinntir Iapanach mar nach fhaod e VAT a thogadh gus an lughdaich e Àireamh nam Buill-phàrlamaid agus an tug e tuarasdal nan oifigearan nàiseanta a-nuas. Bha Pàrtaidh Deamocratach ann an èiginn airson aontachadh ri Pàrtaidh Liberalach Democratach agus New Komeitou mu dheidhinn na cùis.

Mainichi Online: http://mainichi.jp/select/seiji/news/20120125dde001010025000c.html
Pàrtaidh Deamocratach: http://www.dpj.or.jp/english/ (Beurla)
Pàrtaidh Democratach Liberalach: http://www.jimin.jp/english/ (Beurla)
New Komeito: http://www.komei.or.jp/en/ (Beurla)

Gun Clàr sna 10 Comhairlean

Air an 27, tha an riaghaltas air a nochdadh gu bheil an aire air a thoirt nach robhair a' dèanamh clàir ann an deich de na 15 co-labhairtean nàiseanta far an robh comhairle air a chur mu dheidhinn na ionad niucleasach a fhulaing Crithe-thalamhain Mhòr Sgìre Tohoku. Tha an lagha ag ràdh gun feumar a' dèanamh clàr.


Tha iad a' toirt a-staigh Prìomh-oifis Èiginn Cumhachd Niuclasach far an robh am prìomhaire a' leidigeadh agus tha na pàrtaidhean às an riaghaltas ga ailiseadh.

Bha an riaghaltas eòlach air seo sa Chèitean an uiridh ach cha robhar a' dèanamh dad an dèidh sin.

Tha am prìomhaire ag ràdh gum bithear a' dèanamh clàr leis na meòrachanan agus na agallamhan ach thathar ag ràdh nach bi clàr ceart a tha sin.

Yomiuri Online: http://jp.wsj.com/Japan/Politics/node_381933

2012-01-29

M4.7 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire a-rithst

Mu 16:46 fesgar air 29 Faoilleach, bha M4.7 crith-thalamhainn san taobh shiar de Yamanashi agus nan Sgìre nan Lochan Fiji a-rithst. Bha i mu 20km a dhoimhne. Cha do thachair call trom sam bith.



M5.5 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire: http://gaelic-japan.blogspot.com/2012/01/m55-crith-thalamhain-sa-mheadhan-na-tir.html
Buidheann-gnìomha na Sìde: http://www.jma.go.jp/en/quake/

367 poileasmain dhan gnìomh shmachdail

Tha Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta air a nochdadh gu bheil 367 poileasmain air a cheannsachadh dhan gnìomh shmachdail ann an 2011. Tha an àireamh seo a' nochdadh gum bi còrr is aon poileasman air a cheannsachadh dhan gnìomh shmachdail a h-uile lath.

Bha adhbhar smachdail am broinn an dleastanais aig 106 poileasmain agus adhbhar shmachdail a-mach às an dleastanas aig 241 poileasmain.

Tha na adhbharan smachdail mar; dochann, braide, gnothach làraich-lìn gnèitheach, ciontachadh, ceàrrachas mì-laghail, gnìomh drabasda agus eucoirean eile.

Poileasmain Iapanach

http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00216127.html

2012-01-28

M5.5 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire

Mu 7:43 sa mhadainn air 28 Faoilleach, bha M5.5 crith-thalamhainn san taobh shiar de Yamanashi agus nan Sgìre nan Lochan Fiji. Bha i mu 20km a dhoimhne. Cha do thachair call trom sam bith.

Sgìre nan Lochan Fiji

Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0128/TKY201201280117.html

Cnapan Sneachda bhon Tùr

Sa mhadainn air an 24 Faoilleach an dèidh sneachda mòr, tha na rathaid air lathadh agus thachair 2048 sgiorraidh nan càraichen agus san sgìre Kanto. Thuit mòran daoine agus fhuair 464 daoine dochann.

Bha cnapan sneachda mòra air a bhith a' tuiteam bho Tokyo Sky Tree (634 meatair), an tùr ann an Tòcèo agus bha na luchd-coimhid ag iarraidh air luchd-coiseachd a bhith a' toirt an aire.

Cnap a' tuideam bho Tokyo Sky Tree

Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120124-OYT1T00511.htm
Tokyo Sky Tree: http://www.tokyo-skytree.jp/english/ (Beurla)

Tokyo Sky Tree

2012-01-27

Poileasman Deònach air Aodaich-cnis

Air an 25, tha Shungo Yamaguchi, poileasman (Poileas Siorramachd Chiba) air a chur ann an greim. Bha e a' fuireach ann an fhlat a' pholeais. Bha e a' ciontachadh an aghaidh an ath dorais aig poileasman eile. Ach thàinig am poileasman a dhachaidh. Bhris e an uinneag a' chidsin agus fheuch e ri faighinn às. Ach bha poileasman eile air a' cheum agus bha e air ga bheilsinn.


Na flataichean Poileais


Nuair a chaidh ga bheilsinn, bha e ag ràdh gun robh e misgeach agus air an ath doras a ghabhal airson an taighe aige. Ach cha tug an deuchainn an aire alcol idir san fhuil aige.

A-nis tha e an greim agus ag ràdh gun robh e deònach air na h-aodaich-cnis aig a' bhean aig a' phoileasman san ath doras.

Judo: An Spors as Cnnartaiche

Tha Ryo Uchida, co-àrd-ollamh de Oilthigh Nagoya air cunntas a thort air sgiorraidh de Judo, ealain mhàirsealach traidiseanta Iapanach sna sgoilean.

Judo

A rèir an cunntais aige, bhàsaich 114 sgoilearan (39: àrd-sgoil na òigridh agus 75: àrd-sgoil) le sgiorraidh de Judo sna sgoilean eadar 1983 agus 2010 agus chan e ach 14 sgoilearan dhiubh a bhàsich am feadh clas.

Agus thachair 275 sgiorraidh troma eile de Judo sna sgoilean eadar 1983 agus 2009 agus fhulaing na sgoilearan an dà chuid de dhochann agus dèidh-bhuaidhe . Agus chan e ach 30% dhiubh a thachair am feadh clas.


Tha e a' nochdadh cuideachd gu bheil 2.376 sgoilearan (sa 100 mìle) air a bhith a' bàsachadh le sgiorraidh de Judo sna àrd-sgoilean na òigridh gach bliadhna eadar 2000 agus 2009 agus tha an àireamh seo fada barrachd air spòrsachan eile mar basketball (0.371), ball-coise agus baseball.

Tha a' chuid as motha de na adhbhalan nan bàsan ann an dochann a' chinn agus tha Uchida ag ràdh "Tha e glè cunnartach a bhith a' dol an caraibh a chéile gun fhèith na h-amhaich gu lèor."

Japan Judo Accident Victims Association (JJAVA): http://judojiko.net/eng/ (Beurla)
Cunntas aig Ryo Uchida: http://judojiko.net/apps/wp-content/uploads/2011/06/judo_fatal.pdf
Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120117-OYT1T00433.htm
Judo: http://en.wikipedia.org/wiki/Judo (Beurla)

2012-01-26

Carlo Cottarelli (IMF): Chan eil 10% de VAT gu lèor

Tha IMF (Maoin-Airgid-Eadar-Nàiseanta) air cunntas a thoirt agus air sgrùdadh a thoirt mar "Chan eil 10% de VAT(Cìs Luach-Leasaichte) gu lèor airson call na buidsead (Iapanach) a thoirt a-nuas." Dh'innis Carlo Cottarelli, Stiùiriche Roin-Chùisean-Fioscalach de IMF dha na meadhanan "Feumar VAT a thogadh gu 15%" ann an Iapan.

Carlo Cottarelli, Stiùiriche Roin-Chùisean-Fioscalach de IMF

Tha e air cudthrom a chur air a bheachd mar "Feumaidh Riaghaltas Iapan a bhith fada nas ionnsaidheaiche." Cha bhi an riadh an Iasaid Nàiseanta Iapanach a' dol suas a dh'aithghearr ach "Chan fhaod a bhith a' smaoineachadh gum bi seo a' cumail gum bràth."

Agus tha an cunntas ag iarraidh air Riaghaltas Iapan a bhith a' nochdadh plana soilleir airson call na buidsead a thoirt a-nuas.

Tha Riaghaltas Iapan airson VAT a thogadh bho 5% gu 8% ann an 2014 agus bho 8% gu 10% ann an 2015.

Sankei.jp: http://sankei.jp.msn.com/economy/news/120125/fnc12012509300008-n1.htm
Carlo Cottarelli: http://www.imf.org/external/np/bio/eng/ccot.htm

2012-01-25

'S Mise Jason

Mu seachd uairean àrd an fheasgar air an 13 Dihaoine Faoilleach, bha fear ga nochdadh san bòrd-malairt-oidhche na oifis de Roinn Minatokita, Yokohama. Thug e 10 bagaichen-sgoile ùra agus bha e an dòchas gum bi na clann gan cleachdadh.

Bha oifigear airson an àinmh aige. Fhuairt e "Chan eil adhbhar a bhith a' fagail m' àinm ach.... 'S mise Jason" agus chaidh e air falbh.

Tha an oifis den roinn a' toirt tàing dha. Thèid a thoirt nan bagaichean dhan chlann san taigh-altraim-cloinne.

Bha e air an 13 Dihaoine agus is coltach gun robh e a' cantainn Jason den fhilm ris fhèin..


Na bagaichean a thug Jason

Sankei.com: http://sankei.jp.msn.com/region/news/120121/kng12012119180005-n1.htm

2012-01-24

Sneachda ann an Tòcèo: Còrr is 50 daoine air a chur dha na Ospadail

Àrd an fheasgar air an 23, thàinig àile fuar a-steach dhan mheadhan an tìre mhòr agus tha 4 cm sneachda air a chur do thòcèo.

Thachair iomadh sgiorradh agus tha 53 daoine air a chur dha na ospadail. Thuit fear agus the a làmh air a bhriseadh.

Sneachda ann an Tòcèo

Tha Buidheann-gnìomha na Sìde air a nochdadh nach bi sneachda mòr air a chur tuilleadh ann an Tòcèo ach gum feum muinntir air a' Chosta an Iar a bhith cùramach airson sian.


4 cm Sneachda ann an Tòcèo

Àrd an fheasgar air an 23 Faoilleach, tha 4cm sneachda air a chur. ann an mu dà uair sa mheadhan de Thòcèo. Tha na trèanaichean air a bhith a' dol mar is àbhaist ach cha robh na càraichean a' dol ach gu slaodach a chionn 's gun robh an sneachda obann.

Càraichean air an sràit.

70%: Crith-thalmhain Mhòr am broinn 4 Bliadhna ann an Tòcèo

Air 23 Faoilleach, tha Institiùd Rannsachaidh Crith-thalbhain an Oilthighe Tòcèo air cunntas a thoirt air comas crith-thalbhain ann an Tòcèo agus tha e ag ràdh gu bheil coltachd a' chrith-thalamhain mhòr (M7 no nas troime na M7*) am broinn ceithir bliadhna 70% ann an Tòcèo.


Tha an institiùd ag ràdh, "Tha an Institiùt Nàiseanta ag ràdh an coltachd am broinn 30 bliadhna 70% ach thachair a' chrith-thalmhain san sgìre Tohoku agus tha an coltachd air a thogadh gu mòr."

M7: Tha Richter magnitude scale air a chleachdadh airson tuime a' chrith-thalmhain a nochdadh ann an Iapan. Tha M7 a' ciallachadh "Tachairidh call cudthcomach thar na àitean farsuing."

http://www.hokkaido-np.co.jp/news/topic/345415.html

2012-01-23

Swiss Army Knife mì-laghail?

Air an 9 Damhair an-uiridh, bha fear a' clanadh achaidh ann an Sendai. Tha a' chrith-thalmhain air a' bhaile a mhilladh agus cha robh ach sprùilleach air. Bha an sealbhadair eòlach air an fhir agus a' toirt dha taing.

Am fear agus an achadh

An sin thàinig poileasman dha agus chuir e dha ceist mar; "Càit a bheil thu a' toirt a' sprùilleaich?" Thuirt e gun robh e a' clanadh an achaidh agus thug an sealbhtair dha a' chead. Agus nochd e dha a bharantas a dhràibhidh.

Ach cha robh am poileasman a' dol leis. Fhosgail e a bhaga sa chàr agus fhuair e a-mach Swiss Army Knife. Thuirt e "Tha seo mì-laghail" agus bha e ga thort dhan stèisean phoilis. Agus bha an poileas a' arbhartachadh an t-seata de shgian an dèidh trì uair de cheasnachadh. Bha am poileas ag ràdh gun robh e mì-laghail a bhith a' toirt army knife nas fhaide na 8.0 cm gun adhbhar cheart. Bha a sgian 8.7 cm a dh'fhaide. Thurt am poileasman "Bha thu neo-shona. Thoir thairis." Ach bha am fear a' dol leis phoileas.


A sgian. Rim faighinn sna buthan ach mì-laghail a chumail sa bhaga.

An dèidh làithean, nochd esan agus a neach-lagha lìtir dhan phoileas airson ceistean a chur. Thug am poileas dhaibh freagairt mar gun robh e mì-laghail ach gun chiont roimh làimh, gu bheil obair cheart aige agus gun robh e cumanta nuair a bha e a' toirt an t-sgian. Agus thug e dha an seata de shgian air ais.

Tha Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta agus Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan Conaltraidh a' moladh a thoirt seòrsa de army knife a-mach nuair a biodh dunaidh mar crith-thalmhain no tsunami a' tachairit.

A bheil e teagmhach a glanadh achadh ann an Sendai a fhulaing a' chrith-thalamhain? A bheil laghail gum bi poileasman a' lorg rud sam bith sa bhaga sa chàr gun chead? A bheil mì-laghail a chumail army knife sa bhaga sa chàr ann an Sendai?

Tha am poileas ag ràdh nach eil dad aig a' phoileas fhreagairt dhan meadhnan.


Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan Conaltraidh a' moladh a thoirt seòrsa de army knife a-mach.

Itai News: http://blog.livedoor.jp/dqnplus/archives/1691334.html
Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan Conaltraidh: http://www.fdma.go.jp/html/life/sack.html
Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta: http://www.keishicho.metro.tokyo.jp/seian/jisin/fudan.htm

Bha Sneachda Againn

Bha sneachda air a chur Dihaoine agus Disatharna. Bha e trom agus flliuch agus chan eil e air fhagail idir sa bhaile ach chi sinn air sealladh na Beanntan Tanzawa breagha fo shneachd throm.



Bidh sneachd trom a' cur stad air trafaic agus rathad iarrain ach 's toigh leam e. Bidh am baile fo shneachda geal agus breagha. 'S toigh leam a choiseachd san lath an sneachda agus a shealladh gu bheil sneachda a' tuideam.

Nuair a bha mi òg, tha mo mhathair air siùcair a chraiteachan air sneachda agus thug i dhomh e. Bha e gu math blasda.


2012-01-22

Fèis Steallaidh Uisge Teth

Air an 20 Faoilleach ann an Baile Spa Kawaharayu, bhathar a' cumail Fèis Steallaidh Uisge Teth. Àrd an fheasgar nuair a bhathar a' cur sneachda,  bha fir a' bhaile sgairteil a stealladh uisge teth a chèile agus thog smùid suas.

400 bliadhna air ais, tha stad air a chur air an tobal theth sa bhaile seo. Bha daoine a' bhaile glè dhuilich, thug iad dhan dia ionadail a' chearc agus rinn iad ùrnaigh. Tòisich uisge teth a stealladh a-mach a-rithst, bha na daoine toilichte a stealladh uisge teth a chèile agus tha seo an tòiseachadh na fèise.

Thathar a' togail dama sa ghleann agus bidh am baile seo a' dol fodha ann an dà bhliadhna. Bidh na daoine a' imrich agus a' togail baile SPA ùr ann an àite eile. Tha iad ag ràdh gum bi iad a' cumail an fhèise seo sa bhaile ùr.

Fir a' stealladh uisge teth a chèile


Bhideo

2012-01-21

Poileasman Misgeach air Oileanach a Bhuaileadh

Air an 20 Faoilleach, tha Roinn Poileais Tòcèo air poileasman a chur á dreuchd airson trì mìosan. 

Àrt an fheasgar air an 10 Sultain, bha e misgeach, air oileanach a choireachadh gun adhbhar, dh'éigh e dha 'Carson a tha dà sporan agad! Èisd!" agus tha e air a aodann agus a cheann a bhuaileadh mu 20 a thuras.

'S sàirdseant san Stèisean Phoileais Ikebukuro, Tòcèo a bha ann. Tha e air leigeil dheth a dhreuchd air an 20. 

Stèisean Phoileais Ikebukuro

Call na Mise-mise-feall-ghnìomhran air a Thogadh do 10.6 Billean

Tha Bhuidheann-gnìomha Phoileais Naiseanta air cunntas a nochdadh mu dheidhinn Mise-mise-feall-ghnìomh, seòrsa feall-ghnìomh den dòigh mar leanas; a chur fòn do chailleach sam bith, a chantainn "Mise, mise!",  a leigeil air gur e a mac no mac-mic a tha ann, a mhìneachadh gu bheil e air suidheachadh chruaidh sam bith agus ann an éiginn airson airgead.

Mise-mise-feall-ghnìomhran

Tha an cunntas ag ràdh gu bheil call na Mise-mise-feall-ghnìomharan air a thogadh do chòrr is 10.6 billean yen ann an 2011.

Bha iad a' cleachdadh tar-aiseaig a' bhanca airson airgead fhaiginn uair ach chunnaicas e gu tric gun robh duine ,air a bheil leigeil gur e a charaid, a' dol dhi airson airgead fhaighinn.

Thachair 80.4% de na cùisean ann an Tokyo, Kanagawa, Saitama agus Chiba agus thathar ag ràdh gur urrain Mise-mise-feall-ghnìomharan a dhèanamh gun dhual-chainnt.

2012-01-20

Bhideo am Broinn an Readhactair

Air an 20 Faoilleach, tha Buidheann Dhealain Tòcèo air a nochdadh bhideo an broinn an readhactair niucleasach ann an Fukushima.

Tha am bhideo air a ghabhail leis chamara lèigheil san chumadh na pìoba agus tha an readhactar làn de smùid agus tha e cèothach am broinn. Thathar a' fuarachadh an smùit air a' phàirt uarach agus tha na boinneagan a' tuideam mar an t-uisge.

Tha uisge san readhactar nas ludha na an àirde air an robh a' bhuidheann a' luadhadh ach tha i ag ràdh gu bheil an readhactar air a chumail aig 44.7 puingean C agus gu bheil i fionnar gu lèor.


Pìoban san readhactar


Am pàirt uarach an readhactair

Yomiuri: http://www.yomiuri.co.jp/science/news/20120120-OYT1T00506.htm

Bhideo

Koyomi (Mìosachan)

Anns an dùthaidh seo, tha sinn a' cleachdadh a' mhìosachan Europach gu cumanta ged a tha làithean saora nàiseanta Iapanach air. Ach tha mìosachan eile ann an Iapan. 'S e "Jingukan Takashima Koyomi" agus tha e iongantach gum bi còrr is 10 millean leth-bhreac air a reic a h-uile bliadhna!

An còmhdach

Tha rath an latha airson a h-uile duine agus iomadh fiosrachadh airson deagh shealbh fhaighinn air 288 duilleagan. Tha a h-uile fiosrachadh a' buntainn do "I Ching" an dòigh à Sìona airson rath a shealladh.

Am broinn

Tha am mìosachan seo glè phoibleach. Bidh a h-uile duine a' leughadh a chuid duilleagan gu sònraichte san toiseach na bliadhna. Ach is coltach nach eil mòran daoine a' dol leis na rathan agus chan eil duine a' cur roimhe rud sam bith leis a' mhìosachan timcheall orm. Seo rud mar reuladaireachd.

Tha reuladaireachd glè phoibleach ann an Iapan cuideachd. Chithear sin air TBh agus irisean.

Jingukan: http://www.jingukan.jp/
I Ching: http://en.wikipedia.org/wiki/I_Ching

2012-01-19

Litrichean air Soitheach anns an 11-12mh Linn

Air an 17 ann an Tobhta de Saiku ann an Siorramachd Mie, tha litrichean air soitheach anns an 11-12mh linn air fhaighnn a-mach. Tha sia Hiragana, litrichean Iapanach as simplidhe oirre agus thathar ag ràdh gun do sgriobh bana-oifigeach iad oirre airson Hiragana a chleachdadh. 'S e an sgriobhadh as sine mar Hiragana air a chleachdadh.

Hiragana air an soitheach

Thathar a' leughadh "Nu Ru Wo Wa Ka"(taobh clì), "Tu Ne Na Ra"(taobh deas) agus tha seo an t-òrdugh clasaigeach airson Hiragana a chleachdadh.

Bha Saiku na aon den ionadan Ìmpireil as cudramaiche. Biodh boireannach air a thaghadh às an teaghlach Ìmpirel, biodh i a' fuireach agus ag obair mar maighdeann an sin. Chanadh Saioh rithe.

Bha iomadh soitheach air a dhèanamh airson seirbheis a' chreideaimh. Tha an t-seitheach na aon dhiubh. Tha dùil gun robh bana-oifigich òga a' cleachdadh cuid den seithichean airson litrichean a chleachdadh an dèidh seirbheis a' chreideaimh.

Tokyo News Paper: http://www.tokyo-np.co.jp/article/national/news/CK2012011802000032.html
Saiku Historical Museum: http://www.bunka.pref.mie.lg.jp/saiku/en/index.htm (Beurla)
Saiku: http://en.wikipedia.org/wiki/Saik%C5%AB (Beurla)
Hiragana: http://en.wikipedia.org/wiki/Hiragana (Beurla)

2012-01-18

213cm Sneachda air a chur ann an Shinshinotsu, Hokkaido

Air an 16 ann an Baile Shinshinotsu, Siorramachd Hokkaido, tha 213cm sneachda air a chur. Ann an Cathair Iwamizawa san ath dhoras do Shinshinotsu, tha 194cm sneachda air a chur.

Chuir an sneachda cluaidh seo stad air trafaic a' bhaile agus tha Feachd Fèin-Dhìonachd Iapanach air 16 làraidhean a chur do Shinshinotsu airson às a chur do shneachda bhon bhaile air an 18.

Làraidh de Fheachd Fèin-Dhìonachd

Asahi.com: http://mytown.asahi.com/hokkaido/news.php?k_id=01000001201180006
Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0116/TKY201201160342.html
`
ANN

Iwamizawa

Làraidh de Fheachd Fèin-Dhìonachd

Oilthigh Nagoya air am Briseadh a' Phrionnsabail Mhì-chinnte a dherbhadh

Air an 16 Faoilleach, tha Oilthigh Nagoya air am Briseadh a' Phrionnsabail Mhì-chinnte a dherbhadh. Tha an t-Oilthigh air cunntas a chur agus tha air ga fhoillseachadh air "Nature Physics" air eadar-lìon air an 15.


Nature Physics

Tha am Prionnsabal Mì-chinnte ainmal mar prìonsabal bunasach air an Innleachdas Chuantaim. 'S e Innleachdas a tha Werner Karl Heisenberg air a chur air doigh ann an 1927 agus tha e a' nochdadh gu bheil e eu-comasach a dhearbhadh an dà chuid den àite agus ghluasad  de chuantam.


Prionnsabal Mì-chinnte

Ach ann an 1980, tha Masanao Ozawa ann an Oilthigh Nagoya air an Teoraidh Thomhais Chuantaim a nochdadh agus ag ràdh gu bheil na eisgeachdan ann far a bithear a' dearbhadh an dà chuid den àite agus ghluasad de chuantama. Ach bhathar ag ràdh gun robh e doirbh ga dearbhadh le pròbhadh roimhe seo.

Anns an àm seo, tha Ozawa air Inneal Fradharcach an Neodroin a chleachdadh agus air dà sheòrsa cuil de neodroin a thomhas. Tha gach seòrsa cuil a' nochdadh an àite agus a' gluasaid. Agus tha seo a' ciallachadh gu bheil an Teoraidh Thomhais Chuantaim aig Ozawa ceart.

Mur eil sibh ga thuigsinn, tadhailibh air seo!

MyNavi: http://news.mynavi.jp/news/2012/01/16/067/
Experimental demonstration of a universally valid error–disturbance uncertainty relation in spin measurements: http://www.nature.com/nphys/journal/vaop/ncurrent/abs/nphys2194.html (Beurla)
Nature Physics: http://www.nature.com/nphys (Beurla)
Prionnsabal Mì-chinnte: http://en.wikipedia.org/wiki/Uncertainty_principle (Beurla)
Cuantam (quantum): http://en.wikipedia.org/wiki/Quantum (Beurla)

2012-01-17

An 17mh Seirbheis Chuimhne ann an Kobe

Tha na 17mh seirbheis chuimhne air a chumail ann an Kobe.

Fhlaing a' mhuinntir a' chrith-thalmhainn mhòr ann an Sgìre Hanshin agus Eilean Awaji agus bhàsaich 6,434 daoine air an 17 Faoilleach 1995.

Bha na teaghlaichean dìthichte a' dèanamh ùrnaigh comhla ri iomadh daoine eile ann an Kobe.


Seirbheis chuimhne ann an Kobe

Yomiuri: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120117-OYT1T00121.htm?from=navlp
Great Hanshin earthquake: http://en.wikipedia.org/wiki/Great_Hanshin_earthquake

Sun TV

Clùdag air an sùil aig Prìomhair Noda

Sa mhadainn air an 16, bha Prìomhair Noda ga nochdadh le clùdag air a shuil. Tha e ag ràdh gun do bhuail e a cheann an aghaidh rud sam bith san dorchadas san Taigheadas Oifigeach a' Phrìomhaire àrd an fheasgair air an 15.

Prìomhaire Noda

2012-01-16

Honda a' Ath-nuadhachadh na Beartan san Fhactaraidh ann an Tàidh

Bidh Honda a' ath-nuadhachadh na beartan san fhactaraidh ann an Ayuthaya, Tàidh. Tha dùil aig Honda a phàigheadh 20-30 billean yen airson an ath-nuadhachadh seo.

Tha an fhactaraidh a' fulang na tuil mhòr an-uiridh. Bhathar a' dhèanamh nan càraichen innte. Bha Honda a' dearbhadh a' mhillidh na factaraidh bho Dhùrachd an-uiridh. Thatar ag ràdh gur e cinnteach gum biodh Honda air prothaid sam bith a dhèanamh air a chunntas sa Mhàrt.

Takanobu Ito

Tha  Stiùiriche Riaghlaidh Takanobu Ito ag ràdh "Chan eil dùil againn gum bi sinn a' fagail Tàidh no a' togail factaraidh ann an àite eile sam bith."

An fhactaraidh aig Honda ann an Ayutaya fon tuil

2012-01-15

Korea Tuath air Tri Astais a chur a-mach do Mhuir Iapan

Sa mhadainn air an 13, tha Korea Tuath air tri astais a chur a-mach do Mhuir Iapan. 'S coltach gur iad KN02, na astais a tha air a dhèanamh leis a chur feabhas air SS21 às an Aonadh Shovietach a chaidh seachad. Thathar ag ràdh gu bheil Korea Tuath air an dèanadas de KN02 a dhearbhadh.


KN02

CNN.co.jp: http://www.cnn.co.jp/world/30005265.html

2012-01-14

Rocaid air a Chuir A-mach

Aig 5:51 air an 12, tha Buigheann Taisgealadh Fànas-adhair Iapan (JAXA) air S-520-26 Rocaid  Sealltainn a chur a-mach à Steisean Sealltainn Fànais Uchinoura.

S-520-26 Rocaid Sealltainn air a chur a-mach

Tha naoi beartan oirre agus bhathar ga cleachdadh airson pròiseas an tàthahdh eadar àire nàdarra an fhilleaidh tearmach agus plasma a rannsachadh.

Tha an rocaid air smùid de Lithium a leig saor tri a thuras san fhilleadh thearmach agus air a dhearbhadh le camara sònraichte gun robh neul a' dèarrs dearg. 

Neul a' dèarrs dearg

2012-01-13

Prìsanach Li Guolin air a Bheirsinn

Mu 4:35 Feasgar air an 13, tha Poileas Hiroshima air Prìsanach Li Guolin a bheirsinn. 'S e am prìsanach a chaidh às bho Phrìosan Hiroshima agus bha e a' faighinn air falbh. Bha e a' coiseachd air an rathad faisg air sgoil ann an Hiroshima. Tha bana-phoileasman air ceist a chur dha agus tha e air fhreagairt "'S mise Li Goulin." Cha robh aige ach sgian agus 10 yen agus thuirt e "Tha mi sgith."


Li Goulin

Sa mhadainn air an 13, tha Poileas Hiroshima air a DhNA fhaighinn a-mach air a' chana an leanna a tha air fhàgail san taigh a tha e air a bhriseadh a-steach. 'S e coltach gu bheil e air aodach a mheirle, air a dh'ithe agus air leann a dh'òl san taigh sin.

Bha còrr is 500 poileasman ga lorg sa bhaile.

Chugoku Shinbun: http://www.chugoku-np.co.jp/News/Sp201201130181.html


Britheamh air a Bhuail agus air ga chur dhan Ospadal

Air an 11 anns an Talla Sumo, Tòcèo, bha Britheamh Shouzaburo Kimura air a chur thar a chèile ri Sumo Gleac eadar Baruto agus Wakakoyu agus air a phutadh air falbh. Thuit e sìos fon chearcall agus bhuail a cheann an làr gu làidir. Bha ciùrradh-eanchainn air agus tha air ga chur dhan ospatal airson na deuchainn a ghabail. Thathar ag ràdh gu bheil e a' fàs nas fhèarr.

Thug Britheamh Tamamitsu Kimura a' bhreith an àite agus bhuannaich Baruto an gleac. Thuirt e "Bha an gleac glè mhath ach bha iongantas mòr orm."

Tha Wakakoyu (175kg) air Britheamh a phutadh air falbh agus thuit e fon chearcall.


NHK

2012-01-12

A' Dol Às bhon Phrìosan

Sa mhadainn air an 11, chaidh Li Guolin, prìsanach Sìonach às bho Phrìosan Hiroshima. Fheuchfiach e mort, fhuair e binn chiontach agus bha air ga chur dhan phrìosan ann an 2008.

Li Guolin (40 a dh'aois)

Cha robh e air an achadh a' phrìosain nuair a bha na maoir-coimhid a' dèanamh àireamhachd nan prìosanaich aig 10:30 sa mhadainn.

Thathar a' caradh a' bhalla an prìosain an dràsta agus tha an sgafall air a thogadh air a' bhalla. Agus tha am prìosan air a streap suas air an sgafaill agus a dhol às.

Chunnacas gun robh e a' laighe ri taobh a' bhalla agus a' dèanamh às. Agus tha clàr às a' chamara a' nochdadh gun robh e a' faighinn às air a' bhalla mu 10:30 sa mhadainn.

Ag èisdeachd naidheachd mu dheidhinn, tha dragh mòr air a' mhuinntir ann an Hiroshima.

Hideyuki Yamazaki, Stiùireadair Roinn nan Cùisean Cumanta

Bha Hideyuki Yamazaki, Stiùireadair Roinn nan Cùisean Cumanta ga nochdadh, thug e leisgeul mu dheidhinn na cùise agus tha e air dh'aideachadh nach robh smachd gu lèor aca.

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20120111/t10015195451000.html

NHK

Cùmamaid oirnn air Chuimhne Eucoraich Sònraichte a thathar a' Lorg

Air an 6 Faoilleach, mu dheidhinn a bha am poileasman ann an Roinn Poileais Tòcèo a' moladh an eucoraich shònraichte a dhol do shteisean phoileais eile, thug Roinn Poileais Tòcèo àithne dha na poileasmain uile a chùm air chuimhne eucoraich sònraichte a thathar a' lorg.

Thug Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta àithne dha na poileais ionadail uile comhla a dhèanamh deas a bheirsinn eucoraich air a lorg a thig fhèin do phoileas agus a bheirsinn eucoraich a tha ri a thoirt às.

Poileasmain Iapanach

Chaidh Makoto Hirata, eucorach sònraichte dhan Roinn Poileais Tòcèo agus thuirt e do phoileasman aig a' gheata gur esan Makoto Hirata a bha am poileas a' lorg mar eucorach sònraichte ach bha am poileasman cinnteach gur e abhcaid dhona agus air ga mholadh a dhol do shteisean phoileais faisge eile.

Mu dheidhinn seo, thuirt Yutaka Katagiri, Àrd-Stiùiriche de Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta mu thràth air an 5 nach robh a' mhuinntireachd sin mì-iomchaidh agus gu bheil e airson gan stiùireadh cho cruaidh.

Poileasman Mì-iomchaidh: http://gaelic-japan.blogspot.com/2012/01/poileasmain-mi-iomchaidh.html (Gàidhlig)

2012-01-11

Sneachda Trom ann an Siorramachd Aomori

Air an 8, bha Siorramachd Aomori fon aimsir gheamhraich choltach agus fhuair i 107cm sneachda. 'S e an clàr as troime san sia bliana mu dheireadh. Air an 9, fhuair Oifis Aomori còrr is 3,600 fònaichean ag iàrraidh air an oifis a chur às dhan sneachda air an rathad. Tha an oifis ag ràdh gu bheil i air a bhith sneachdach gu leantainneach agus e cruaidh a chur às dhan sneachda gu lèor.


Rathad ann an Hanazono, Aomori air an 10


Clàr Rannsachaidh air a Mheirle

An dèidh aon uair air an 6, tha an clàr rannsachaidh anns an àite-glaiste air a mheirle ann an SPA Arima nuair a bha coimheadaiche a' phoileais a' gabhal an amair. Tha e a' buntainn dhan Stèisean Phoileais Urayasu ann an Siorramachd Chiba agus a' rannsachadh na cùise thogaidh-teine ann an Cathair Kobe. Cha robh tìde aige a ghabal amar fada dà lath agus chaidh e do SPA Arima a bha 15km bho Kobe uair a bha e saor.

TV Asahi

Thathar ag ràdh gun robh fear a' togail teine agus a' marbhadh boireannach. 'S e a fhianais air a' chlàr rannsachaidh a bha air meirle.

Nochd Poileas Urawa gum biodh iad a' dèanamh strì a dh'obair gun chùis mar seo ach cha do nochd ciamar agus carson a tha air ga mheirle.

TV Asahi: http://news.tv-asahi.co.jp/ann/news/web/html/220107004.html

71%: Chan fhaod e VAT a thogadh gus an lughdaich e Àireamh nam Buill-phàrlamaid

Air an 10 Faoilleach, tha Buidheann Chraolahdh Iapan (NHK) air cunntas a thoirt air na beachdan dhan riaghaltas an làthair. Agus tha 30% (-7% *) air a shon agus 49% (+7% *) 'na aghaidh.

* An coimeas ris a' mhios mu dheireadh 

Prìomhaire Noda

Tha na adhbharan aig daoine a tha air a shon mar; "Chan eil riaghaltas nas fhèarr eile ann (42%)", "'S e am prìomhair creideasach (23%)" agus adhbharan eile. Tha na adhbharan aig daoine a tha an aghaidh mar; "Cha eil na poileasaidhean dòchasach (45%)", "Chan eil e gnìomhach (27%)" agus adhbharan eile.

Mu dheidhinn a tha an riaghaltas airson VAT a thogadh bho 5% gu 8% ann an 2014 agus bho 8% gu 10% ann an 2015, tha 26% air a shon, 38% 'na aghaidh agus 33% cruaidh a fhreagairt.

Mu dheidhinn a tha an riaghaltas a' cumail àireamh nam buill-phàrlamaid, tha beachdan ann mar "Chan fhaod e VAT a thogadh gus an lughdaich e àireamh nam buill-phàrlamaid (71%)", "An aghaidh co-dhiù (14%). "Air a shon co-dhiù (9%).

Chuir NHK fòn gu 1,653 daoine agus fhuaras freagairtean à 1,068 dhiubh (65%).

NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20120110/t10015170591000.html (Le bhideo)



2012-01-10

Deigh Sguabach ann an Okhotsk

Nochd Feachd Fèin-Dhìonachd Iapanach gu bheil iad air an deigh sguabach à Okhotsk a dhearbhadh air an itealan air a' chiad uair sa gheamhradh.

Deigh sguabach ann an Okhotsk

'S i 32km a leud agus 180km bho Hokkaido. Tha Buidheann-gnìomha na Sìde ag ràdh gum faicear i bhon chladach de Hokkaido san tòiseach no sa mheadhan an Fhaoilleaich.

FNN: http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00214904.html (Le bhideo)
Ministrealachd na Dìonachd: http://www.mod.go.jp/e/index.html

2012-01-09

Lath an Tighinn Aoise

'S e Lath an Tighinn Aois air an 9 Faoilleach. Tha gach chathair air deas-ghnàth a chumail a mholadh agus a mhisneachadh daoine a bidh no tha a' fàs 20 a dh'aois. Bha iomadh duine a' cur faire air nan deas-ghnàth ann an gach aodach bhreagha.

Nochd Ministrealachd nan Cùisean Meadhanail agus nan conaltraidh gum bi 1.22 millean duine a' fàs 20 a dh'aois am bliadhna agus gu bheil an clàr air a bhith nas luadh na an uiridh fada còig bliadhna mu dheireadh.

Nam biodh duine a'fàs 20 a dh'aois, gheibheadh iad na còraichean a thaghadh, a phòsadh gun chead na pàranten, a smocadh agus a dh'òl.

Na boireannaich anns na aodaicheann traidiseanta

FNN: http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00214896.html
Lath an Tighinn Aoise: http://en.wikipedia.org/wiki/Coming_of_Age_Day (Beurla)

ANN

Dà Chairt Chuimhne Ùr

Tha Sony air a nochdadh XDQ Cairt Chuimhne fon bhun-thomhais ùr aig astar luath. Thèid a reic QD-H16 (16GB) agus QDH-32 (32GB) air an 15 Gearran agus bidh gach prìs aig mu 20,000 agus 33,000 yen.


XQD-32

Tha XQD ag obair aig 2.5Gbps gu loidigeach agus tha dùil gum bi i ag obair aig 5Gbps agus cairt a' mheud de 2 TB air a dhèanamh san àm ri teachd. Tha dùil gum bi a' chairt seo feumail dha na camerathan digiteach as fhèarr. Bidh MRW-E80, an leughadair cairt XQD a' geancal  XDQ Cairt Chuimhne agus inneal fo USB 3.0 air a reic aig mu 4,000 yen.

Ascii: http://ascii.jp/elem/000/000/660/660774/
Sony: http://www.sony.net/