2012-07-13

Uisge-beatha bho Suntory don 50mh Bliadhna de Stones

Nochd Suntory, buidheann Iapanach dhibhe gum bi iad a' reic 150 botail uisge-beatha sònraichte don 50 mh bliadhna de Rolling Stones aig JPY 500,000 bhon 30mh lath den Damhair. Tha an t-uisge-beatha air a dèanamh á uisge-beatha de na bliadhna a tha a' buntainn do Rolling Stones mar a leanas.

Yamazaki 1962 nuair a tha Rolling Stones air a stéidheachash.
Yamazaki 1971 nuair a thòisich Rolling Stones seula na teangaidh a chleachdadh.
Hakushu 1990 nuair a thàinig Rolling Stones sa chiad àm do Iapan.

Stones Bar

Rolling Stones: http://www.rollingstones.com/
Suntory: http://www.suntory.co.jp/stonesbar/limited/index.html
Asahi News: http://www.asahi.com/showbiz/music/OSK201207120213.html

Tuir Mhòr agus Maoime-slèibhe ann an Sgìre Kumamoto agus Oita

Sa mhadainn air an 12a latha den Iuchar, bha an t-uisge mòr ann an Sgìre Kumamoto agus Oita. Fhuraing na sgìrean tuir mhòr agus maoime-slèibhne agus bhàsich 16 daoine agus tha 10 daoine air chall. Ràinig meud an uisge na chòrr is 100mm a dh'àird agua nochd Buidheann-ghnìomha na Sìde gur e an clàr nas miosa sba sgìrean a th' ann. Thathar ag ràdh gum bi i glè fhrasach air an 13mh latha cuideachd agus tha Buidheann-ghnìomha na Sìde a' sìor toirt rabhadh do na còmhnaichean.

Baile fo thuil ann an Sgìre Kumamoto


Bhideo

2012-07-12

Poileas Shiga a' rannsachadh bùird an fhoghlaim agus an sgoile

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, àrd an fheasgair air an 11mh latha den Iuchar, chuir Poileas Shiga gach mu deichnear luchd-sgrùdaidh air falbh do bhòrd an fhoghlaim agus an sgoil airson a' chùis a rannsachadh. Tha seo glè neo-àbhaisteach.

San sgoil

Sa bhòrd an fhoghlaim

Bha iad a' cruinnicheadh nan fianais agus a' cumail agallaimh leis na tidsearan agus bùil de bhòrd an fhoghlaim. Tha dùil aca agallaimh a chumail leis na sgoilearan as dèidh. Bidh iad a' dearbhadh gun tug no nach tug na sgoilearan dhan sgoilear na maoidheaidh.

Thuirt Akio Mitsushige, Stiùireadair na Sàbhailteachd de Phoileas Shiga, "Carson nach do chuireadh bacadh air an fhèin-mharbhadh? Bu chòir dhuinn na adhbharan fhaighinn a-mach gu dearbh. Bidh sin a' cur bacaidh air sgiorraidh ionnan.."

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/poileas-shiga-rannsachadh-fhein.html
Bàs de aon Shgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/as-de-aon-shgoilear.html
Ojiyama Chugakkou: http://www.otsu.ed.jp/ouji/

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012071190232157.html

Bhideo

2012-07-11

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, nochd Poileas na Cathair Shiga gu bheil iad a' toiseachadh air an cùis a rannsachadh. Tha iad ag ràdh gu bheil comasachd dheth ann gu bheil cuid de na maoidheaidh cionntach. Tha am poileas ag eagrachadh sgioba de fhichead luchd-sgrùdaidh dhan chùis.

Air do na parantan aig an sgoilear a chluinntinn, chuir romhpa casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan sa phoileas a-rithst.

Air an 10mh latha, nochd bòrd an fhoghlaim na meadhanan gu bheil iad air a dhearbhadh gun do fhulaing sn sgoilear maoidheaidh. Ach nuair a chur aon den luchd-naidheachd ceist, "An do mharbh na maoidheaidh e?", fhureagairt bòrd an fhoghlaim, "Chan eil fhios againn."

Àrd an fheasgar air an 10mh latha, nochd Namomi Koshi, Bana-àrd-bhàillidh de Otsu do na meadhanan chan eil an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil urrasach idir agus gu bheil i cinnteach gun do mharbh na maoidheaidh e. Tha i ag ràdh gum bi i ag eagrachadh sgioba de buill gun oifigeach agus gum bi i a' leigeil leis na maoidheaidh a rannsachadh.

2012-07-10

Bàs de aon Shgoilear

San Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, leum sgoilear (13 a dh'aois) a-mach à togalach àrd dhan ùrlar agus bhàsaich e. B' e fèin-mharbhadh. Chagaireadh maoidheadh bho na sgoilearan eile agus rannsaich an sgoil leis a h-uile sgoilearan. Nochd bòrd an fhoghlaim nach robh maoidheadh dhan sgoilear ach...

An togalach àrd

Chunnacas iomadh maoidheadh air an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil. Bha mòran sgoilearan a' faicinn nan maoidhidh agus eòlach air gun robhar a' leigeil leis rùisgte agus a' togail a dhealbhain, ga bhuaileadh agus ga bhreabhadh, a' gabhail a airgead, a' mùnadh air a aodach agus a' droch-dhìoladh dha, a' moladh dha fèin-mharbhadh, gun robh na tidsearan eòlach air na maoidheaidh, gun robh an sgoilear ag iarraidh air na tidsearan ga chuideachadh agus nach do chuidich na tidsearan e. Ach tha an sgoil ag ràdh nach eil fianais gu lèor a nochdadh gun do thachair na maoidhidh gu dearbh.

Cha d' chum na tidsearan agallamh ris na sgoilearan a rinn na maoidhidh. Thuirt na tidsearan gu bheil na còirean a' chinne-daonna aig na sgoilearan agus nach faod iad agallamh a chumail gun fhianais gu lèor.

Chaidh a phàrantan dhan phoileas gus casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan ach dhiùlt am poileas ga gabhail trì uairean. Thuirt am poileas don luchd-naidheachd nach eil adhbhar aca a nochdadh dhaibh.

Thug a phàrantan casaid shìobhalta air na sgoilearan agus a' chathar aig a bheil an sgoil. Sa chùirt thuirt bòrd an fhoghlaim do a phàrantan, "Can dhuinn cunntas air an tìm agus an àite aig an do thachair gach maoidheadh! Can dhuinn dòigh mhath gus bacadh a chur air maoidhidh!."

Chuir na stèiseanan TV agus na pàipearan cunntas air a' chùis agus thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh a-rithst ach tha am maighstir-sgoile ag ràdh gu bheil na stèiseanan TV agus na pàipearan ag inniseadh breuge.

Thathar ag ràdh gur àbhaist do na sgoilean maoidheadh fhalach air do shgoilear fèin-mharbhadh a dhèanamh. Nam biodh an dà chuid de an sgoil agus bòrd an fhoghlaim mì-cheart, bhiodh an sgoil na ifrinn.

Mainichi News: http://mainichi.jp/english/english/newsselect/news/20120706p2a00m0na003000c.html
ABC: http://abcnews.go.com/blogs/headlines/2012/07/kids-and-laughing-teachers-bullied-suicide-teen/
Japan Times: http://www.japantimes.co.jp/text/nn20120707b8.html


Thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh ach...

2012-07-07

Cuir Stad air Ionad Niuclasach Òi!

Feasgar air an 6mh latha san Iuchar,fiu 's ged a bha an t-uisge ann, bha mu 150 mìle duine a' coinnicheadh air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair a-rithst agus a' cur an aghaidh an opairèisean ann an Ionad Niuclasach Òi a thòisich an opairèisean air an 4mh latha den Iuchar a-rithst.

Bha an riaghaltas airson bacadh a chur air an soilleireachadh agus dhuin e Stèisean na Treanaichean Beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair. Tha an riaghaltas a' sìor leigeil seachad an soilleireachadh ach is dòcha gu bheil an t-eagal mòr aige gu fìor air a' mhuinntir a tha a' cur an aghaidh air na Ionad Niuclasach.

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (1)

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (2)

Aig 8 uairean, nochd an luchd-eagrachaidh ceann an soilleireachaidh ach nach do dh'fhalbh na daoine a dh'aithghearr idir.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120706-OYT1T01167.htm


Bha na poileasmain a' cur bacadh air na daoine a bha a' dol dhan shoilleireachadh.


Bhideo

Bhideo

2012-07-04

Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi

Air an 3s latha den Iuchar chum NISA (Buidheann-gnìomha na Sàbhailteachd Niuclasach agus Gnìomhachais) coinnicheadh agus bha dùil aca lèirmheas a dhèanamh air an sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi. Ach cha do chuir Buidheann Dealain Kansai, aig a bheil an t-ionad, an cunntas agus thuirt iad nach d' fhuair iad a-mach e. Thuirt na buill de NISA gu bheil am buidheann mì-cho-chomann.


Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi (1)

Sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi (2)


Tha sgàineadh fo Ionad Niuclasach Òi agus tha na eòlaichean air a bhith ag iarraidh air am buidheann lèirmheas a dhèanamh air. Thathar ag ràdh gum biodh an ionad air suidheachadh uamhasach cunnartach nam biodh an sgàineadh gnìomhach.


Tha na eòlichean ag ràdh gu bheil iad airson a dhol dhan ionad gus an sgàineadh a rannsachadh a dh'aithghearr an àite an lèirmheais.


OurPlanet TV: http://www.ourplanet-tv.org/?q=node/1390
NISA: http://www.nisa.meti.go.jp/english/index.html

Bhideo

2012-07-03

Geamannan aig Suntory

Bha mi a' sealltainn na làraich-lìn aig Suntory, buidheann Iapanach na dibhe. Cha dùil agam geamannan a chluich ach tha iad glè shunndach. Agus tha mi gan toirt a-steach.

Good Start Flight: Leig leis itealan a dhol seachad air na fàinneachan. Doirbh!
Hunt: Tilg ball agus cruinnich rudan na targaid. Gu math sunndach.
 Relax: Geama clasaigeach. Feuch!
Tha Geamannan matha eil san làraich-lìn.

Geamannan Suntory: http://www.suntory.co.jp/enjoy/omake/game.html

M5.4 Chrith-thalbhainn ann an Bàgh Tòcèo

Mu 11:31 air an 3s latha den Iuchar, thachair crith-thalmhainn aig M5.4 ann an Bàgh Tòcèo. Chuir JR Tokai stad air opairèisean de thrèanaichen a' pheileair eadar Tòcèo agus Shinfuji.

Bha Chiba, Kanagawa agus Shizuoka aig an 4mh ìre agus Tòcèo, Yamanashi, Saitama agus Ibaraki aig an 3s ìre.

Cha robh tsunami ann.

Japan Meterological Office: http://www.jma.go.jp/en/quake/

Leughadair Leabhar-dealain Ùr aig JPY 7,980

Air an 2a latha den Iuchar nochd Rakuten, aon de na bùthan Iapanach as motha gum bi Kobo Touch, leughadair leabhar-dealain ri fhaighinn aig JPY 7,980 air Rakuten bhon 19th lath den Iuchar. Tha mu 2 GB cuimhe air Kobo Touch agus bidh e a' cumail mu 1,000 leabhar. Tha e dìreach 185 g air cudrom. Bidh ceangail aige ri Kobo Bùth Leabhair le WiFi agus tha còrr is 2,400 mìle leabhar dealain rim faighinn agus tha 30,000 dhiubh san Iapanais.

Tha e comasach air faidhle PDF a fhosgladh agus bidh sinn a' leughadh iomadh leabhar air eadar-lìon an asgaidh.
Kodo Touch

Tha Kodo na bhidheann ann an Canada. Tha mu 9 mìle duine a' cleachdadh Kodo Touch ann an 190 dùthchannan.

Rakuten: http://kobo.rakuten.co.jp/
It Media: http://www.itmedia.co.jp/news/articles/1207/02/news136.html

2012-07-02

Ionad Niuclasach Òi ag obair a-rithst

Ard an fheasgair air an 1mh latha den Iuchar, nuair a tha iomadh duine a' cur an aghaiadh, tha Buidheann Dealain Kanasai air an obrachadh den 3s readhactar a thòiseachadh ann an Ionad Niuclasach Òi a-rithst. Tha dùil aig an buidheann a' chiad dhealan a chur a-mach air a' chliath air an 4mh latha. Bidh an readhactar ag obair aig a' chumhachd as àirde air an 8mh latha.

Ann an Ionad Niuclasach Òi 

2012-06-30

150 Mìle Duine a' cur an Aghaidh Ianaid Niuclasach a-rithst

Feasgar air an 29mh latha san Og-mhios, bha 150 mìle duine a' coinnicheadh agus a' cur an aghaidh nan ionaidan niuclasach agus a' chumhachd niuclasach air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair a-rithst. Bha an t-sràit làn de na daoine agus stad air a chur air an trafaic.

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (1)

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (2)

Air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair (3)

Nuair a bha an t-sluaigh a' gairm abairtan a chur an aghaidh an ath-obrachaidh de Òi Ionad Niuclasach, ràinig Prìomhair Noda an taigheadais air a char. Agus thuir e dìreach, "'Glè àrd" agus thàinig a-steach dha.

Bhathair a' cumail na fianais-dùbhlain mar seo sna sgìrean eile mar Òsaca agus Kumamoto.

Òsaca


Kumamoto

Asahi News: http://www.asahi.com/national/update/0629/TKY201206290577.html

Bhideo(1)

Bhideo(2)

2012-06-27

Anonymous a' toirt Ionnsaigh air an Riaghaltas Iapanach

Nochd am poileas gu bheilear a sìor thoirt ionnsaigh air na làraich-lìn de Mhinistrealachd an Ionmhais, Mhinistrealachd an Fhearainn, a' Bhunstructair, na Còmhdhail agus na Turasachd, Phàrtaidh Democratach Liberalach agus Phàrtaidh Democratach. Tha Anonymous a' cronachadh Riaghaltais Iapan a chuir air lagh ùr na dlighe-sgrìobhaidh air an 20mh den Ogmhios. Tha am poileas ga rannsachadh mar cyberterrorism.


Anonymous: http://en.wikipedia.org/wiki/Anonymous_(group)
TV Asahi: http://news.tv-asahi.co.jp/news/web/html/220627045.html

Na Ciad Ainmean Iapanach

Tha na ciad ainmean air a bhith a' atharrachadh comhra ri tionndadh an linn. Tha ann uaireanan an toir na pàrantan don chlann ainmean nan gaisgeaich eachdraidheil. Ach tha iad a' cluinntinn éibhinn no fada air ais.

An-diugh ainimichidh pàrantan òga don chlann ainmean ùra uaireanan agus mar "光宙: Pikachu", "美俺: Viore", "黄熊: Pooh", "泡姫: Arielle", "金星: Mars". 'S fìor gu bheil na ainmean aig a' chlann. Tha na pàrantan cinnteach gur e ainmean matha a tha innte ach bheir iad dhuinn iomadh seòrsan trioblaid a chionn 's nach urrain dhuinn gan leughadh agus gu bheil iad a' cluinntinn ro èibhinn. Tha "光宙" a' nochdadh "Kochu" mar fhuaimneachadh agus cha leugh sinn mar "Pikachu". Agus is so-dhèanta gum bi leth-oireach sgoilear le aon de na ainmean san sgoil.

Thathar ag ràdh nach eil buidheann mòra airson daoine le ainm mar seo fhasdadh. Ach is cinnteach gu bheil mòran pàrantan a' cruthachadh ainmean ùra, èibhinn a h-uile lath.


Pikachu: Èibhinn gu dearbh

Pooh: Tha Pooh sa thruaill-chainntea airson "gun obair".

Arielle: Chan eil seo dona ach "泡姫" a' ciallachadh bana-phrionnsa na builgein.

2012-06-25

Golden Edinburgh

Chaidh mi a-mach airson dinneir feasgar didòmhnaich. Thàinig mi a-steach dhan bhùth agus thug mi an aire an lean ris a bheil Golden Edinburgh. Chunnaic mi a' bhileag air a' bhotal agus bha iognadh orm. 'S e lean dèante ann an Niigata, Iapan a tha ann.

Golden Edinburgh

Tha Golden Edinburgh na 7%. Tha e donn is dubh, searbh le ob, millis le braich, mìn agus meud math de tannin.



Iapan; An Còigeamh Dùthaich as Sìtheile

Air an 12na latha den Og-mhios, nochd Sealladh na Daonnachd ann an Sydney, Australia Comharradh Cruinneil na Sìth 2012.

Tha Innis Tìle san chiad ìre, an Danmhairg is Sealainn Nuadh san dàra ìre, Canada sa ceatharamh ìre agus Iapan san còigamh ìre.

Tha  Sealladh na Daonnach a' rannsachadh 23 seòrsachan fiosrachaidh sna 158 dùthchannan mar cunnart an sgeimhleaidh, stèidhealachd a' chomainn agus an caiteachas armailteach agus cuiridh iad cunntas air gach ìre na sìth sna dùthchannan a h-uile bliadhna.

Chan eil feachd armaichte aig Innis Tìle no ach beagan eucoirean mar mhort ann. Tha Somaillia san ìre as miosa.

Comharradh Cruinneil

Global Peace Index 2012: http://www.visionofhumanity.org/gpi-data/
Vision of humanity: http://www.visionofhumanity.org/

Trèan a' Pheileir a' buaileadh Trì Mathanan

Mu 3:45 feasgar air an 23as latha, bhuail Komachi 25mh, trèan a' pheileir trì mathanan eadar na Ugosakai agus Oharinoma, stèiseanan trèanaichean air Ouu.Rathad Iarrain. Chuireadh stad air an trèan gu cabhagach. Cha deach cron a dhèanamh air gin sam bith ach bhàsich aon de na mathanan. B' e mathair agus dà phàisde a th' anns na mathanan agus chaidh a' mhathair agus aon den phàisde às.



2012-06-22

Còrr is 40 Mìle Duine a' cur an Aghaidh Ianaid Niuclasach

Feasgar air an 22na latha san Og-mhios, bha còrr is 40 mìle duine a' coinnicheadh agus a' cur an aghaidh nan ionaidan niuclasach agus a' chumhachd niuclasach air beulaibh Taigheadais Oifigeil a' Phrìomhair. Bha an t-sluagh a' seasamh fada mu 1 km a dh'fhaid agus a' gairm abairtan a chur an aghaigh.


Nuair a bhathair a' cumail an fhianais-dùbhlain, bha Prìomhair agus a mhinistearan a' coinnicheadh airson Òi Ionad Niuclasach a ath-obrachadh san taigheadas. As dèigh leig na ministearan seachad an t-sluaigh agus nan guthan agus fhagail iad air falbh do gach ministearachd.

Leig a' chuid as motha de na meadhanan seachad an fhianais-dùbhlain cuideachd.

Thuirt aon den t-sluaigh, "Feumaidh sinn an aghaidh a chur fiù 's ged nach atharraicheadh an riaghaltas a bheachd gu bràth. Cha toir sinn suas!"


Asahi News: http://www.asahi.com/national/update/0622/TKY201206220491.html

Bhideo (Houdou Station)

Tuil dìreach mar am Muir

Bha an t-uisge mòr agus làidir ann an Roinn Kinki agus fhulaing an roinn tuil farsaing.

Abhainn Wada agus an t-achadh ris an taobh

San achadh iar-dheas de Sgìre Wakayama ràinig an tuil gu 1.5 meatair. Fhuraing mòran taighean an tuil agus chuireadh stad air càraichen agus treanaichean. Chaidh na sgoilean a dhunadh air an latha. Chuir cus uisge iongnadh air an luchd-àitich.

Mainichi: http://mainichi.jp/graph/2012/06/22/20120622k0000e040177000c/001.html

Bhideo: Kyodo

Bhideo:WSTV

2012-06-18

Sequoia aig IBM a' toirt a-staigh air Kei aig Fujitsu

Chaidh Rangachadh nan Coimiutairean nas Luaithe a nochdadh agus an aire a thoirt gun tug Sequoia aig IBM a-staigh air Kei aig Fujitsu. Tha Kei a-nis san dara ìre air an liosta. Tha Sequoia sa chiad ìre agus Mira san treas ìre.

Sequoia agus an Sgioba IBM

Tha Sequoia air a dhèanamh le IBM ann an Obairlann Nàiseanta Lawrence Livermore ann an SUA agus tha e comasach air a thomhas 1,510 trillean a thuras.

BBC: http://www.bbc.com/news/technology-18457716

2012-06-15

Ball-pàrlamaid a' dol às bho Thòcèo comhla ri a Rùnairean

Thugadh an aire gun do Ichiro Ozawa, ball-pàrlamaid de Phàrtaidh Deamocratach a' dol às bho Thòcèo comhla ri a rùnairean agus nan teaghlach nuair a spreadh Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach an dèigh crith-thalbhainn mòr an-uiridh.

'S e ball-pàrlamaid as cumhachdaiche de Phàrtaidh Deamocratach a tha ann.

Air an 15mh latha den Og-mhios, nochd Shukan Bunshun, iris Iapanach litir bho Kazuko Ozawa, a' bhean aig Ichiro Ozawa do a neach-taic.

Shukan Bunshun air 15mh latha den Og-mhios

A rèir an litir, fhuair Ichior Ozawa fiosrachadh dìomhair gun robh Tòcèo cunnartach air sàilleibh rèididheachd, chaidh esan, a rùnairean agus nan teaghlach às bho Thòcèo agus bha iad a' fuireach ann an Òsaca car greis.

Kazuko Ozawa

Agus dh'iarr aon de na rùnairean air Kazuko Ichiro a bhith a' dol às bho Thòcèo comhla ri trì mic aice ach dhiùlt i e agus chuir i ceist dha mar, "Carson nach tèid e do Iwate (a sgìre) gus na fulangaichean a chuideachadh? Carson nach nochd e am fiosrachadh dhan mhuinntir?" Tha an litir ag ràdh gun tuirt e, "Chan eil Riaghladair (de Iwate) an dòcas gun tèid e. Thachaireadh breisleach ma nochdadh sinn am fiosrachadh."

Ach thugadh an aire gun do thairg na buil-pàrlamaid e a bhith a' dol do Iwate ach dhiùlt e an tairgse.

Ichiro Ozawa

Sgriobh Kazuko Ozawa cuideachd gu do ghabh e eagail ron rèididheachd gu mòr, gun toir thairis iasg agus glasraich agus gun do leig leatha nighe le uisge botalaichte.

Dealaichidh i am pòsadh.

'S annasach nach tuirt  ball-pàrlamaid sam bith seo. Carson...? Cia mheud buil-pàrlamaid a fhuair am fiosrachadh? Dè rinn iad?

Searchina news:  http://news.searchina.ne.jp/disp.cgi?y=2012&d=0615&f=column_0615_032.shtml

Ciontach mu dheireadh de Aum air a chur an Greim

Tha am poileas air Katsuya Takahashi, ciontach mu dheireadh de Aum air a chur an greim.

Katsuya Takahashi

Mu 8:30 sa mhadainn air an 15mh latha den Og-mhios, leigeadh fios dhan phoileas gn robh fear coltach ris a bhith ann an seòmar tì ann an Kamata, Tòcèo. Chaidh poileasmain dha, fhuair iad lorg air fear glè choltach ri Katsuya Takahashi agus chuir iad an greim e.

Chuir na poileasmain ceist dha, "An tusa Katsuya Takahashi?" agus fhregair am fear, "'S mi."

Tha e 'na aon de na creidmheaich a chrath gas Sarin sna stèiseanan trèanaichean fon talamh, mharbh 13 daoine agus dhochainn còrr is 6,300 duine.

Air dom poileas an greim a chur Naoko Kikuchi a rinn Sarin ann an Aum, fhuair e lorg gun robh Takahashi air a bhith ag obair ann an buidheann ach chaidh e às o chionn ghoirid. Bha am poileas ga lorg.

Mainichi News: http://mainichi.jp/select/news/20120615k0000e040175000c.html
Aum Shinrikyo: http://en.wikipedia.org/wiki/Aum_Shinrikyo

2012-06-12

Riaghladair de Òsaca: Dèan Fèin-mhurt gu Aonarach

Air an 10mh latha den Og-mhios air rathad a' mheadhan-baile, Minami, Òsaca, shàth agus mharbh fear dithis le sgian. Fheuch e tuilleadh a mharbhadh ach chuir pileasmain an greim e. Thuirt e, "Fhuair mi sgian gus a chur às dhomhsa. Ach cha d'rinn mi. Mharbh mi iad gus binn-bhàis fhaighinn. Cha robh adhbhar eile ann."

Mianami, Òsaca

A rèir cunntais a' phoileis, is e Kyozo Isohi, agus bha e ann an Prìosan Niigata chun a' Mhàigh am bliadhna. Air dha fhalbh às a' phriosan, bha e a' fuireach ann an Sgìle Tochigi far a rugadh e. Ach bha e gun obair, chaidh e do Òsaca gus a charaid a choinnicheadh, chuir e roimhe duine a mharbhadh gu h-oban, cheanaich e sgian ann an stòr mòr agus rinn e e.

Kyozo Isohi

Tha Ministrealachd a' Cheartais a' nochdadh gum bi 28.2% de na eucoireaich a' ciontachadh a-rithst, 30.6% de na marbhadairean a' ciontachadh a-rithst agus 70% de na eucoireaich, a ciontaich a-rithst, gun obair. Ach tha eadhon mòran daoine onorach agus seòlta gun obair ann an Iapan.

Cuideachd tha Buidheann-ghnìomha Phoileais Nàiseanta a' nochdadh gun do thachair 67 moirt coingiseach o chionn deich bliadhna. Thachair 14 moirt coingiseach ann an 2008 agus mharbh fear 7 daoine ann an Akihabara.

Air an 11mh latha, air do Riaghladair de Osaca iomradh a thort air a' mhort ann an Minami, thuirt e,"Dèan fèin-mhurt gu aonarach ma tha duine ag iarraidh bàis! Na gabh gin a-staigh! Tha againn seirbheis an rùn-phàirteachaidh do dhaoine ann an èis. Ach chan eil againn dad a dhèanamh ma tha duine airson bàs agus mur eil e airson seirbheise sam bith."

2012-06-11

Iapanaise sa Ghàidhlig

Tha mi air a bhith a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn Iapan san bhloga seo fada còrr is seachd mìosan. Chan eil dùil agam stad a chur air ga sgriobhadh ach chuir mi romham rud ùr a thòiseachadh.

Sgriobhidh mi mu dheidhinn Iapanaise, cànan na Iapan aig http://seapanach.blogspot.jp/. Ach chan eil dùil agam Iapanaise a h-ionnsachadh dhuibh an sin. Tha mòran àitean ann far am bi sibh ga h-ionnsachadh agus tha mòran leabhraichean matha ann.

Mar sin, bu toigh leam a bhith a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn Iapanaise, dè an cànan a tha i, dè an diofar a tha eadar Iapanaise agus Gàidhlig agus rudan ann a biodh uìdh agaibh.

Tha mi an dòchas gum bi sibh a' tadhal air mo bhloga ùr agus e a' còrdadh ruibh.

Iapanaise sa Ghàidhlig: http://seapanach.blogspot.jp/

2012-06-09

Tsuyu

Bidh i glè fhliuch bhon Mhàigh chun Iuchar ann an Iapan. Sgriobhaidh sinn "梅雨" agus canaidh sinn Tsuyu no Baiu ris an tìde seo. Bidh an t-uisge againn gu tric san ùine.

Dìtheain ann an Tsuyu

Tha "梅" a' ciallachadh na plumbais agus "雨" a' ciallachadh an uisge. Agus thathar ag ràdh gu bheil "梅雨" a' ciallachadh an tìde nuair a bidh na plumbaisean san abaichead ach chan eil an tùs soilleir.

Tha Tsuyu eadar-dhealaichte bho thìde an uisge de Àisia an Ear-dheas agus tha an t-uisge lag a' sìor dhol fada làithean.

East Asian rainy season: http://en.wikipedia.org/wiki/East_Asian_rainy_season

Ionad Niuclasach Òi air Ath-obrachadh

Feasgar air 8mh latha den Og-mhios, nochd Prìomhair Noda gun do chuir e roimhe Ionad Niuclasach Òi ath-obrachadh gus beatha an luchd-dùthcha a chumail. Thug e iomradh air gu bheil na cathairaichen mar Òsaca ag iarraidh air an riaghaltas nach bithear ag ath-obrachadh an ionad niuclasach ach san t-samhradh agus thuirt e gu bheil an sìor obrachadh riatanach gus beatha an luchd-dùthcha a chumail.

Tha dùil aig an riaghaltas an t-ionad niuclasach ath-obrachadh air 16mh latha den Og-mhios.

Prìomhar Noda

Mainichi News: http://mainichi.jp/select/news/20120609k0000m010021000c.html

2012-06-08

TEPCO a' cumail Coinneachadh Poblach

Air an 7mh latha den Og-mhios ann an Ministearachd an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais, bha TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' cumail coinneachadh poblac mu dheidhinn togalaich na cìse dealanaich.

Mhìnich am buidheann adhbhar mun togaidh iad cìs an dealain an toiseach. Chuir deichnear luchd-dùthcha agus deichnear luchd-ionaid bho na buidheannan na bu lugha agus còmhlanan an luchd-ceannach don bhuidheann agus mhinistearachd as dèigh.

Chuir a' chuid a bu mhotha dhiubh an aghaidh tgalaich na cìse dealanaich. Agus bhathar a' toirt iomradh air a tha na tuarasdail nas àirde ann ann TEPCO na sna buidheannan eile. Cuideachd chuireadh an aghaidh ath-obrachaidh de Kashiwazaki-Kariwa Ionad Niuclasach.

Ach cha do thug TEPCO agus an ministearachd freagairtean soilleir don chuid a bu mhotha dhiubh. Fhreagair iad gu tric dìreach mar "Nì sinn lèirmheas air" agus chualas gairm mar "Na can dìreach an aon rud!" Thog mòran ceistearan casaid don seasamh aig TEPCO agus a' mhinistearachd. Agus dh'fhalbh iad le dùil-bhriseadh.


San mhinistearachd

Comann an Luchd-dùthcha a' cur an aghaidh nan Ionadan Niuclasach

Air 6mh latha den Og-mhios ann an Pàirc Hibiya, Tòcèo, chum Comann an Luchd-dùthcha coinneachadh coitcheann agus choinnich mu 2,300 duine gus a chur an aghaidh nan ionadan niuclasach. Chruinnich an comann 7,222,297 ainmeannan a tha a' cur an aghaidh nan ionadan niuclasach agus cuiridh e don riaghaltas iad air an 12mh lath. Agus iarraidh e air an riaghaltas dùthaich gun chumhachd niuclasach a dhèanamh.

Tha Kenzaburo Oe, sgrìobhadair ainmeil agus còignear eile air an comann a stèidheachadh anns an Og-mhios 2011. Thuirt Oe sa choinneachadh, "Tha chumhachd niuclasach gu deatamach ceàrr!"

Tha dùil aice coinneachadh le 100 mìle a chumail ann an Tòcèo air an 16th latha den Iuchar.


An coinneachadh coitcheann ann an Pàirc Hibiya, Tòcèo

Comann na Ìobairteaich de Bom Atomaic is Haidrideanach a' cur an Aghaidh Òi Ionad Niuclasach Ath-obrachadh

Air an 7mh latha den Og-mhios, thug Comann na Ìobairteaich de Bom Atomaic is Haidrideanach dhan riaghaltas an aithisg gus nochdadh gu bheil iad a' cur an aghaidh Òi Ionad Niuclasach  ath-obrachadh.

Tha an comann ag ràdh nach do dh'ionnsachadh na buidheannan dealain dad sam bith air feadh sgiorraidh an ionad nuiclasach ann an Fukushima agus cinnteach nach fhaod ionad niuclasach sam bith air ath-obrachadh.

Mikisou Mikami a' toirt do oifigeach an riaghaltais an aithisg

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012060701001598.html

2012-06-07

Buidheann Dealain Kansai deònach air Cumhachd Niuclasach a Chumail

Nochd Catharaichean Òsaca, Cèoto agus Kobe mar luchd-earrann deich bilean do Bhuidheann Dealain Kansai mar; na ionadan niuclasach a dhunadh, lùth ath-nuadhachail a chuleachdadh, àireamh an luchd-stiùiridh a lughdachadh, tuarasdal an luchd-stiùiridh a nochdadh gu poblach agus rudan eile. Ach dhiùlt a' bhuidheann a h-uile bile dhiubh.

Buidheann dealain Kansai

Tha Òi Ionad Niuclasach aig a' bhuidheann agus tha dùil aice an t-ionad ath-obair a dh'aithghearr. Air taobh eile, tha neach-earrann as motha na buidhne sa Cathair Òsaca aig a bheil 9% den chuid. Cuideachd is neach-earrann mòr na buidhne a tha ann an Cèoto is Kobe agus tha 12% den chuid aig na trì catharaichean.

Thig na 10 bilean don bhhòt ann an coinneachadh an luchd-earrann air an 27th latha den Og-mhios. Tha na trì catharaichean ag iarraidh air an luchd-earrann a bhith airson nan bilean.

Buidheann dealain Kansai: http://www1.kepco.co.jp/english/index.html
Asahi News: http://www.asahi.com/business/update/0607/OSK201206070037.html

2012-06-06

Prionsa Tomohito, Mac-bràthar an Iompaire a' bàsachadh

Aig 3:35 feasgar air an 6mh latha den Og-mhios, bhàsich Prionsa Tomohito, mac-bràthar an iompaire. Bha e 66 bliadhna a dh'aois. Bha aillse aige sa sgòrnan agus ghabh 16 uairean opairèisean. Bha e air a bhith sàraichte agus ann an Ospadal Anundo. Bha a dhotair ag ràdh gun robh e air droch shuidheachadh.

Bha Mórachd Fheusagach air a chanadh ris agus bha e poibleach.

Prionsa Tomohito

117 Buill-Phàrlamaid a' cur an Ahaidh an Ath-obair de Òi Ionadan Niuclasach

Air 5mh latha den Og-mhios, chuir 117 buill-phàrlamaid, a tha a' buntainn do phàrtaidh a' chaibineait, pàipear an iarrtais, a tha a' cur an aghaidh an obrachadh luath de Òi Ionadan Niuclasach, chun a' phrìomhar. Tha an àireamh seo a' ruigsinn gu trian de na h-uile 397 buill-phàrlamaid de phàrtaidh a' chaibineait; Pàrtaidh Deamocratach.

Òi Ionadan Niuclasach

Tha iad ag ràdh nach eil dad sam bith air a dhèanamh ged a tha an riaghaltas an earbsa gum bi e air còig rudan a choileanadh mar; togail an ionaid-stiùiridh a tha saor bho chrith-thalbhain, stéidheachadh buidhne-ghnìomha ùr a tha a' stiùireadh a' chumhachd niuclasach agus rudan eile.

Yahoo News: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20120605-00000003-jct-soci

2012-06-05

Coimisean na Sàbhailteachd Niuclasach a' leigeil leis na Bidheannan Dealain Cunntas Brèige a thoirt

Air an 4mh latha den Ògmhios, nochd Haruki Madarame, Cathraiche de NSC (Coimisean na Sàbhailteachd Niuclasach) gun do leig NSC leis na bidheannan dealain cunntas brèige a dhèanamh agus a nochd nach b' e tomhas do ionad niuclasach gun dealan nas fhaide na 30 mionaidean a th' a dhìth orra. Thuirt Cathraiche Madarame "Bu fìor cheàrr gun tug NSC seòl dhaibh cunntas brèige a dhèanamh" agus rinn e leisgeul.

Haruki Madarame, Cathraiche de NSC 

Thuirt e cuideachd gu robh comhrom aca gus an suidheachadh a leasachadh ach iad a' sìor bhreithneachadh nach robh leasachadh sam bith a dhìth.

Bha Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach gun dealan fada còrr is 23 uairean an dèidh na crith-thalbhainn ann ann 2011 agus thachair leaghadh sìos.

NSC: http://www.nsc.go.jp/NSCenglish/index.htm
Fukushima Daiichi nuclear disaster: http://en.wikipedia.org/wiki/Fukushima_Daiichi_nuclear_disaster
Sankei News: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/120604/crm12060421560057-n1.htm

2012-06-04

BBC a' toirt Cunntas air Bogsachan a’ Bhìdh

Tha biadh meadhan-latha sa spòrs shònraichte do chloinn sna sgoilean ann an Iapan. Bidh gach bunsgoil a' cur air dòigh biadh meadhan-latha do na sgoilearan agus tha e fallain, blasda agus sa phailteas am bitheantas. Ach cha bhi meadhan àrd-sgoil (junior high school) no a' chuid as motha de na ionadan cùram-cloinne a' cur air dòigh biadh meadhan-latha. Agus bidh na matharaichean a' dèanamh bogsa a' bhìdh do na cloinn am bitheantas moch sa mhadainn. Chan eil a h-uile mathair toilichte a bhith ga dhèanamh ach is cinnteach gu bheil mòran matharaichean a' feuchainn bogsa a' bhìdh bhreagha. Gu sònraichte sna ionadan cùram-cloinne.

Tha BBC a' toirt cunntas air bogsachan a' bhìdh. Seall "Close-up: Japan's amazing lunchboxes" mar a leanas.

Close-up: Japan's amazing lunchboxes

BBC: http://www.bbc.co.uk/news/magazine-16069217

2012-06-02

Skymark: Cha bhi ar Sgioban a' bruidhinn gu Modhail

Bho thòiseach den Mhàigh, tha Buidheann-adhair Skymark air a bhith a' nochdadh sna itealain mar "Cha bhi ar sgioban a' bruidhinn gu modhail", "Cha bhi ar sgioban ur cuideachadh a bhith a' togail ur pacraidhe suas" agus "Cha gabh sinn gnothach ri gearan sam bith ann an itealan".

Skymark

Chaidh Skymark a stèidheachadh ann an 1998 agus tha iad air a bhith a' tairgsinn nan tiocaidean saora. Ach stèidhich buidheannan-adhair eile as dèigh agus thòisich iad air gnothach ionann. Thathar ag ràdh gum bheil Skymark a' toirt na cosgais a-nuas gus tighinn suas riutha.

Tha Skymark a' leigeil leis na sgioban bruidhinn prìbheideach sna itealain. Feumaidh iad an lèine-pholo leis a' dhealbh de Skymark a chur orra ach tha am buidheann a' leigeil leis na sgioban-san stoidhle fhuilt agus aodach a thaghadh.

Tha na buidheannan-adhair eile ag ràdh, "Tha eagal againn gum bi cliù de ghnìomhachas nan buidheannan-adhair a' fàs nas miosa.

2012-06-01

Bana-phrionnsa Maco a' rannsachadh ann an Oilthigh Dhùn Éideann

Air an 1mh latha den Og-mhios, tha an aire air a thoirt gu bheil plana ann gum bi Bana-phrionnsa Maco a' rannsachadh ann an Oilthigh Dhùn Éideann bhon t-Sultain 2012 chun a' Mhàigh.

'S i nighean de Phrionnsa agus Bhana-Phrionnsa Akishino agus tha i na oileanach ann an treas bliadhna ann an ICU (Oilthigh Crìosdail Eadar-naiseanta) ann an Tòcèo. Tha dùil aice ealain a rannsachadh ann an Alba.

Bana-phrionnsa Maco

Iapan aig an 27mh àite air Rangachadh na Farpaiseachd Eadar-nàiseanta

Thug IMD (Institiùd Eadar-nàiseanta an Leasachaidh Manaidsearachd) cunntas air farpaiseachd eadar-nàiseanta de 59 dùthchannan. Tha an cunntas a' nochdadh gu bheil Hong Kong aig a' chiad àite, na Stàitean Aonaichte aig dàra, an Eilbheis aig treas agus Iapan 27mh air an rangachadh.


Thathar ag ràdh gur e an edhbhar ann an Iapan an do stad na ionadan niuclasach an dèigh na crith-thalbhainn agus nach eil dealan gu lèor ann.

Tha IMD air a bhith a' toirt an cunntas a h-uile bliadhna bho 1989. Bha Iapan aig a' chiad àite bho 1989 gu 1993.

IMD: http://www.imd.org/news/IMD-announces-its-2012-World-Competitiveness-Rankings.cfm