Air an 5mh latha den t-Samhain nochd TEPCO (Buidheann Dealain Tòceo) gun robh 70 slatan a' chonnaidh briste ann an amar-stòir a' chiad ghineadair ann an Ionad Niuclasach Fukushima Daiichi mu thràth ron chrith-thalmhainn agus tsunami air an 11mh latha den Mhàrt 2011.
 |
| Slatan a' chonnaidh san amar-stòir |
Tha 292 slatan a' chonnaidh san amar-stòir agus tha 70 slatan ionnan ri 25% de na slatan uile sa ghineadair. Tha TEPCO ag ràdh gu bheil frògan beaga air na slatan, gu bheil an rèididheachd air a bhith a' dol a-mach, nach eil dòigh shàbhailte gus gan togail agus cur a-null thairis.
Tha TEPCO ag ràdh gu bheil 3 slatan ann an amar-stòir an dara ghineadair, 4 slatan ann an amar-stòir an treas gineadair agus 3 slatan ann an amar-stòir an ceathramh gineadair agus nach robh càileachd nan slatan gu leòr.
Tha TEPCO ag ràdh gun robhar air a bhith a' toir cunntas air a h-uile briseadh slaite don riaghaltas.
Kahoku.com:
http://www.kahoku.co.jp/news/2013/11/20131116t63022.htm