2013-11-26

Gunna ann an Sgoil

Air an 23a latha den t-Samhain thachail sgiorradh gun do rinn tidsear mearachd a loisgeadh an gunna a bha e air arfuntachadh bho aon de na sgoilearan. Fhuair an tidsear fios air an sgoilear aig an robh an gunna agus bha e air ga arfuntachadh ach bha e cinnteach gur e dèideag a bh' ann. Bhail am peilear cathair agus cha do rinn e cron sam bith.

Chuir am poileas an greim air an athair aig an sgoilear. Bha an gunna; daga-cuairt agus na peilearan aige gu mì-laghail. Bha an sgoilear cinnteach gur e dèideag a bh' ann.

Asahi News: http://www.asahi.com/articles/SEB201311250011.html

2013-11-19

Iasgach an Asgaidh ann an Loch Biwa

Tha Oifis Shiga a' toirt cothruim an iasgaich do buidhnean agus sgioban an asgaidh gus na èisg coigreach fhuadachadh bho Loch Biwa. Fastaichidh an oifis slat agus acainn iasgaich an asgaidh.

Na daoine a' iasgach ri taobh Loch Biwa

Dh'fhàg daoine mì-eagnaidh na èisg coigreach mar Black Bass agus Bluegill do na lochan airson spors an iasgaich ach chuir iad às èisg an tùis agus bhris iad èiceo-shiostam an nàdair.

Tha 2,973 daoine a' buntainn don chothrom seo agus dh'iasgaich iad 540 cileagram ann an 2012.

Ma bhios ùidh agaibh san chothrom seo cuir fios gu Biwako Leisure Taisakushitu aig 077 528 3485.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/article/shiga/20131119/CK2013111902000019.html

70 Slatan a' Chonnaidh Briste ann an Amar-stòir an Ionaid Niuclasach

Air an 5mh latha den t-Samhain nochd TEPCO (Buidheann Dealain Tòceo) gun robh 70 slatan a' chonnaidh briste ann an amar-stòir a' chiad ghineadair ann an Ionad Niuclasach Fukushima Daiichi mu thràth ron chrith-thalmhainn agus tsunami air an 11mh latha den Mhàrt 2011.

Slatan a' chonnaidh san amar-stòir

Tha 292 slatan a' chonnaidh san amar-stòir agus tha 70 slatan ionnan ri 25% de na slatan uile sa ghineadair. Tha TEPCO ag ràdh gu bheil frògan beaga air na slatan, gu bheil an rèididheachd air a bhith a' dol a-mach, nach eil dòigh shàbhailte gus gan togail agus cur a-null thairis.

Tha TEPCO ag ràdh gu bheil 3 slatan ann an amar-stòir an dara ghineadair, 4 slatan ann an amar-stòir an treas gineadair agus 3 slatan ann an amar-stòir an ceathramh gineadair agus nach robh càileachd nan slatan gu leòr.

Tha TEPCO ag ràdh gun robhar air a bhith a' toir cunntas air a h-uile briseadh slaite don riaghaltas.

Kahoku.com: http://www.kahoku.co.jp/news/2013/11/20131116t63022.htm

2013-11-12

A’ Phrìomh Ionad-Cluiche Oilimpeach a' cosg 1 Trillean JPY!

Nochd mi gum bi A' Phrìomh Ionad-Cluiche Oilimpeach ùr a& cosg 300 billean JPY ach as dèigh tha lorg air fhaighinn air gum bi direach an ionad fhèin a' cosg 300 billean agus gum bi an ionad, an talamh, na goireasan agus cosgais na cumaisuas a' cosg gu lèir 1 trillian JPY. Tha mòran daoine ùghdarrasail a' cur an aghaigh.


Tha an ionad dà no tri uiread meud nan ionaid-cluiche sna seann làithean agus bidh 80,000 duine a' frithealadh nan geamannan. Tha an riaghaltas a' leantainn air a' phlana.

News Nifty: http://news.nifty.com/cs/item/detail/gendai-000196893/1.htm
New National Studiom Tokyo: http://www.jpnsport.go.jp/newstadium/tabid/368/Default.aspx

2013-11-11

Cò a Pàighidh airson a’ Phrìomh Ionad-Cluiche Oilimpeach?

Bithear a' cumail nan Geamannan Oilimpeach ann an Tòceo ann an 2020 agus tha dùil aig Prìomh-bhaile Tòceo 230 flataicheab a bhriseadh agus 370 daoine a fuadachadh. Obh, obh!

Breagha ach ro dhaoir!

'S e Riaghaltas Iapan a tha a' pàigheadh airson an ionad agus bha e an dòchas gum bi e a' cosg 130 billean JPY. Ach dh'ionnsich e gum bi e a' cosg 300 billean JPY gu dearbh. Nochd an riaghaltas nach urrain dha ga phàigheadh. Agus chuir e air dòigh plana ùr. Tha e ag ràdh nach bi e a' cosg ach 185 billean JPY nan toireadh e seachad pàirc nan càraichean fon ionad, ionad nan bùthan, ionad an fuirich ri taobh an ionaid agus mullach a' ghuasaid air an ionad. Tha oifis an ailtire a' dol leis an riaghaltas.

Ach tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil an ionad a' cosg cus agus tha e an dòchas gum bi Oifis Tòceo a' pàigheadh codach a' choisg. Tha dùil aig an oifis a' chuid a phàigheadh ach chan soilleir cia mheud pàighidh i.

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/article/DGXNASDG2303E_T21C13A0CR8000/

2013-11-10

Càr Google Fad nas Fheàrr!

Air an 9mh latha den Samhain bha Prìomhair Abe a' feuchainn gach siostam an draibhidh fèin-sheòlaidh air na càraichen a rinn na buidheanean Iapanach; Toyota, Nissan agus Honda. Bha na càraichen a' ruith timcheal air a' phàrlamaid gun ghnìomhadh an dràibhidh sam bith mar na rothan a stiùireadh agus troighean an luaiths a fhàisgeadh.

Prìomair Abe ann an Lexus 

Thuirt e,"Thàinig e orm gu bheil an teicneolas Iapanach as fheàrr san t-saoghail." Ach...

Air an eadar-lìon nochd mòran daoine beachd a tha an agaigh a' phrìomair agus thuirt iad gu bheil a' chàr Google fad nas fheàrr. Nochd Google a' chàr fhèin-sheòlaidh ann an 2010 agus tha i air a ruith fad 700 mìle kilo a dh'àirde mar-thà. Agus tha air ga dhearbhadh gu bheil i comasach air a ruith gu fèin-sheòlaidh ann an midheann a' bhaile ann an New York far a bheil trafaic mhòr agus iomadh neach-coiseachd. Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gu bheil i ga dràibhadh nas sàbhailte agus nas ciùine na na dràibhearan proifeiseanta.

Dè do bheachd?

Càr Googl


Self-Driving Car Test: Steve Mahan

Càr Google ann an New York

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/article/DGXNASFS0900Z_Z01C13A1PE8000/

2013-11-05

Na Geamannan Oilimpeach a' Fuadachadh 370 Daoine

Bithear a' cumail nan Geamannan Oilimpeach ann an Tòceo ann an 2020 agus chuir Prìomh-bhaile Tòceo roimhe "Kasumigaoka Apart" a bhrisedh gus am prìomh ionad-cluiche Oilimpeach a thogail. Tha 370 daoine a' fuireach sna 230 flataichean ann an "Kasumigaoka Apart" agus tha 60% de na daoine 65 a dh'aois no nas sine.

Am prìomh ionad-cluiche ùr Oilimpeach (Dealbh)
Mus an robh Prìomh-bhaile Tòceo a' cumail nan Geamannan Oilimpeach ann an 1964, bhris e na taighean beaga sa cheàrn agus thog togalaich ùra timcheall air am prìomh ionad-cluiche Oilimpeach gus a nochdadh gur e baile nuadh a th' ann. 'S e cuid den phròiseact a th' ann an "Kasumigaoka Apart".




Nochd Prìomh-bhaile Tòceo gu h-obann san Lùnasdal an uiridh gum bithear a' briseadh na flataichean. Chuir mòran den luchd-còmhnaidh an aghaigh ach tha iad a' tuigsinn nach urrain dhaibh stad a chur air a' phròiseact.

Tha am prìomh-bhaile a' dol a thairgsinn flataichean eile poballach ann an Shinjuku ach chan eil an luchd-còmhnaidh ag iarraidh dh'imrich agus tha iad gu math mi-thoilichte.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/sports/news/20131105k0000m040112000c.html?inb=rs

2013-11-02

Mafia Iapanach Yamaguchi-gumi a' toirt don Choinn Suiteas san Oidhche Shamhna

Tha lorg air fhaighinn air gun robh Mafia Iapanach Yamaguchi-gumi a' toirt don choinn suiteas san Oidhche Shamhna (31mh Damhair) air beulaibh a' phrìomh-oifis ann an Nada, Kobe. Tha mòran de mhuinntir an àite an dòchas gum bi am Mafia a' fagail a' bhaile ach tha e airson drùdhadh math a dhèanamh air muinntir an àite.


Pocannan suiteis a thug Yamaguchi-gumi

Uair bha Yamaguchi-gumi a' toirt airgeaid do na daoine a thàinig don fhèis ionadail agus thug iad do ionaddan a' chùraim-cloinne masgan meadaigeach nuair a bha an anatan mòr a' dol gu falsaing.

http://www.kobe-np.co.jp/news/jiken/201311/0006463719.shtml