Ruitheadair leis an leus Oilimpeach |
Bhathar a' cumail na Geamannan Oilimpeach ann an Tòceo ann an 1964. Ruith na ruitheadairean leis an leus Oilimpeach ann an gach làmh tro Okinawa, Kagosima agus ràinig an Lasair Oilimpeach Tòceo air an 10mh lath san t-Sultain ann an 1964. Ann an Kagoshima an dèidh na Geamannan Oilimpeach bhathar a' cumail tachartas ionadail leis an lasair. Bhathar a' cumail an lasair gus ga cuir a-rithst air an leus nuair chaidh an lasair às. San tachartas fhuair sealbhadair a' bhùith spòrsa an lasair ann an crùisgean bheag a chionn 's gun robh sgoilearan ann an eilean iomallach airson ga faicinn.
Oifigeach an ionaid is an lasair |
Chaidh e don eilean gus an lasair a nochdadh do na sgoilearan ach bha e ga sìor chumail san taigh aige an dèidh sin. Agus thug e do Ionad Foghlaim Òigridh i sa chrùisgean. Chuir na oifigich an lasair air a' chrùisgean nas motha. A-nis is traidiseanta a bidh oifigeach ùr ag ionnsachadh mar a thathar a' cumail a' chrùisgein. Thathar a' cantain "Lasair an Dòchais" rithe agus ga cleachdadh sna tachartais sònraichte leithid fèis spòrsa, fèis dualchais, tùrlach na fèise.
Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/1010/SEB201310100004.html
No comments:
Post a Comment