Showing posts with label Mi fhìn. Show all posts
Showing posts with label Mi fhìn. Show all posts

2012-01-23

Bha Sneachda Againn

Bha sneachda air a chur Dihaoine agus Disatharna. Bha e trom agus flliuch agus chan eil e air fhagail idir sa bhaile ach chi sinn air sealladh na Beanntan Tanzawa breagha fo shneachd throm.



Bidh sneachd trom a' cur stad air trafaic agus rathad iarrain ach 's toigh leam e. Bidh am baile fo shneachda geal agus breagha. 'S toigh leam a choiseachd san lath an sneachda agus a shealladh gu bheil sneachda a' tuideam.

Nuair a bha mi òg, tha mo mhathair air siùcair a chraiteachan air sneachda agus thug i dhomh e. Bha e gu math blasda.


2012-01-04

Chaidh sinn do Chamacura [3]

A' fàgail Hasedera, fhuair sinn Enoden a-rithst. A' fàgail Steisean Camacura, rinn sinn air Tsuruoka Hachimangu, an naomh-chobhan. Bha sinn a' coiseachd air Rathad Komachi far a bheil iaomadh bùth. Agus bha iad uile fosgailte eadhon air an 31 Dùbhlachd.

Thog Yoriyoshi Minamoto teampall ris a chanadh Iwashimizu Hachimangu ann an Yuigou Tsuruoka ann an 1063. Chuir Yoritomo Minamoto roimhe a bhaile ùr a thogadh ann an Camacura agus dh'imrich e an teampall sin ann an 1180 dhan àite an lath diugh sa mheadhan a' bhaile agus dh'ainmeachadh e mar Tsuruoka Hachimangu.

Bhuannaich e iomadh blàr agus thug an t-iompaire dha na còraichean an riaghaldh Iapan an àite an iompaire. Stéidheaich e a riaghaltais ann an Chamacura agus bha e a' cumail taic ris an teampall. Ach fhuair an t-iompaire an tighearnachd ann an 1868, chuir e às dhan sagartan, mhill e an tùr, an clag agus an Iomhaigh Bhuddha, loisg e na Sutran agus dh'atharraich e an t-iompaire dhan naomh-chobhan .



Sràit mhòr dhan cheacar. Bha mòran teantan oirre agus iomadh biadh rim faighinn. Chan robh ach beagan daoine ach thigeadh iomadh daoine air Callain.

Seo Maiden, àrd-urlar an dannsa. Thèid a chumail iomadh tachartas a' chreideaimh. (Seall seo.)

Seo an togalach mòr a tha air a thogail ann an 1828. Tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh na h-altair.

Sealladh bhon togalach mhòr. Chi sibh an sràit mhòr seachad air Maiden.

Seo am baile Camacura. Bha an soilleireachadh glè bhreagha.

Bha sinn ag ithe iomadh seòrsa isbeanan agus hama sa bhùth ionadail. Bha an leann ionadail math cuideachd.

An dèidh tadhal air Tsuruoka Hachimangu, bha sinn a' coiseachd air an sràit mhòr dhan steisean trènichean. Bha iomadh bùth air an sràit agus a' còrdadh ruinn. Fhuair sinn a-mach bùth math agus dh'ith sinn agus dh'òl sinn beagan.

Fhuair sinn trèn air Lìn Keihin-Tohoku agus bha sinn a' dol dhachaigh.

Seo ar turas beag air an 31 Dùbhlachd. Bha lath math againn!

Crìoch.

Seo Lìn Keihin-Tohoku.

Am broinn na trèan.

Tsuruoka Hachimangu (Oifigeil): http://www.tsurugaoka-hachimangu.jp/ (Beurla)
Tsuruoka Hachimangu (Wiki): http://en.wikipedia.org/wiki/Tsurugaoka_Hachiman-g%C5%AB (Beurla)
Yoriyoshi Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoriyoshi (Beurla)
Yoritomo Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoritomo (Beurla)

2012-01-02

Chaidh sinn do Chamacura [2]

An dèidh tadhal air Còtocuin, gabh sinn biadh meadhan-latha ann an seòmar tì. Tha iasgach glè ghnìomhach ann an Camacura agus baoit gheal, iasg òg à Camacura blasda gu sònraichte. Agus dh'ith sinn baoit gheal air rìs. Bha seo glè mhath.

Shirasu Gohan, baoit gheal air rìs.

An dèidh sin, chaidh sinn do Hasedera, an teampall. Thathar ag ràdh gu bheil Hasedera air a shtèidheachadh san 8mh linn. Ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

A' coiseachd seachad air an geata mòr agus a' dìreadh na staidhre suas, ràinig sinn air an teampall mòr air an cnoc. Tha an togalach an tiompaill fhèin ùr agus air a dhèanamh san 20mh linn. 'S e an ìomhaig Guanyin òrach mòr leis na 11 aodainn (9.18 meatair a dh'àirde) a tha a' seasamh san teampall ach tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh. 'S e clàr a' chàireadh ann an 1485 a tha air an aire a thoirt ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

Tha an taigh-tasgaidh agus an seòmar tì san làrach. Bha deochannan agus biadhan rim faighinn san teant agus fhuair sinn Manju, seòrsa mìlsein agus Amazake, deoch mhilis dhèante de rìs. Bha iad glè mhath. Bha sealladh na mara os cionn a' bhaile glè breagha.

Ri leantainn.

An geata mòr aig Hasedera

An togalach mòr ann an Hasedera. Tha an ìomhaig ann.

Sealladh na mara os cionn a' bhaile

An seòmar tì ann an Hasedera. Tha an togalach san dealbh thraidiseanta agus bhreagha.

2012-01-01

Chaidh sinn do Chamacura [1]

Chaidh sinn, mi fhìn agus mo nighean do Chamakura a tha aon uair gu leth bho Thòcèo air trèanaichean. 'S e prìomh-bhaile Iapanach eadar 1180-1333 a bha ann an Camacura. Tha Cèoto fada nas ainmeile ach 's e baile breagha a tha ann an Camakura agus 's toigh leam a thadhal air.

Chaidh sinn do Chamakura air Enoden. 'S e trèan èibhinn a tha ann an Enoden. 'S e trèan gu soilleir ach tha a' chuid den rathad-iarainn a' dol air an rathad mar trama. Tha an rathad-iarainn a' dol air meadhan an rathad agus biodh na càraichean a' dol air na dà thaobhan nuair a biodh an trèan a' tighinn. Bidh sinn a' sealladh na mara air an trèan air a' chuid den rathad-iarainn. Tha Enoden a' còrdadh riuinn gu fìor.


Enoden


Thathar a' faicinn geata an taighe. 'S dòcha gum bi an luchd-còmhnaidh a' coiseachd os cionn an rathad-iarainn agus a' tighinn a-steach dhan taigh.


Enoden air an rathad. Thathar a' faicinn na aire "Thoir an rathad dhan trèan." air an rathad.


Enoden ann an dealbh eile ann an Shichirigahama.


Seo an tràigh de shichirigahama. Seallaidh sibh Eilean Enoshima air fàire.


Thug mi an aire gu bheil sinn a' faicinn Beinn Fuji eadar Eilean Enoshima agus an tìr.

An toiseach, dh'falbh aig Steisean Sichirigahama. Choisich sinn dhan tràigh agus bha a' mhuir glè bhreagha. Bha i fuar ach daoine a' iasgach, a' leigeil suas itealag no a' surfadh. An dèidh sin, chaidh sinn do Hase air Enoden airson Iomhaigh Bhuddha a shealladh. Tha an ìomhaigh ann an  Còtocuin, an teampall agus thathar ag ràdh gu bheil an ìomhaigh air a dhèanamh anns an 13mh linn. Tha 11.39 meatairean a dh'àirte. Chan eil e glè mhòr ach an cumadh glè mhath.

Ri leantainn.


Iomhaigh Bhuddha

Kamakura Travel Guide:  http://www.japan-guide.com/e/e2166.html  (Beurla)
Còtocuin: http://en.wikipedia.org/wiki/K%C5%8Dtoku-in (Beurla)


Iomhaigh Bhuddha

2011-12-26

Carson a tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig?

Thadhail mi air Alba ann an 1994. Bha mi cinnteach gun robh mòran dh'Albanaich a' bruidhinn Gàidhlig. Cheannich mi "Teach Yourself Gaelic" agus dh'ionnsaich mi i fada trì miosan roimhe sin. Bha mi òg agus bha cuimhne mhath agam. Bha an ùine gu lèor a dh'ionnsachadh abairtean furasta.

Mo chiad leabhar teacsa

Chaidh mi do Dhùn Eiden an toiseachd. Thug mi an aire a dh'aithghearr nach eil Gàidhlig aig Albanaich idir. Ach chunnaic mi fear aig an robh Gàidhlig gu lèor ann an "Scotch Whisky Heritage Centre" (Scotch Whisky Exhibition an diugh). Chuala mi bhuaithe mu dheidhinn Caperceillie agus Runrig. Bha e glè chaoimhneil. Tha mi glè dhuilich nach do fhuair mi a dh'ainm no shèoladh.

Chaidh mi rathad Ghlaschu a dh'Ile. Chunnaic mi boireannach aig an robh Gàidhlig gu lèor. An toiseach, cha do chreid i gun robh Gàidhlig agam. An dèidh còmhraidh ghoirid, thoisich i a bhith iongantach. Mhol i gum biodh mi a' cumail a h-ionnsachadh.

Tàinig mi dhachaigh agus fhuair mi litir Gàidhlig bho a piuthar-màthar agus a caraid. Sgriobh mi dhaibh agus chuir mi romham a chumail a h-ionnsachadh. Ach cha robh mi Ghàidhlig a' fàs nas fhèarr adir. Cha robh tidsear agam agus an cànan seo furasta fiù 's ged a bha mi toilichte ag iomlaid litirichean.

Dh'ionnsich mi leis seo cuideachd. Tha na bhideothan agus na teipichen agam fhathast.

Ach fhuair mi tidsear o chionn ghoirid agus tha a h-uile rud air a dh'atharrachadh. Fhuair mi cothrom a dhol sìos dhan dhoimhne Ghàidhlige. Chan eil cuimhne mhath agam tuilleadh ach tha mi air a bhith ga h-ionnsachdh gu cruaidh a h-uile lath. Ach chan eil gin fhurasta ann.

Agus thoisich mi mo bhloga a sgriobhadh. Bha mi a' smaointinn gum biodh mi ag ionnsachadh tuilleadh nam biodh mi a' sgriobhadh alt ann an Gàidhlig a h-uile lath. Tha mi a' taghadh rudeigin inntineach air eadar-lìon agus a' dèanamh a dh'eadar-theangachadh. Feumaidh faclan agus dòighean-labhairt doirbh ann agus tha mi a' smaoinntinn gu bheil e math dhomh gan rannsachadh.

Chan eil mi òg tuilleadh agus chan eil fhios agam dè a tha e ciallachadh gu bheil mi a' cumail a h-ionsachadh. Bidh mi a' smaoinntinn gu tric dè a tha mi a' dèanamh. Ach tha Gàidhlig a' còrdadh rium.

Tha mi duilich nam biodh m' alt ro dh'èibhinn. Chan eil Gàidhlig gu lèor agam.

Nollaig ann an Iapan

Chan eil ach beagan Chrìostaidhean anns a' dhùthaich seo ach 's e tachartas sònraichte dhuinn uile a tha ann an Nollaig. Mar anns na dùthchannan eile, theid tuilleadh duine dhan eaglaisean san Oidhche Nollaig agus Là Nollaig. Bidh dinnear sònraiche aig mòran dhachaidhean. Bidh iad a' dèanamh craobh Nollaig cuideachd. Bidh a' chlann a' coimhead air adhart tìodhlaicean bho Bhodach na Nollaig ged a biodh iad ag iarraidh air na parenttan nam biodh iad a' fàs.


Soillseachadh Nollaig ann an Tòcèo

Tha coileach-frangach ainmig mar an a' dhinnear Nollaig agus chan eil a' bhannag thradiseannta againn. Ach tha mi a' smaoinntinn gu bheil e math a chomharrachadh Nollaig fiù 's ged a tha a h-uile rud air a' dhòigh dh'Iapanach.

An diugh, tha mi glè thoilichte gu bheil sinn gu math agus  a' comharrachadh Nollaig comhla.

Tha mi an dòchas gu bheil Nollaig Chridheil agaibh uile!


Tha cearc poibleach.


Tha a' shtoidhle seo glè chumanta ann an Iapan.

2011-11-21

Fèis Uisge-Beatha air a chumail ann an Tòcèo

Air an 20, bha an 5mh Fèis Uisge-Beatha air a chumail ann an Tòcèo. Thòisich i aig 11 sa mhadainn agus bhathar a' cur crìoch oirre aig 6 feasgar. Bha mi a' frithealadh fada an latha mar pìobair, a' cluich na pioba agus ghabh mi mòran dealbhan. Obh, seadh! bha iomadh duine air iomagh uisge-beatha a dh'òl.


Bha còrr is 30 buidhnean a' nochdadh grunn uisge-beatha, spioraid, lionntan no biadhan math airson a dh'òl. Agus còrr is 1,500 duine a' frithealadh na fèis seo agus a' blas uisge-beatha agus rudan eile. Tha dùil agam a' mhion-fhiosrachadh a sgriobhadh a-rithst.


Mu trì uair feasgar, cò aig a tha fios cia mheud duine a tha ann!


An 5mh Fèis Uisge-Beath: http://www.scotchclub.org/fes/2011/participants.html

2011-11-19

Deiseil a chluich na Pìoba

Tha mi air a bhith a' cleachdadh piobaireachd gu cruaidh a h-uile latha o chionn ghoirid agus tha mi deiseil a chluich na pìoba sa thachartas uisge-beatha a-màireach. 'S e Fèis Uisge-Beatha a bithear a' cumail ann an Odaiba, Tokyo a-màireach. (Seall seo)Tha dùil agam ga cluich ceitheir a thuras. Bidh mi a' cluich mòran ceòl beag ach tha dùil agam ceòl mòr a chluich cuideachd. 'S toigh leam "Lasan Phadruig Chaogaich" agus bidh mi toilichte a chluich an fhuinn seo.


Tha dùil agam dealbhan a ghabhail agus cunntas a thoirt air an tachartas seo ged a tha mi a' smaoinntinn gum bi e cunntas mar a bha iomadh duine ag òl iomadh uisge-beatha.


Fèis Uisge-Beatha 2010


Fèis Uisge-Beatha: http://www.scotchclub.org/fes/2011/index.html

Tha am Foghar an Seo

Thathar a' cur sneachd anns na sgìrean ear-thuath Iapanach ach chan eil Tòcèo cho fuar riutha an seo. Bha an teodhachd a b' àrde 14 puingean C. agus an teodhachd na b' ìsle 10 puingean C. an-diugh.

Na craobhan air an t-sràit

Tha na craobhan a' faighinn dathan an Fhoghair agus tha iad gu math breagha ann an buidhe, dearg no ruadh.

Na cnothan Ginkgo

Tha na craobhan Ginkgo air an t-sràit, bidh na duillean a' fàs buidhe agus tuitidh na measan sius san Fhoghar. Dheibh sinn cnothan asda. Ròistidh sinn iad agus ithidh sinn na eitein. Tha iad uaine agus blasda.


2011-11-13

Sealladh bho a' Bharraid

Seo sealladh bho a' bharraid. Tha mi a' fuireach ann an Tokyo ach san àite siar fada bho mheadhann a' bhaile.


2011-11-04

Mo phìob

Tha mi air a bhith a' cluich na pìob bho 1995. Bha i a' coimhead furasda agus cheannaich mi seata le òrdugh tron phost. Agus ...?

Cha robh i furasda idir! Cha b' urrain dhomh fuaim sam bith a dhèanamh airson trì mìosan. Ach fhuair mi air an fhuaim a dhèanamh agus thoisich mi a cluich.

A-nis tha mi a' cluich an dà chuid de Cheòl Beag agus Ceòl Mòr.


Seo mo phìob. Bha iad air a dhèanamh anns an aon bhùth-obrach. 'S e David Naill a tha ann. Tha iad a' còrdadh rium gu math ged as' e Sasanach a tha ann. Cha robh fhios agam idir a nuair sin.

Tha mi a' cluich ann an tachartas uaireanan.