2012-02-15

Lath Bhàlantain ann an Iapan

'S e Lath Bhàlantain air an 14 Gearran. Ann an Iapan, 's e an lath far am bi caileagan a' toirt seoclaid dha na balaich air a bheil gaor aca agus a' nochd gan gaol dhaibh. Thathar ag ràdh gun robh na dealbhadairean-seoclaid agus na bùthan a' togadh seoclaid gu inbhe mar tiodhlac an Lath Bhàlantain o chionn fhada agus gun robh e a' fàs àbhaist ann an 70ad.

Sa bhùth

A h-uile bliadhna, bidh iomadh seoclaid air féill sna bùthan an t-suiteais eadar an tòiseach den Fhaoilleach agus an 14 den Ghearran. Ach 's fhèarr le mòran cailagan a bhith a' dèanamh seoclaid sònraichte aig an taigh.

An diugh, bidh mòran boireannich a' toirt seoclaid an Lath Bhàlantain do charaidean gu furasta agus bithear a' toirt iomadh rud eile mar tiodhlac an Lath Bhàlantain.

Aon de iomadh rud eile

'S e an 14 den Mhàrt a tha ann an lath far am bi balaich a' toirt cnap-lus, seoclaid geal no maide-milis dha na caileagan air a bheil gaor aca agus a' nochdadh tàing airson an seoclaid a' fhuair iad. Thathar a' cantainn White Day ris agus thathar ag ràdh gun do thòisich Ishimuramanseido, dealbhadair-cnap-lus an tachartas seo ann an Iapan.

Sa bhùth a-rithst

White Day: http://en.wikipedia.org/wiki/White_Day (Beurla)

2012-02-14

Iompaire a' gabhail Opairèisean

Tha Buidheann-gnìomha Taigheadais ìmpireil air nochdadh gun gabh Iompaire opairèisean an rathaid-seachnaidh air a chridhe air an 18 am mìos seo. Ghabh e sgrùdadh mionaideach air an 11, mhol a dhotairean opairèisean an rathaid-seachnaidh dha agus ghabh Iompaire am moladh.

Opairèisean an rathaid-seachnaidh

Tha Iompaire a' gabhail nan cungaidhean agus tha e cho math 's gu bheil e comasach air obair chumanta a dhèanamh. Ach, air dha eacarsaich gnìomhach a ghabhail, tachairidh  greim cridhe  air.

Tha na dotairean ag ràdh gu bheil tèarainteachd gu leor aig an opairèisean agus gur e rèite cheart dha airson beatha an làthair a chumail agus beatha nas fhèarr fhaighinn.

Bidh Iompaire a' gabhail cùisean oifigeil gus an opairèisean.

Mainichi jp: http://mainichi.jp/select/opinion/editorial/news/20120214k0000m070085000c.html

2012-02-13

Lath Stéidhe Nàiseanta

Bha e Lath Stéidhe Nàiseanta air an 11 Gearran. Thathar ag ràdh gun bheil Iompaire Jimmu, a' chiad iompaire air èirichigh gu rìgh-chathair air an 11 Gearran BC 660 agus the seo air nochdadh air Nihonshoki, leabhar na eachdraidh Iapanach, air a chrìochnachadh ann an 720. Ach 's e measgachadh de eachdraidh agus miotas a tha anns a' chiad chuid den leabhair agus thathar ag ràdh gu bheil na caibideilean teagmhach bhon toiseach do Iompaire Buretsue (AD498-506 air rìgh-chathair), am 25mh Iompaire.

Iompaire Jimmu

Bidh na reighliois Shinto (Shinto Shrines) a' cumail tachartais de Lath Stéidhe Nàiseanta a chionn 's gur e creideamh airson Iompaire a dhiadhachadh a tha ann an Shinto. Ach chan eil beagan daoine a' cur faire air na tachartais. Chan eil an riaghaltas no na siorramachdan a' cumail tachartais sam bith. Bithear a' cumail tachairtais neo-oifigeil ach chan eil mòran daoine a' cur faire air na tachartais. Bithear a' cumail tachairtais an aghaidh an lath seo cuideachd. Togaidh beagan daoine bratach Iapanach ach tha iad glè ainneamh.

Bithear a' cumail tachairtas neo-oifigeil ann an Lùchairt Ìmpireil agus tha an tachartas gun àinm.

Tha e coltach ri saor-latha banca gu gumanta.

Lath Stéidhe Nàiseanta: http://en.wikipedia.org/wiki/National_Foundation_Day (Beurla)
Iompaire Jimmu: http://en.wikipedia.org/wiki/Emperor_Jimmu (Beurla)
Nihon Shoki: http://en.wikipedia.org/wiki/Nihon_Shoki (Beurla)
Iompaire Buretsu: http://en.wikipedia.org/wiki/Emperor_Buretsu (Beurla)

2012-02-11

Stiùireadair Poileais air Facebook

Tha an aire air toirt gun robh stiùreadair poileas sa Phoileas Siorramachd Yamanashi a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn nan cùisean, a ghabh am poileas, air Facebook. Bha a bhalla air fhosgladh do phoball agus b'urrain do a h-uile duine a theachdaireachd a leughadh.



Tha am poileas ag ràdh gun sgriobh e mu dheidhinn an teine a thachair air an 31 Faoilleach mar "Bhasich dithis san teine. Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh air an àite sa mhadainn. Bidh e fuar..." Bha e a' sgriobhadh cuideachd gun robh e ag òl san oifis agus gur e oifigear a tha ann.

Tha am poileas air nochdadh direach gum bi iad a' cumail a h-uile fiosrachadh gu cùramach. Cha do nochd am poileas an t-àinm aig an stiùreadair no ubhladh air.

2012-02-10

Taic Theachd-a-steach gu Fear Beartach

Tha Poileas Òsaka air Akihito Kurono a chur ann an greim. Bha e ag innse breug dhan oifis de Roinn Sumiyoshi mar nach eil air a bhith a' faighinn teachd-a-steach sam bith idir. Agus tha e air a bhith a' faighinn 32 millean de thaic theachd-a-steach am feadh 6 bliadhna gu leth eadar an t-Iuchar 2005 agus am Faoilleach 2012.


Oifis de Roinn Sumiyoshi


Bha e a' reic bathair aig tachairtais air feadh Iapan agus tha e air a bhith a' dèanamh 700-1,000 mìle de phrothaid gach mìos. 'S e ceannard de aon de na buidheanan nàiseantaich uair cuideachd.

Bha e a' cumail beatha bheartach aig an taigh aig a bhràmair agus cha d'fhuair na oifigearan lorg a bheatha fhìor idir ged a chaidh iad airson coinnicheadh ris aig a thaigh ann an Sumiyoshi.

Thuirt e "Bha dùil agam an uiread fhaighinn is a ghabhas de airgead."

Nikkei.com: http://www.nikkei.com/news/category/article/g=96958A9C93819695E2EAE2E29A8DE2EAE2E0E0E2E3E09191E2E2E2E2;at=ALL

2012-02-09

Ìomhaigh a' tuiteam ann an Fèis Sneachda Sapporo

Aig 4:20 feasgar air an 7 Gearran, thuit ìomhaigh ann an Fèis Sneachda Sapporo agus tha dochair air a chur air bireannach. Bha air ga cur dhan ospadal ach chan eil ach beagan dochair oirre.


An ìomhaigh a thuit agus bhriseadh.

An ìomhaigh ron tuiteam

'S e ìomhaigh sneachda de charactar air coimpiutar a thuit agus bha i 3 meatair a dh'àirde. Tha am poileas a' lorg an adhbhair.

2012-02-08

An Ionnad Niucleasach a' fàs nas Teotha

Air an 6 Gearran, tha Buidheann Dealain Tòcèo air a nochdadh gun robh an dàrna readhactar a' fàs nas teotha san ionnad niucleasach ann an Fukushima agus bha an teodhachd a' ruigsinn 73.3 puingean Celcius uair. Chan eil an t-adhbhar follaiseach ach thathar ag ràdh gur dòcha gun tug pìob, air a chur an àite, gu buil an readhactair.

An dàrna readhactar

Tha a' bhuidheann a' cur meud as motha de uisge-fuarachaidh dhan readhactar ach tha an teothachd a' cumail timcheall air 70 puingean Celcius fhathst.

Cha robh eileamaidean rèidio-beò mar Xenon133 agus Xenon135 air fhaighinn a-mach agus thathar ag ràdh nach eil eiginneachd (criticality) a' tachairt.

Tha a' bhuidheann agus an riaghaltas ag ràdh gu bheil an readhactar fionnar gu lèor agus air stait an stada.