2012-06-06

Prionsa Tomohito, Mac-bràthar an Iompaire a' bàsachadh

Aig 3:35 feasgar air an 6mh latha den Og-mhios, bhàsich Prionsa Tomohito, mac-bràthar an iompaire. Bha e 66 bliadhna a dh'aois. Bha aillse aige sa sgòrnan agus ghabh 16 uairean opairèisean. Bha e air a bhith sàraichte agus ann an Ospadal Anundo. Bha a dhotair ag ràdh gun robh e air droch shuidheachadh.

Bha Mórachd Fheusagach air a chanadh ris agus bha e poibleach.

Prionsa Tomohito

117 Buill-Phàrlamaid a' cur an Ahaidh an Ath-obair de Òi Ionadan Niuclasach

Air 5mh latha den Og-mhios, chuir 117 buill-phàrlamaid, a tha a' buntainn do phàrtaidh a' chaibineait, pàipear an iarrtais, a tha a' cur an aghaidh an obrachadh luath de Òi Ionadan Niuclasach, chun a' phrìomhar. Tha an àireamh seo a' ruigsinn gu trian de na h-uile 397 buill-phàrlamaid de phàrtaidh a' chaibineait; Pàrtaidh Deamocratach.

Òi Ionadan Niuclasach

Tha iad ag ràdh nach eil dad sam bith air a dhèanamh ged a tha an riaghaltas an earbsa gum bi e air còig rudan a choileanadh mar; togail an ionaid-stiùiridh a tha saor bho chrith-thalbhain, stéidheachadh buidhne-ghnìomha ùr a tha a' stiùireadh a' chumhachd niuclasach agus rudan eile.

Yahoo News: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20120605-00000003-jct-soci

2012-06-05

Coimisean na Sàbhailteachd Niuclasach a' leigeil leis na Bidheannan Dealain Cunntas Brèige a thoirt

Air an 4mh latha den Ògmhios, nochd Haruki Madarame, Cathraiche de NSC (Coimisean na Sàbhailteachd Niuclasach) gun do leig NSC leis na bidheannan dealain cunntas brèige a dhèanamh agus a nochd nach b' e tomhas do ionad niuclasach gun dealan nas fhaide na 30 mionaidean a th' a dhìth orra. Thuirt Cathraiche Madarame "Bu fìor cheàrr gun tug NSC seòl dhaibh cunntas brèige a dhèanamh" agus rinn e leisgeul.

Haruki Madarame, Cathraiche de NSC 

Thuirt e cuideachd gu robh comhrom aca gus an suidheachadh a leasachadh ach iad a' sìor bhreithneachadh nach robh leasachadh sam bith a dhìth.

Bha Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach gun dealan fada còrr is 23 uairean an dèidh na crith-thalbhainn ann ann 2011 agus thachair leaghadh sìos.

NSC: http://www.nsc.go.jp/NSCenglish/index.htm
Fukushima Daiichi nuclear disaster: http://en.wikipedia.org/wiki/Fukushima_Daiichi_nuclear_disaster
Sankei News: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/120604/crm12060421560057-n1.htm

2012-06-04

BBC a' toirt Cunntas air Bogsachan a’ Bhìdh

Tha biadh meadhan-latha sa spòrs shònraichte do chloinn sna sgoilean ann an Iapan. Bidh gach bunsgoil a' cur air dòigh biadh meadhan-latha do na sgoilearan agus tha e fallain, blasda agus sa phailteas am bitheantas. Ach cha bhi meadhan àrd-sgoil (junior high school) no a' chuid as motha de na ionadan cùram-cloinne a' cur air dòigh biadh meadhan-latha. Agus bidh na matharaichean a' dèanamh bogsa a' bhìdh do na cloinn am bitheantas moch sa mhadainn. Chan eil a h-uile mathair toilichte a bhith ga dhèanamh ach is cinnteach gu bheil mòran matharaichean a' feuchainn bogsa a' bhìdh bhreagha. Gu sònraichte sna ionadan cùram-cloinne.

Tha BBC a' toirt cunntas air bogsachan a' bhìdh. Seall "Close-up: Japan's amazing lunchboxes" mar a leanas.

Close-up: Japan's amazing lunchboxes

BBC: http://www.bbc.co.uk/news/magazine-16069217

2012-06-02

Skymark: Cha bhi ar Sgioban a' bruidhinn gu Modhail

Bho thòiseach den Mhàigh, tha Buidheann-adhair Skymark air a bhith a' nochdadh sna itealain mar "Cha bhi ar sgioban a' bruidhinn gu modhail", "Cha bhi ar sgioban ur cuideachadh a bhith a' togail ur pacraidhe suas" agus "Cha gabh sinn gnothach ri gearan sam bith ann an itealan".

Skymark

Chaidh Skymark a stèidheachadh ann an 1998 agus tha iad air a bhith a' tairgsinn nan tiocaidean saora. Ach stèidhich buidheannan-adhair eile as dèigh agus thòisich iad air gnothach ionann. Thathar ag ràdh gum bheil Skymark a' toirt na cosgais a-nuas gus tighinn suas riutha.

Tha Skymark a' leigeil leis na sgioban bruidhinn prìbheideach sna itealain. Feumaidh iad an lèine-pholo leis a' dhealbh de Skymark a chur orra ach tha am buidheann a' leigeil leis na sgioban-san stoidhle fhuilt agus aodach a thaghadh.

Tha na buidheannan-adhair eile ag ràdh, "Tha eagal againn gum bi cliù de ghnìomhachas nan buidheannan-adhair a' fàs nas miosa.

2012-06-01

Bana-phrionnsa Maco a' rannsachadh ann an Oilthigh Dhùn Éideann

Air an 1mh latha den Og-mhios, tha an aire air a thoirt gu bheil plana ann gum bi Bana-phrionnsa Maco a' rannsachadh ann an Oilthigh Dhùn Éideann bhon t-Sultain 2012 chun a' Mhàigh.

'S i nighean de Phrionnsa agus Bhana-Phrionnsa Akishino agus tha i na oileanach ann an treas bliadhna ann an ICU (Oilthigh Crìosdail Eadar-naiseanta) ann an Tòcèo. Tha dùil aice ealain a rannsachadh ann an Alba.

Bana-phrionnsa Maco

Iapan aig an 27mh àite air Rangachadh na Farpaiseachd Eadar-nàiseanta

Thug IMD (Institiùd Eadar-nàiseanta an Leasachaidh Manaidsearachd) cunntas air farpaiseachd eadar-nàiseanta de 59 dùthchannan. Tha an cunntas a' nochdadh gu bheil Hong Kong aig a' chiad àite, na Stàitean Aonaichte aig dàra, an Eilbheis aig treas agus Iapan 27mh air an rangachadh.


Thathar ag ràdh gur e an edhbhar ann an Iapan an do stad na ionadan niuclasach an dèigh na crith-thalbhainn agus nach eil dealan gu lèor ann.

Tha IMD air a bhith a' toirt an cunntas a h-uile bliadhna bho 1989. Bha Iapan aig a' chiad àite bho 1989 gu 1993.

IMD: http://www.imd.org/news/IMD-announces-its-2012-World-Competitiveness-Rankings.cfm