2013-07-03

Quarter Pounder Jewelry bho MhcDonald Iapan

Reicidh McDonald Iapan trì seòrsa ceapairean sònraichte air an sreath ris a thathar a' cantainn Quarter Pounder Jewelry. 'S e Gold Ring; anann is hama, Black Diamond; sùgh truffle is balgan-buachaill, Ruby Spark; Chorizo is abhocado a th' annta. Agus chan eil gach fear ri fhaighinn ach air an latha sònraichte.

Bidh Gold Ring air an 6mh, Black Diamond air 13mh, Ruby Spark air an 20mh latha den Iuchar agus gach fear aig 1,000 yen!


Eiko Harada, Stiùiriche riaghlaidh de MhcDonald Iapan agus
trì ceapairean sònraichte

Gold Ring agus a bhogsa sònraichte

Quarter Pounder Jewelry: http://www.mcdonalds.co.jp/campaign/qlb/jewelry/index.html
Barrachd dealbhan: http://rocketnews24.com/2013/07/03/346453/

2013-07-02

Taisbeanadh "Fìr Dàicheil anns an Linn Edo" ann an Taigh-tasgaidh Ohta Kinen

Bhon 8mh latha den Iuchar don 25mh den Lùnasdal thathar a' cumail Taisbeanaidh "Fìr Dàicheil anns an Linn Edo" ann an Taigh-tasgaidh Ohta Kinen.

Tha Ukiyoe ainmeil fad an t-saoghail mar chlòidhean-fiodha nan boireannaich bhrèagha a bha traidiseanta ann an Iapan anns an Linn Edo. Ach bha fìr dàicheil air a chlò-bhualadh air Ukiyoe gu tric. Bha Kabuki-actairean, fìr dàicheil gasda, gillean brèagha air Ukiyoe a' còrdadh ris na boireannaich san linn. Rinn an luchd-ealain ainmeil mar Hokusai, Utamaro dealbhan an tùis.

Ichikawa YaozōⅢ,  Kabuki actair mar Umeōmaru

San taisbeanach bidhear a' nochdadh atharrachaidh nan fìr a bha a' còrdadh ris na boireanaich ann an gach àm seachad air an linn.

Cìs: 700 yen (Inbheach), 500 yen (Oileanach), an asgaidh do òganach aig 15 no nas òige.

Taigh-tasgaidh Ohta Kinen: Shibuyaku Jungu-mae 1-10-10, Tokyo
Làrach-lìn: http://www.ukiyoe-ota-muse.jp/index-E.html

Ukiyoe: http://en.wikipedia.org/wiki/Ukiyo-e
Linn Edo: http://en.wikipedia.org/wiki/Edo_period

2013-07-01

Mako, bana-phrionnsa Iapanach air ais bho Dhùn Eideann

Air an 1mh lath den Iuchar, ràinig Mako, bana-phrionnsa Iapanach Port-adhair Narita. Bha i a' rannsachadh  eachdraidh na ealain ann an Oilthigh Dùn Eideann bhon Sultain an-uiridh. Bha a rannsachadh air a bhith deiseil sa Mhàigh am bliadhna agus tha i air a bhith a' tadhal air an Fhraing, an Eadailt, a' Bhatacan agus an Òlaind còmhla ri a chairdean den Oilthigh. San Òlaint choinnich i ris rìgh is a' bhan-rìgh.

Mako, bana-phrionnsa  ann an Port-adhair Narita

Pàipear-naidheachd Asahi: http://www.asahi.com/national/update/0701/TKY201307010078.html

2012-07-13

Uisge-beatha bho Suntory don 50mh Bliadhna de Stones

Nochd Suntory, buidheann Iapanach dhibhe gum bi iad a' reic 150 botail uisge-beatha sònraichte don 50 mh bliadhna de Rolling Stones aig JPY 500,000 bhon 30mh lath den Damhair. Tha an t-uisge-beatha air a dèanamh á uisge-beatha de na bliadhna a tha a' buntainn do Rolling Stones mar a leanas.

Yamazaki 1962 nuair a tha Rolling Stones air a stéidheachash.
Yamazaki 1971 nuair a thòisich Rolling Stones seula na teangaidh a chleachdadh.
Hakushu 1990 nuair a thàinig Rolling Stones sa chiad àm do Iapan.

Stones Bar

Rolling Stones: http://www.rollingstones.com/
Suntory: http://www.suntory.co.jp/stonesbar/limited/index.html
Asahi News: http://www.asahi.com/showbiz/music/OSK201207120213.html

Tuir Mhòr agus Maoime-slèibhe ann an Sgìre Kumamoto agus Oita

Sa mhadainn air an 12a latha den Iuchar, bha an t-uisge mòr ann an Sgìre Kumamoto agus Oita. Fhuraing na sgìrean tuir mhòr agus maoime-slèibhne agus bhàsich 16 daoine agus tha 10 daoine air chall. Ràinig meud an uisge na chòrr is 100mm a dh'àird agua nochd Buidheann-ghnìomha na Sìde gur e an clàr nas miosa sba sgìrean a th' ann. Thathar ag ràdh gum bi i glè fhrasach air an 13mh latha cuideachd agus tha Buidheann-ghnìomha na Sìde a' sìor toirt rabhadh do na còmhnaichean.

Baile fo thuil ann an Sgìre Kumamoto


Bhideo

2012-07-12

Poileas Shiga a' rannsachadh bùird an fhoghlaim agus an sgoile

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, àrd an fheasgair air an 11mh latha den Iuchar, chuir Poileas Shiga gach mu deichnear luchd-sgrùdaidh air falbh do bhòrd an fhoghlaim agus an sgoil airson a' chùis a rannsachadh. Tha seo glè neo-àbhaisteach.

San sgoil

Sa bhòrd an fhoghlaim

Bha iad a' cruinnicheadh nan fianais agus a' cumail agallaimh leis na tidsearan agus bùil de bhòrd an fhoghlaim. Tha dùil aca agallaimh a chumail leis na sgoilearan as dèidh. Bidh iad a' dearbhadh gun tug no nach tug na sgoilearan dhan sgoilear na maoidheaidh.

Thuirt Akio Mitsushige, Stiùireadair na Sàbhailteachd de Phoileas Shiga, "Carson nach do chuireadh bacadh air an fhèin-mharbhadh? Bu chòir dhuinn na adhbharan fhaighinn a-mach gu dearbh. Bidh sin a' cur bacaidh air sgiorraidh ionnan.."

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/poileas-shiga-rannsachadh-fhein.html
Bàs de aon Shgoilear: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2012/07/as-de-aon-shgoilear.html
Ojiyama Chugakkou: http://www.otsu.ed.jp/ouji/

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012071190232157.html

Bhideo

2012-07-11

Poileas Shiga a' rannsachadh an Fhèin-mharbhadh aig an Sgoilear

Mu dheidhinn gun do mharbh an sgoilear esan leis na maoidheaidh bho na sgoilearan eile san sgoil san Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, nochd Poileas na Cathair Shiga gu bheil iad a' toiseachadh air an cùis a rannsachadh. Tha iad ag ràdh gu bheil comasachd dheth ann gu bheil cuid de na maoidheaidh cionntach. Tha am poileas ag eagrachadh sgioba de fhichead luchd-sgrùdaidh dhan chùis.

Air do na parantan aig an sgoilear a chluinntinn, chuir romhpa casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan sa phoileas a-rithst.

Air an 10mh latha, nochd bòrd an fhoghlaim na meadhanan gu bheil iad air a dhearbhadh gun do fhulaing sn sgoilear maoidheaidh. Ach nuair a chur aon den luchd-naidheachd ceist, "An do mharbh na maoidheaidh e?", fhureagairt bòrd an fhoghlaim, "Chan eil fhios againn."

Àrd an fheasgar air an 10mh latha, nochd Namomi Koshi, Bana-àrd-bhàillidh de Otsu do na meadhanan chan eil an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil urrasach idir agus gu bheil i cinnteach gun do mharbh na maoidheaidh e. Tha i ag ràdh gum bi i ag eagrachadh sgioba de buill gun oifigeach agus gum bi i a' leigeil leis na maoidheaidh a rannsachadh.