2013-08-31

Riaghaltas a' Taiceadh a' Ghnìomha Armailteach ann an Siria

Air an 30mh latha den Lùnasdal, ah'àithn Shinzo Abe, Prìomhair a rannsachadh an fhiosrachidh ann an Silia agus a làidreachadh na corporaid còmhla ris na dùthchannan dìleas.

Sinzo Abe, Prìomhair

Taicidh Riaghaltas Iapan an gnìomh armailteach ann an Siria agus pàighidh e 10 millean dolar gus na fògarraich a chuideachadh a chionn 's gu bheil iomadh duine a' tòiseachadh air a dhol às bhon arm cheimigeach.

Tha UN ag ràdh gun deach corr is 1.8 millean duine às bho Siria agus phàigh Riaghltas Iapan 9 millean dolar gus ga chuideachadh gu lèir mu thràth.

http://sankei.jp.msn.com/politics/news/130831/plc13083109560006-n1.htm

2013-08-30

Bomadh Atamach an Aghaidh nan Laghannan Eadar-Nàiseanta?

Air an 28mh latha den Lùnasdal, thàinig Riaghaltas USA gu beachd gu bheil Rianachd Asad air arm ceimigeach a chleachdadh agus chuir Marie Harf, fo-neach-labhairt USA cudthrom gu bheil am mort, a rinn Rianachd Asad gun shònrachadh ann an Siria, an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta gu cumanta.

Marie Harf, fo-neach-labhairt USA

An aghaidh na aithisg, chuir neach-naidheachd Reuters ceist oirre, "A bheil e an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta, a tha sibh ag ràdh, cuideachd gu bheil USA air iomadh duine a mharbhadh le bom atamach ann an Hiroshima agus Nagasaki?"

Cha tug am fo-neach-labhairt beachd sam bith air.

Sankei.jp: http://sankei.jp.msn.com/world/news/130829/amr13082912260006-n1.htm

2013-08-29

2DS, Pada Geama Ùr le Nintendo

Air an 28mh latha den Lùnasdal, tha Nintendo air a nochdadh gum bi 2DS, pada geama ùr air fèill air an 12mh latha den Dabhair ann an Aimeireaga a Tuath agus san Roinn Eòrpa.

2DS

'S e pada geama nas saoire na 3DS a th' ann agus bidh e a' cosg aig £109.99. Bithear a' cluich nan geamaichean DS agus 3DS ged a tha an sealladh a' nochdadh san dara dimeinsean.

Reuters: http://jp.reuters.com/article/marketsNews/idJPL4N0GT1LC20130828


Nintendo 2DS

2013-08-27

A' cur dheth Epsilon, an Rocaid a chur a-mach

Air an 27mh latha den Lùnasdal, tha JAXA (Buidheann an Adhar-Fhànas Taisgealaidh Iapan) air a chuir dheth Epsilon, an rocaid a chur a-mach a chionn 's gu bheil am mothaichear air claonadh na rocaid a nochdadh. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an rocaid ach cha robh mothaichear ann agus tha JAXA a' smaointinn gun robh am mothaichear ag obair gu giamhach. Tha JAXA a' sìor dhèanamh sgrùdadh air an rocaid agus an t-siostam.

Tha JAXA ag ràdh gum bi a dhìth oirre dà latha a bhith deiseil a chur an rocaid a-mach.

Asahi.com: http://www.asahi.com/tech_science/update/0827/TKY201308270248.html


Bhideo Sruthach Epsilon

Aig 13:45 air an 27mh Lùnasdal bidh JAXA (Buidheann an Adhar-Fhànas Taisgealaidh Iapan) a' taisgealadh Epsilon, rocaid ùr. Chì sibh am bhideo sruthach leis a' chamara bhèo.

Epsilon bhideo sruthach: http://fanfun.jaxa.jp/countdown/epsilon/epsilon_live.html

Epsilon

John Reddie Black agus "Young Japan"

Fhuair mi "Young Japan, Yokohama and Yedo", leabhar sgriobhte le John Reddie Black (1826-1880) a bha a' fuireach ann an Iapan eadar 1863 agus 1879. 'S e sgrìobhadair agus foillsichear Albanach sa 19mh linn a bh' ann.

The Daily Japan Herald

Thàinig e dhan Iapan ann an 1863 agus bha e a' foillseachadh "The Japan Herald" comhla ri Albert Hansard. 'S e a chiad phàipear-naidheachd lathail a bh' ann. Thòisich esan ri "The Japan Gazette", am phàipear-naidheachd lathail aige-san fhoillseachadh ann an 1867.


J. R. Black
An dèidh sin, bha e a' foillseachadh corra phàipear-naidheachd ach cha bu beag air an riaghaltas Iapanach Black a bha a' nochdadh saorsa nam meadhanan agus dh'fheumais e Iapan fhalbh.

Dh'fhalbh e Iapan agus bha e a' foillseach pàipeair-naidheachd eile ann an Shanghai. Agus is e "Young Japan" a sgriobh e nuair a thàinig e do dh'Iapan ann an 1912. Tha a sgriobhadh làn de thachairtais an linn agus a bhachd agus fìor inntineach.

Ma bhios ùidh agabh san leabhar, leubhidh sibh an asgaidh aig http://archive.org/details/youngjapanyokoh00unkngoog.

J. R. Black: http://en.wikipedia.org/wiki/J._R._Black

2013-08-24

Fèis na Biadhan glè Theth

Thathar a' cumail Fèis na Biadhan glè Theth ann an Pàirc Okubo, Kabukicho, Shinjuku (Mapa) eadar an 22na latha den Lùnasdal agus a' 1at latha den t-Sultain. Tha naoi teantaichean ann agus bidh sibh a' feuchainn ris na biadhan glè theth bho na h-Innseachan, an Iapan, an Etìopia, an t-Sìona, a' Mheagsago, Dùthaich nan Tàidh agus a' Choilea. Tha an t-inntreas an asgaidh. Tha gach biadh a' cosg 600 JPY (soitheach bheag), 900 JPY (soitheach a' mheadhain) agus 1,200 JPY (meadhan mhòr).

Fèis na Biadhan glè Theth: http://www.gekikara-gourmet.com/


Fèis na Biadhan glè Theth