2014-09-11

541 Dràibheaidh mu Chomhair air Mòr-rathad an ann 3 Bliadhna

Tha sia companaidhean a tha a' cumail nan mòr-rathaid air a nochdadh gun do thachail 541 dràibheaidh mu chomhair air na mòr-rathid ann an trì bliadhna mu dheireadh. Bha 370 dhiubh (68%) 65 bliadhna a dh'aois no nas sine, 200 dhiubh (38%) fo amharas de Alzheimer orra agus 7 dhiubh (1%) fo amharas de raoitrich orra.


http://www.yomiuri.co.jp/national/20140910-OYT1T50164.html?from=hochi

2014-09-10

Chan eil 400 Billean Yen gu leòr

Thuirt Riaghladair Tokyo Masuzoe o chionn ghoirid:

Atharrichidh sinn plana nan Geamannan Oilimpeach. Nì sinn plana ùr gu cheann na Samhna agus bidh sinn ga nochdadh do IOC sa Ghearran san ath bhliadhna. Tha 400 Billean Yen acainn gus na Geamannan Oilimpeach a chumail ach chan eil sin gu leòr idir a dhol leis chiad phlana. Tha IOC taiceil. Ach tha na caidreachais spòrsa dachaigheil fada sa cheann. Tha iad ag iarraidh nan stèideim ùr. Nuair a chuir Tokyo cuireadh air na Geamannan Oilimpeach, bha an smaoin ro neo-ghlic. Is ceart gu bheil smaoin eile againn. Nam biodh sibh ag iarraidh, tha mi an dòcas gum bi sibh a' gearan don duine a chuir an cuireadh.


Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/politics/20140909-OYT1T50064.html

2014-09-09

Iapan a' cur thairis Bàtichean-aigeinn do Astràilia?

Tha dùil aig Cabhlach Astràilia 10 bàtichean-aigeinn Iapanach a cheannaich. Thathar ag ràdh gum bi a' chosgais iomlan mu 10 billean dolair Astràiliach. Nam biodh an dèiligeadh air aontachadh, bidh a' mharsantachd na chead as-mhalairt o Iapan an dèidh an Dàrna Cogadh Mór.

Tha oifigear àrd a' Chabhlaich ag ràdh gur sùilichte gum bi an dèiligeadh air aontachadh gu ceann na bliadhna. Ach thathar ag ràdh cuideachd gum bi na bàtichean-aigeinn a' toirt oilbheum do Shìona agus gu bheil gnìomhachas na long-thogail mì-thoilichte leis an ceannach.

Thuirt Prìomhair Abbott, "Is cudthromach na bàtichean-aigeinn as fhearr le comasach àrd a cheannach aig prìs reusanta."

Clas Soryu a tha Astràailia a' ceannachadh.
Wall Street Journal: http://jp.wsj.com/news/articles/SB10001424052970204707704580141643283765392

2014-09-05

Port-adhair Vladivostok a' cumail Smachd-bhanna Ionadail

Tha Port-adhair Vladivostok a' cumail smachd-bhanna ionadail.

Tha am bùth saor bho chàin ann an Port-adhair Vladivostok a' nochdadh an fhìosa mar leanas agus ag ràdh nach urrain do na daoine san liosta na bhathair saor bho chàin a cheannaich.

Ann an Port-adhair Vladivostok

Thathar a' faicinn nan àinmean mar Barak Obama, Angela Merkel, David Cameron, Shinzo Abe agus uachdair nan dùthchannan eile de G7 agus seachdnar luchd-poileataics de Ukraine. Is coltach gun do chuir am bùth saor bho chàin dha an smachd-bhanna ionadail seo.

Thathar ag ràdh gu bheil Vladivostok a' ciallachadh "riaghladair na ear".

Wall Street Journal: http://jp.wsj.com/news/articles/SB10001424052970203736504580131391149561872

2014-09-04

Torc Fiadhaich sa Bhaile

Mu 9:15 feasgar air an 3s latha den t-Sultain, thug torc fiadhaich ionnsaigh air boireannach sa bhaile, Kobe. Nuair a bha i a' dol dhachaigh, bha an troc fiadhaich a' dlùthachadh rithe agus air a baga a teumadh. Thuit i agus chaidh an troc fiadhaich às.

Tha i air a leòn sa aobrann is uileann.

Tha tuirc air an nochdadh gu tric sa bhaile, Kobe agus tha cabhag air oifis a' bhaile gus an duilgheadas fhuasgaladh.

Kobe News: http://www.kobe-np.co.jp/news/jiken/201409/0007298897.shtml

2014-09-03

Peutantan a' dol do na Companaidhean

Chuir an riaghaltas roimhe gum bi e ag atharrachadh laghan nan peutantan. Tha peutantan ùr a' buntainn don luchd-leasachaidh an làthair. Fo na laghan ùr, bidh peutantan ùr a' buntainn do na companaidhean dha bheil an luchd-leasachaidh. Tha an t-atharrachadh a' freagairt do iarrtasan an t-saoghail eaconomach. Ach thathar a' smaoinntinn gum bi an luchd-leasachaidh an aghaidh nan laghan ùr.

Oifis nan Peutantan

Tha dùil aig Oifis nan Peutantan lagha an reachdas  a mholadh an ath bhliadhna.

Asahi Online: http://headlines.yahoo.co.jp/hl?a=20140903-00000006-asahi-pol

2014-09-01

Fiabhras Dengue ann an Pàirc Yoyogi

Thathar air fhaighinn a-mach gu bheil coltas gabhaltachd an Fhiabhrais Dengue air dà dhuine. Thadhail an dà chuid air Pàirc Yoyogi o chionn ghoirid. Thathar a' dèanamh sgrùtadh orra.


Bha ceithir daoine eile a' fulaing an Fhiabhrais Dengue sa phàirc sin mar tha. Cha deach iad thairis o chionn ghoirid. Thathar a' smaoinntinn gun do chuir creathlagan Innseanach an tinneas seo orra agus bhathar a' crath na marbhaiche-chuileagan sa phàirc.

Cha robh gabhaltachd an Fhiabhrais Dengue ann an Iapan fad 70 bliadhna.

NHK Online: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20140831/k10014233921000.html
Wikipedia: http://en.wikipedia.org/wiki/Dengue_fever

ANN