2012-01-31

Seabhan air Chall

Tha Roinn Poileais Prìomh-bhailteach air cunntas a thoirt air na seabhan air chall. Agus thathar a' nochdadh gun d'fhuair Ionad nan Seabhan air Chall den roinn mu 2,906 mìle seabh ann an Tòcèo ann an 2011. Tha an àireamh seo 3.4% nas motha na an uiridh agus 's e an clàr as motha a tha innte cuideachd.

Ionad nan Seabhan air Chall

Tha na seabhan a' toirt a-staigh mu 2.8 billean de airgead ullamh. Tha dà bhillean dhiubh air a thoirt air ais dha na sealbhadairean, leth bhillean air a thoirt dha na daoine a tha air a lorg fhaighinn agus 0.3 billean air a thoirt do Phrìomh-bhaill Tòcèo.

Tha na seabhan a' toirt a-staigh searbhadairean agus stocan (460 mìle), sgàilean-uisge (330 mìle), fuinne-làimhe (130 mìle) cuideachd.


2012-01-30

8.03% de Thuarasdal nan Oifigearan Nàiseanta air a thoir a-nuas

Air an 25, bha Pàrtaidh Deamocratach (Pàrtidh an Riaghaltais), Pàrtaidh Liberalach Democratach agus New Komeitou a' cumail coinneachadh agus tha iad air aontachadh gum bi 8.03% de thuarasdal nan oifigearan nàiseanta air a thoir a-nuas san Earrach seo.

Pàrtaidh Deamocratach

Tha Pàrtaidh Deamocratach airson VAT a thogadh ach tha beatha aig a' chuid as motha na muinntir Iapanach mar nach fhaod e VAT a thogadh gus an lughdaich e Àireamh nam Buill-phàrlamaid agus an tug e tuarasdal nan oifigearan nàiseanta a-nuas. Bha Pàrtaidh Deamocratach ann an èiginn airson aontachadh ri Pàrtaidh Liberalach Democratach agus New Komeitou mu dheidhinn na cùis.

Mainichi Online: http://mainichi.jp/select/seiji/news/20120125dde001010025000c.html
Pàrtaidh Deamocratach: http://www.dpj.or.jp/english/ (Beurla)
Pàrtaidh Democratach Liberalach: http://www.jimin.jp/english/ (Beurla)
New Komeito: http://www.komei.or.jp/en/ (Beurla)

Gun Clàr sna 10 Comhairlean

Air an 27, tha an riaghaltas air a nochdadh gu bheil an aire air a thoirt nach robhair a' dèanamh clàir ann an deich de na 15 co-labhairtean nàiseanta far an robh comhairle air a chur mu dheidhinn na ionad niucleasach a fhulaing Crithe-thalamhain Mhòr Sgìre Tohoku. Tha an lagha ag ràdh gun feumar a' dèanamh clàr.


Tha iad a' toirt a-staigh Prìomh-oifis Èiginn Cumhachd Niuclasach far an robh am prìomhaire a' leidigeadh agus tha na pàrtaidhean às an riaghaltas ga ailiseadh.

Bha an riaghaltas eòlach air seo sa Chèitean an uiridh ach cha robhar a' dèanamh dad an dèidh sin.

Tha am prìomhaire ag ràdh gum bithear a' dèanamh clàr leis na meòrachanan agus na agallamhan ach thathar ag ràdh nach bi clàr ceart a tha sin.

Yomiuri Online: http://jp.wsj.com/Japan/Politics/node_381933

2012-01-29

M4.7 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire a-rithst

Mu 16:46 fesgar air 29 Faoilleach, bha M4.7 crith-thalamhainn san taobh shiar de Yamanashi agus nan Sgìre nan Lochan Fiji a-rithst. Bha i mu 20km a dhoimhne. Cha do thachair call trom sam bith.



M5.5 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire: http://gaelic-japan.blogspot.com/2012/01/m55-crith-thalamhain-sa-mheadhan-na-tir.html
Buidheann-gnìomha na Sìde: http://www.jma.go.jp/en/quake/

367 poileasmain dhan gnìomh shmachdail

Tha Bhuidheann-gnìomha Phoileais Nàiseanta air a nochdadh gu bheil 367 poileasmain air a cheannsachadh dhan gnìomh shmachdail ann an 2011. Tha an àireamh seo a' nochdadh gum bi còrr is aon poileasman air a cheannsachadh dhan gnìomh shmachdail a h-uile lath.

Bha adhbhar smachdail am broinn an dleastanais aig 106 poileasmain agus adhbhar shmachdail a-mach às an dleastanas aig 241 poileasmain.

Tha na adhbharan smachdail mar; dochann, braide, gnothach làraich-lìn gnèitheach, ciontachadh, ceàrrachas mì-laghail, gnìomh drabasda agus eucoirean eile.

Poileasmain Iapanach

http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00216127.html

2012-01-28

M5.5 Crith-thalamhain sa Mheadhan na Tìr Mòire

Mu 7:43 sa mhadainn air 28 Faoilleach, bha M5.5 crith-thalamhainn san taobh shiar de Yamanashi agus nan Sgìre nan Lochan Fiji. Bha i mu 20km a dhoimhne. Cha do thachair call trom sam bith.

Sgìre nan Lochan Fiji

Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0128/TKY201201280117.html

Cnapan Sneachda bhon Tùr

Sa mhadainn air an 24 Faoilleach an dèidh sneachda mòr, tha na rathaid air lathadh agus thachair 2048 sgiorraidh nan càraichen agus san sgìre Kanto. Thuit mòran daoine agus fhuair 464 daoine dochann.

Bha cnapan sneachda mòra air a bhith a' tuiteam bho Tokyo Sky Tree (634 meatair), an tùr ann an Tòcèo agus bha na luchd-coimhid ag iarraidh air luchd-coiseachd a bhith a' toirt an aire.

Cnap a' tuideam bho Tokyo Sky Tree

Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120124-OYT1T00511.htm
Tokyo Sky Tree: http://www.tokyo-skytree.jp/english/ (Beurla)

Tokyo Sky Tree