2012-02-29

Elpida Memory air a Bhriseadh

Air an 27 Gearran, tha Elpida Memory air a nochdadh do Thaigh-cùirt ionadail Tòcèo gu bheil a' bhuidheann air a bhriseadh. Tha an taigh-cùirt air a ghabhail agus tha a' bhuidheann air a dhol a-steach fon t-siostam-faightear. Tha a' bhuidheann air fhuadachadh bhon mhargaid-stoca air an 28.

'S i an treas buidheann as motha mar dèanadair-DRAM san t-saoghal agus cha robh ach ise a' dèanamh DRAM ann an Iapan. Tha i air a shtèidhicheadh ann an 1999 le NEC agus Hitachi ach air còrr is 48 billean de chaill a dhèanamh sa Dhùbhlachd a chionn an eaconomaidh dhoilleir, tuiteim na prìse de DRAM, togalaich de Yen agus seilbheachd chruaidh airson an fhactaraidh.


Yukio Sakamoto, stiùiriche riaghlaidh de Elpida Memory sa choinneamh-naidheachd

Kansas City: http://www.kansascity.com/2012/02/27/3454699/japanese-chipmaker-elpida-files.html

ANN

2012-02-28

Tinneas an Fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto

Air an 27 Gearran, tha Weather News air a nochdadh gu bheil tinneas an fheòir a' tòiseachadh ann an Sgìre Kanto a tha a' cur Tòcèo agus sia siorramachdan timcheall air a' phrìomh-bhaile san àireamh. Tha an lath 10 laithean nas fhadalaiche na an cuibheas agus thathar ag ràdh gum bi an àireamh aig 30-50% den cuibheas.

Na poileanan as a' chraobh-seudair

Bha i a' fàs nas blàithe mun t-seachdain seo chaidh agus thòisich na craobhan-seudair a bhith a' cur nan poileanan.

Tha còrr is 1,000 mothaichear-poileain aig Weather News air feadh Iapain agus tha iad air a dhearbhadh còrr is 30 cunntasan aig 21 mothaichear-poileain bho na 69 fir ann an Sgìre Kanto.


Tha coilltean-seudair mòra ann an Sgìre Kanto agus bidh iomadh daoine a' fulaing tinneais an fheòir a h-uile bliadhna. Tha Tha Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair ag ràdh gu bheil 30% den a' mhuinntir Iapanach a' fulaing tinneais an fheòir.

Asahi.com: http://www.asahi.com/national/update/0227/TKY201202270284.html
Weather News: http://weathernews.com/global.html(Beurla)

Cèoach leis na poileanan

2012-02-26

Plumair a' Bàsachadh a chionn Obrach san Ionad Niuclasach

Air an 24, tha Oifis Sgrùdaidh nan Bun-thomhasan Obrach Yokohama-Minami air a dh'aontachadh ris a bhàsich Nobukatsu Osumi, pumair a chionn 's gum b' èiginn dha obair ro chruaidh a dhèanamh ro luath anns an ionad niuclasach ann an Fukushima. Bha e ag obair airson an t-ionad niuclasach a caradh agus bhàsaich e le greim cridhe.

Tha Skio Ohashi, neach-lagha ag ràdh, ”Bha an obair an-iochdmhor. Dh'fheumadh e ag obair san aghaidh-choimheach agus aodach dhìonach. Bha an obair ro chruaidh seo a' toirt cudthruim inntinneil agus corporra dha bho mhadainn thràth don fheasgar anmoch. Agus an greim cridhe air a thachairt."


Luchd-obrach san ionad niuclasach

Tha Toshiba a' stiùireadh obrach a' charaidh agus tha e ag ràdh cuideachd, "Tha Toshiba agus TEPCO buailteachd mu dheidhinn. Bidh mi a' bruidhonn ri Kanika Osumi, a bhean-chèile" mu dheidhinn na casaid  orra.

2012-02-25

A-RITHST, Taic Theachd-a-steach gu Fear Beartach

Air an 23, tha Poileas Saitama air Satoshi Kaneko a chur ann an greim. Bha e ag innse breug dhan oifis de Roinn Arakawa, Tòcèo mar a tha e sàraichte agus nach urrain dha a dh'obair idiar. Agus tha e air a bhith a' faighinn 2 millean yen de thaic theachd-a-steach gach bliadhna.

Oifis de Roinn Arakawa, Tòcèo

Bha e a' ruith taigh-siùrsachd agus tha 30 millean yen sa chunntas-banca aig a charaid. Thuair am poileas lorg air 10 millean yen san taigh aig a bhràmair Sìonach. Bha an airgead air fhuaighear air T-léine agus thathar ag ràdh gun robh dùil aige fhaighinn air falbh san T-lèine.

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/area/saitama/news/20120224ddlk11040274000c.html

2012-02-24

Smachd-bhann do Yakuza ann an USA

Tha Roinn an Taisgeadain de USA air a nochdadh gum bithear a' toirt smachd-bhann do Yamaguchigumi, Kenichi Shinoda an ceannard agus Kiyoshi Takayama an iar-cheannard.

Bidh an roinn a' reòthadh na maoine aca agus chan fhaod iad a mhalart ri gin ann an USA.

'S e a' bhuidheann-gnothaich lochdach Iapanach as motha a tha ann an Yamaguchigumi agus tha a roinn ag ràdh gu bheil Yamaguchigumi a' gabhail pàirt ann an eucoirean eadar-nàiseanta mar chùl-mhùtaireachd na drogaichean, malairt dhaonna, bagairtean, siùrsachd, foilltean agus nighe an airgid agus a' faighinn iomadh maoin mì-laghail asda.

Tha an gnìomh seo a' buntainn dhan bhreith a' chinn-suidhe a nochd Ceann-suidhe Obama san Iuchar an-uiridh airson maoine na buidheanean-gnothaich lochdach a reòthadh agus siostam an ionmhais a dhìon.

David Cohen, Iar-rùnaire an Taisgeadain

Thuirt David Cohen, Iar-rùnaire an Taisgeadain, "Tha sinn ag obair gu dlùth comhla ri Iapan"

Chunichi Sinbun: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012022490103605.html
Yamaguchigumi: http://en.wikipedia.org/wiki/Yamaguchigumi(Beurla)
Kenichi Shinoda: http://en.wikipedia.org/wiki/Kenichi_Shinoda(Beurla)
Kiyoshi Takayama: http://en.wikipedia.org/wiki/Kiyoshi_Takayama(Beurla)

2012-02-23

Nissan ag Ath-ghairm nan Càraichean

Tha Nissan ag ath-ghairm nan càraichean; Serena, Juke agus Landy a chionn 's gu bheil eagar gun thachaireadh aodion a' peatrail. 'S iad 92,679 càraichean ann an Iapan agus mu 158,000 càraichen eile ann an America a Tuatha, Eòrpa agus Sìona gu lèir.

Serena

Juke

Landy


2012-02-22

Tachartas Sneachda air a Chur Dheth

Air an 21, bha Cathair Naha, Okinawa a' planadh tachairtas sneachda airson nan cloinne a chumail air an 23 ach rèitich i ga cur dheth.

Tha Feachd Fèin-Dhìonachd air 630 cileagram de shneachda a chur do Naha bho dh'Aomori leis am plèana cuairteachian. Bha sgrùdadh air a dhèanamh air an sneachda agus tha an t-sàbhailteachd air a dhearbhadh. Bha a' chathair deiseil an tachartas a chumail.

Ach thug na fulangaichean à Fukushima, Miyagi agus Iwate, a tha a' fuireach ann an Naha gu neo-bhuan, guth dhan chathair mar "Tha rèididheachd san sneachda agus 's dòcha gum bi a' chlann ga fulangas" agus an aghaidh.

Air an 20, bha a' chathair a' cumail coinneimh airson nan fulangaichean ach thug iad guth mar "Chan eil an soilleireachadh oifigeil aig an riaghaltas agus na comhairlean urrasach" agus cha do ghabh iad ris an t-soilleireachadh a' chathrach. Agus rèitich i ga cur dheth.

An aon thachartas an-uiridh

Biodh e an 18th turas ma biodh an tachartas air a chumail. 'S e eilean iar-dheas gun shneachda a tha ann an Okinawa agus bha an tachartas a' còrdadh ris a' chlann a h-uile bliadhna.

Yomiuri News: http://www.yomiuri.co.jp/national/news/20120221-OYT1T01116.htm?from=y10