2014-08-29

Duais Urramach Acadaimh do Hayao Miyazaki

Air an 28th latha den Lùnasdal, tha AMPAS (Academy of Motion Picture Arts and Sciences) air nochdadh gun toir an t-acadamh do Hayao Miyazaki an duais urramach comhla ri Jean-Claude Carrière is Maureen O'Hara. Bithear a' cumail na deas-ghnàith air 8mh den t-Samhain ann an Hollywood.

Hayao Miyazaki

'S e dara bhuadhaiche Iapanach na duaise a' leantail Akira Kurosawa a tha ann.

Bithear a' cur na duaise do na daoine a chuireadh rud luachmhor ri film fad beatha.

Asahi Online: http://www.asahi.com/articles/ASG8Y2FFTG8YUHBI006.html

2014-08-28

Ministreachd na Slàinte a' cur Stad air na Luis Cunnart

Air 27mh den Lùnasdal ann an Tokyo, chuir Ministreachd na Slàinte an luchd-sgrùdaidh do na bùthan a tha coltach drogaichean mi-laghail a reig mar luis. Tha an luchd-sgrùdaidh a' cur nan sampallan, a fhuair iad sna bùthan, do ionad an sgrùdadh agus bidh na bùthan dùinte gus am bi air a dhearbhadh gu bheil na luis sàbhailte is laghail.

Rim faighinn mar luis ach 'se drogaichean

Thachail mòran sgiorraidh leis na drogaichean mi-laghail o chionn ghoirid. Agus bha iomadh duine ag iarridh smachd na bu làidire.

Tha Ministreachd na Slàinte ag ràdh gum bithear a' cur an luchd-sgrùdaidh do 200 bùthan a tha coltach drogaichean mi-laghail a reig mar luis.

Sankei: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/140827/crm14082714260007-n1.htm

2014-08-27

5.36 Millean Iapanach an Inneadh Galarach air Cearrachas

Tha Ministreachd na Slàinte, a’ Chosnaidh agus na Sochair air a nochdadh gu bheil 5.36 millean Iapanach coltach an inneadh galarach air cearrachas. 'S e 4.8% de na ibhich agus 8.7% de na fir a tha san àireamh seo.

Leigeadh each a' còrdadh ri mòran Iapanaich

Tha an cunntas air a dhèante le rannsachadh 7,000 inbheach. Thug 4,153 duine freagairt do na ceistean agus fhuairadh na toraidh gu h-àrd.

Tha dùil aig Prìomhair Abe am plana a chur air adhart a dhèanamh baile-turasachd le casino ach is dòcha gum bi an cunntas seo a' buaileadh air am plana.

Asahi Online: http://www.asahi.com/articles/ASG8N4T14G8NULBJ007.html?ref=yahoo

2014-08-26

Vladimir Putin a' tighinn do Iapan mar a' Chiad Chlàr

Air an 25mh latha den Lùnasdail, mu dheidhinn a' phlana gum bi Vladimir Putin a' tadhal air Iapan as t-fhoghar, thuirt Lavrov, Rùnaire Dhùthchannan Cèin Ruiseanach, ' Tha Ceann-suidhe air an cuireadh à Iapan a ghabhail agus tha Iapan air ùine an tadhail aontachadh' agus nochd e nach eil dùil aig an Ruis am plana a dh'atharachadh. Thuirt e cuideachd, 'Chan eil sinn a' ceangail ar cairdeais ri Iapan ris na cuisean ann an Ukraine.'

Lavrov, Rùnaire Dhùthchannan Cèin Ruiseanach

Mainich Online: http://mainichi.jp/select/news/20140826k0000m030135000c.html

2014-08-25

Boma ann an Baga Pàipeir

Mu 7:20 Feasgar air an 23mh latha san Lùnasdal, thug boireannach do bhogsa a' pholais ann an Shimoyamate rud a bha a' coimhead mar bhoma cruinn-fhada ann an baga pàipeir. Tha an rud meatailteach, a' nochdadh 'Clò-sgrìobh 88' san Iapanaise, fada 35 cm, tha a thrasd-thomhas fada 7cm. Dh'iarr am poileas air Feachd an Dìona rannsachadh a dhèanamh air a' bhoma agus a gnothach a dhèanamh.


Mu 8:30 Feasgar air an latha, dh'iarr am poileas air mhuinntir an àite, a bha a' fuireach ann 100 m bho bhogsa a' pholais, am fasgadh a ghabhail agus tha an trafaig air dunadh.

Tha am boireannach air lorg fhaighinn air am bom sa bhothan.

MSN: http://sankei.jp.msn.com/west/west_affairs/news/140823/waf14082323050043-n1.htm

2013-11-26

Gunna ann an Sgoil

Air an 23a latha den t-Samhain thachail sgiorradh gun do rinn tidsear mearachd a loisgeadh an gunna a bha e air arfuntachadh bho aon de na sgoilearan. Fhuair an tidsear fios air an sgoilear aig an robh an gunna agus bha e air ga arfuntachadh ach bha e cinnteach gur e dèideag a bh' ann. Bhail am peilear cathair agus cha do rinn e cron sam bith.

Chuir am poileas an greim air an athair aig an sgoilear. Bha an gunna; daga-cuairt agus na peilearan aige gu mì-laghail. Bha an sgoilear cinnteach gur e dèideag a bh' ann.

Asahi News: http://www.asahi.com/articles/SEB201311250011.html

2013-11-19

Iasgach an Asgaidh ann an Loch Biwa

Tha Oifis Shiga a' toirt cothruim an iasgaich do buidhnean agus sgioban an asgaidh gus na èisg coigreach fhuadachadh bho Loch Biwa. Fastaichidh an oifis slat agus acainn iasgaich an asgaidh.

Na daoine a' iasgach ri taobh Loch Biwa

Dh'fhàg daoine mì-eagnaidh na èisg coigreach mar Black Bass agus Bluegill do na lochan airson spors an iasgaich ach chuir iad às èisg an tùis agus bhris iad èiceo-shiostam an nàdair.

Tha 2,973 daoine a' buntainn don chothrom seo agus dh'iasgaich iad 540 cileagram ann an 2012.

Ma bhios ùidh agaibh san chothrom seo cuir fios gu Biwako Leisure Taisakushitu aig 077 528 3485.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/article/shiga/20131119/CK2013111902000019.html