2013-10-09

TEPCO: Tha an Ionad Niuclasach a' sìor chur 10 Millean Becquerel Rèididheachd a-mach don Adhar a h-uile Uair a Thìde

Air an 7mh latha den Damhair ann an Comataidh a' Ghnìomhachais is na h-Eaconomaidh san Taigh Àrd, thuirt Naomi Hirose, Stiùiriche Riaghlaidh TEPCO, "Tha Ionad Niuclasach Fukushima a' sìor chur 10 millean Becquerel rèididheachd a-mach don adhar a h-uile uair a thìde" agus tha e air a nochdadh gu bheil truailleadh an adhair leis rèididheachd a' dol air adhar fhathast agus tha an suidheachadh timcheall air an ionad niuclasach trom-chùiseach.

TEPCO: Buidheann Dealain Tòceo aig a bheil Ionad Niuclasach Fukushima daiichi

Naomi Hirose, Stiùiriche Riaghlaidh TEPCO

Thuirt e cuideachd, "An tòiseach an t-sgiorradidh, chuireadh 7,100 trillean Becquerel rèididheachd a-mach don mhuir. As dhèidh, tha sinn a' smaoinntinn gu bheilear air a bhith a' sìor chur mu 20 billean Becquerel rèididheachd a-mach don mhuir a h-uile latha."

Zaikei.jp: http://www.zaikei.co.jp/article/20131008/155680.html

No comments:

Post a Comment