2011-11-17

A bheil K coimpiutair math?

Tha K coimpiutair ainmeil mar an coimpiutair as luaithe san t-saoghal. Ach a bheil sibh eòlach air gun robh airgead neo-fheumail air a phàigheadh airson an coimpiutair seo a thogadh?

Coimpiutair Barraichte K (京)

'S e coimpiutair barraichte a rinn Fujitsu, buidheann choimpiutair agus le Riken, buidheann shaidheansail poblach a tha ann an K.

Bhathar a' cumail coinneachadh far an robh an luchd an t-seanaidh a' dearbhadh gun tug an riaghalatas maoin do gach oibrichean poblach gu buadhach. Agus tha an luchd an t-seanaidh san dà chuid de a' phàrtaidh riaghatais agus a' phàrtaidhean eile air a fheòrachadh mu dheidhinn K mar "Tha 34 daoine, a bha uair nan oifigearan rangaichte àrd, ag obair anns an roinn K agus aon dhiubh a' faighinn 17.1 millean yen (130 mìle notaichean) tuarasdal bliadhnail. A bheil iad deatamach a thogadh K?" Chuir iad ceistean eile ach cha tug an riaghaltas freagairt riantanach idir.

Tha Riken air 112 billean yen (0.86 billean notaichean) a chosg a thogadh K agus iad a' cosg 12 billean yen (90 millean notaichean) a chumail K gach bliadhna. Thathar a' cosg mu 7 millean yen (54 mìle notaichean) eadhon direach airson na cosgais dhealain gach latha. Tha K as luaithe agus as daoire cuideachd!

Tha 9 às na 14 neach an t-seanaidh air a nochdadh gum feum an riaghaltas ath-bheachdachadh mu dheidhinn maoineachaidh do roinn choimpiutair barraichte ann an Riken.

Air ceistean a chur gu cruaidh

Luchd an t-seanaidh a' cur ceistean don riaghalatas

K: http://en.wikipedia.org/wiki/K_computer
Riken: http://www.riken.go.jp/engn/index.html
NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111116/t10013997381000.html (Le Bhideo)

No comments:

Post a Comment