Showing posts with label Beachd. Show all posts
Showing posts with label Beachd. Show all posts

2012-05-30

Chan eil na Geamannan Oilimpeach a dhìth oirnn!

Tha Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo deònach air na Geamannan Oilimpeach a chumail ann an Tòcèo ach tha mi a' cur an aghaidh air fad. Tha mo bheachd mar a leanas.
  • Tha Riaghaltas Iapan a' cumail easbhaidh mòr sa bhuidsead. 'S e còrr is JPY 1,200 trillean agus tha e a' fàs nas motha gu luath.
  • Fhuraing Roinn Tohoku crith-thalbhain agus tsunami ann an 2011. Tha mòran bailtean air fad millte agus chan eil an t-ath-bhuannachadh a' dol gu math. Tha iomadh airgead a dhìth air an roinn.
  • Chan eil sàbhailteachd nan ionadan niuclasach gu lèor idir. Tha Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach agus an roinn timcheall air glè rèidio-bèo agus cunnartach. Chan eil na ionadan eile dìonte gu lèor bho dhuanaich an nàdair.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bhon rèididheachd. Tha làn de rèididheachd sa cheann sìar de Thòcèo agus an rèididheachd a' fàs nas treasa air am bonn de Òb Tòcèo.
  • Chan eil dealan gu lèor ann an Iapan. Chan eil ionad niuclasach sam bith ag obair agus bidhear a' cumail gearraidh a' chumhachd ann an Òsaca. Agus iomadh Iapanach a' cur an aghaidh dealan a dhèanamh leis na ionadan niuclasach.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bho chrith-thalbhain agus tsunami. Nochd Obairlann Crith-thalmhain an  Oilthigh Tòcèo gu bheil a' choltachd sa 70% am bi crith-thalbhain nas motha na M7 ro cheann ceithir bliadhna. Cuideachd Nochd Bòrd na Speisealaich san Oifis a' Chaibineait gur eagal gum bi tsunami thar 20 meatair ann an sgìre eadar Kanto. Agus chan eil siostam an dìona an aghaidh crith-thalbhain no tsunami gu lèor.
Chan eil Iapan comas air na Geamannan Oilimpeach a chumail an dràsta. Chan eil sàbhailte gu lèor gus na geamannan a chumail. Biodh mi air a shon nam biodh Iapan sàbhailte, saor bhon rèididheachd, na bailtean millte air a thogail a-rithst, gun easbhadh sa bhuidsead agus a' cumail eaconomaidh fallain.


Tòcèo

2011-12-10

4.1 sa cheud de Dhuaisean nan Oifigearan air a h-ardachadh

Air an 9 Dùbhlachd, tha na duaisean leth-bhliadhnach air a phàigheadh do na oifigearan nàiseanta. Bha dùil aig an riaghaltais a ghearradh 10 sa cheud dhiubh ach cha do dh'aontaich a' phàrlamaid leis a' bheachd an riaghalatais agus tha airgeat de 3.89 mìosan tuarasdal mìosail air a phàigheadh dhaibh mar an duais.

Tha an cuìbheas dhiubh aig 617.10 mìle yean agus tha seo 4.1 sa cheud nas motha na an-uiridh.
'S e am prìomhaire a fhuair an duais as motha agus tha i aig 5.32 millean yen. Fhuair gach neach-pàrlamaid 2.91 millean yen cuideachd.

Tha dìth na buidseid dh'Iapanach aig còrr is 1,177,705 billean yen agus i a' fàs nas motha fhathast a-nis! Am bi buidheann oiblichte le call mhòr a' toirt duais do a luchd-obrach? A bheil e math a tha na stiùirichean gun dearbhadas a' faighinn duais gu lèor?

Chan eil!

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/select/seiji/news/20111209k0000e010138000c.html
Dìth na buidseid dh'Iapanach: http://www.kh-web.org/fin/

2011-12-08

Ceud Mìle Fàilte bho na 98 buill-pàrlamaid do Muneo Suzuki fo chead-saoraidh

Tha Muneo Suzuki air a chur fo chead-saoraidh. 'S e ball de Thaigh nan Cumantan, Ministear na Staide, Rùnaire an Leasachaidh Hokkaido, Rùnaire an Leasachaidh Okinawa agus Leas-rùnaire Comhairle-phàrlamaida a bha ann. Ach fhuair e brìbe agus chleachd e a chumhachd poileataiceach gu mì-laghail anns na seachd gnothaich poblach agus thogadh casaid 'na aghaidh mu dheidhinn ceitheir dhiubh.

Chaill e a h-uile tiotal poblach. Thugadh binn a mach 'na aghaidh agus chaidh 11 millean yen a chàin agus dà bhliadhna de phrìosan air.

Air an 6 Dùbhlachd, tha e air a chur fo chead-saoraidh agus thàinig e air ais dhan t-saoghail saor. Co-dhiù, tha e fo chead-saoraidh fhathast agus gun dlighean an t-sluaigh fada còig bliadhna. Chan eil mi a' smaoinntinn gum bi e a' gnìomhachadh gu poileataiceach a-rithst. Ach...

Muneo Suzuki

Tha pàrtaidh air a chumail agus chuir 98 buill-pàrlamaid dha fàilte. Tha fios agam gun robh cuid dhiubh a' cur 'na aghaidh, a' cantainn "stòr mòr de dh'amharas" ris agus a' feuchainn a thilg a-mach às a phàrlamaid beagan bliadhna air ais. Chan eil adhbhar aca a chur dha fàilte idir!

Cha bhi e air ais dhan phàrlamaid gu bràth. Ach chan eil mi toilichte idir gu bheil buill-pàrlamaid mar iad  a' gnìomhachadh sa phàrlamaid.

Dè an t-amharas a tha dùil aca a cheannach san stòr mòr? Chi mi sin.



2011-12-03

Càr Teachdail

Air an 30, thathar a' cumail An 42mh Sealladh Motair Tòcèo 2011 ann an Tokyo Big Site. An sin, nochd Daihatsu, buidheann chuir càr ùr ris a chanadh Pico. Tha mi airson a ràdh gun do ghluis an càr mi gu mòr.

Pico
 

Tha Daihatsu air a dhèanamh airson daoine sean a tha a' dràibheadh timcheall baile. Tha dà dh'àite-suidhe ann. 'S e càr dealain a tha ann agus the an t-asdar as luaithe 50 km san uair. Tha e a' dol fada 50 km le làn de dhealan. Ma bhios dràibhear airson a dhràibheadh gu slaodach, tha roghainn leis an asdar as luaithe aig 8 km san uair ann. Thathar ag ràdh gum bheil an roghainn seo feumail a dhràibheadh air an rathad cumhang.

A' nochdadh an asdair an làthair

Tha gach mothaichear air an da chuid de a bheulaibh agus dhruim a nochdidh gu bheil cuideigin no rudeigin air a chùrsa agus stadaidh an càr gu fèin-ghluasadach ma bhios iad faisg air. Bheir e fios dhan chàr leantail leis an solas dearg, ma bhios e ro fhaisg air. Tha Pico làn de dhreuchd a bhacadh sgiorraidh a tha daoine sean furasda a thachart.

Am foillseachadh a' nochdadh daoine air a bheulaibh

Tha dùil aig Daihatsu Pico, an càr seo a reic aig prìs nas saoire na 800 mìle yen!

Tha mi a' smaoinntinn gu bheil an càr seo glè mhath ach bu toigh leam a ràdh gu sònraichte gu bheil a h-uile dreuchdan ùr, a tha aig Pico, feumeil do a h-uile dràibhear. Bu choir do a h-uile càr na dreuchdan fhaighinn.

Chan eil càr sàbhailte idir an diugh. Tha iomadh sgiorradh càir a' tachairt a h-uile lath. Tha càr luath gu lèor. Thàinig an t-àm a chleachdadh tuilleadh teicneolas agus airgead airson sàbhailte nan càraichean.

Sealladh Motair Tòcèo 2011: http://www.tokyo-motorshow.com/en/
Daihatsu: http://www.daihatsu.com/

2011-12-01

Am bi an dùchaich seo a' fàs nas fhèarr?

Bha mi a' coimhead TBh àrd an fheasgar. Bha luchd-poileataics a' dèanamh connspaid gu làidir ach tha mi a' tuigsinn gun bheil an aon bheachd aca; cìs a thogadh. Tha iad làn de shmaoin; mar a buannaich iad an atha taghadh.

An dèidh sin, nochd mòran speisealaich agus thug iad cunntas air dùbhlain mu na ionadan niucleasach agus adhbharan a thug an tachairtas niucleasach ann an Fukushima. Tha iad uile a' coimhead glic ach cha tuirt iad adhbhar nach do bhac iad an tachartas. Tha fios agam nach gabh duine ullach.

'S e àite breagha a tha anns an dùchaich, tha a muinntir math gu cumannta agus tha gaol agam oirre. Ach chan eil mi smaoinntinn gu bheil an dùchaich a' fàs nas fhèarr.

Tha Iapan a' basachadh?

2011-11-17

A bheil K coimpiutair math?

Tha K coimpiutair ainmeil mar an coimpiutair as luaithe san t-saoghal. Ach a bheil sibh eòlach air gun robh airgead neo-fheumail air a phàigheadh airson an coimpiutair seo a thogadh?

Coimpiutair Barraichte K (京)

'S e coimpiutair barraichte a rinn Fujitsu, buidheann choimpiutair agus le Riken, buidheann shaidheansail poblach a tha ann an K.

Bhathar a' cumail coinneachadh far an robh an luchd an t-seanaidh a' dearbhadh gun tug an riaghalatas maoin do gach oibrichean poblach gu buadhach. Agus tha an luchd an t-seanaidh san dà chuid de a' phàrtaidh riaghatais agus a' phàrtaidhean eile air a fheòrachadh mu dheidhinn K mar "Tha 34 daoine, a bha uair nan oifigearan rangaichte àrd, ag obair anns an roinn K agus aon dhiubh a' faighinn 17.1 millean yen (130 mìle notaichean) tuarasdal bliadhnail. A bheil iad deatamach a thogadh K?" Chuir iad ceistean eile ach cha tug an riaghaltas freagairt riantanach idir.

Tha Riken air 112 billean yen (0.86 billean notaichean) a chosg a thogadh K agus iad a' cosg 12 billean yen (90 millean notaichean) a chumail K gach bliadhna. Thathar a' cosg mu 7 millean yen (54 mìle notaichean) eadhon direach airson na cosgais dhealain gach latha. Tha K as luaithe agus as daoire cuideachd!

Tha 9 às na 14 neach an t-seanaidh air a nochdadh gum feum an riaghaltas ath-bheachdachadh mu dheidhinn maoineachaidh do roinn choimpiutair barraichte ann an Riken.

Air ceistean a chur gu cruaidh

Luchd an t-seanaidh a' cur ceistean don riaghalatas

K: http://en.wikipedia.org/wiki/K_computer
Riken: http://www.riken.go.jp/engn/index.html
NHK: http://www3.nhk.or.jp/news/html/20111116/t10013997381000.html (Le Bhideo)

2011-11-10

A bheil taic teachd-a-steach deatamach?

Bha taic teachd-a-steach air a thoirt do chòrr is 2.05 millean duine san Iuchair. (Seall seo.) Ach a bheil i fìor deatamach? Chan eil mi cinnteah.


Tha èiginn do dhaoine, a fhurang a' chrith-thalmhainn anns na sgìrean ear-tuatha, taic teachd-a-steach gu fìor a chionn 's gun robh iad air a h-uile rud a chall. Ach tha fios agam gu bheil daoine, aig nach eil còraichean, taic teachd-a-steach fhaighinn. Tha iad ag obair gu dìomhair, a' faighinn taic om pàranten no eadhon nam buill-Mafia Iapanach. Tha dà fhón-làimhe no trì aca, aodach math orra no eadhon càr aca ged a tha e air a thoirmeasg càr a dhràibhadh!


Carson a tha rudan mar sin a' tachairt? Chan eil an siostam sgrùdaidh gu math, nach eil?


Bha taic teachd-a-steach air a thoirt do chòrr is 2.05 millean duine san Iuchair ach tha cuid dhiubh neo-fheumail.

2011-11-09

A bheil beireadh air natharach obair mhath?

Thathar a' toirt cunntas gu bheil a' Mhinistrealachd Àrainneachd a' ceannach na natharach (Taiwan Beauty Rat Snake) ann an Okinawa. (Seall seo!) Tha mi a' smaointinn gu bheil ùidh aig cuideigin anns an obair seo. Ach tha mi an dòchas gu bheil sibh a' tuigsinn gu bheil beireadh air natharach fìor chunnartach ann an Okinawa, oir a tha iomadh nathair nimheil, ris a chumadh Habu (Trimeresurus flavoviridis), nan còmhnaidh an sin. Ma bhios sibh a' lorg nathair sam bith, chi sibh an nathair nimheil sin. Tha Habu fìor fhiadhaich.


Habu (Trimeresurus flavoviridis)


Ach na bi dragh agaibh. Tha uidheaman airson beireadh air natharach rim faighinn ann an buth mòr. Tha bata Habu agus bogsa Habu gu math feumail. Ma dh'fhàsas ur beireadh air natharach math gu lèor, thigeamaid do dh'Eilean Amami Oshima no Eilean Tokunoshima. Tha oifis a' bhaile a' ceannach gach Habu aig 4,000 yen!


Habu: http://snakehabu.web.fc2.com/essmi.html (Beurla)
Amami Oshima: http://www.city.amami.lg.jp/
Tokunoshima: http://www.tokunoshima-town.org/

2011-11-02

A' Bheilg a' cur às don ionadan niùclasach

Chuir a' Bheilg roimhpe a chur às don ionadan niùclasach na leantainn na h-Eilbheise agus na Gearmailte. Tha mi a' tuigsinn gum bheil ionad niùclasach cunnartach. The am beachd glice agus tha mi a' dol leatha. Ach cait a bheil Iapan a' dol?


Ann an Tokyo air 19 Sultain, chruinnich os cionn 60 mìltean daoine airson a dhol an aghaidh an riaghaltais Iapanach aig a bheil dùil ionadan niuclasach a h-oibreachadh fhathast. Tha iad ag iarridh air gan stad, a chur às dhaibh agus a bhith gun fear ùr a thogail. Ach tha an riaghaltas a’ leigeadh seachad an t-iarraidh seo.








Thoisich oibreachadh an ionaid niùclasach ann an Kyushu an diugh. Tha sluagh na sgire a' cur an aghaidh seo.


Reuters: http://www.reuters.com/article/2011/10/31/us-belgium-nuclear-idUSTRE79U1YY20111031
Mainichi: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20111101p2a00m0na012000c.html