2012-07-10

Bàs de aon Shgoilear

San Damhair an uiridh ann an Cathar Otsu, Sgìre Shiga, leum sgoilear (13 a dh'aois) a-mach à togalach àrd dhan ùrlar agus bhàsaich e. B' e fèin-mharbhadh. Chagaireadh maoidheadh bho na sgoilearan eile agus rannsaich an sgoil leis a h-uile sgoilearan. Nochd bòrd an fhoghlaim nach robh maoidheadh dhan sgoilear ach...

An togalach àrd

Chunnacas iomadh maoidheadh air an cunntas a rinn bòrd an fhoghlaim agus an sgoil. Bha mòran sgoilearan a' faicinn nan maoidhidh agus eòlach air gun robhar a' leigeil leis rùisgte agus a' togail a dhealbhain, ga bhuaileadh agus ga bhreabhadh, a' gabhail a airgead, a' mùnadh air a aodach agus a' droch-dhìoladh dha, a' moladh dha fèin-mharbhadh, gun robh na tidsearan eòlach air na maoidheaidh, gun robh an sgoilear ag iarraidh air na tidsearan ga chuideachadh agus nach do chuidich na tidsearan e. Ach tha an sgoil ag ràdh nach eil fianais gu lèor a nochdadh gun do thachair na maoidhidh gu dearbh.

Cha d' chum na tidsearan agallamh ris na sgoilearan a rinn na maoidhidh. Thuirt na tidsearan gu bheil na còirean a' chinne-daonna aig na sgoilearan agus nach faod iad agallamh a chumail gun fhianais gu lèor.

Chaidh a phàrantan dhan phoileas gus casaid eucorach a thoirt air na sgoilearan ach dhiùlt am poileas ga gabhail trì uairean. Thuirt am poileas don luchd-naidheachd nach eil adhbhar aca a nochdadh dhaibh.

Thug a phàrantan casaid shìobhalta air na sgoilearan agus a' chathar aig a bheil an sgoil. Sa chùirt thuirt bòrd an fhoghlaim do a phàrantan, "Can dhuinn cunntas air an tìm agus an àite aig an do thachair gach maoidheadh! Can dhuinn dòigh mhath gus bacadh a chur air maoidhidh!."

Chuir na stèiseanan TV agus na pàipearan cunntas air a' chùis agus thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh a-rithst ach tha am maighstir-sgoile ag ràdh gu bheil na stèiseanan TV agus na pàipearan ag inniseadh breuge.

Thathar ag ràdh gur àbhaist do na sgoilean maoidheadh fhalach air do shgoilear fèin-mharbhadh a dhèanamh. Nam biodh an dà chuid de an sgoil agus bòrd an fhoghlaim mì-cheart, bhiodh an sgoil na ifrinn.

Mainichi News: http://mainichi.jp/english/english/newsselect/news/20120706p2a00m0na003000c.html
ABC: http://abcnews.go.com/blogs/headlines/2012/07/kids-and-laughing-teachers-bullied-suicide-teen/
Japan Times: http://www.japantimes.co.jp/text/nn20120707b8.html


Thug a' bhana-àrd-bhàillidh de Otsu gealladh a' chùis a rannsachadh ach...

No comments:

Post a Comment