Tha mi a' fuireach ann an Tòceo, Iapan agus ag ionnsachadh Gàidhlig. Seo dhuibh pios naidheachd à Iapan agus mo sgriobhadh mu dheidhinn Iapan sa Ghàidhlig.
Aig 8:15 feasgar air an 16mh latha den Damhair faisg air an Òiama stèisean-trèanaichean chaidh fear a bha a' coimhead an fhòn-làimhe a-steach air an rathaid-iarainn, bhuail an trèan e agus bhàsaich e. Bha an geata-coise duinte agus an clag a' dèanamh an fhuaime ach cha tug e feart orra.
Thug Union Research, buidheann rannsachaidh na Coirèa cunntas air beachd sluaidh na Coirèa don Iapan agus tha e a' nochdadh gu bheil 72.2% a' smaointinn nach eil caideabhach a th' ann an Iapan. Agus tha 75.5% a' smaoinntinn gum bu choir do Riaghaltas Coirèa a bhith an aghaigh na còirean Iapanach a thoirt na taice armailteach air na duthanan dùthchanann air a thathar a' toirt ionnsaigh.
Air an 11mh latha den Damhair dh'fhosgail Yoshinoya taig-bìdh ùr san phàrlamaid. Tha mu 1,200 taigh-bìdh aig Yoshinoya ann an Iapan agus tha gach taigh-bìdh a' reic mairtfheòil is rìs aig prìs reusantach. Tha marirtfheòl is rìs riaghailteach ri fhaighinn sa phàrlamaid. Agus chan eil bocsa bìdh sònraichte ri fhaighinn ach an seo agus tha ùidh aig mòran daoine ann.
Bocsa bìdh sònraichte
Tha ambocsa bìdh sònraichte aig 1,200 JPY agus bithear ga dhèanamh le mairtfheòil Iapanach.
Ann an Ionad Foghlaim Òigridh ann an Baile Miyanoura, Kagoshima Sgìre, tha na oifigich a' sìor chumail lasair ann an crùisgean. 'S e an Lasair a fhuaireadh à Leus Oilimpeach ann an 1964.
Ruitheadair leis an leus Oilimpeach
Bhathar a' cumail na Geamannan Oilimpeach ann an Tòceo ann an 1964. Ruith na ruitheadairean leis an leus Oilimpeach ann an gach làmh tro Okinawa, Kagosima agus ràinig an Lasair Oilimpeach Tòceo air an 10mh lath san t-Sultain ann an 1964. Ann an Kagoshima an dèidh na Geamannan Oilimpeach bhathar a' cumail tachartas ionadail leis an lasair. Bhathar a' cumail an lasair gus ga cuir a-rithst air an leus nuair chaidh an lasair às. San tachartas fhuair sealbhadair a' bhùith spòrsa an lasair ann an crùisgean bheag a chionn 's gun robh sgoilearan ann an eilean iomallach airson ga faicinn.
Oifigeach an ionaid is an lasair
Chaidh e don eilean gus an lasair a nochdadh do na sgoilearan ach bha e ga sìor chumail san taigh aige an dèidh sin. Agus thug e do Ionad Foghlaim Òigridh i sa chrùisgean. Chuir na oifigich an lasair air a' chrùisgean nas motha. A-nis is traidiseanta a bidh oifigeach ùr ag ionnsachadh mar a thathar a' cumail a' chrùisgein. Thathar a' cantain "Lasair an Dòchais" rithe agus ga cleachdadh sna tachartais sònraichte leithid fèis spòrsa, fèis dualchais, tùrlach na fèise.
Bidh Albanaich a' tadhal air 167 dùthchannan gun bhìosa. Tha seo san 3s ìre san t-saoghal comhla ris Òlaind, Fhraing agus Bheilg. Bidh Suaineaich, Fionnlannaich agus Gearmailtich a' tadhal air 168 dùthchannan agus Danmhairgich a' tadhal air 169 dùthchannan.
Bhìosa
Tha àirmh nan dùthchannan air am bithear a' tadhal gun bhìosa a' buntainn don t-suidheachadh, inbhe , dàimh ris na dùthchannan eile, na eucoirean a rinn daoine an dùthcha.
Bidh Iapanaich a' tadhal air 165 dùthchannan. Chan eil seo dona.
Henley & Partners
Cia Mheud Dùthchannan air a bidh sibh a’ Tadhal gun Bhìosa?
Air an 7mh latha den Damhair ann an Comataidh a' Ghnìomhachais is na h-Eaconomaidh san Taigh Àrd, thuirt Naomi Hirose, Stiùiriche Riaghlaidh TEPCO, "Tha Ionad Niuclasach Fukushima a' sìor chur 10 millean Becquerel rèididheachd a-mach don adhar a h-uile uair a thìde" agus tha e air a nochdadh gu bheil truailleadh an adhair leis rèididheachd a' dol air adhar fhathast agus tha an suidheachadh timcheall air an ionad niuclasach trom-chùiseach.
Thuirt e cuideachd, "An tòiseach an t-sgiorradidh, chuireadh 7,100 trillean Becquerel rèididheachd a-mach don mhuir. As dhèidh, tha sinn a' smaoinntinn gu bheilear air a bhith a' sìor chur mu 20 billean Becquerel rèididheachd a-mach don mhuir a h-uile latha."
Air an 3s lath den Damahair, bhathar a' cumail an deas-ghnàith mu dheireadh agus tha Comann nan Saighdearan Deireasach air a sgaoileadh. Tha na saighdearan riamh a tha air an lèon no a thog galar ann an achadh a' bunntainn don chomann. Ach aois cuibheasach nan buill 92 a dh'aois agus chan eil ach mu 5,000 fear a' buntainn don chomann ged a bha mu 350,000 a' buntainn uair.
Bha Iompaire Kihito agus mu 1,200 ball a' frithealachadh air an deas-ghnàth ann an Talla Meiji Jingu.
An deas-ghnàith
Thuirt an t-iompaire, "Tha mi an dòchas nach bithear a' caoileadh eachdraidh nan saighdearan deireasach 's na teaghlaichean agus gum bithear ga cumail comhla ris dòchas agaibh airson sìth."
Tha an comman air a bhith a' gnìomhachadh airson an tsaoghail gun ghogadh.
An dèidh an deas-ghnàith, thuirt Yutaka Takeda a chaill an t-sùil deas san achadh, "'S urrain dhuinn an comann a sgaoil a chionn 's gu bheil Iapan air a bhith gun chogadh agus nach eil saighdear air ab lèon an dèidh a' chogaidh. Mar sin, tha mi toilichte."
Ann an 2006, thog an comann an taighe-tasgaidh agus thathar a' cumail clàr nan 140 acallamhan leis na saighdearan deireasach.