Bithear a' cumail nan Geamannan Oilimpeach ann an Tòceo ann an 2020 agus chuir Prìomh-bhaile Tòceo roimhe "Kasumigaoka Apart" a bhrisedh gus am prìomh ionad-cluiche Oilimpeach a thogail. Tha 370 daoine a' fuireach sna 230 flataichean ann an "Kasumigaoka Apart" agus tha 60% de na daoine 65 a dh'aois no nas sine.
|
Am prìomh ionad-cluiche ùr Oilimpeach (Dealbh) |
Mus an robh Prìomh-bhaile Tòceo a' cumail nan Geamannan Oilimpeach ann an 1964, bhris e na taighean beaga sa cheàrn agus thog togalaich ùra timcheall air am prìomh ionad-cluiche Oilimpeach gus a nochdadh gur e baile nuadh a th' ann. 'S e cuid den phròiseact a th' ann an "Kasumigaoka Apart".
Nochd Prìomh-bhaile Tòceo gu h-obann san Lùnasdal an uiridh gum bithear a' briseadh na flataichean. Chuir mòran den luchd-còmhnaidh an aghaigh ach tha iad a' tuigsinn nach urrain dhaibh stad a chur air a' phròiseact.
Tha am prìomh-bhaile a' dol a thairgsinn flataichean eile poballach ann an Shinjuku ach chan eil an luchd-còmhnaidh ag iarraidh dh'imrich agus tha iad gu math mi-thoilichte.
Mainichi.jp:
http://mainichi.jp/sports/news/20131105k0000m040112000c.html?inb=rs
Thachair an aon rud ann an Glaschu airson Geamannan a' Cho-fhlaithis a tha gu bhith ann an ath-bhliadhn'.
ReplyDeleteChaidh muinntir ceàrn sa bhaile fhuadach agus b' e aon bhoireannach a-mhàin a dhiùlt an taigh aice fhàgail. Ach, mu dheireadh chaidh fir na Comhairle a-steach agus thug iad a-mach i an aghaidh a toile.
Mòran taing airson ur teachdaireachd. Obh, tha mi duilich a chluinntinn gun do thachair an aon rud ann an Alba cuideachd. Agus tha mi a' smaoinntinn gum bithear gan toirt a-mach ann an Tòceo cuideachd mar Glaschu fìu 's ged a biodh iad a' diùltadh na taighean aca fhàgail. Chan eil an suidheachadh aca làidir idir.
DeleteGu dearbh chan eil mi a' tuigsinn carson nach eilear a' cleachdadh an ionid a tha deiseil mar-thà agus bithear a' togail ionaid ùr. Tha Oifis Tòceo ag ràdh gu bheil tha an t-ionad sean, fad' air ais agus chan eil e gu lèor do conn-riaghailtean Oilimpigeach an diugh. Ach tha am ionad-cluiche air a bhith air a chleachdadh airson nan tachartais eadar-nàiseanta spòrsa fad. Dè nach eil gu leòr?
Tha mi a' smaoinntinn nach eil Oifis Tòceo ach airson am beairteas agus an soirbheas a nochdadh leis na tachartais Oilimpigeach. Agus tha iad ag ràdh gun toirt na Geamannan Oilimpeach don Iapan soirbheas as motha. Chì mi na nì iad.