2011-12-06

Geòcair Iapanach

Tha Yoshitaka Maeda ris a chanadh Maedango gu tric ainmeil mar aon de na geòcairean Iapanach. Tha mòran daoine ag ithe nas motha na esan ach tha e a' nochdadh a chlar air a làrach-lìn agus seallaidh sibh dè a bha agus cait an robh e ag ithe. Tha a làrach-lìn gle mhath agus làn de fhiosrachadh mu dheidhinn biadhan matha, soithichean mòra agus ithe saor.

Chan eil e a' nochdadh a chlàr ach ann an Iapanach mar sin tha mi a' nochdadh beagan às an làrach-lìn ann an Gàidhlig.


Curry Yasan Little Shop: Tokyoto Shibuyaku Maruyamacho 10-15
Saor agus blasda. Tha Special Curry Set Large a' cosg direach 900 yen. 'S e meud cumannta do mhaedango a tha ann.

Special Curry Set Large

Onion: http://onion21.com/: Miyagiken Kurokawagun Tomiyacho Hiyoshidai 2-24-9
Big Hamburger 2kg
Tha seo a' cosg 3,000 yen ach an asgaidh nam biodh sibhse air ga dh'ithe ann an 60 mionaidean. Faodaidh sibh a dhùbhlain Big Hamburger 5kg! Chan eil duine air seo a dh'ithe ach 's e boireannach a tha air 3kg a dh'ithe!


Tha Maedango air 2kg a dh'ithe ann an 28 mionaidean 32 diogan. Ach cha neil dùil aige a dhùbhlain Big Hamburger 5kg. Tha e ag ràdh gu bheil e ro mhor dha!


Big Hamburger 5kg


Pocctartno: Niihataken Itoigawashi Terashima 3-2-40-2F
Tomato Bacon Pasta Dekamori
Tha seo a' cosg 1,800 yen ach an asgaidh nam biodh sibhse air ga dh'ithe ann an 20 mionaidean. Chan eil ach duine air seo a dh'ithe ann an 20 mionaidean.

Tha Maedango air 55 mionaidean a ghabhail agus 1,800 yen a phàigheadh.


Tomato Bacon Pasta Dekamori


Yuzuki Meguroten: Toukyoto Shinagawaku Kamiohsaki 2-12-1
Saor agus blasda. Tha Ohmori Soba tradiseanta direach aig 750yen.

Ohmori Soba

Tha Tokumori Hiyashitanuki nas motha agus a' cosg 1,120 yen. Tha seo gu math spìdeil!

Tokumori Hiyashitanuki ris a chanadh Beinn Fuji Mori

Cluba Tera Biadh: http://www.geocities.jp/zzr_1100c22004/contents_terameshi_club_400.html

2011-12-05

Sgiorradh Chàraichean Daora air a' Mhòr-Rathad

Air an 4, thachair sgiorradh càir air a' Mhòr-rathad Chugoku faisg air Shimonoseki. Shnìomh car air a' mhòr-rathad agus bhuail e air an rèile gèaird. Bhuail 12 càraichean a bha a' leantainn an sreath a chèile. Bha 10 daoine air an leòn beagan.


47News


Tha am poileas ionadail ag ràdh gur e buill de sgioba dhealasach air càraichean à Kyushu a tha anns a' chuid as motha dhiubh agus gu bheil na càraichean daora air am briseadh air an rathad. Is iad 8 Ferrari, Lamborghini, dà Mhercedes agus dà chàr eile.


Thathar ag ràdh gun robh iad a' dràibheadh aig còrr is 150 km san uair. Tha an t-astar as luaithe aig 100 km san uair gu laghail air a' mhòr-rathad seo.




FNN News: http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00212844.html
Mòr-rathad Chugoku: http://global.w-nexco.co.jp/roadways/index.html


2011-12-03

Càr Teachdail

Air an 30, thathar a' cumail An 42mh Sealladh Motair Tòcèo 2011 ann an Tokyo Big Site. An sin, nochd Daihatsu, buidheann chuir càr ùr ris a chanadh Pico. Tha mi airson a ràdh gun do ghluis an càr mi gu mòr.

Pico
 

Tha Daihatsu air a dhèanamh airson daoine sean a tha a' dràibheadh timcheall baile. Tha dà dh'àite-suidhe ann. 'S e càr dealain a tha ann agus the an t-asdar as luaithe 50 km san uair. Tha e a' dol fada 50 km le làn de dhealan. Ma bhios dràibhear airson a dhràibheadh gu slaodach, tha roghainn leis an asdar as luaithe aig 8 km san uair ann. Thathar ag ràdh gum bheil an roghainn seo feumail a dhràibheadh air an rathad cumhang.

A' nochdadh an asdair an làthair

Tha gach mothaichear air an da chuid de a bheulaibh agus dhruim a nochdidh gu bheil cuideigin no rudeigin air a chùrsa agus stadaidh an càr gu fèin-ghluasadach ma bhios iad faisg air. Bheir e fios dhan chàr leantail leis an solas dearg, ma bhios e ro fhaisg air. Tha Pico làn de dhreuchd a bhacadh sgiorraidh a tha daoine sean furasda a thachart.

Am foillseachadh a' nochdadh daoine air a bheulaibh

Tha dùil aig Daihatsu Pico, an càr seo a reic aig prìs nas saoire na 800 mìle yen!

Tha mi a' smaoinntinn gu bheil an càr seo glè mhath ach bu toigh leam a ràdh gu sònraichte gu bheil a h-uile dreuchdan ùr, a tha aig Pico, feumeil do a h-uile dràibhear. Bu choir do a h-uile càr na dreuchdan fhaighinn.

Chan eil càr sàbhailte idir an diugh. Tha iomadh sgiorradh càir a' tachairt a h-uile lath. Tha càr luath gu lèor. Thàinig an t-àm a chleachdadh tuilleadh teicneolas agus airgead airson sàbhailte nan càraichean.

Sealladh Motair Tòcèo 2011: http://www.tokyo-motorshow.com/en/
Daihatsu: http://www.daihatsu.com/

2011-12-02

Bas den Duine as Sine

Air dara lath, bhasich Chiyono Hasegawa, an duine Iapanach as sine. Bha i 115 bliadhna a dh'aois. Bha i a' basachadh ann an a seòmar san taigh-altraim ann an Saga cho ciùin 's a tha i a' dol do chadal.


'S e Jiroemon Kimura ann an Kyoto a tha as sine a-nis ann an Iapan agus the e 114 bliadhna a dh'aois.


47News: http://www.47news.jp/CN/201112/CN2011120201001661.html

Ion-phortachadh Meatailt Mhion à Қазақ

Tha uìdh mhòr aig a' ghnìomhachas Iapanach anns a' mheatailt mhion (minor metal) à Kazakhs. Tha an riaghaltas Sìonach a' cumail srian air a solar na meatailt mhion agus tha an gnìomhachas Iapanach air a bhith a' lorg stòras ùr.

Tha a' mheatailt mhion deatamach a dhèanamh inneil dealanach.

Tha Kazakhs ainmeil mar stòras de dh'Uranium agus tha an t-iarmad a' cumail na meatailt mhion fhathast an dèidh tarring Uranium. Tha iomadh iarmad air fhalbh air cuid den achadh ann an Kazakhs agus thathar ag ràdh gu bheil am meud gu lèor a sholarachadh na meatailt mhion do dh'Iapan fada 120 bliadhna.

Tha Toshiba, Iapan agus Kazatomprom, Kazakhs air KT Rare Metals buidheann ùr a stèidhcheadh ann am bliadhna comhla agus tha dùil ris gum bi i a' solarachadh Niob, Beryllium agus Tantalum.

Meatailt mhion: http://en.wikipedia.org/wiki/Minor_metals
Kazakhs: http://en.wikipedia.org/wiki/Kazakhs
ElectroniksWeekle.com: http://www.electronicsweekly.com/Articles/29/09/2011/51944/toshiba-goes-to-kazakhstan-for-rare-metals.htm

2011-12-01

Cha Mhòr nach do thachair "China Syndrome"

Air an 30 Samhain, thug Buidheann Dealain Tòcèo cunntas gun robh an ruith-sios fada na bu troime ann an a ionad niucleasach ann an Fukushima na an tuairmeas a bha a' bhuidheann air a thort. Ach tha iad ag ràdh gum bheil an suidheachadh cunnartach a' dol dhan chrìoch.


Tha an cunntas ag ràdh gure dòcha gun do ruith an t-eitean air fad ann an Readhactar Aireamh 1. Tha e coltach gun mhill an t-eitean bog am bonn an readhactair agus gun deach e sius air an làir an ionaid.


Spreadh anns an ionad niucleasach


Tha seo a' ciallachadh nach mhòr nach do thachair "China Syndrome" an sin.

Tha suidheachadh, coltach ri Readhactar 1, ann an Readhactar 2 agus 3 cuideachd ged a tha iad ag ràdh gum bheil e nas fhèarr na Readhactar 1.

Tha an riaghlatas ag ràdh gun bi na tri riadhactair a' stad gu crìoch na bliadhna.


The Wall Street Journal: http://jp.wsj.com/Japan/Companies/node_353132
Buidheann Dealain Tòcèo: http://www.tepco.co.jp/en/index-e.html (Beurla)
China Syndrome: http://en.wikipedia.org/wiki/China_Syndrome (Beurla)

Am bi an dùchaich seo a' fàs nas fhèarr?

Bha mi a' coimhead TBh àrd an fheasgar. Bha luchd-poileataics a' dèanamh connspaid gu làidir ach tha mi a' tuigsinn gun bheil an aon bheachd aca; cìs a thogadh. Tha iad làn de shmaoin; mar a buannaich iad an atha taghadh.

An dèidh sin, nochd mòran speisealaich agus thug iad cunntas air dùbhlain mu na ionadan niucleasach agus adhbharan a thug an tachairtas niucleasach ann an Fukushima. Tha iad uile a' coimhead glic ach cha tuirt iad adhbhar nach do bhac iad an tachartas. Tha fios agam nach gabh duine ullach.

'S e àite breagha a tha anns an dùchaich, tha a muinntir math gu cumannta agus tha gaol agam oirre. Ach chan eil mi smaoinntinn gu bheil an dùchaich a' fàs nas fhèarr.

Tha Iapan a' basachadh?