2011-12-13

Saideal Tionail Fiosrachaidh Ùr

Tha Buigheann Taisgealadh Fànas-adhair Iapan (JAXA) agus Mitsubishi Gnìomhachais Trom air Rader 3, treas saideal tionail fiosrachaidh air H2A rocaid a chur a-mach às an ionad fànais Tanegashima.

Tha an saideal seo a' cosg 39.8 billean yen agus leis an Riaghaltas Iapan. Tha e comasach air dealbhan den talamh a ghabail eadhon sa oidhche no fo sgòthan agus air suathalas a thoirt gu aon mheatair air an talamh. Agus bidh e a' cumail sùil air na astasan ann an Korea Tuath agus a' tionail fiosrachadh eile.


H2A rocaid

47News: http://www.47news.jp/CN/201112/CN2011121201001401.html
JAXA: http://www.jaxa.jp/index_e.html (Beurla)
Mitsubishi gnìomhachais Trom: http://www.mhi.co.jp/en/index.html (Beurla)
Saideal tionail fiosrachaidh: http://en.wikipedia.org/wiki/Information_Gathering_Satellite (Beurla)



asahi.com

2011-12-12

Geata a' Bhàis

Seo croiseag an rathaid iarainn faisg air mo thaigh. Seallaibh solas gorm air taobh deas a' dhealbha. Thathar ag ràdh gum bi e ag obair a bhacadh fèin-mharbhaidh.

Tha 31,690 daoine fhèin air gam marbhadh ann an 2010. Tha an t-àireamh seo ochdamh san saoghal.

Tha an solas gorm ag ràdh "Na marbh thu fhèin!"

Trama aig 1.3 Millean

Eadar an 28 Samhain agus an 5 Dùbhlachd air Yahoo Auction air eadar-lìon, bha na trì Biùrothan Trafaice Òsaka, Itami agus Kumamoto a' reic 76 rudan a bha iad a' cleachdadh uair. Tha 69 dhiubh air a cheannach agus thog an t-iomlan gu 2.3 millean. 'S iad trama, bus, clàr-taisbeanaidh san stèisean, luamhan dràibheaidh agus rudan eile.


Bòrd fiosrachaidh ann an Kujo stèisean

Tram à Kumamoto

Bus à Itami a tha air a cheannach aig 511,000 yen...saor?

Bha mòran daoine airson a' bhùird fiosrachaidhe ann an Kujo stèisean. Thoisich a' phrìs aig mìle agus tha e air a cheannach aig 28,500 yen. Tha an stiùiriche riaghlaidh de bhuidheann ath-chuairteachaidh air an tram à Kumamoto a cheannach aig 1,288,000 yen. Tha e a' dol ga shealladh do chloinn air an làrach na buidhne.

msn: http://sankei.jp.msn.com/west/west_economy/news/111211/wec11121115000000-n1.htm

2011-12-11

Dubhradh na Gealaich

Bha dubhradh na gealaich againn àrd an fheasgair ann an Iapan cuideachd. Ghabh mi beagan dealbhan. Seall!

22:15 Fesgar

22:33 Feasgar

22:45 Feasgar

23:06 Feasgar

23:45 Feasgar


Feis Àrd-sgoile

Ann an Okinawa air an 5, tha duine air casaid a thogail an aghaidh àrd-sgoile dha an robh e a' buntainn. Tha e ag ràdh gun tug am maighstir-sgoile breith gu neo-riaghailteach gun do rinn e obair-chraicinn le sgoilear eile agus tha e air ga fhuadachadh às an sgoil.

Tha e ag ràdh gun do chuir na tidsearan dhan sheòmar ciùil e a h-uile lath, gun robh iad a' sparradh e air a h-aideachadh gun do rinn e obair-chraicinn, nach do rinn e rud mar sin idir ach gun robh e air a h-aideachadh sin a dhèanamh a chionn 's gun robh cuireadh a h-uile lath agus gach sparradh nan tidsearan glè chruaidh.

Tha e a' tagairt nan breithean cheàrr aig a' mhaighstir-sgoile agus 5.85 millean yen airson a bheud dh'inntinneil.

Tha an oifis na sgìre Okinawa, aig a bheil agus a tha a' obrachadh an àrd-sgoil, ag ràd gum bithear a' nochdadh an fhìrinn sa chùirt agus nach luaidh iad mu dheidhinn a-nis.

Okinawa Times: http://www.okinawatimes.co.jp/article/2011-12-06_26950/
Okinawa: http://en.wikipedia.org/wiki/Okinawa_Prefecture (Beurla)
Oifis na sgìre Okinawa: http://www.pref.okinawa.jp/english/index.html (Beurla)

2011-12-10

4.1 sa cheud de Dhuaisean nan Oifigearan air a h-ardachadh

Air an 9 Dùbhlachd, tha na duaisean leth-bhliadhnach air a phàigheadh do na oifigearan nàiseanta. Bha dùil aig an riaghaltais a ghearradh 10 sa cheud dhiubh ach cha do dh'aontaich a' phàrlamaid leis a' bheachd an riaghalatais agus tha airgeat de 3.89 mìosan tuarasdal mìosail air a phàigheadh dhaibh mar an duais.

Tha an cuìbheas dhiubh aig 617.10 mìle yean agus tha seo 4.1 sa cheud nas motha na an-uiridh.
'S e am prìomhaire a fhuair an duais as motha agus tha i aig 5.32 millean yen. Fhuair gach neach-pàrlamaid 2.91 millean yen cuideachd.

Tha dìth na buidseid dh'Iapanach aig còrr is 1,177,705 billean yen agus i a' fàs nas motha fhathast a-nis! Am bi buidheann oiblichte le call mhòr a' toirt duais do a luchd-obrach? A bheil e math a tha na stiùirichean gun dearbhadas a' faighinn duais gu lèor?

Chan eil!

Mainichi.jp: http://mainichi.jp/select/seiji/news/20111209k0000e010138000c.html
Dìth na buidseid dh'Iapanach: http://www.kh-web.org/fin/

2011-12-09

Tsushima Leopard Cat air a Spàg a Chailleadh

Air an 8, tha Kujukushima Gàradh Bheathaichean ann an Nagasaki air a nochdadh gun robh Tsushima Leopard Cat agus Amur Leopard Cat a' dèanamh sabaid agus tha Tsushima Leopard Cat air a spàg dheas a chailleadh. Thathar a' cantainn Takara ris a' chat agus tha e seachd bliadhna a dh'aois. Tha 6 òirleach astar eadar gach cèidse ach rinn iad sabaid tro a' bheàrn fon lìon meatailte.


Tsushima Leopard cat

Tha an gàradh bheathaichean seo ag ràdh gu bheil iad fìor dhuillich gun do tachair an sgiorradh seo. Thathar a' cur feabhas air na cèidsean.

Ghabh Takara làimhseachadh, tha e gu math agus an t-acras gu lèor air. 'S e tasgaidh a tha Takara a' ciallachadh.


Chan eil Tsushima Leopard Cat an comhnaidh ach air Eilean Tsushima agus 's e beathach ainneamh a chuireadh air an Leabhar Dearg Iapanach a tha ann. 


Nishinihon Shinbun: http://www.nishinippon.co.jp/nnp/item/277010
Tsushima Leopard Cat: An seo.
Tsushima Island: http://en.wikipedia.org/wiki/Tsushima_Island (Beurla)
Kujukushima Gàradh Bheathaichean: http://www.city.sasebo.nagasaki.jp/www/toppage/1211516574873/APM03000.html