2012-01-06

Ikebana, Rian nan Flùraichean aig 1,500 Duine

Air an 5 ann an Cèoto, chum Ikenobou tachartas den chiad rian nan flùraichen am bliadhna. 'S e sgoil an ruan flùraichen as sine agus as traidiseanta a tha ann an Ikenobou ann an Cèoto. Thòisich an eachdraidh anns an 16mh linn.

Air an lath, thional mu 1,500 duine a tha a' buntainn dhan sgoil agus rianaich iad na flùraichen.

Na boireannaich anns na aodaichean traidiseanta.

47 News: http://www.47news.jp/localnews/kyoto/2012/01/post_20120105164717.html
Ikenobou: http://en.wikipedia.org/wiki/Ikenobo (Beurla)
Ikebana: http://en.wikipedia.org/wiki/Ikebana (Beurla)

2012-01-05

Bàs de 4,611 Daoine air sàilleabh nan Sgiorraidh Trafaige ann an 2011

Thug Buidheann-gnìomha a' Phoileis Nàiseanta an cunntas gun do bhàsaich 4,611 daoine air sàilleabh nan sgiorraidh trafaige ann an 2011 ann an Iapan. Tha an àireamh seo 5.2% nas luagh na an uiridh agus tha an àireamh air a bhith a' dol an lughad fada 11 bliadhna mu dheireadh.



Bha 69,907 sgiorraidhean ann an 2011 agus an àireamh seo air a bhith a' dol nas lughad fada 7 bliadhna mu dheireadh.

jiji.com: http://www.jiji.com/jc/c?g=soc_30&k=2012010400213

2012-01-04

Chaidh sinn do Chamacura [3]

A' fàgail Hasedera, fhuair sinn Enoden a-rithst. A' fàgail Steisean Camacura, rinn sinn air Tsuruoka Hachimangu, an naomh-chobhan. Bha sinn a' coiseachd air Rathad Komachi far a bheil iaomadh bùth. Agus bha iad uile fosgailte eadhon air an 31 Dùbhlachd.

Thog Yoriyoshi Minamoto teampall ris a chanadh Iwashimizu Hachimangu ann an Yuigou Tsuruoka ann an 1063. Chuir Yoritomo Minamoto roimhe a bhaile ùr a thogadh ann an Camacura agus dh'imrich e an teampall sin ann an 1180 dhan àite an lath diugh sa mheadhan a' bhaile agus dh'ainmeachadh e mar Tsuruoka Hachimangu.

Bhuannaich e iomadh blàr agus thug an t-iompaire dha na còraichean an riaghaldh Iapan an àite an iompaire. Stéidheaich e a riaghaltais ann an Chamacura agus bha e a' cumail taic ris an teampall. Ach fhuair an t-iompaire an tighearnachd ann an 1868, chuir e às dhan sagartan, mhill e an tùr, an clag agus an Iomhaigh Bhuddha, loisg e na Sutran agus dh'atharraich e an t-iompaire dhan naomh-chobhan .



Sràit mhòr dhan cheacar. Bha mòran teantan oirre agus iomadh biadh rim faighinn. Chan robh ach beagan daoine ach thigeadh iomadh daoine air Callain.

Seo Maiden, àrd-urlar an dannsa. Thèid a chumail iomadh tachartas a' chreideaimh. (Seall seo.)

Seo an togalach mòr a tha air a thogail ann an 1828. Tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh na h-altair.

Sealladh bhon togalach mhòr. Chi sibh an sràit mhòr seachad air Maiden.

Seo am baile Camacura. Bha an soilleireachadh glè bhreagha.

Bha sinn ag ithe iomadh seòrsa isbeanan agus hama sa bhùth ionadail. Bha an leann ionadail math cuideachd.

An dèidh tadhal air Tsuruoka Hachimangu, bha sinn a' coiseachd air an sràit mhòr dhan steisean trènichean. Bha iomadh bùth air an sràit agus a' còrdadh ruinn. Fhuair sinn a-mach bùth math agus dh'ith sinn agus dh'òl sinn beagan.

Fhuair sinn trèn air Lìn Keihin-Tohoku agus bha sinn a' dol dhachaigh.

Seo ar turas beag air an 31 Dùbhlachd. Bha lath math againn!

Crìoch.

Seo Lìn Keihin-Tohoku.

Am broinn na trèan.

Tsuruoka Hachimangu (Oifigeil): http://www.tsurugaoka-hachimangu.jp/ (Beurla)
Tsuruoka Hachimangu (Wiki): http://en.wikipedia.org/wiki/Tsurugaoka_Hachiman-g%C5%AB (Beurla)
Yoriyoshi Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoriyoshi (Beurla)
Yoritomo Minamoto: http://en.wikipedia.org/wiki/Minamoto_no_Yoritomo (Beurla)

2012-01-03

Prìomhair: lughdaichear àireamh na buill-phàrlamaid

Air an 2 Faoilleach, tha Prìomhair Noda ga nochdadh air TBS Rèidio prògram agus thuirt e "Feumaidh sinn mìneachadh dhan mhuinntir gu cruaidh" mu dheidhinn ar n-ath-leasachadh air an sàbhailteachd sòisealta agus siostam nan cìsean leis an togadh Cìs Luach-Leasaichte (VAT).

Prìomhair Noda

"Chan eil dùil agam a dh'atharrachadh beachd a lughdachadh àireamh" na buill-phàrlamaid.

Thathar a' togadh neo-thoileachas-inntinn mòr eadar a' mhuinntir mu dheidhinn gu bheil plana aig an riaghaltas a thogadh VAT ach gu bheil iad a' cumail àireamh nam buill-phàrlamaid, àireamh nan oifigeir agus meud nan tuarasdail.

Tha an riaghaltas airson VAT a thogadh bho 5% gu 8% ann an 2014 agus bho 8% gu 10% ann an 2015.

Yomiuri Online: http://www.yomiuri.co.jp/politics/news/20120102-OYT1T00367.htm

Bàs le Cèic Rìs

Nochd Buidheann-gnìomha an Riaghlaidh Teine Tòcèo gun do thachd Mochi, a' chèic rìs na sgòrnain agus bhàsaich dithis agus chuireadh triùir deug dhan ospatail ann an Tòcèo.

Tha Mochi glè thraidiseanta ann an Callain ach ronnach agus furasta a thachdadh na sgòrnain. Tha a' Buidheann-gnìomha a' moladh Mochi a ghearradh do pìosan beaga agus gan ithe comhla ri lionn gu lèor mar tì.

Mochi air a ròstadh


Asahi.comi: http://www.asahi.com/national/update/0101/TKY201201010157.html
Mochi: http://en.wikipedia.org/wiki/Mochi (Beurla)

2012-01-02

Chaidh sinn do Chamacura [2]

An dèidh tadhal air Còtocuin, gabh sinn biadh meadhan-latha ann an seòmar tì. Tha iasgach glè ghnìomhach ann an Camacura agus baoit gheal, iasg òg à Camacura blasda gu sònraichte. Agus dh'ith sinn baoit gheal air rìs. Bha seo glè mhath.

Shirasu Gohan, baoit gheal air rìs.

An dèidh sin, chaidh sinn do Hasedera, an teampall. Thathar ag ràdh gu bheil Hasedera air a shtèidheachadh san 8mh linn. Ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

A' coiseachd seachad air an geata mòr agus a' dìreadh na staidhre suas, ràinig sinn air an teampall mòr air an cnoc. Tha an togalach an tiompaill fhèin ùr agus air a dhèanamh san 20mh linn. 'S e an ìomhaig Guanyin òrach mòr leis na 11 aodainn (9.18 meatair a dh'àirde) a tha a' seasamh san teampall ach tha e air a thoirmeasg a ghabhail dealbh. 'S e clàr a' chàireadh ann an 1485 a tha air an aire a thoirt ach tha am mion-chunntas tuilleadh neo-aithnichte.

Tha an taigh-tasgaidh agus an seòmar tì san làrach. Bha deochannan agus biadhan rim faighinn san teant agus fhuair sinn Manju, seòrsa mìlsein agus Amazake, deoch mhilis dhèante de rìs. Bha iad glè mhath. Bha sealladh na mara os cionn a' bhaile glè breagha.

Ri leantainn.

An geata mòr aig Hasedera

An togalach mòr ann an Hasedera. Tha an ìomhaig ann.

Sealladh na mara os cionn a' bhaile

An seòmar tì ann an Hasedera. Tha an togalach san dealbh thraidiseanta agus bhreagha.

2012-01-01

Chaidh sinn do Chamacura [1]

Chaidh sinn, mi fhìn agus mo nighean do Chamakura a tha aon uair gu leth bho Thòcèo air trèanaichean. 'S e prìomh-bhaile Iapanach eadar 1180-1333 a bha ann an Camacura. Tha Cèoto fada nas ainmeile ach 's e baile breagha a tha ann an Camakura agus 's toigh leam a thadhal air.

Chaidh sinn do Chamakura air Enoden. 'S e trèan èibhinn a tha ann an Enoden. 'S e trèan gu soilleir ach tha a' chuid den rathad-iarainn a' dol air an rathad mar trama. Tha an rathad-iarainn a' dol air meadhan an rathad agus biodh na càraichean a' dol air na dà thaobhan nuair a biodh an trèan a' tighinn. Bidh sinn a' sealladh na mara air an trèan air a' chuid den rathad-iarainn. Tha Enoden a' còrdadh riuinn gu fìor.


Enoden


Thathar a' faicinn geata an taighe. 'S dòcha gum bi an luchd-còmhnaidh a' coiseachd os cionn an rathad-iarainn agus a' tighinn a-steach dhan taigh.


Enoden air an rathad. Thathar a' faicinn na aire "Thoir an rathad dhan trèan." air an rathad.


Enoden ann an dealbh eile ann an Shichirigahama.


Seo an tràigh de shichirigahama. Seallaidh sibh Eilean Enoshima air fàire.


Thug mi an aire gu bheil sinn a' faicinn Beinn Fuji eadar Eilean Enoshima agus an tìr.

An toiseach, dh'falbh aig Steisean Sichirigahama. Choisich sinn dhan tràigh agus bha a' mhuir glè bhreagha. Bha i fuar ach daoine a' iasgach, a' leigeil suas itealag no a' surfadh. An dèidh sin, chaidh sinn do Hase air Enoden airson Iomhaigh Bhuddha a shealladh. Tha an ìomhaigh ann an  Còtocuin, an teampall agus thathar ag ràdh gu bheil an ìomhaigh air a dhèanamh anns an 13mh linn. Tha 11.39 meatairean a dh'àirte. Chan eil e glè mhòr ach an cumadh glè mhath.

Ri leantainn.


Iomhaigh Bhuddha

Kamakura Travel Guide:  http://www.japan-guide.com/e/e2166.html  (Beurla)
Còtocuin: http://en.wikipedia.org/wiki/K%C5%8Dtoku-in (Beurla)


Iomhaigh Bhuddha