2012-04-05

Cunntas air Clais Nankai

Thug bòrd na speisealaich san Oifis a' Chaibineait cunntas air Clais Nankai, clais fon mhuir thall thairis a' chladaich iar-dheas.

Iapan agus na claisean fon mhuir

Tha cunntas a' nochdadh mar leanas.

1) 'S comasach gum tachair crith-thalmhain de M9 (Sgèile Richter Magnitude) aig Clais Nankai.
2) 'S eagal gum fulaing sgìre eadar Kanto agus Kyushu crith-thalmhain mhòr agus tsunami.
3) Thathar a' smaointinn gum bi tsunami 34.4 meatairean ann an Siorramachd Kochi, thar 20 meatair ann an sgìre eadar Kanto agus Shikoku agus thar 10 meatair ann an Siorramachdan Miyazaki, Ohita agus Kagoshima ann an Kyushu a dh'àirde.
4) 'S eagal gum fulaing 153 cathair agus bailtean ann an 10 siorramachdan crith-thalmhain de dh'ìre 7 (*)..

*Japan Meteorological Agency seismic intensity scale (Seall seo)

A rèir clàir, thachair crith-thalmhain de M8.6 aig Clais Nankai ann an 1707 agus thug bòrd na speisealaich am cunntas mu dheireadh ann an 2003. Ach a' chrith-thalmhain a' tachairt anns an sgìre Tohoku ann an 2011, bha bòrd na speisealaich a' deasachadh cunntas ùr as dèidh.

Nishinippon News: http://www.nishinippon.co.jp/nnp/item/295399
Clais Nankai: http://en.wikipedia.org/wiki/Nankai_Trough
Bòrd na Speisealaich san Oifis a' Chaibineait: http://www.bousai.go.jp/jishin/chubou/nankai_trough/nankai_trough_top.html

2012-04-04

An t-Earrach Iapanach

Chithear blàthan a' phlumbaise (Prunus mume) agus bidh sinn ag ionnsachadh gum bi an t-Earrach a' dol dlùth oirnn. Tha blàthan a' phlumbaise beag ach àillidh. Agus tha iad a' coimhead math air an sealladh fhuar ann an ceann a' gheamhraidh. Tha plumbais glè phoipleach agus chi sibh iad gu tric sna pàircean agus na gàrraidhean. Bidh mòran daoine a' dol a-mach airson na blàthan a shealladh.

Plumbais

Plumbais

Chithear blàthan a' shiris (Prunus serrulata) agus bidh sinn ag ionnsachadh gum bi an t-Earrach againn gu tur. Thig iomadh blàth a-mach air na craobhan agus the an sealladh glè lainnireach. Tha siris fìor phoipleach agus chitheas iomadh craobh-shiris ann an iomadh àite. Thàinig a chur solasan ann an mòran gàrraidhean airson gan soillseachadh ann an àrt an fheasgar. Bidh iomadh duine a' dol a-mach airson pàrtaidh a dhèanamh fon chraobh.

Silis


Silis

Silis an oidhche

Ann an toiseach an Earraich dheibh sinn lath glè ghaothach. Canaidh sinn Haruichiban ris agus seo a' ciallachadh a chiad fhear Earraich.

Siris: http://en.wikipedia.org/wiki/Cherry_blossom
Prumbais: http://en.wikipedia.org/wiki/Prunus_mume
Hanami: http://en.wikipedia.org/wiki/Hanami

Silis ann an Cèoto

Silis ann an Cèoto

Fear a bha ag obair ann an Fukushima Daiichi

Bha Toshio Kimura ag obair ann an Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi mar teicneolaiche niucleasach agus bha e a' obrachadh nan readhactaran, a' stiùradh bataichean a' chonnaidh agus a' dèalbhad nan beairt san ionad. Ach dh'falbh e am bhuidhean 10 bliadhna airais. Carson?

Toshio Kimura

A' fureagairt dhan agallamh aig ABC TBh, thuirt e mar leanas.

Chuir mi ceist do mo cheannard ann an 90an dè thachaireadh nam bhuaileadh tsunami Ionad Niucleasach Fukushima. Thuir mi gum thachaireadh leaghadh-sìos gu tur. Thuirt e, 'Kimura, tha thu ceart.'

Seall am film.

ABC, Astràilia ag agallachadh Toshio Kimura 1

ABC, Astràilia ag agallachadh Toshio Kimura 2

http://ima-ikiteiruhushigi.cocolog-nifty.com/gendaisekai/2011/06/post-a1b1.html


2012-04-03

Stoirm an Earraich san Tìr Mòr Iapanach

Bhrùthadh ìosal a' fàs gu luath air a' Mhuir Iapanach, fhulaing an Tìr Mòr Iapanach stoirm an Earraich air an treas den Ghiblean. Bhathar a' cur 93.7 mìltean/uair (41.9 meatairean/diog) de ghaoth air clàr ann an Eilean Tomoga, Siorramachd Wakayama.

Sa bhaile

Bha gaoth agus an t-uisge glè làidir, chaidh a dhubhadh a-mach 240 iteaich ann an Pòrt Haneda agus a chur stad air an Rathad Iarrain Shinkansen sealach. Tha trèinichen, trafaig agus aiseagan a' fulaing an stoirm gu farsaing.

ANN

NNN


Hanamaruudon: 50 yen dheth

Nochd Hanamaru-udon, taighean-bìdh nùdail gum toirear 50 yen dheth airson gach biadh eadar an darna agus an 6mh den Ghiblean do dhaoine a bheir fianais fada air ais. Tha a h-uile fianais, a chuir buidheann sam bith a-mach airson a h-uile rud ann an Iapan, ceart gu lèor.


Hanamaru-udon: http://www.hanamaruudon.com/

2012-04-02

JR Stèisean Tòcèo ìre mhath deiseil

Tha leigheas an Stèisein Tòcèo ìre mhath deiseil.

Bha na bomaichean leagte às na B29 Bomadairean air an stèisean a mhilleadh ann an 1945 ann an Dara Cogadh Mòr. Bha air ga leigheas mar thogalach le dà làr ann an 1947 ged a bha a' chiad Shtèisean Tòcèo air togail mar thogalach le trì làran.

Stèisean Tòcèo Ùr

Ach thòisich plana a thogail an togalaich sa chiad chumadh ann an 80an agus thòisich an togalach ann an 2007.

Bidh an togalach deiseil san Og-mhios agus Taig-òsda Stèisean Tòcèo fosgailte san Damhair ann.


Long Aegis a' falabh Pòrt Yokosuka

Sa mhadainn air an 31 den Mhàrt dh' falbh Kirishima, lang Aegis Pòrt Yokosuka airson sùil a chùmail air na urchairean a tha dùil aig Korea Tuath a chur a-mach. Bidh e a' feitheamh sa Mhuir Shìneaich an Ear fon t-suidheachadh-èiginn far a bheil e deiseil airson na urchairean a losgadh sìos.

Kirishima

Tha SM3, na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-a-mhuir air Kirishima. Bidh e a' feitheamh air a mhuir còmhla ris dà lang Aegis agus loisgidh iad na urchairean sìos ma bhios iad a' dol air Iapan.

Bidh PAC3, Patriot, na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-an-tìr deiseil air Eilean Miyako cuideachd.

PAC3, Patriot ann an Kure, Hiroshima

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012033101001460.html?ref=rank