2012-04-06

Siorramachdan airson dùthaich Gun Cumhachd Niucleasach

Ann an Tòcèo air an 28mh den Ghiblean, bidh na riaghladairean de na siorramachdan far a bheil ionad niucleasach sam bith ann a' coinneachadh agus a' stéidheachadh bùird ùr airson cumhachd niucleasach fhàgail. Bidh am bòrd a' togail fianais an aghaidh ionad niucleasach ùr a thogail agus a' toirt dùbhlan dhan dùthaich gun cumhachd niucleasach.


Na ionadan niucleasach ann an Iapan

Bidh am bòrd ag obair airson na adhbharan eile mar leanas.

1) A' rannsachadh staitean fìor na ionadan niucleasach.
2) A' stèidheachadh poileasaidh a chur air adhart lùth ath-nuadhachail.
3) A' dìon na cloinne bho rèididheachd agus a' cur taic ris a mhuinntir fhaighinn bìdh shàbhailte.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012040601001849.html

PAC3, Patriot deiseil air Okinawa, Eilean Miyako agus Eilean Ishigaki

Tha PAC3, Patriot na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-an-tìr deiseil airson na urchairean à Korea Tuath a losgadh sìos air Okinawa, Eilean Miyako agus Eilean Ishigaki.

PAC3 a' ràinig air Pòrt Naha, Okinawa

PAC3 a' ràinig air Pòrt Hirara, Eilean Miyako


PAC3 a' ràinig air Eilean Ishigaki

2012-04-05

Cunntas air Clais Nankai

Thug bòrd na speisealaich san Oifis a' Chaibineait cunntas air Clais Nankai, clais fon mhuir thall thairis a' chladaich iar-dheas.

Iapan agus na claisean fon mhuir

Tha cunntas a' nochdadh mar leanas.

1) 'S comasach gum tachair crith-thalmhain de M9 (Sgèile Richter Magnitude) aig Clais Nankai.
2) 'S eagal gum fulaing sgìre eadar Kanto agus Kyushu crith-thalmhain mhòr agus tsunami.
3) Thathar a' smaointinn gum bi tsunami 34.4 meatairean ann an Siorramachd Kochi, thar 20 meatair ann an sgìre eadar Kanto agus Shikoku agus thar 10 meatair ann an Siorramachdan Miyazaki, Ohita agus Kagoshima ann an Kyushu a dh'àirde.
4) 'S eagal gum fulaing 153 cathair agus bailtean ann an 10 siorramachdan crith-thalmhain de dh'ìre 7 (*)..

*Japan Meteorological Agency seismic intensity scale (Seall seo)

A rèir clàir, thachair crith-thalmhain de M8.6 aig Clais Nankai ann an 1707 agus thug bòrd na speisealaich am cunntas mu dheireadh ann an 2003. Ach a' chrith-thalmhain a' tachairt anns an sgìre Tohoku ann an 2011, bha bòrd na speisealaich a' deasachadh cunntas ùr as dèidh.

Nishinippon News: http://www.nishinippon.co.jp/nnp/item/295399
Clais Nankai: http://en.wikipedia.org/wiki/Nankai_Trough
Bòrd na Speisealaich san Oifis a' Chaibineait: http://www.bousai.go.jp/jishin/chubou/nankai_trough/nankai_trough_top.html

2012-04-04

An t-Earrach Iapanach

Chithear blàthan a' phlumbaise (Prunus mume) agus bidh sinn ag ionnsachadh gum bi an t-Earrach a' dol dlùth oirnn. Tha blàthan a' phlumbaise beag ach àillidh. Agus tha iad a' coimhead math air an sealladh fhuar ann an ceann a' gheamhraidh. Tha plumbais glè phoipleach agus chi sibh iad gu tric sna pàircean agus na gàrraidhean. Bidh mòran daoine a' dol a-mach airson na blàthan a shealladh.

Plumbais

Plumbais

Chithear blàthan a' shiris (Prunus serrulata) agus bidh sinn ag ionnsachadh gum bi an t-Earrach againn gu tur. Thig iomadh blàth a-mach air na craobhan agus the an sealladh glè lainnireach. Tha siris fìor phoipleach agus chitheas iomadh craobh-shiris ann an iomadh àite. Thàinig a chur solasan ann an mòran gàrraidhean airson gan soillseachadh ann an àrt an fheasgar. Bidh iomadh duine a' dol a-mach airson pàrtaidh a dhèanamh fon chraobh.

Silis


Silis

Silis an oidhche

Ann an toiseach an Earraich dheibh sinn lath glè ghaothach. Canaidh sinn Haruichiban ris agus seo a' ciallachadh a chiad fhear Earraich.

Siris: http://en.wikipedia.org/wiki/Cherry_blossom
Prumbais: http://en.wikipedia.org/wiki/Prunus_mume
Hanami: http://en.wikipedia.org/wiki/Hanami

Silis ann an Cèoto

Silis ann an Cèoto

Fear a bha ag obair ann an Fukushima Daiichi

Bha Toshio Kimura ag obair ann an Ionad Niucleasach Fukushima Daiichi mar teicneolaiche niucleasach agus bha e a' obrachadh nan readhactaran, a' stiùradh bataichean a' chonnaidh agus a' dèalbhad nan beairt san ionad. Ach dh'falbh e am bhuidhean 10 bliadhna airais. Carson?

Toshio Kimura

A' fureagairt dhan agallamh aig ABC TBh, thuirt e mar leanas.

Chuir mi ceist do mo cheannard ann an 90an dè thachaireadh nam bhuaileadh tsunami Ionad Niucleasach Fukushima. Thuir mi gum thachaireadh leaghadh-sìos gu tur. Thuirt e, 'Kimura, tha thu ceart.'

Seall am film.

ABC, Astràilia ag agallachadh Toshio Kimura 1

ABC, Astràilia ag agallachadh Toshio Kimura 2

http://ima-ikiteiruhushigi.cocolog-nifty.com/gendaisekai/2011/06/post-a1b1.html


2012-04-03

Stoirm an Earraich san Tìr Mòr Iapanach

Bhrùthadh ìosal a' fàs gu luath air a' Mhuir Iapanach, fhulaing an Tìr Mòr Iapanach stoirm an Earraich air an treas den Ghiblean. Bhathar a' cur 93.7 mìltean/uair (41.9 meatairean/diog) de ghaoth air clàr ann an Eilean Tomoga, Siorramachd Wakayama.

Sa bhaile

Bha gaoth agus an t-uisge glè làidir, chaidh a dhubhadh a-mach 240 iteaich ann an Pòrt Haneda agus a chur stad air an Rathad Iarrain Shinkansen sealach. Tha trèinichen, trafaig agus aiseagan a' fulaing an stoirm gu farsaing.

ANN

NNN


Hanamaruudon: 50 yen dheth

Nochd Hanamaru-udon, taighean-bìdh nùdail gum toirear 50 yen dheth airson gach biadh eadar an darna agus an 6mh den Ghiblean do dhaoine a bheir fianais fada air ais. Tha a h-uile fianais, a chuir buidheann sam bith a-mach airson a h-uile rud ann an Iapan, ceart gu lèor.


Hanamaru-udon: http://www.hanamaruudon.com/