2012-04-18

Prìomhair Noda a' dearbhadh na mearachd aig an Riaghaltais

Sa mhadainn air an 18mh lath den Ghiblean san Taigh nan Riochdaire, thug Prìomhair Noda leisgeul airson mearachd an Riaghaltais a ghabh 45 mionaidean a thoirt rabhaidh na h-urchair à Korea Tuath.

Prìomhair Noda

Thuirt e, "Tha mi a' smaointinn gum bu choir dhuinn feabhas a chur air an t-siostam a thoirt rabhaidh na urchair dhan mhuinntir."

Air an 13mh den Ghiblean, Chuir Korea Tuath a-mach an urchair mu 7:39 sa mhadainn agus nochd Riaghaltais Korea sin aig 7:54. Ach ghabh Riaghaltas Iapan ùine a dhearbhadh a' chur-a-mach agus nochd e sin aig 8:23.


2012-04-17

Prìomh-bhaile Tòcèo a' ceannachadh Eilean Senkaku

Air an 16mh lath den Ghblean ann an Washington, tha Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo air a nochdadh gum bi Prìomh-bhaile Tòcèo a' ceannachadh Eilean Senkaku. Tha e ag ràdh gu bheil am prìomh-bhaile air a bhith a' dèanamh gnothaich ris na sealbhadairean agus iad uile ag aontachadh an reic. Tha dùil aige na eilean a cheannach gu ceann am bliadhna.

Riaghladair Ishihara ann an Wasington

Tha ochd eilean a' buntainn do dh'Eilean Senkaku. Tha an riaghaltas a' sealbhachadh aon dhiubh ach tha daoine a' sealbhachadh nan seachd eilean eile.

Tha na eilean a' buntainn do dh'Iapan bho 1895 ach thòisich Sìona agus Taiwan air a bhith ag argamaideachadh airson an t-sealbhadaireachd bho 1968 nuair a dhearbhadh gas agus ola fon bonn na mara.

Thuirt Riaghladair Ishihara, "'S e eirson an ranntair Iapanach a dhìon ge b' e dè an dùthaich am biodh mì-shocair."

Bhideo

Shintaro Ishihara: http://en.wikipedia.org/wiki/Shintaro_Ishihara
Eilean Senkaku: http://en.wikipedia.org/wiki/Senkaku_Islands
Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012041701001033.html

2012-04-16

Guiness a' clàradh Fèis Tighearna Shingen mar an Cruinneachadh as Motha nan Samurai

Air 7mh lath den Ghiblean, chumadh Fèis Tighearna Shingen ann an Cathair Kofu, Siorramachd Yamanashi. Bha còrr is 1,100 Samurai a' cruinneachadh air achadh faisg air Stèisean Kofu. Tha Guiness air a dhhearbh gun robh 1,061 Samurai ann agus tha am fèis air a chlàradh mar an cruinneachadh as motha nan Samurai. Bha comataidh an fhèise cinnteach gun robh còrr is 1,100 Samurai ann ach cha toir Guiness an aire air na daoine le uaireadair-làimhe no fón-làimhe mar Samurai.

Thug an neach-rèiteachaidh à Guiness do chomataidh an fhèise teisteanas an aithneachaidh.

Bha Shingen Takeda a' riaghaladh Kai; Siorramachd Yamanashi an lath diugh anns an 16mh lìnn agus ainmeil mar aon de na tighearnan cumhachdach na Ùine Sengoku.

'S e fèis poibleach a th' ann an Fèis Tighearna Shingen. Bidh e air cumail san Earrach a h-uile bliadhna agus bidh còrr is 100 millean daoine a' tadhal air Cathair Kofu.

Tighearna Shingen Takeda

Na Samurai san fhèis.

2012-04-14

Iompaire agus Prìomhair Cameron a' coinneachadh san Lùchairt

Air an 10mh lath den Ghiblean, bha an t-iompaire agus Prìomhair Cameron a' coinneachadh ann an Lùchairt Ìmpire. Dh'innis am prìomhair dha gun robh a' bhan-rìgh an dòchas gum bhitheadh an t-iompaire a' cur faire air an deas-ghnàth airson an 60mh cuirm bhliadhnail de a meudachadh air na rìgh-chathairichean sa Chèitean. Chuir an t-Ìompaire tàing dhi airson a fiathachadh agus an sgioba-saoraidh a chur dhan t-sgìre a fhulaing a' chrith-thalmhain agus tsunami.

Tha an t-iompaire airson faire a chur air an deas-ghnàth agus tha Buidheann-ghnìomha Taigheadais ìmpireil a' cur air dòigh a thuras.


Ann an Lùchairt Ìmpire

Mainichi News: http://mainichi.jp/select/news/20120411k0000m040018000c.html

SONY a' dèanamh 520 Billean de Chall

Air an 10mh den Ghiblean, tha SONY air nochdadh gun d'ràinig a chall air 520 Billean yen sa Mhàrt 2012. Tha am buidheann air call a chumail fada ceitheir bliadhna agus tha an call as motha am bliadhna.


Chaill SONY a chuid de reic mhòr an telebhisein ann an SUA agus tha iad air a nochdadh gum bi iad a' cur à dreuchd 10 mìle de luchd-obrach san t-saoghal. Tha 168,200 daoine ag obair ann an SONY san t-saoghal agus 's e 6% dhiubh a th' anns an àiramh.

Tha am buidheann a' dol iarraidh air seachdnar luchd-stiùiridh duais-airgid a thoirs eir ais.

Reuters: http://jp.reuters.com/article/technologyNews/idJPTYE83904020120410

2012-04-13

An Urchair aig Korea Tuath a' Spreadh

Fhàilig Korea Tuath cuir na urchair a-mach. Nochd Ministrealachd na Dìonachd gun robh an saideal brathaidh aig SUA air an aire a thoirt. 

A rèir a' chunntais aig a' mhinstrealachd, mu 07:40 sa mhadainn air an 13mh den Ghiblean ann an Tongch'ang-ri, chuireadh an urchair a-mach. Bha i a' dol suas airson mionaid agus a' ruigsinn air mu 120 cilemeatair a dh'àirde ach spreadh agus sgar i o chèile. Thuit mu dheich pìosan aiste dhan Muir Buidhe ri taobh siar a' chinn-tìr Korea.

Àrd-rùnaire a' Chaibineid Fujimura

Thuir Àrd-rùnaire a' Chaibineid Fujimura, "Cha d'rinn na pìosan tuiteim cron sam bith dhan dùthaich againn. Tha sinn ag irraidh air a' mhuinntir a bhith ciùin agus a' cumail beatha mar is àbhaist."


ANN

An urchair a' spreadh

TBh ann an Korea Tuath


2012-04-12

Flùraichean an Earraich

Chaidh mi a-mach an diugh air air ceann-turais. Bha flùraichean an Earraich glè bhreagha agus ghabh mi na dealbhan.


Blàthan an Siris ann an pàirc. Canidh sinn Sakura rithe.

Blàthan an siris ann an pàirc càraichean.

Bha na flùr-bhileagan air an làr a' coimhead mar shneachda.

Blàthan an siris ann pàirc ri taobh an uillt. Chunnaic mi gun robh mòran daoine a' gabhail bìdh meadhan-latha fon blàthan.

Blàthan an siris ann pàirc ri taobh an uillt.

Fliodh. Canidh sinn Hakobe ris.

Caoch-dheanntag chearc. Canidh sinn Hotokenoza ris agus tha seo a' ciallachadh Suidhe aig Budda.

Beàrnan-brìde. Canidh sinn Tanpopo ris.

Fualachdar. Canidh sinn Oinunofuguri ris. Tha seo a' ciallachadh Buill mhòra choin.

Dè a tha seo?