A rèir a' chunntais aig a' mhinstrealachd, mu 07:40 sa mhadainn air an 13mh den Ghiblean ann an Tongch'ang-ri, chuireadh an urchair a-mach. Bha i a' dol suas airson mionaid agus a' ruigsinn air mu 120 cilemeatair a dh'àirde ach spreadh agus sgar i o chèile. Thuit mu dheich pìosan aiste dhan Muir Buidhe ri taobh siar a' chinn-tìr Korea.
Àrd-rùnaire a' Chaibineid Fujimura
Thuir Àrd-rùnaire a' Chaibineid Fujimura, "Cha d'rinn na pìosan tuiteim cron sam bith dhan dùthaich againn. Tha sinn ag irraidh air a' mhuinntir a bhith ciùin agus a' cumail beatha mar is àbhaist."
ANN
An urchair a' spreadh
TBh ann an Korea Tuath
'S ann a ghabh mi fhin iongnadh gun d' dh'aidich riaghaltas Khorea a' Tuath gun do dh'fhàilig i!
ReplyDeleteMòran taing airson ur teachdaireachd. Seadh! Agus tha an riaghaltas mì-ghlic. Gun airgead, gun theicneolachd agus gun thaic à Sìona agus Ruisia, chuir iad a-mach cleas-teine daoir. Tha co-fhulangas agam ris a' mhuinntir. Càit a bi iad a' dol gun dhùil agus gun bhiadh?
Delete