2011-12-08

Ceud Mìle Fàilte bho na 98 buill-pàrlamaid do Muneo Suzuki fo chead-saoraidh

Tha Muneo Suzuki air a chur fo chead-saoraidh. 'S e ball de Thaigh nan Cumantan, Ministear na Staide, Rùnaire an Leasachaidh Hokkaido, Rùnaire an Leasachaidh Okinawa agus Leas-rùnaire Comhairle-phàrlamaida a bha ann. Ach fhuair e brìbe agus chleachd e a chumhachd poileataiceach gu mì-laghail anns na seachd gnothaich poblach agus thogadh casaid 'na aghaidh mu dheidhinn ceitheir dhiubh.

Chaill e a h-uile tiotal poblach. Thugadh binn a mach 'na aghaidh agus chaidh 11 millean yen a chàin agus dà bhliadhna de phrìosan air.

Air an 6 Dùbhlachd, tha e air a chur fo chead-saoraidh agus thàinig e air ais dhan t-saoghail saor. Co-dhiù, tha e fo chead-saoraidh fhathast agus gun dlighean an t-sluaigh fada còig bliadhna. Chan eil mi a' smaoinntinn gum bi e a' gnìomhachadh gu poileataiceach a-rithst. Ach...

Muneo Suzuki

Tha pàrtaidh air a chumail agus chuir 98 buill-pàrlamaid dha fàilte. Tha fios agam gun robh cuid dhiubh a' cur 'na aghaidh, a' cantainn "stòr mòr de dh'amharas" ris agus a' feuchainn a thilg a-mach às a phàrlamaid beagan bliadhna air ais. Chan eil adhbhar aca a chur dha fàilte idir!

Cha bhi e air ais dhan phàrlamaid gu bràth. Ach chan eil mi toilichte idir gu bheil buill-pàrlamaid mar iad  a' gnìomhachadh sa phàrlamaid.

Dè an t-amharas a tha dùil aca a cheannach san stòr mòr? Chi mi sin.



Cesium ann an Banne

Nochd Meiji, buidheann bhìdh gu bheil 30.8 Becquerel san kilo de Cesium, eileamaid rèidio-beò às an ionad niuclasach ann an Fukushima ann an Step, fùdar a' bhainne airson cloinne a rinn i. Reig caitheadair fios dhi tro phàipear-naidheachd agus chuir i deuchainn air.


Step


Tha an buidheann a' ceannach bainne à Hokkaido, Astràilia agus na dùthchannan coigreach eile agus tha beachd aice gun tàinig Cesium a-steach dhan bhainne às an àile.


Tha am meud rèidio-beò seo fada nas lugha na am meud laghail a rinn an riaghaltas ach tha Meiji a' cur 400 mìle canastair Step an àite an asgaidh.


Mainichi jp: http://mainichi.jp/select/today/news/20111207k0000m040037000c.html
Becquerel: http://en.wikipedia.org/wiki/Becquerel

2011-12-07

Taic Teachd-a-steach do 2.06 Millean Duine san Lùnasdal

Tha Ministreachd na Slàinte, a' Chosnaidh agus na Sochair air a nochdadh gun do ràinig an àireamh de dhaoine, a bha a' faighinn taic theachd-a-steach, 2,059,871 san Lùnasdal. Tha an àireamh seo 9,376 daoine nas motha na san Iuchar agus as motha air a chlàr. Tha a' mhinistreachd sin ag ràdh gu bheil an àireamh seo a' fàs nas motha fhathast air an suidheachadh an dèidh na crith-thalmhainn agus a' cur àird air Amhailt Taic Teachd-a-steach.

2011-12-06

Geòcair Iapanach

Tha Yoshitaka Maeda ris a chanadh Maedango gu tric ainmeil mar aon de na geòcairean Iapanach. Tha mòran daoine ag ithe nas motha na esan ach tha e a' nochdadh a chlar air a làrach-lìn agus seallaidh sibh dè a bha agus cait an robh e ag ithe. Tha a làrach-lìn gle mhath agus làn de fhiosrachadh mu dheidhinn biadhan matha, soithichean mòra agus ithe saor.

Chan eil e a' nochdadh a chlàr ach ann an Iapanach mar sin tha mi a' nochdadh beagan às an làrach-lìn ann an Gàidhlig.


Curry Yasan Little Shop: Tokyoto Shibuyaku Maruyamacho 10-15
Saor agus blasda. Tha Special Curry Set Large a' cosg direach 900 yen. 'S e meud cumannta do mhaedango a tha ann.

Special Curry Set Large

Onion: http://onion21.com/: Miyagiken Kurokawagun Tomiyacho Hiyoshidai 2-24-9
Big Hamburger 2kg
Tha seo a' cosg 3,000 yen ach an asgaidh nam biodh sibhse air ga dh'ithe ann an 60 mionaidean. Faodaidh sibh a dhùbhlain Big Hamburger 5kg! Chan eil duine air seo a dh'ithe ach 's e boireannach a tha air 3kg a dh'ithe!


Tha Maedango air 2kg a dh'ithe ann an 28 mionaidean 32 diogan. Ach cha neil dùil aige a dhùbhlain Big Hamburger 5kg. Tha e ag ràdh gu bheil e ro mhor dha!


Big Hamburger 5kg


Pocctartno: Niihataken Itoigawashi Terashima 3-2-40-2F
Tomato Bacon Pasta Dekamori
Tha seo a' cosg 1,800 yen ach an asgaidh nam biodh sibhse air ga dh'ithe ann an 20 mionaidean. Chan eil ach duine air seo a dh'ithe ann an 20 mionaidean.

Tha Maedango air 55 mionaidean a ghabhail agus 1,800 yen a phàigheadh.


Tomato Bacon Pasta Dekamori


Yuzuki Meguroten: Toukyoto Shinagawaku Kamiohsaki 2-12-1
Saor agus blasda. Tha Ohmori Soba tradiseanta direach aig 750yen.

Ohmori Soba

Tha Tokumori Hiyashitanuki nas motha agus a' cosg 1,120 yen. Tha seo gu math spìdeil!

Tokumori Hiyashitanuki ris a chanadh Beinn Fuji Mori

Cluba Tera Biadh: http://www.geocities.jp/zzr_1100c22004/contents_terameshi_club_400.html

2011-12-05

Sgiorradh Chàraichean Daora air a' Mhòr-Rathad

Air an 4, thachair sgiorradh càir air a' Mhòr-rathad Chugoku faisg air Shimonoseki. Shnìomh car air a' mhòr-rathad agus bhuail e air an rèile gèaird. Bhuail 12 càraichean a bha a' leantainn an sreath a chèile. Bha 10 daoine air an leòn beagan.


47News


Tha am poileas ionadail ag ràdh gur e buill de sgioba dhealasach air càraichean à Kyushu a tha anns a' chuid as motha dhiubh agus gu bheil na càraichean daora air am briseadh air an rathad. Is iad 8 Ferrari, Lamborghini, dà Mhercedes agus dà chàr eile.


Thathar ag ràdh gun robh iad a' dràibheadh aig còrr is 150 km san uair. Tha an t-astar as luaithe aig 100 km san uair gu laghail air a' mhòr-rathad seo.




FNN News: http://www.fnn-news.com/news/headlines/articles/CONN00212844.html
Mòr-rathad Chugoku: http://global.w-nexco.co.jp/roadways/index.html


2011-12-03

Càr Teachdail

Air an 30, thathar a' cumail An 42mh Sealladh Motair Tòcèo 2011 ann an Tokyo Big Site. An sin, nochd Daihatsu, buidheann chuir càr ùr ris a chanadh Pico. Tha mi airson a ràdh gun do ghluis an càr mi gu mòr.

Pico
 

Tha Daihatsu air a dhèanamh airson daoine sean a tha a' dràibheadh timcheall baile. Tha dà dh'àite-suidhe ann. 'S e càr dealain a tha ann agus the an t-asdar as luaithe 50 km san uair. Tha e a' dol fada 50 km le làn de dhealan. Ma bhios dràibhear airson a dhràibheadh gu slaodach, tha roghainn leis an asdar as luaithe aig 8 km san uair ann. Thathar ag ràdh gum bheil an roghainn seo feumail a dhràibheadh air an rathad cumhang.

A' nochdadh an asdair an làthair

Tha gach mothaichear air an da chuid de a bheulaibh agus dhruim a nochdidh gu bheil cuideigin no rudeigin air a chùrsa agus stadaidh an càr gu fèin-ghluasadach ma bhios iad faisg air. Bheir e fios dhan chàr leantail leis an solas dearg, ma bhios e ro fhaisg air. Tha Pico làn de dhreuchd a bhacadh sgiorraidh a tha daoine sean furasda a thachart.

Am foillseachadh a' nochdadh daoine air a bheulaibh

Tha dùil aig Daihatsu Pico, an càr seo a reic aig prìs nas saoire na 800 mìle yen!

Tha mi a' smaoinntinn gu bheil an càr seo glè mhath ach bu toigh leam a ràdh gu sònraichte gu bheil a h-uile dreuchdan ùr, a tha aig Pico, feumeil do a h-uile dràibhear. Bu choir do a h-uile càr na dreuchdan fhaighinn.

Chan eil càr sàbhailte idir an diugh. Tha iomadh sgiorradh càir a' tachairt a h-uile lath. Tha càr luath gu lèor. Thàinig an t-àm a chleachdadh tuilleadh teicneolas agus airgead airson sàbhailte nan càraichean.

Sealladh Motair Tòcèo 2011: http://www.tokyo-motorshow.com/en/
Daihatsu: http://www.daihatsu.com/

2011-12-02

Bas den Duine as Sine

Air dara lath, bhasich Chiyono Hasegawa, an duine Iapanach as sine. Bha i 115 bliadhna a dh'aois. Bha i a' basachadh ann an a seòmar san taigh-altraim ann an Saga cho ciùin 's a tha i a' dol do chadal.


'S e Jiroemon Kimura ann an Kyoto a tha as sine a-nis ann an Iapan agus the e 114 bliadhna a dh'aois.


47News: http://www.47news.jp/CN/201112/CN2011120201001661.html