2012-04-28

PDL a' nochdadh Bille airson Bun-reachdan a dh'Atharrachadh

Air 27mh lath den Ghiblean, nochd PDL (Pàrtaidh Democratach Liberalach) a' nochdadh bille airson bun-reachdan a dh'atharrachadh. Tha puingean mòra mar a leanas.

  • A' cur Iompaire air ceann na staide bho dhuine shamhlach na staide.
  • Ag ath-ainmeachadh Feachd Fèin-Dhìonachd Iapanach mar Arm Dìonachd Nàiseantana.
  • A' dhèanamh laghan gum bi a' bhratach nàiseanta na "Nisshouki" agus an naomh-òran nàiseanta na "Kimigayo".


Nisshouki

Kimigayo

Bha PDL na phàtaidh riaghaltais gu 2009. Tha e na chiad phàtaigh san Taigh nan Comhairlichean agus na dhàrna phàtaidh san Taigh nan Riochdaire. Is coltach gu bheil e a' nochdadh beachda airson bun-reachdan a dh'atharrachadh agus a' cur an aghaidh air Pàrtaidh Deamocratach; am pàtaidh riaghaltais.

Sadakazu Tanigaki, an ceann-pàrtaidh

An tòiseach bha dùil aig PDL "Arm Fèin-Dhìonachd" ainmeachadh ach chuir Sadakazu Tanigaki, an ceann-pàrtaidh roimhe "Arm Dìonachd Nàiseantana" ainmeachadh.

Nisshouki:  http://en.wikipedia.org/wiki/Flag_of_Japan
Kimigayo:  http://en.wikipedia.org/wiki/Kimigayo
Tokyo News: http://www.tokyo-np.co.jp/s/article/2012042701002464.html

2012-04-27

IHO a' cur Aonta ris Mhuir Iapanach

Chuir IHO (Buidheann a' Mhuir-eòlais Eadar-nàiseanta) aonta ris bheachd nach bithear a' nochdadh ach "A' Mhuir Iapanach" air a' mhapa fiu 's ged a bha Coirèa ag iarraidh air a' nochd "Muir an Ear" comhla.


Tha Coirèa a' tuigsinn nach do chuir IHO aonta ri rud sam bith mu dheidhinn agus dùil aca a bhith a' sìor iarraidh air a' nochd "Muir an Ear" comhla.

IHO'http://en.wikipedia.org/wiki/International_Hydrographic_Organization
International Hydrographic Organization Countries - The World maps: http://mapsof.net/map/international-hydrographic-organization-countries
Chunichi Web: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012042601002003.html

2012-04-26

Seachdainn Òrach

Canidh sinn "Golden Week" ris na làithean eadar 29am Giblean agus 5mh Cèitean. Tha 29mh Giblean na Lath Showa, 3as Cèitean na Lath-cuimhne a' Bhun-reachd, 4mh Cèitean na Lath Uaine agus 5mh Cèitean na Lath na Cloinne. Tha ceitheir laithean nàiseanta saora agus Dìdobhnaich ann an seachdainn. Dheibh mòran daoine làithean saora eile mar eisimpleir 1mh agus 2na agus theid iad thairis. Is dearbh gun tig mu 563 mìle duine thairis air an t-Seachdainn Òrach am bliadhna. Ach cha ann gum faigh a h-uile duine mòran làithean saora air Seachdainn Òrach.

Chuir "Research Panel" ceist "Cia mheud làithean saora am bidh agaibh am bliadhna?" agus fhuair 147,283 freagairtean an uiridh mar a leanas.

Gun lath saor - 11.6%
Direach lath - 3.4%
2-3 làithean - 12.9%
4-5 làithean - 15.8%
6-7 làithean - 19.2%
8-9 làithean - 9.2%
Còrr is 10 làithean - 14.0%
Chan eil fhios agam fhathast - 14.0%
(11/04/27-11/04/28)

Bidh a' chuid as motha de na bùithean agus na taighean bìth fosgailte agus the iomadh daoine ag obair sna oifisean air na làithean nàiseanta saora cuideachd.

Reaearch Panel: http://research-panel.jp/rpdr/view.php?eid=99555

2012-04-25

Grunn nan Reul-chriosean as fhaide

Air an 24mh lath den Ghiblean nochd an amharc-lann nàiseanta gun tug iad an aire an grunn nan reul-chriosean as fhaide le Subaru an glainne-amhairc. Tha an grunn 12.72 billean solas-bhliadhna fada bho chruinne. Tha am fànas mu 13.7 billean a dh'aois. Thathar ag ràdh gun toir na reul-chriosean spùd airson cruthachadh an fhànais a rannsachadh. Bithear a' toirt a' chunntais air Astrophisical Journal.

Tha Jun Toshikawa ann an Sokendai agus Nobunari Kashikawa san amharc-lann nàiseanta air an aire a thoirt mu 30 reul-chriosean san raon air an rathad de Coma Berenices agus gu bheil ochd dheibh san raon 12.72 billean solas-bhliadhna fada bho chruinne.

Tha GN-108036 12.91 billean solas-bhliadhna fada bho a' chruinne agus as fhaide mar aon reul-chriosean. Ach the ochd reul-chriosean as fhaide mar grunn.

Subaru: http://subarutelescope.org/Pressrelease/2012/04/23/j_index.html
Sokendai: http://www.soken.ac.jp/en/index.html
Astrophysical Journal: http://iopscience.iop.org/0004-637X
Coma Berenices: http://en.wikipedia.org/wiki/Coma_Berenices
Reul-chrios as fhaide bho chruinne: http://gaelic-japan.blogspot.jp/2011/12/reul-chrios-as-fhaide-bho-chruinne.html
Jiji.com: http://jiji.com/jc/c?g=soc_30&k=2012042400746


Tha ochd puingean dearg sna reul-chriosean

Coma Berenices

2012-04-24

Cunntas an Riaghaltais air Tuathanachas

Thug an riaghaltas air tuathanachas ann an 2011. Tha an cunntas a' nochdadh mar a leanas.
  • Ann an Sgìre Tohoku an dèidh na crith-thalmhain agus an tsunami, cha do thòisich ach 40% de na tuathanaich tuathanachas a-rithst agus tha e 'na thrioblaid mhòr dhan riaghaltais air poileasaidh an tuathanaich.
  • Tha ìre a' mhustair bhìdh aig 39%. Tha an àireamh ìosal agus a' dol sìos. 'S èiginn dhan riaghaltas dùbhlan a thoirt dhan chinneasachadh agus chaitheamh.
  • Tha am milleadh dhan tuathanach agus Iasgaireachd na 2426.8 billean yen.
News47: http://www.47news.jp/CN/201204/CN2012042401001503.html

2012-04-23

Dè a tha Muir an Ear?

Tha an aire air toirt gun d'fhuair The White House ann an SUA 83,000 iarrtais air eadar-lìon ann an mìos nach biodh leabharaichean na sgoile a' nochdadh "Am Muir Iapanach" ach "Muir an Ear". Tha an t-àireamh as motha às na 120 seòrsa iarrtais a fhuair White House. Cha d'fhuair The White House ach 12,200 iarrtas gum biodh leabharaichean na sgoile a' sìor nochdadh "Am Muir Iapanach".

The White House

Carson nach eil "Am Muir Iapanach"?

Air 22mh lath den Mhàrt, nochd Comann nan Coirèanaich ann an Virginia, "Tha sinn ag ionnsachadh dha na sgoilearan eachdraidh cheàrr a rinn na ionnsaigheich a thug ionnsaigh air Pearl Harbour. Tha sinn an dòchas gum bithear a' cur iarrtais a cheartachadh na eachdraidh agus a thoirt dha na sgoilearan còirean airson eachdraidh cheart."

Bhon 1992 tha Coirèa air a bhith a' cumail a-mach nach eil e math a chantainn "Am Muir Iapanach" ris a' mhuir eadar-nàiseanta agus bu chòir "Muir an Ear" a chantainn rithe. Ach tha a' chuid as motha de na mapaichean a' nochdadh "Muir Iapan" agus tha an t-àinm cumanta san t-saoghal.

Kunyu Wanguo Quantu a' nochdadh "Muir iapan (日本海)".

Tha Kunyu Wanguo Quantu, mapa Sìonach ann an 1602 ga nochdadh mar "Am Muir Iapanach". Bha Adam Johann von Krusenstern a' buntainn dhan Cabhlach Ruiseanach agus sheòl e san t-saoghail eadar 1803 agus 1806. Rinn e mapa an t-saoghail agus tha e ga nochdadh mar "Mer du Japon".

Japan sea: http://en.wikipedia.org/wiki/Sea_of_Japan
Adam Johann von Krusenstern: http://en.wikipedia.org/wiki/Adam_Johann_von_Krusenstern
Kunyu Wanguo Quantu: http://en.wikipedia.org/wiki/Kunyu_Wanguo_Quantu

2012-04-21

Mathanan a' marbhadh dithis Neach-obrach

Ann an "Fearann nan Mathanan Akita-Yahatadaira" ann an Siorramachd Akita mu 10:05 sa mhadainn air an 20mh lath an Ghiblean, chaidh sia mathanan às a' chèidse agus mharbh iad dithis neach-obrach an fhearrain. Chaidh na mathanan uile a mharbhadh le sealgairean ionadail. Bha am fearann duinte agus cha robh neach-tadhail sam bith.

Fearann nan Mathanan

Bha triuir luchd-obrach air a bhith ag obair bho ochd uairean san fhearann. Chaidh dithis dhiubh a thoirt bìdh dha na mathanan agus thug iad ionnsaigh orra. Bha tòrr an t-sneachda air oisinn na  cèidse agus thathar a' smaoineachadh gun deach na mathanan às os cionn a' bhalla.

Chaidh am fearann a stéidheachadh ann an 1987. Bha 34 mathanan aige agus 's e sia dhiubh a chaidh às.


ANN