2012-04-21

Mathanan a' marbhadh dithis Neach-obrach

Ann an "Fearann nan Mathanan Akita-Yahatadaira" ann an Siorramachd Akita mu 10:05 sa mhadainn air an 20mh lath an Ghiblean, chaidh sia mathanan às a' chèidse agus mharbh iad dithis neach-obrach an fhearrain. Chaidh na mathanan uile a mharbhadh le sealgairean ionadail. Bha am fearann duinte agus cha robh neach-tadhail sam bith.

Fearann nan Mathanan

Bha triuir luchd-obrach air a bhith ag obair bho ochd uairean san fhearann. Chaidh dithis dhiubh a thoirt bìdh dha na mathanan agus thug iad ionnsaigh orra. Bha tòrr an t-sneachda air oisinn na  cèidse agus thathar a' smaoineachadh gun deach na mathanan às os cionn a' bhalla.

Chaidh am fearann a stéidheachadh ann an 1987. Bha 34 mathanan aige agus 's e sia dhiubh a chaidh às.


ANN

No comments:

Post a Comment