2012-04-11

Prìomhair Cameron a' tadhal air Nissan

Sa mhadainn air an 10mh lath den Ghiblean, bha Prìomhair Cameron a' tadhal air a' phrìomh-oifis de Nissan.

Ann an Nissan

Chuir Nissan roimhe 16 billean yen a chur an seilbh anns an fhactaraidh ann an Sunderland, Tyne agus Wear, UK agus dh'innis Toshiyuki Shiga, an t-àrd-oifigear dhan phìomhair sin. Nithear càraichean ùra de mheadhan-mheud agus stoighle "hatchback" ann bho 2014.

Dh'innis Prìomhaire Cameron dha na buill de Nissan, "Tha Nissan a' dèanamh trian de na càraichean dèante ann an Breatann. Tha sinn a' toirt dùbhlain do ath-thogail a' ghnìomhachais-saothrachaidh agus tha pròis orm airson an t-seilbheachd."


No comments:

Post a Comment