2013-07-18

Chaidh mi do Mhatsumotos 1

Chaidh mi do Mhatsumoto air saorlàithean.

'S e baile mòr ann an meadhan an tìre mhòr a th' ann. Tha Caisteal ann an meadhan a' bhaile agus tha e air a thogail eadar 1504 is 1520. Mhill arm nan Stàitean Aonaichte mòran de na bailtean Iapanach mòra san Dara Cogadh Mòr. Ach cha do leig iad na bomaihean air a' bhaile agus thathar a' cumail iomadh seann thoglach, a tha air a thogail san 19mh linn, ann fhathast.

Matsumoto

Caisdeal Matsumoto

Seo Caisteal Matsumoto. Chanadh Caisteal Fukashi ris nuair a thog Clann Ogasawara e. Bhuannaich Clann Takeda an cogadh an aghaidh Clann Ogasawara agus bha Ceann-cinnidh Shingen Takeda a' riaghladh sa chaisdeal. Ach mhill Clann Oda Clann Takeda agus fhuair Clann Ogasawara an caisdeal air ais a chionn 's gun robh iad a' cogadh còmhla ri Clann Oda. Dh'ath-ainmich Sadayoshi, Ceann-cinnidh Clann Ogasawara an caisdeal mar Caisdeal Matsumoto.

Togalach an tùis leis na fiodhraich

Tha caisdeal air a dhèanamh à fiodhrach is mortar. Thathar a' cumail togalaich an tùis sa chaisdeal ged a chaidh a chàireadh beagan uairean ròimhe.

Bha i glè theth nuair a bha mi a' tadhal air a' chaisdeal ach bha gaoth fhionnar a' tighinn bho na uinneagan agus bha i cofhurtail ann. Ach tha mi cinnteach bidh i glè fhuar sa gheamhradh san caisdeal.

Caisdeal Matsumoto

No comments:

Post a Comment