2013-07-07

Tanabata

'S e fèis traidiseanta den 7mh latha den Iuchar a tha ann an Tanabata. Chan latha saor nàiseanta a th' ann ach tha an latha a' còrdadh ri mòran daoine, sònraichte ris chloinn. Air an latha bithear a' deasachdh nan biadhan traidiseanta agus a' bhambù leis na buil-maise. Canaidh sinn Tanabata-Kazari ris. Nithear gach fear beag a-staigh ach feadhainn fada nas mòtha sna àitean poblach gu tric. Bidh mòran daoine a' sgriobhadh gach guidhe air a' chairt agus ga cur air Tanabata-Kazari.

Tanabata-Kazari a-staigh

Tanabata-Kazari ann an Hiratsuka

Tha Somen, seòrsa nùdail cumanta ach bithear ag ithe nan biadhan eile còmhla.


Somen

Thathar ag ràdh gur e fèis an fhoghair san tùs a bh' ann. Bha fèis an tùis sin agus an tradisean eile à Sìona air a cho-mheasgachadh air a chèile.

Tanabata: https://en.wikipedia.org/wiki/Tanabata

No comments:

Post a Comment