Thadhail mi air Alba ann an 1994. Bha mi cinnteach gun robh mòran dh'Albanaich a' bruidhinn Gàidhlig. Cheannich mi "Teach Yourself Gaelic" agus dh'ionnsaich mi i fada trì miosan roimhe sin. Bha mi òg agus bha cuimhne mhath agam. Bha an ùine gu lèor a dh'ionnsachadh abairtean furasta.
Mo chiad leabhar teacsa
Chaidh mi do Dhùn Eiden an toiseachd. Thug mi an aire a dh'aithghearr nach eil Gàidhlig aig Albanaich idir. Ach chunnaic mi fear aig an robh Gàidhlig gu lèor ann an "Scotch Whisky Heritage Centre" (Scotch Whisky Exhibition an diugh). Chuala mi bhuaithe mu dheidhinn Caperceillie agus Runrig. Bha e glè chaoimhneil. Tha mi glè dhuilich nach do fhuair mi a dh'ainm no shèoladh.
Chaidh mi rathad Ghlaschu a dh'Ile. Chunnaic mi boireannach aig an robh Gàidhlig gu lèor. An toiseach, cha do chreid i gun robh Gàidhlig agam. An dèidh còmhraidh ghoirid, thoisich i a bhith iongantach. Mhol i gum biodh mi a' cumail a h-ionnsachadh.
Tàinig mi dhachaigh agus fhuair mi litir Gàidhlig bho a piuthar-màthar agus a caraid. Sgriobh mi dhaibh agus chuir mi romham a chumail a h-ionnsachadh. Ach cha robh mi Ghàidhlig a' fàs nas fhèarr adir. Cha robh tidsear agam agus an cànan seo furasta fiù 's ged a bha mi toilichte ag iomlaid litirichean.
Dh'ionnsich mi leis seo cuideachd. Tha na bhideothan agus na teipichen agam fhathast.
Ach fhuair mi tidsear o chionn ghoirid agus tha a h-uile rud air a dh'atharrachadh. Fhuair mi cothrom a dhol sìos dhan dhoimhne Ghàidhlige. Chan eil cuimhne mhath agam tuilleadh ach tha mi air a bhith ga h-ionnsachdh gu cruaidh a h-uile lath. Ach chan eil gin fhurasta ann.
Agus thoisich mi mo bhloga a sgriobhadh. Bha mi a' smaointinn gum biodh mi ag ionnsachadh tuilleadh nam biodh mi a' sgriobhadh alt ann an Gàidhlig a h-uile lath. Tha mi a' taghadh rudeigin inntineach air eadar-lìon
agus a' dèanamh a dh'eadar-theangachadh. Feumaidh faclan agus dòighean-labhairt doirbh ann agus tha mi a' smaoinntinn gu bheil e math dhomh gan rannsachadh.
Chan eil mi òg tuilleadh agus chan eil fhios agam dè a tha e ciallachadh gu bheil mi a' cumail a h-ionsachadh. Bidh mi a' smaoinntinn gu tric dè a tha mi a' dèanamh. Ach tha Gàidhlig a' còrdadh rium.
Tha mi duilich nam biodh m' alt ro dh'èibhinn. Chan eil Gàidhlig gu lèor agam.