2012-05-30

Chan eil na Geamannan Oilimpeach a dhìth oirnn!

Tha Shintaro Ishihara, Riaghladair Tòcèo deònach air na Geamannan Oilimpeach a chumail ann an Tòcèo ach tha mi a' cur an aghaidh air fad. Tha mo bheachd mar a leanas.
  • Tha Riaghaltas Iapan a' cumail easbhaidh mòr sa bhuidsead. 'S e còrr is JPY 1,200 trillean agus tha e a' fàs nas motha gu luath.
  • Fhuraing Roinn Tohoku crith-thalbhain agus tsunami ann an 2011. Tha mòran bailtean air fad millte agus chan eil an t-ath-bhuannachadh a' dol gu math. Tha iomadh airgead a dhìth air an roinn.
  • Chan eil sàbhailteachd nan ionadan niuclasach gu lèor idir. Tha Fukushima Daiichi Ionad Niuclasach agus an roinn timcheall air glè rèidio-bèo agus cunnartach. Chan eil na ionadan eile dìonte gu lèor bho dhuanaich an nàdair.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bhon rèididheachd. Tha làn de rèididheachd sa cheann sìar de Thòcèo agus an rèididheachd a' fàs nas treasa air am bonn de Òb Tòcèo.
  • Chan eil dealan gu lèor ann an Iapan. Chan eil ionad niuclasach sam bith ag obair agus bidhear a' cumail gearraidh a' chumhachd ann an Òsaca. Agus iomadh Iapanach a' cur an aghaidh dealan a dhèanamh leis na ionadan niuclasach.
  • Chan eil Tòcèo fhèin saor bho chrith-thalbhain agus tsunami. Nochd Obairlann Crith-thalmhain an  Oilthigh Tòcèo gu bheil a' choltachd sa 70% am bi crith-thalbhain nas motha na M7 ro cheann ceithir bliadhna. Cuideachd Nochd Bòrd na Speisealaich san Oifis a' Chaibineait gur eagal gum bi tsunami thar 20 meatair ann an sgìre eadar Kanto. Agus chan eil siostam an dìona an aghaidh crith-thalbhain no tsunami gu lèor.
Chan eil Iapan comas air na Geamannan Oilimpeach a chumail an dràsta. Chan eil sàbhailte gu lèor gus na geamannan a chumail. Biodh mi air a shon nam biodh Iapan sàbhailte, saor bhon rèididheachd, na bailtean millte air a thogail a-rithst, gun easbhadh sa bhuidsead agus a' cumail eaconomaidh fallain.


Tòcèo

No comments:

Post a Comment