2012-05-08

Tinneas na Dighe Bras ann an Oilthigh

Mu 7:45 san fheasgar air an 8mh lath den Mhàigh, chaidh fios a chur do dh'ionad a' charbaid-eiridinn gun robh oileanach cho tinn nach b' urrain dha a choiseachd ann an Oilthigh Otaru na Malairt, Hokkaido. Nochd am poileas ionadail agus ionad a' charabaid-eiridinn gun robh e fon daorach agus bha e a' gabhail leigheais anns an ICU (Aonad Dlùth-Aire).

An dèidh sin bhathar a' sìor chur fios do dh'ionad a' charbaid-eiridinn anns an oilthigh agus chuireadh ochd oileanaich dhan ospadal.

Oilthigh Otaru na Malairt

Nochd ionad a' charbaid-eiridinn agus an t-oilthigh gun robh mu 60 oileanaich de chlub a' bhuill-coise Aimeireaganach a' cumail pàrtaidh fon na craobhanan fo bhlàth san oilthigh, gun do dh'òl beagan dhiubh cus agus gum b' e ceitheir fìr agus còig boireannaich dhiubh a chuireadh dhan ospadal.

No comments:

Post a Comment