2011-11-06

Dà dheas-ghnàth shònraichte san Lùchairt Ìmpireil

Air 3 Samhain, bha dà dheas-ghnàth shònraichte air an dèanamh airson Prionnsa Hisahito san Lùchairt Ìmpireil. 'S e "Chakko no  gi" agus "Fukasogi no gi" a tha annta. Bha iad air an dèanamh an dèidh don phrionnsa mu chòig bliadhna a dh'aois a ruigsinn airson 's gum fàsadh  dòchas a chur ann a dh'fhasadhe gu math agus gu soirbheachail.

"Prionnsa ann an Chakko no gi"

"Prionnsa agus a theaghlach"

Buidheann phoball a' dìobhalach 23 millean notaichean?

Air an 21 Damhair ann an TBh program, thuirt Monta Mino, neach-naidheachd ainmeil gun robh Dèanadachd Cumhachd Atamach Iapanach (JAEA ann an Beurla), buidheann phoblach air 23 millean notaichean a dhìobhalach. Tha JAEA a' oibreachadh Monju, ionnad niuclasach ann an Fukui agus obair airson a chur às do reìdheachd ann an Fukushima. Tha Mino ag ràdh gun robh JAEA a' dìobhalach 23 millean bho 150 millean airson a chur às do reìdheachd.



An deidh seo, bha JAEA air a nochdadh air an làrach-lìn gun robh iad ag obair gu cothromach gun mì-cheartas agus an cunntas aig Mino cèarr.

Ach tha an aon bheachd aig Yoshimi Watanabe, Ball Taigh nan Cumantan agus an ceannard a' Phàrtaidh Minnnano. Tha e ag ràdh gum bi e a' dèanamh tòrachd air ann an gach taigh.

Gendai Net: http://gendai.net/articles/view/syakai/133462
JAEA: http://www.jaea.go.jp/english/index.shtml
Monju: http://www.jaea.go.jp/04/turuga/monju_site/index.html
Phàrtaidh Minnnano: http://www.your-party.jp/
Monta Mino: http://en.wikipedia.org/wiki/Monta_Mino

2011-11-04

Leasachadh fànais buannachdail do mhuinntir Shìona

Air an 4 Samhain, thug gach pàipear-naidheachd Sìonach cunntas gun robh 430 billean not air a chur ann an seilbh leasachadh fànais fada bho 1992. Thuirt an t-ùghdarras gun robh leasachadh fànais buannachdail don t-sluagh. A bheil?


Dè a tha buannachdail do mhuinntir Shìona? Nach ann a tha e na rud armailteach no airson clìu nàiseanta a thogadh?


JPN: http://www.47news.jp/CN/201111/CN2011110401000585.html

Mo phìob

Tha mi air a bhith a' cluich na pìob bho 1995. Bha i a' coimhead furasda agus cheannaich mi seata le òrdugh tron phost. Agus ...?

Cha robh i furasda idir! Cha b' urrain dhomh fuaim sam bith a dhèanamh airson trì mìosan. Ach fhuair mi air an fhuaim a dhèanamh agus thoisich mi a cluich.

A-nis tha mi a' cluich an dà chuid de Cheòl Beag agus Ceòl Mòr.


Seo mo phìob. Bha iad air a dhèanamh anns an aon bhùth-obrach. 'S e David Naill a tha ann. Tha iad a' còrdadh rium gu math ged as' e Sasanach a tha ann. Cha robh fhios agam idir a nuair sin.

Tha mi a' cluich ann an tachartas uaireanan.

2011-11-02

A' Bheilg a' cur às don ionadan niùclasach

Chuir a' Bheilg roimhpe a chur às don ionadan niùclasach na leantainn na h-Eilbheise agus na Gearmailte. Tha mi a' tuigsinn gum bheil ionad niùclasach cunnartach. The am beachd glice agus tha mi a' dol leatha. Ach cait a bheil Iapan a' dol?


Ann an Tokyo air 19 Sultain, chruinnich os cionn 60 mìltean daoine airson a dhol an aghaidh an riaghaltais Iapanach aig a bheil dùil ionadan niuclasach a h-oibreachadh fhathast. Tha iad ag iarridh air gan stad, a chur às dhaibh agus a bhith gun fear ùr a thogail. Ach tha an riaghaltas a’ leigeadh seachad an t-iarraidh seo.








Thoisich oibreachadh an ionaid niùclasach ann an Kyushu an diugh. Tha sluagh na sgire a' cur an aghaidh seo.


Reuters: http://www.reuters.com/article/2011/10/31/us-belgium-nuclear-idUSTRE79U1YY20111031
Mainichi: http://mdn.mainichi.jp/mdnnews/news/20111101p2a00m0na012000c.html


2011-11-01

Oifigear Iapanach ag òl uisge bho Fhukushima

Sa choinneamh-naidheachd bha Yoshiro Sonoda, oifigear riaghaltais a' freagairt gun robh uisge às an ionnad niuclasach a làthair sàbhailte an deidh a' seòil a' cur rèididheachd a-mach. A nuair sin chuir sgrìobhaiche ceist mar "Òlaidh sibh sin?" Dh'freagairt Sonoda "Seadh ma bhios a' dhòigh sin as shèarr."




Air 31 Damhair, sa choinneamh-naidheachd eile, thuirt Sonoda "Tha e air a dhearbhadh gu bheil seo sàbhailte" agus dh'òl e glainne an uisge às an ionnad niuclasach. Chan eil mi cinnteach gum bi muinntir ga chreidsinn ach tha an gnìomh seo mòr!




BBC: http://www.bbc.co.uk/news/world-asia-pacific-15533018
msn.: http://sankei.jp.msn.com/affairs/news/111031/dst11103117570012-n1.htm



Burgair ùr ann an McDonald Iapanach

Thug mi an aire burgair ùr sa bhùth McDonald. 'S e KBQ burgair a tha ann. 'S àbhaist dhomh a bhith  a bhlasad rudeigin ùr ann an McDonald ged a cuiridh iad às mo thoinneamh mi gu tric. Agus...?



Tha blas Coireanach ann. Tha e spìosrach agus beagan teth. Tha seo math! Fheuch mi ris an dà chuid de KBQ agus KBQ Dùbailte (mairtfheòil dùbailte). Tha mi a' smaointinn gum bheil KBQ nas fhèarr.


KBG: http://www.mcdonalds.co.jp/menu/limited/kbq/index.html