2013-08-30

Bomadh Atamach an Aghaidh nan Laghannan Eadar-Nàiseanta?

Air an 28mh latha den Lùnasdal, thàinig Riaghaltas USA gu beachd gu bheil Rianachd Asad air arm ceimigeach a chleachdadh agus chuir Marie Harf, fo-neach-labhairt USA cudthrom gu bheil am mort, a rinn Rianachd Asad gun shònrachadh ann an Siria, an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta gu cumanta.

Marie Harf, fo-neach-labhairt USA

An aghaidh na aithisg, chuir neach-naidheachd Reuters ceist oirre, "A bheil e an aghaidh nan laghannan eadar-nàiseanta, a tha sibh ag ràdh, cuideachd gu bheil USA air iomadh duine a mharbhadh le bom atamach ann an Hiroshima agus Nagasaki?"

Cha tug am fo-neach-labhairt beachd sam bith air.

Sankei.jp: http://sankei.jp.msn.com/world/news/130829/amr13082912260006-n1.htm

3 comments:

  1. Nach e ceist ghòrach a th' ann bhon naidheachdair aig Reuters?

    Nach robh laghannan eadar-nàiseanta an latha an-diugh air an stèidheachadh an dèidh an Dàrna Cogaidh?

    Ged a b' e, gun teagamh, eucoir an aghaidh a' chinne-dhaonna a bh' ann an leagail nam bomaichean atamach air Hiroshima agus Nagasaki, chaidh a dhèanamh ann an àm san robh gach dùthaich a' dèanamh eucoirean an aghaidh a' chinne-dhaonna rè an dàrna cogaidh.

    ReplyDelete
    Replies
    1. Steafain, a charaid,

      Mòran taing airson ur teachdaireachd. Tha mi toilichte fhreagairt do ur ceistmar leanas.

      Tha mi a' smaoinntinn gur e "jus in bello (Lagh Cogaidh)" a th' anns na laghannan eadar-niseanta a bha Marie Harf agus an naidheachdair aig Reuters ag ainmeachadh. Tha Cunnradh Hague (1899 is 1907) agus Cunnradh Geneve (1949 is 1971) a' buntainn do Lagh Cogaidh. Agus bha Cunnradh Hague a' toirmeasg marbhaidh saoranaich chumanta mu thràth nuair a chaidh am bom atamach a chleachdadh. Mar sin, cha b' urrain dom fo-neach-labhairt beachd sam bith a thoirt an aghaidh a cheist.

      Tha mi a' smaoinntinn gun robh an naidheachdair aig Reuters airson gearan a dhèanamh air riaghaltas nan stèisean unichte a tha gu bith leigeil bomaichean air Silia leis a' ghearan air Rianachd Asad a tha air arm ceimigeach a chleachdadh. Chan eil mi a' smaoinntinn gun robh dil aig an naidheachdair casaid a thoirt air an riaghaltas. Cha do nochd e am bomadh ach mar eisimplair a' mharbhadh mhòir. Mar a tha sibh ag ràdh, chaidh a dhèanamh san dàrna cogaidh.

      Chan eil mi a' smaoinntinn gum bi a cheist a' cur stad air bomadh air Silia no gum bithear a' cleachdadh nan laghannan gus casaid a thoirt air am bomadh seo. Ach tha mi a' toirt meas air an naidheachdair a chuir a' cheist.

      Tha mi an dòchas gu bheil mo Ghàidhlig cho math 's a tha sibh ga tuigsinn.

      Delete
  2. Tha mi gad thuigsinn glè mhath. Cha robh fhios agam gun robh laghannan den leithid ann ron Dàrna Cogadh. Tapadh leat.

    ReplyDelete