2012-06-12

Riaghladair de Òsaca: Dèan Fèin-mhurt gu Aonarach

Air an 10mh latha den Og-mhios air rathad a' mheadhan-baile, Minami, Òsaca, shàth agus mharbh fear dithis le sgian. Fheuch e tuilleadh a mharbhadh ach chuir pileasmain an greim e. Thuirt e, "Fhuair mi sgian gus a chur às dhomhsa. Ach cha d'rinn mi. Mharbh mi iad gus binn-bhàis fhaighinn. Cha robh adhbhar eile ann."

Mianami, Òsaca

A rèir cunntais a' phoileis, is e Kyozo Isohi, agus bha e ann an Prìosan Niigata chun a' Mhàigh am bliadhna. Air dha fhalbh às a' phriosan, bha e a' fuireach ann an Sgìle Tochigi far a rugadh e. Ach bha e gun obair, chaidh e do Òsaca gus a charaid a choinnicheadh, chuir e roimhe duine a mharbhadh gu h-oban, cheanaich e sgian ann an stòr mòr agus rinn e e.

Kyozo Isohi

Tha Ministrealachd a' Cheartais a' nochdadh gum bi 28.2% de na eucoireaich a' ciontachadh a-rithst, 30.6% de na marbhadairean a' ciontachadh a-rithst agus 70% de na eucoireaich, a ciontaich a-rithst, gun obair. Ach tha eadhon mòran daoine onorach agus seòlta gun obair ann an Iapan.

Cuideachd tha Buidheann-ghnìomha Phoileais Nàiseanta a' nochdadh gun do thachair 67 moirt coingiseach o chionn deich bliadhna. Thachair 14 moirt coingiseach ann an 2008 agus mharbh fear 7 daoine ann an Akihabara.

Air an 11mh latha, air do Riaghladair de Osaca iomradh a thort air a' mhort ann an Minami, thuirt e,"Dèan fèin-mhurt gu aonarach ma tha duine ag iarraidh bàis! Na gabh gin a-staigh! Tha againn seirbheis an rùn-phàirteachaidh do dhaoine ann an èis. Ach chan eil againn dad a dhèanamh ma tha duine airson bàs agus mur eil e airson seirbheise sam bith."

No comments:

Post a Comment