Air an 7mh latha den Og-mhios ann an Ministearachd an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais, bha TEPCO (Buidheann Dealain Tòcèo) a' cumail coinneachadh poblac mu dheidhinn togalaich na cìse dealanaich.
Mhìnich am buidheann adhbhar mun togaidh iad cìs an dealain an toiseach. Chuir deichnear luchd-dùthcha agus deichnear luchd-ionaid bho na buidheannan na bu lugha agus còmhlanan an luchd-ceannach don bhuidheann agus mhinistearachd as dèigh.
Chuir a' chuid a bu mhotha dhiubh an aghaidh tgalaich na cìse dealanaich. Agus bhathar a' toirt iomradh air a tha na tuarasdail nas àirde ann ann TEPCO na sna buidheannan eile. Cuideachd chuireadh an aghaidh ath-obrachaidh de Kashiwazaki-Kariwa Ionad Niuclasach.
Ach cha do thug TEPCO agus an ministearachd freagairtean soilleir don chuid a bu mhotha dhiubh. Fhreagair iad gu tric dìreach mar "Nì sinn lèirmheas air" agus chualas gairm mar "Na can dìreach an aon rud!" Thog mòran ceistearan casaid don seasamh aig TEPCO agus a' mhinistearachd. Agus dh'fhalbh iad le dùil-bhriseadh.
San mhinistearachd
No comments:
Post a Comment