2012-04-11

Prìomhair Cameron a' tadhal air Nissan

Sa mhadainn air an 10mh lath den Ghiblean, bha Prìomhair Cameron a' tadhal air a' phrìomh-oifis de Nissan.

Ann an Nissan

Chuir Nissan roimhe 16 billean yen a chur an seilbh anns an fhactaraidh ann an Sunderland, Tyne agus Wear, UK agus dh'innis Toshiyuki Shiga, an t-àrd-oifigear dhan phìomhair sin. Nithear càraichean ùra de mheadhan-mheud agus stoighle "hatchback" ann bho 2014.

Dh'innis Prìomhaire Cameron dha na buill de Nissan, "Tha Nissan a' dèanamh trian de na càraichean dèante ann an Breatann. Tha sinn a' toirt dùbhlain do ath-thogail a' ghnìomhachais-saothrachaidh agus tha pròis orm airson an t-seilbheachd."


2012-04-10

An t-Ionad Cunnart Niuclasach a' dol seachad air a' Chonn-riaghailt

Sa mhadainn air an 9mh lath den Ghiblean, nochd Buidheann Dealain Kansai dhan riaghaltas plana na fad-ùine airson an t-sàbhailteachd ann an Ionad Niuclasach Òi agus tha e air a nochdadh gun deach an t-ionad seachad air a' chonn-riaghailt ùr agus gu bheil an t-sàbhailteachd air dearhadh.

Ach cha do nochd am buidheann ach am plana agus chan eil goireas sam bith deiseil idir fhathast.

Plana na fad-ùine airson an t-sàbhailteachd ann an Ionad Niuclasach Òi

Bithear a' cur a-mach air an doirlinn-fasgaidh de 5 meatair gu 8 meatair a dh'àirde ach cha bi e deiseil gu 2013 agus thathar ag ràdh nach eil an àirde gu lèor idir.

Bithear a' cur suas inneal claoidheaich an haidridean ann an gach readhactar airson spreadhadh an haidridean a sheachnadh a thachair ann an Fukushima Daiichi. Ach cha bi iad deiseil gu 2013.

Bithear a' cur suas inneal clanaidh an rèididheachd airson an t-smùid a chur a-mach às an readhactar ach cha bi e deiseil gu 2015.

Bithear a' togail ionad-stiùiridh na èiginn a tha dìonte às an rèididheachd agus saor à crith-thalmhain. Bhathar a' stiùradh nan readhactaran fon sgiorradh bho  ionad ceudna ann ann Fukushima Daiichi an dèidh an crith-thalmhain agus tsunami. Chan eil e ann an Òi agus cha bi e deiseil gu 2015.

Tha e glè chunnart obrachadh an ionad niuclasach a-nis.

Tha Siorramacd Shiga, an ath doras do Shiorramachd Fukui far a bheil Ionad Niuclasach Òi a' nochdadh seasaimh teagmhach agus Siorramachd Òsaka a' togail fianais an aghaidh gu tur.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012040990112323.html?ref=rank

2012-04-09

GPI a' buannachd Fiùiseain Leanailteach Niuclasach leis an Leusair

Air an 4mh lath den Ghiblean, nochd GPI(*) gun do bhuannaich iad fiùiseain leanailteach niuclasach leis an leusair comhla ri Hamamatsu Photonics agus Toyota sa chiad uair san t-saoghal. Leis an dòigh de "losgadh luath an spreadhaidh-a-steach (implosion)" dhùisg iad còrr is 100 uair de fhiùiseain niuclasach gu leanailteach.

*) The Graduate School for the Creation of New Photonics Industries


Aig GPI

Tha fiùiseain niuclasach leis an leusair na dhòidh a theasachadh deuterium agus tritium (haidridean dùbailte agus haidridean tripilte) leis an leusair agus a dhèanamh cumhachd. Tha deuterium agus tritium àrd-chomasach sa mhuir agus an dòigh fada nas sàbhailte a chionn 's gum stadadh am fiùiseain nam stadadh an leusair.

Thuir Àrd-ollamh Yoneyoshi Kitagawa ann an GPI, "Seo a' chiad cheum airson ginealach leis an fhiùiseain niuclasach."

Bidh an cunntas air a nochdadh air Physical Review Letters air an 9mh lath den Ghiblean.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/article/shizuoka/20120405/CK2012040502000186.html
Fiùiseain niuclasach: http://en.wikipedia.org/wiki/Nuclear_fusion
Physical Review Letters: http://prl.aps.org/
GPI: http://www.gpi.ac.jp/en/index.html
Hamamatsu Photonics: http://jp.hamamatsu.com/en/index.html

Tomiichi Murayama, Prìomhair a bh' ann; Bha mi bras agus chaidh mi am mearachd.

Air an 8mh lath den Ghiblean ann an Siorramachd Oita, thug Tomiichi Murayama, prìomhair a bh' ann, iomradh air a chuir e aonta ris an leasachadh niuclasach mar prìomhair agus thuair e, "Bha mi bras agus chaidh mi am mearachd. Bu toigh leam leisgeul a thoirt. A cheart mo mhearachd, tha mi làn de shmaoin a thogail fianais an aghaidh nan ionadan niuclasach."

Tomiichi Murayama, prìomhair eadar 1994 agus 1996.

Mu dheidhinn an ath-obrachadh an Ionaid Niuclasach Òi, thuir e, "Cha do rannsich an riaghaltas an sgiorradh ann an Fukushima Daiichi cho math 's a tha am muinntir a' gabhail ris an  ath-obrachadh" agus thog e fianais an aghaidh an ath-obrachaidh. 

2012-04-07

An Riaghaltas a' toirt àithne ath-obrachadh an Ionaid Niuclasach Òi

Thug an riaghaltas àithne do Bhuidheann Dealainn Kansai ath-obrachadh Ionaid Niuclasach Òi, Siorramachd Fukui. Nochdaidh am buidheann dhan riaghaltas plana an ath-obrachadh an ath sheachdainn.

Ionaid Niuclasach Òi

Nochd an riaghaltas conn-riaghailt shealadach airson sàbhailteachd an ionad niuclasach cuideachd. Tha dùil aige a nochd sàbhailteachd de dh'Ionad Niucleasach Òi an ath sheachdain agus tadhailidh Ministear Edano air Siorramachd Fukui iarraidh air an riaghladair an ath-obrachadh aontachadh.

Edano, Ministear an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais

Nochd Ministear Edano chuideachd nach robh aontachadh nan siorramachdan timcheall air an ionad niuclasach deatamach airson an ath-obrachadh. Tha Siorramachd Fukui a' leigeil seachad dùil an riaghaltis an dràsta. Tha na siorramachdan timcheall air Fukui a' togail fianais an aghaidh dùile an ath-obrachadh a chionn 's nach eil a' chonn-riaghailt shealadach gu lèor idir.

Chan eil a' chonn-riaghailt shealadach ag iarraidh do ionad niuclasach ach plana na sàbhailteachd a dhèanamh. Bithear ag oibleachadh Ionad Niuclasach Òi gun shiostam ùr airson sàbhailteachd. Tha mòran daoine a' cur an aghaidh na conn-riaghailt shealadach.

2012-04-06

Siorramachdan airson dùthaich Gun Cumhachd Niucleasach

Ann an Tòcèo air an 28mh den Ghiblean, bidh na riaghladairean de na siorramachdan far a bheil ionad niucleasach sam bith ann a' coinneachadh agus a' stéidheachadh bùird ùr airson cumhachd niucleasach fhàgail. Bidh am bòrd a' togail fianais an aghaidh ionad niucleasach ùr a thogail agus a' toirt dùbhlan dhan dùthaich gun cumhachd niucleasach.


Na ionadan niucleasach ann an Iapan

Bidh am bòrd ag obair airson na adhbharan eile mar leanas.

1) A' rannsachadh staitean fìor na ionadan niucleasach.
2) A' stèidheachadh poileasaidh a chur air adhart lùth ath-nuadhachail.
3) A' dìon na cloinne bho rèididheachd agus a' cur taic ris a mhuinntir fhaighinn bìdh shàbhailte.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012040601001849.html

PAC3, Patriot deiseil air Okinawa, Eilean Miyako agus Eilean Ishigaki

Tha PAC3, Patriot na urchairean ceapaidh bonntaichte-air-an-tìr deiseil airson na urchairean à Korea Tuath a losgadh sìos air Okinawa, Eilean Miyako agus Eilean Ishigaki.

PAC3 a' ràinig air Pòrt Naha, Okinawa

PAC3 a' ràinig air Pòrt Hirara, Eilean Miyako


PAC3 a' ràinig air Eilean Ishigaki