2012-04-10

An t-Ionad Cunnart Niuclasach a' dol seachad air a' Chonn-riaghailt

Sa mhadainn air an 9mh lath den Ghiblean, nochd Buidheann Dealain Kansai dhan riaghaltas plana na fad-ùine airson an t-sàbhailteachd ann an Ionad Niuclasach Òi agus tha e air a nochdadh gun deach an t-ionad seachad air a' chonn-riaghailt ùr agus gu bheil an t-sàbhailteachd air dearhadh.

Ach cha do nochd am buidheann ach am plana agus chan eil goireas sam bith deiseil idir fhathast.

Plana na fad-ùine airson an t-sàbhailteachd ann an Ionad Niuclasach Òi

Bithear a' cur a-mach air an doirlinn-fasgaidh de 5 meatair gu 8 meatair a dh'àirde ach cha bi e deiseil gu 2013 agus thathar ag ràdh nach eil an àirde gu lèor idir.

Bithear a' cur suas inneal claoidheaich an haidridean ann an gach readhactar airson spreadhadh an haidridean a sheachnadh a thachair ann an Fukushima Daiichi. Ach cha bi iad deiseil gu 2013.

Bithear a' cur suas inneal clanaidh an rèididheachd airson an t-smùid a chur a-mach às an readhactar ach cha bi e deiseil gu 2015.

Bithear a' togail ionad-stiùiridh na èiginn a tha dìonte às an rèididheachd agus saor à crith-thalmhain. Bhathar a' stiùradh nan readhactaran fon sgiorradh bho  ionad ceudna ann ann Fukushima Daiichi an dèidh an crith-thalmhain agus tsunami. Chan eil e ann an Òi agus cha bi e deiseil gu 2015.

Tha e glè chunnart obrachadh an ionad niuclasach a-nis.

Tha Siorramacd Shiga, an ath doras do Shiorramachd Fukui far a bheil Ionad Niuclasach Òi a' nochdadh seasaimh teagmhach agus Siorramachd Òsaka a' togail fianais an aghaidh gu tur.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/s/article/2012040990112323.html?ref=rank

No comments:

Post a Comment