2012-04-07

An Riaghaltas a' toirt àithne ath-obrachadh an Ionaid Niuclasach Òi

Thug an riaghaltas àithne do Bhuidheann Dealainn Kansai ath-obrachadh Ionaid Niuclasach Òi, Siorramachd Fukui. Nochdaidh am buidheann dhan riaghaltas plana an ath-obrachadh an ath sheachdainn.

Ionaid Niuclasach Òi

Nochd an riaghaltas conn-riaghailt shealadach airson sàbhailteachd an ionad niuclasach cuideachd. Tha dùil aige a nochd sàbhailteachd de dh'Ionad Niucleasach Òi an ath sheachdain agus tadhailidh Ministear Edano air Siorramachd Fukui iarraidh air an riaghladair an ath-obrachadh aontachadh.

Edano, Ministear an Eaconomaidh, na Malairt agus a' Ghnìomhachais

Nochd Ministear Edano chuideachd nach robh aontachadh nan siorramachdan timcheall air an ionad niuclasach deatamach airson an ath-obrachadh. Tha Siorramachd Fukui a' leigeil seachad dùil an riaghaltis an dràsta. Tha na siorramachdan timcheall air Fukui a' togail fianais an aghaidh dùile an ath-obrachadh a chionn 's nach eil a' chonn-riaghailt shealadach gu lèor idir.

Chan eil a' chonn-riaghailt shealadach ag iarraidh do ionad niuclasach ach plana na sàbhailteachd a dhèanamh. Bithear ag oibleachadh Ionad Niuclasach Òi gun shiostam ùr airson sàbhailteachd. Tha mòran daoine a' cur an aghaidh na conn-riaghailt shealadach.

No comments:

Post a Comment