2012-04-09

GPI a' buannachd Fiùiseain Leanailteach Niuclasach leis an Leusair

Air an 4mh lath den Ghiblean, nochd GPI(*) gun do bhuannaich iad fiùiseain leanailteach niuclasach leis an leusair comhla ri Hamamatsu Photonics agus Toyota sa chiad uair san t-saoghal. Leis an dòigh de "losgadh luath an spreadhaidh-a-steach (implosion)" dhùisg iad còrr is 100 uair de fhiùiseain niuclasach gu leanailteach.

*) The Graduate School for the Creation of New Photonics Industries


Aig GPI

Tha fiùiseain niuclasach leis an leusair na dhòidh a theasachadh deuterium agus tritium (haidridean dùbailte agus haidridean tripilte) leis an leusair agus a dhèanamh cumhachd. Tha deuterium agus tritium àrd-chomasach sa mhuir agus an dòigh fada nas sàbhailte a chionn 's gum stadadh am fiùiseain nam stadadh an leusair.

Thuir Àrd-ollamh Yoneyoshi Kitagawa ann an GPI, "Seo a' chiad cheum airson ginealach leis an fhiùiseain niuclasach."

Bidh an cunntas air a nochdadh air Physical Review Letters air an 9mh lath den Ghiblean.

Chunichi News: http://www.chunichi.co.jp/article/shizuoka/20120405/CK2012040502000186.html
Fiùiseain niuclasach: http://en.wikipedia.org/wiki/Nuclear_fusion
Physical Review Letters: http://prl.aps.org/
GPI: http://www.gpi.ac.jp/en/index.html
Hamamatsu Photonics: http://jp.hamamatsu.com/en/index.html

No comments:

Post a Comment